15mh & 16mh linn

An diugh ’s an-dè

Tha Gàidhlig ga cheangal an diugh ri Innse Gall, agus tha e furasta dìochuimhneachadh gum b’e Gàidhlig cainnt na coimhearsnachd uaireigin do sgirean gu math faisg air Baile Ghlaschu fhèin. Chan eil ach dà ghinealach no trì bho chaidh Gàidhlig na tàmh ann an sgìrean Chomhghall, Arain, Bhòid, is pairtean de Shiorrachdan Dhùin Bhreatainn, Siorrachd Shruighlea agus Siorrachd Pheairt.

Micheal Newton_Fineachan an Leamhnachd

Thathar fada an comain an Dr Mìcheal Newton a cheadaich na mapaichean seo, gu h-àrd is gu h-ìosal, a chleachdadh. Seo bhon leabhar, M. Newton, ‘Bho Chluaidh gu Calasraid. From the Clyde to Callander’ (Grimsay Press, 2010), tdd. vi-ix.

Bha sgìrean na ‘Gaidhealtachd’ leis an seo – sin far an robh sluagh na tìre a’ bruidhinn na Gàidhlig tòrr mòr na b’ fhaisge air baile Ghlaschu na shaoileas daoine an diugh. Chithear sin gu soilleir air a’ mhapa gu h-àrd, a’ sealltainn crìochan na Gàidhlig mu àm Bliadhna Theàrlaich (1745-6). Bha seo an dèidh linn na dhà de chrìonadh-cànain ann an àitean mar Siorrachd Shruighlea is Siorrachd Dhùin Bhreatainn.

Micheal Newton_Ainmean aite an Leamhnachd

Na h-ainmean-àite le dreach na Gàidhlig orra. Thathar fada an comain an Dr Mìcheal Newton airson cead am mapa a chleachdadh. M. Newton, Bho Chluaidh gu Calasraid (Grimsay Press, 2010), vi-vii.

Sgrìobh fear Sir Thomas Craig tràchdas ann an 1605, De Unione Regnorum Brittaniae Tractatus, is e a’ putadh cùis an aonaidh. Am measg na beachdan aige air a’ chuspair sin bha e ag aithris air a’ chuimhne a bh’ aige mar a bha Gàidhlig na bu bhitheanta air feadh Siorrachd Dhùin Bhreatainn agus Siorrachd Shruighlea na òige – ach gu robh i nis air crìonadh gu mòr anns na sgìrean sin. Bha Sir Thomas a’ faicinn an call-cànain seo mar bhuannachd mòr, aon de na rudan a bheireadh greasad air an aonadh eadar Alba agus Sasainn. [1 ]

Nuair a chaidh Oilthigh Ghlaschu a stèidheachadh ann an 1451, chaidh a ceangal ri eaglaisean air an tuath a bhiodh a’ cumail teachd a-steach rithe. B’ann à sgìrean fìor Ghaidhealach a bha cuid de na eaglaisean sin, Cille-Daltain, Cille-Chomain agus Cille-a-Rubha ann an Ìle, Dùn-Omhain an Comhghall agus Baile-Bhòid. Cha bhith e na iongnadh gu robh Earraghaidheal agus na h-eileanan mun cuairt Gaidhealach ach bha cuideachd Gàidhlig ri chluinntinn, mu 1451, ann an cùiltean ann an sgìrean Dhùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh agus fiù pàirtean de Shiorrachd Air. Bha an Oilthigh cuideachd ag amas air oileanaich a thàladh o Ghaidhealtachd na h-Èirinn. [2 ]

Cha deach Gàidhlig a theagasg aig Oilthigh Ghlaschu mar chuspair a ghabhadh oileanach mar phàirt de chùrsa-ceum gu 1906-07. Ach tha Gaidheal air a bhith a’ frithealadh an oilthigh on a chaidh a stèidheachadh ann an 1451, agus gabhaidh buidhnean beaga de Ghaidheil am faicinn am measg an t-sluaigh ann an gach linn fa leth aig an Oilthigh. Chan eil ach mu 1% de dh’ Albannaich a’ bruidhinn na Gàidhlig anns an latha an diugh, ach an rèir Iain Major, Prionnsabal an Oilthigh, 1518-23, bha dàrna leth de shluagh na h-Alba a’ bruidhinn Gàidhlig mar chiad cainnt anns an latha aige fhèin. [3]  Chan ann a-mhàin ann an sgìrean “Ghaidhealach,” far am biodhte an dùil ris an leithid, ach cuideachd shìos mu dheas ann an sgìre Charraig (Siorrachd Air).  B’ ann à Carraig a bha am bàrd ainmeil Ualtar MacUalraig a cheumnaich le MA o Oilthigh Ghlaschu, 1478. Chaidh MacUalraig a chàineadh airson a chuid Gàidhlig agus a chuid cleachdaidhean Gaidhealach ann an aoir a rinn Uilleam Dunbar, bàrd ainmeil eile air, is an dithis aca a’ magadh air càch a chèile. Fhreagair MacUalraig gum b’i a’ Ghàidhlig a bu chòir do dhaoine treibhdhireach, ceart, a bhith a’ bruidhinn. Is fhiach a bhith mothachail, ge-tà, nach eil lorg againn air sgrìobhadh sam bith le MacUalraig ann an Gàidhlig ged a tha grunnan mhath de dhàin aige a chaidh a sgrìobhadh ann an Scots (lean an ceangal eadar MacUalraig is Oilthigh Ghlaschu oir chaidh a mhac, Ualtar eile, a dheanamh mar reactor an Oilthigh ann an 1524). [ 4 ] Tha sin na chomharra, gu ìre, air seasamh an dà chànan ann an inntinn dhaoine.  Ged a b’ i a’ Ghàidhlig a bh’air bilean an dàrna cuid dhan t-sluaigh mu 1500, b’ e Scots agus Laideann a bha a’ cunntadh mar chànanan “adhartach” ann an seagh foghlam, malairt agus riaghladh – gu h-àraid ann am mòr-bhailtean na Galldachd.

–o0o–

A’  lorg is ag aithneachadh Ghaidheil ann an tùsan na h-Eachdraidhe

Air thàillibh ceistean inbhe-cànain agus leis gu robh malairt agus riaghladh na dùthcha ga làimhseachadh ann an Scots (agus an Laideann gu ìre), bha seo a’ ciallachadh gu robh seasamh na bu treasa aig Scots agus Laideann an inntinn dhaoine, fad iomadach ghinealach, mar chànan rianachd.  Bha seo a’ ciallachadh gur e sgrìobhainnean anns na cànanan coimheach seo a bhathar a’ cleachdadh air feadh na Gaidhealtachd cuideachd airson ceann-gnothaich. Air los seo, is ann tro ghuth Scots no Laideann a chluinneas sinn a’ chuid mhòr de dh’ fhianais eachdraidheil mu Ghaidheil eadar nam meadhan aoisean agus an ochdamh linn deug.  Bha Gàidhlig air bilean an t-sluaigh ach b’ann an cànanan eile, mar bu tric, a sgrìobhadh iad.  Tha grunnan bheag de sgrìobhainnean luachmhor ann an Gàidhlig, gun teagamh, ach tha iad glè thearc. Bha Gàidhlig san t-seann nòs chlasaigeach a’ leantainn cuid de theaghlaichean fòghlamaichte, leithid Clann MhicMhuirich is Clann MhicBheatha rè nan ginealach.  Ged nach robh leithid seo lìonmhor is e an traidisean seo a thug buaidh air cruth na Gàidhlig sgrìobhte mar a tha i againn an diugh.   Ach, eadar nam meadhan aoisean agus an ochdamh linn deug, cha robh a’ Ghàidhlig ga cleachadh airson sgrìobhainnean oigfigeil ach glè ainneamh – rud a thug fìor dhroch buaidh air seasamh a’ chànain.[ 5 ] Is e bun seo gu bheil e fiù duilich daoine aithneachadh mar Ghaidheal anns na linntean seo air thàillibh fianais na sgrìobhainnean. Cha bhith daoine a’ ceangal an t-ainm Hamilton, mar eisimpleir, ri Gàidhlig ach bha Eilean Arain mar phàirt de dh’ oighreachd an teaghlaich seo fad linntean. Agus, bha Gaidhealtachd buan air Eilean Arain gu bho chionn glè ghoirid. Tha iomradh air dà phìos de ‘Irish clothing’ (èideadh Gaidhealach) ann an tiomnadh deireannach Alasdair Hamilton, ‘regent in the pedagogy’ (neach-teagasg), aig oilthigh Ghlachu, a chaochail ann an 1547. Chan eil càil eile a’ ceangail an duine seo ri Gàidhlig, ach saoil an e Gaidheal a bh’ ann?  Tha fianais ann gu robh teaghlaichean  leithid na Combaich (bruaichean Loch Laomainn)  nan Gaidheal mun àm seo – agus leis an sin dh’ fhaodadh gur e Gaidheal a bh’ann an Adhamh Mac a’ Chombaich, reactor Oilthigh Ghlaschu, 1529-32 ? Chaidh Niall MacLaomainn, ministeir Chraiginis, a leigeil a-steach mar bhall dhan Oilthigh le Adhamh Mac a’ Chombaich ann an 1529-30, agus, ged nach eil fianais ann, bhiodh e iongantach mura biodh Gàidhlig aig duine seach duine dhiubh. Chan eil e soilleir càite an robh crìochan labhairt na Gàidhlig ann an Siorrachd Obar Dheathain tràth san t-siathamh linn deug, ach b’ ann à Fìobhaidh (Fyvie) a bha Iain MacDhaidh, Prionnsabal an Oilthigh, 1556-1574. Cha ghabh a radha idir gu robh an duine seo fileanta sa Ghàidhlig ach chan eil rian ann nach robh e eòlach air a bhith ga cluinntinn mun cuairt air na òige. [ 6 ]

–o0o–

Earra-ghaidheal agus Oilthigh Ghlachu, 1451-1560

Tha e glè fhollaiseach dè bha daoine a’ sgrìobhadh (ma bha na daoine sin a’ sgriobhadh ann an Scots), ach tha e do-dhèante a radha le cinnt dè na cànanan a bha daoine a’ bruidhinn gu h-eachdraidheil. Ach mas ann do sgìrean Ghaidhealachd a bhuineadh iad feumaidh e bhith gu robh Gàidhlig aca.  Lean na h-uaislean uile ann an sgìrean Gaidhealach le labhairt na Gàidhlig gu ruige meadhan an 18mh linn, ged nach robh iad ri sgrìobhadh na Gàidhlig ach corr uair.  Far nach robh comas labhairt aig daoine ann an Gàidhlig air Ghaidhealtachd ge-tà – gu h-àraid sagairtean agus ministearan – bha seo a’ togail ghearainean – no ga chleachdadh mar leisgeul airson ghearainean. [ 7 ] Far an robh gearainean, bha pàipear, agus ma chaidh na pàipearan an glèidheadh tha fianais againn orra. Tha gearainean leithid seo a’ ciallachadh gu bheil sealladh eachdraidheil againn air cleachdaidhean cainnt dhaoine ron Ath-leasachadh (1560).  Tha leabhar ùr aig Iain G. Macdonald, Clerics and Clansmen, air sgrùdadh a dheanamh air an aimhreit a bh’ ann an Earraghaidheil nuair a chaidh sagartan gun Ghàidhlig a sparradh air choitheanalan san sgìre  [http://www.brill.com/clerics-and-clansmen].  Tha e soilleir o na gearainean sin nach robh Gàidhlig aig na coigrich ach chan eil teagamh ann gu robh Gàidhlig aig sagartan le ainmean ‘Ghaidhealach’ às an sgìre fhèin. Is e glè bheag de chlèir na h-eaglais an Earraghaidheal a bh’ air an oideachadh aig Oilthigh ro 1451. Ach thug stèidheachadh Oilthigh Ghlaschu buaidh mhòr air an sgìre.  A rèir MacDonald, thug an Oilthigh ùr grad thionndadh air foghlam an Earraghaidheal agus na h-eileanan mu dheas, le deann dhiubh a’ cur aghaidh air foghlam an Glaschu.  Thill aona dhiubh sin Archibaldus Campbell (Gilleasbaig Caimbeul), 1453, bho Oilthigh Ghlaschu a dh’ Eilean Lios Mòr (far a bheil Gàidhlig fhathast ga bruidhinn) agus bha e na shagairt an sin. Bha corra dhuine o Earraghaidheil a’ frithealadh oilthighean eile anns a’ chiad-ceud bliadhna an dèidh dhan Oilthigh tòiseachadh an Glaschu agus chithear cuideachd daoine leithid na Combaich agus clann Bhochanain bho na sgìrean mun cuairt. Tha iomradh ann an clàraidhean an Oilthigh ann an 1470 air còignear oileanach ann an le ainmean annasach: Finlaus Scot de Insulis, Archibaldus de Insulis, Gilbertus de Insulis, Moricius de Insulis agus Dominus Malcomus de Insulis (gu h-ìosal).

GUA 26613_38 De insulis detail (1470)

Liosta de dh’ oileanaich mar a tha iad sgrìobhte ann an clàraidhean an Oilthigh, 1470, còigear bhalaich leis an t-ainm ‘de insulis,’ de (no às?) na h-eileananan, nam measgAn dealbh seo air a chleachdadh le cead o Thasglann Oilthigh Ghlaschu (University of Glasgow Archive Services, University collection, GB0248, GUA 26613/38).

Tha fhios gur e Gaidheal a bha seo (ge b’e cò iad) à Innse Gall, Fionnlagh, Gilleasbuig, Gille-brìde Murchadh agus Calum.  Bha ‘de insulis’ (de na h-eileanan) uaireanan a’ ciallachadh gum buineadh daoine do na Dòmnhallaich, Triathan nan Eilean, ach cha ghabh daoine air an liosta sin a cheangal (cho fad’s a tha fios) ris an teaghlach seo. Mar sin an dùil an e gillean às na h-eileanan a bha seo, is dòcha le taic airgid o Iain, Thriath nan Eilean?[ 8 ]   Cha ghabh an ceist sin mu aithne nam balach a freagart aig an ìre  seo. A rèir rannsachadh Iain G. Macdonald, bha nas motha agus nas motha de dh’ oileanaich o Earraghaidheil a’ togail orra a dh’ Oilthigh Ghlaschu, 1451-1560. B’ ann do Chlanna Caimbeul a bhuineadh a’ mhòr chuid dhiubh sin – rud nach eil na iongnadh, ach chithear iomadach ainm o fhineachan taobh iar-dheas na Gaidhealtachd am measg na liostaichean a rinn Macdonald de phearsachan-clèir a chaidh an oideachadh an Oilthigh Ghlaschu rè na h-ama sin. Tha luaidh aige air ainmean leithid MacCombaich, MacThàmhais, MacLaomainn, Mac a’Bhiocair, MacLachlainn an co-cheangal ri Oilthigh Ghlaschu. Bha iomradh air dithis aig Macdonald cuideachd, ‘Nygellus M’Murroicht’ 1528 (Niall MacMhuirich?) agus Duncanus Ó Brolchán (Donnchadh Ui Brolcháin) a bhuineadh, is ma dh’ fhaoidte, ri teaghlaichean nan aos-dàna no teaghlaichean ‘fòghlamaichte’ na Gaidhealtachd: teaghlaichean a bha a’ cumail seann chleachdaidhean nan ealain Gàidhlig sgrìobhte a’ dol. [ 9 ]

—o0o—

An Ath-leasachadh an Alba (1560), a’ Ghaidhealtachd is Oilthigh Ghlaschu

Is e Earraghaidheal an sgìre dhan Ghaidhealtachd is dlùithe de Ghlaschu agus b’e ceannardan na Caimbeulaich na daoine a bu chumhachdaich anns an t-siorrachd sin. B’ e Gilleasbaig Ruaidh Òig a theirte ri ceann-fine nan Caimbeulach, 1529-1558 (an 4mh Iarla). Chaidh iompachadh chun chreideamh Phròstanach mu 1536, agus lean an fhine e air fad. Thug ceannardan nan Caimbeulach cuireadh dhan searmonaiche ainmeil, Iain Nocs a thighinn a theagasg dhaibh ann an 1556. Bha seo a’ ciallachadh, air thàillibh taic nan Caimbeulach, gum b’e a’ chreideamh Pròstanaich a bu bhuadhach san sgìre sin agus bha am fine daingeann nan cuid taic do dh’ Ath-leasachadh na h-Alba, nuair a chaidh gabhail ri Eaglais ùr Phròstanach na h-Alba mar eaglais stèidhichte na dùthcha ann an 1560 agus cùlaibh a chuir ris an eaglais Chaitligeach. [ 10 ] Ach, eaglais ùr ann no às, bha a’ cheart uiread de dh’ fheum aca air foghlam, agus chuir an eaglais ùr luach mhòr air oideachadh aig oilthighean leithid Ghlaschu.

Bha dlùth cheangal eadar an Oilthigh agus an Eaglais bho fhìor thoiseach tòiseachaidh, 1451 suas gu ruige toiseach an 20mh linn. Ach thug briseadh na h-Eaglaise an 1560 criothnachadh mòr air an Oilthigh. Thug e beagan bhliadhnaichean mas tàinig piseach air an Oilthigh a-rithist. [ 11 ] Chan eil lorg air ainmean nan oileanach eadar 1560 agus 1578, ach, on bhliadhna sin air adhart chithear badan beaga de dh’ ainmean Gaidhealach am measg an ìre mhath a h-uile liosta de dh’ oileanaich aig an Oilthigh. Tha tòrr Chaimbeulaich am measg nan ainmean sin bho 1578 agus rè na seachdamh linn deug air fad. Agus ged a bha na Caimbeulaich lìonmhor, chithear pailteas de dh’ ainmean Gaidhealach eile: ainmean leithid MacLachlainn, Darach, Camshron, Bochanan, Combaich, Leathanaich, MaCalmain, MacLeòid, Mac a’ Bhreatannaich, MacAlasdair, MacGuaire is eile a bha a’ frithealadh Oilthigh Ghlaschu, c.1578-1640. [ 12 ]

—o0o—

Oileanaich à Èirinn agus Oilthigh Ghlaschu ro 1609

Chaidh iomradh a thoirt, gu h-àrd, air mar a bha a bha Oilthigh Ghlaschu ag amas air daoine a thàladh, chan ann o Ghaidhealtachd na h-Alba a-mhàin ach cuideachd o Èirinn. Tha e coltach gu robh cuid bheag de Ghaidheil na h-Èirinn a’ frithealadh Oilthigh Ghlaschu bho chaidh a stèidheachadh ged nach eil cus fianais idir ann. Chithear triùir oileanach anns na clàraidhean le ainmean Èireannach ann an 1527-8,  ‘Cognatius Ocheyll, Duncanus Odoneyle, Nicholaius Ogalquhoir.’  Chaidh cuid de chlàraidhean an Oilthigh fhèin a chall ro 1578 air thaillibh an Ath-leasachadh. [ 13 ] Chan eil e na iongnadh nach eil a bheag a dh’ fhianais ann o Èireann fhèin leis an lèirsgrios a thàinig air Gaidheil Ulaidh eadar 1590 agus 1610. Thug cogadh an-iochdmhor droch bhuaidh air an t-sluagh is air an dùthaich, chan ann a-mhàin air na daoine ach cuideachd air na h-eaglaisean. Rud nach deach a sgrìos ann an cogadh chaidh a spìonadh o làmhan a’ chuid mhòr de nan Gaidheal agus am fearann aca a bhuileachadh air sluagh de choigrich. Mar thoradh air an sin is ann tearc a tha an fhianais eachdraidheil. Chaidh Roinn-easbaig Dhoire agus Ráth Bhoth an Dun na nGall, a shealbhachadh air aona de na coigrich sin ann an 1605, an Easbaig Phròstanach, Seòras Montgomery (1605-1610). Rinn an Easbaig suirbhidh air an roinn-easbaig ùr aige nuair a ràinig e ann an 1606-07. [ 14 ]  Thug seo iomradh air mar a fhuair mu dhà (a-mach à aon deug) de shagairtean Dhoire, agus mu cheathrar (à deich) de shagartan Ráth Bhoth an cuid fòghlam an Glaschu. B’ e iad seo an Doire:  ‘John O’ Henney’ ann am Banagher, ‘John McColgan,’ mac do reactor Domhnach ann an Inis Eóghain. Bha an aithisg ag radha gu robh an dithis aca sin fileanta an Gaeilge agus Laideann agus bhruidhinneadh O’ Henney Scots cuideachd. Ann an Ráth Bhoth, bha luaidh air ‘Donatus Maginnell’ agus ‘Nellanus McCallen (alias Groome)’ a bhruidhinneadh Laideann agus Scots. Bha fear ‘Magonius McConnell’, an sin air a bhith an Glaschu cuideachd cho math ri ‘Hugh O’ Donnell’, deadhan Ráth Bhoth, a bha cuideachd fileanta ann an Scots. [ 15 ]  Is e fìor thurchairt a th’ ann gu bheil lorg air na h-ainmean sin. Ach bha oileanaich leithid seo ga fhaighinn na bu dhuilghe a bhith a’ frithealadh na sgoile no an Oilthigh ann an Glaschu ri linn an Ath-leasachaidh.  Bha pearsachan eaglais an Glaschu a’ cur iompaidh air oileanaich a bhith a’ gabhail ri modhan nan clèireach Pròstanach. [ 16 ]  Leis an sin, ach gu h-àraid air thàillibh tuineachadh Ulaidh, 1609, cha robh Glaschu nis idir cho tarraingeach do Ghaidheil na h-Èirinn. Thog a’ mhòr chuid dhiubh sin an casan leotha a dh’ ionadan foghlam Caitligeach air tìr mòr na Roinn Eòrpa, leithid Louvain. [ 17 ]

Bha aonan de na h-oileanaich sin air a bheil iomradh gu h-àrd, Seán MacColgáin, no John Colgan, a bha aig Oilthigh Ghlaschu, c. 1605-1607, air fear dhiubh sin a rinn air tìr mòr na Roinn Eòrpa. John Colgan Fresco_Micheal MacCraithThathar dhan bheachd gur e am fear seo an aona Seán MacColgáin (c.1592-1658) a bha na bhràthair Francisganach agus na sgoilear chliùiteach aig Colaiste an Naomh Anthony ann an Louvain.  B’ ann o theaghlach ainmeil de phearsachan-eaglais a bhuineadh Mgr MacColgáin, o sgìre Innis Eoghain ann an Dún na nGall. Cha robh mòran chothroman ann a thaobh dreuchd nan sagart ri linn tuineachadh Ulaidh, 1609, agus is dòcha gur ann air thàillibh sin a dh’ imich e gu tìr mòr na Roinn Eòrpa uaireigin mu 1612.  Chan eil e soilleir càite an robh e trèanadh mar shagart, ach chaidh a thoirt a-steach mar bhall dhan Cholaiste ann an Louvain e ann an 1620.

An dealbh-camara, deas, le Patrizio Gioberti, Roma, de fresco a chaidh a dheanamh le Friar Emanuale da Como, mu 1670 ann an Caibeal San Isidoro, An Roimh, de Mhgr Seán MacColgáin. Le taing don t-Àrd Oll. Mícheál MacCraith, Ollscoil na hÉireann, Gaillimh, airson cead na dealbh seo a chleachdadh.

Bha pròiseact aca aig Colaiste Louvain ann a bhith a’ sàbhaladh, a’ dìon, agus a bhith ag ath-chruthachadh nan seann làmh sgrìobhainnean chràbhaidh bhon t-seanna-Ghàidhlig, leithid cunntasan-beatha nan naomh, agus gan ath-fhoillseachadh (ann an Laideann) mar dhòigh air neartachadh a’ chreidimh Chaitligeach.  Leis na comasan a bh’aig Mgr MacColgáin mar sgoilear Laideann agus Gaeilge, cha robh e ro fhada gus an robh e an sàs anns an obair sin. Bha MacColgáin na àrd-ollamh diadhachd aig Louvain o mu 1635. Dh’ fhoillsich e iomadach cunntas-beatha nan naomh, leithid an Naomh Colm Cille, an Naomh Pàdruig agus an Naomh Brìghde.  Ged nach robh a shlàinte ro mhath fad grunnan bhliadhnachan, chuir e mach iomadach leabhar ann an Laideann anns an dòigh seo,  le bhith a’ tarraing stuthan o sheann-sgrìobhainnean Ghaidhealach agus gan cuir an clò san Laideann, leithid  Acta sanctorum Hiberniae (1643) agus, Triadis Thaumaturgae (1647). 

Cogan titles (1645 & 1647) GUL Sp Coll f 111 & f 112

 Duilleagan aghaidh dà leabhar le Mgr Colgan ann an leabharlann Oilthigh Ghlaschu. An Acta Sanctorum (1645) agus Triadis Thaumarargae (1647). Na dealbhan seo air an cleachdadh le cead bho Special Collections, Leabharlann Oilthigh Ghlaschu.

Chaidh inneas a dheanamh air Mgr MacColgáin an dèidh a bhàis (1658) mar fhear a bha air leth ealanta ann an Gaeilge, anabarrach diadhaidh agus fear a bha na shàr-sgoilear.  Chaidh liosta a dhèanamh de na stuthan a chaidh an lorg na cheala an dèidh a bhàis a tha na chomharra air an raon farsaing den seòrsa obair anns an robh e an sàs. Bha 120 làmh-sgrìobhainn anns an rùm aige: liostaichean choisrigidh eaglaisean na h-Èirinn, leth-bhreacan de dh’ eachdraidhean, eachdraidhean nan naomh, sgeulachdan-mhartarachd, liostaichean de thaighean-manach a stèidhich Èireannaich agus meall de bhàrdachd Gaeilge.[ 18 ]

Cha robh cus do Ghaidheal na h-Èirinn a’ tighinn a Ghlaschu an dèidh sin. B’ ann do theaghlaichean luchd-tuineachaidh Albannach agus Sasunnach a bhuineadh a’ mhòrchuid de dh’ oileanaich Èireannach an Glaschu ri linn tuineachadh Ulaidh. Is dòcha gu robh comasan Gaeilge aig cuid beag dhiubh sin  – ach chan eil teagamh ann gur e Beurla no Scots a bu mhotha a bh’ aig sliochd an luchd-tuineachaidh sin air an teanga. [ 19 ]

—————————————————————————————————————————-

Notaichean

—————————————————————————————————————————-

[ 1 ]   ‘…I myself remember a time when the inhabitants of the shires of Stirling & Dumbarton spoke pure Gaelic. But nowadays that tongue is relegated…     …so that one rarely comes upon any who speak it…’  Briathran Sir Thomas Craig an seo air eadar theangachadh on Laideann chun Bheurla le, C.S. Terry, ed., De Unione Regnorum Brittaniae Tratatum, by Sir Thomas Craig. Edited from a manuscript in the Advocates’ Library (Scottish History Society, Edinburgh, 1909), 288-9.  Seallaibh cuideachd, M. Newton, Bho Chluaidh gu Calasraid. From the Clyde to Callander. Gaelic songs, poetry, tales and traditions of the Lennox and Menteith. In Gaelic with English translations (Grimsay Press, 2010).

[ 2 ] J. Durkan & J. Kirk, The University of Glasgow, 1451-1577 (Glasgow, 1977), 11, 42, 185-6, 308.

[ 3 ] A. Constable, transl. & ed., A history of Greater Britain, as well England as Scotland. Compiled from the Ancient authorities by John Major, by name indeed a Scot but by profession a theologian, 1521 (Scottish History Society, Edinburgh, 1892), 48-49.  Airson tuilleadh fiosrachaidh mu John Mair, seallaibh, Alexander Broadie, ‘Mair , John (c.1467–1550)’, Oxford Dictionary of National Biography, Oxford University Press, 2004; online edn, May 2011 [http://www.oxforddnb.com/view/article/17843, accessed 2 December 2013]. http://www.universitystory.gla.ac.uk/biography/?id=WH0907&type=P&o=&start=0&max=20&l=

[ 4 ]  Priscilla J. Bawcutt, ‘Kennedy, Walter (1455?–1518?)’, Oxford Dictionary of National Biography, Oxford University Press, 2004 [http://www.oxforddnb.com/view/article/15395, accessed 2 Dec 2013]. http://www.universitystory.gla.ac.uk/biography/?id=WH18032&type=P&o=&start=60&max=20&l=   Airson a mhac, Reactor ann an Oilthigh Ghlaschu, seallaibh cuideachd: C. Innes, ed., Munimenta Alme Universitatis Glasguensis [MAUG] (4 vols., Maitland Club, Glasgow, 1854), ii, 150.

[ 5 ]  A. MacCoinnich, ‘Where was Gaelic written in late medieval and early modern Scotland? Orthographic practices and cultural identities’  ann an C. Ó Baoill & N. McGuire, eds., Caindel Alban, fèill-sgrìobhainn do Dhòmhnall E. Meek. Scottish Gaelic Studies, 24 (2008), 309-356. http://eprints.gla.ac.uk/4940/

[ 6  ] N. Lamont, ed., Inventory of Lamont Papers, 1231-1897 (Scottish Record Society, Edinburgh, 1914), 38. [Chithear leabhar mu phàiprearan Chlann MhicLaomuinn air an t-eadar-lìn, aig:  <https://archive.org/stream/scottishrecordso54scotuoft#page/n7/mode/2up>].  Durkan & Kirk, The University of Glasgow, 1451-1577, 306, 400.

[ 7 ] I. G. MacDonald, ”That uncouth dialect’: English-speaking clergy in late Medieval Gaelic Scotland’, ann an Records of the Scottish Church History Society, 43 (2014), 1-29, aig 2, 29.

[ 8 ] Airson buill-teaghlaich cheannardan Chloinn Dòmhnaill, Triathan nan Eilean, seallaibh, J. Munro & R.W. Munro, eds., Acts of the Lords of the Isles, 1336-1493 (Edinburgh, 1986), 278-315.

[ 9 ]  Ian Macdonald, Clerics and Clansmen. The Diocese of Argyll between the Twelfth and the Sixteenth centuries (Brill, Leiden, 2013), 208-209, 210-212, 218-223, 362-365. C. Innes, ed., Munimenta Alme Universitatis Glasguensis [MAUG] (4 vols., Maitland Club, Glasgow, 1854), ii, 70. Chithear an leabhar seo aig: <https://archive.org/stream/munimentaalmeuni03mait#page/n7/mode/2up>.  Airson teaghlaichean nan Aos-dàna, seallaibh ri alt leis an t-Ard Oll. Ruairidh MacThòmais, nach maireann, ceannard na Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu (1963-1991). D.S. Thomson, ‘Gaelic learned orders and literati in Medieval Scotland,’ ann an Scottish Studies 12 (1968), 57-78. Seallaibh cuideachd alt leis an Dr Màrtainn MacGriogair, òraidiche an Eachdraidh aig Oilthigh Ghlaschu: M. MacGregor, ‘Church and Culture in the late medieval Highlands,’ ann an J. Kirk, ed., The Church and the Highlands (Edinburgh, 1998), 1-35.

[ 10 ]  J.R.N. Macphail, ed., Highland Papers, volume 2 (Edinburgh, 1916), 100-101. J.E.A. Dawson, The Politics of Religion in the Age of Mary Queen of Scots. The Earl of Argyll and the Struggle for Britain and Ireland (Cambridge, 2002), 17 (& note 21), 24.

[ 11 ] A.L. Brown & M. Moss, The University of Glasgow: 1451-1996 (Edinburgh University Press, 1996), 7-9.

[ 12 ] MAUG, iii, 3-24, 60-95. 

[ 13 ] Brown & Mosse, The University of Glasgow, 1451-1996, 7.  MAUG, ii, 153.

[ 14 ] H.A. Jeffries, ‘Derry Diocese on the Eve of the Plantation’, 175- 204, ann an G. O’ Brien & W. Nolan, eds., Derry and Londonderry: Interdisciplinary essays on the history of an Irish County (Dublin, 1999), 175, 191.

[ 15 ] A.F. O’ D. Alexander, ed., & Transl., ‘Bishop Montgomery’s Survey of the Bishoprics of Derry, Raphoe and Clogher’, part of ‘The O’ Kane Papers,’ in Analecta Hibernica 12 (1943), 67-128, aig 102-104. B. MacCuarta, Catholic Revival in the North of Ireland, 1603-41 (Dublin, 2007), 22.

[ 16 ] J. Durkan (J. Reid Baxter, ed.), Scottish Schools and Schoolmasters, 1560-1633 (Scottish History Society, Woodbridge, 2013), 192.  ‘Extracts from the Registers of the Presbytery of Glasgow, from November 1592 to March 1602’ ann an, J. Dennistoun & A. Macdonald, eds., Miscellany of the Maitland Club, vol 1, part 1 (Glasgow, 1833), 51-96, aig, 90, 94.

[ 17 ] MacCuarta, Catholic Revival in the North of Ireland, 1603-41, 28-29 B. MacCuarta, ‘The Catholic Church in Plantation Ulster,’ ann an, É Ó Ciardha & M. Ó Siochrú, eds., The Plantation of Ulster. Ideology and Practice (Manchester, 2012), 119-142, aig 121-2. Ged a tha sin ceart anns an fharsaingeachd gheibhear duine ann an siud is ann an seo nach robh a’ tighinn leis a’ phàtran àbhaisteach, leithid, Jeremie O’ QueineÈireannach aig an robh Gaeilge mar chainnt agus a cheumnaich o Oilthigh Ghlaschu ann an 1644. Ged a b’ e Gaidheil Èireannach a bh’ ann an O’ Queine bho thùs bha e na chlèireach à Siorrachd Aontram. Chaidh dreuchd mhinisteir aig Inbhir Aora thabhainn air aig aon àm – ged nach eil fianais ann gun do fhreagair e an cala sin.  F. Macdonald, Missions to the Gaels. Reformation and Counter-Reformation in Ulster and the Highlands and Islands of Scotland (Edinburgh, 2006), 111-112.

[ 18 ]  C.N. Ó Clabaigh. ‘Colgan, John,’ anns an Dictionary of Irish Biography (Royal Irish Academy & Cambridge University Press), air an t-eadar-lìon: http://dib.cambridge.org/.   P. Ó Riain, ‘The Louvain achievement II: Hagiography,’ ann an E. Bhreathnach, J. MacMahon & J. McCafferty, eds., The Irish Franciscans, 1534-1990 (Four Courts Press, Dublin, 2009), 189-200. C. Mooney, ‘Fr John Colgan and the Louvain school,’ in N. Ó Muraíle, ed., Mícheál Ó Cléirigh, his associates and St Anthony’s Colllege, Louvain (Four Courts Press, Dublin, 2008), 225-230. Thathar fada an comain an Dr Geraldine Parsons, Oilthigh Ghlaschu, airson fiosrachaidh.

[ 19 ] N. Canny, Making Ireland British, 1580-1650 (Oxford, 2001), 442, 450-454. Bha oileanaich a bha a’ frithealadh Oilthigh Ghlaschu rè na seachdamh agus na h-ochdamh linn deug gu math tric a’ sgrìobhadh gu robh iad nan Èireannaich le bhith a’ cur ‘Hibernus’ no rudeigin leithid sin ri taobh an cuid ainm. Ach b’ e ainmean leithid Cunningham, Caldwell is Montgomerie a bh’ air a’ mhòr chuid aca, a’ sealltainn gur ann o shliochd Albannach a bhuineadh iad.  Ged is e ‘Hibernus’ a sgrìobhadh iad b’ ann mar Albannaich no mar Shasannaich a bha iad gam faicinn fhèin agus gu math tric, gu h-àraid o na 1690an air adhart, bha iad sin na bu bhuailtiche air a bhith a’ toirt Anglo-Hibernus no Scoto-Hibernus orra fhèin nuair a bha iad a’ clàradh aig an Oilthigh. MAUG, iii, 41-59. 115-256.

Leave a Reply