17mh & 18 mh linn – Seanadh Earraghaidheil

An dèidh an Ath-leasachaidh.

Anns na linntean a lean Ath-leasachaidh na h-eaglaise b’ e dà sheòrsa duine on Ghaidhealtachd a bhiodh a’ frithealadh oilthigh: clann nan daoine uaisle aig an robh airgead air an aona làimh, agus òigridh chomasach, diadhaidh a bha a’ faighinn taic on eaglais air an làimh eile. Gu math tric bha an t-eaglais a’ toirt taic do dh’ oileanaich an t-aona ghnothaich gus am biodh iad nam pearsachan eaglais. An dèidh dhan Ath-leasachadh (1560) bha an t-eaglais (agus an Oilthigh) ann am beagan de staing. Chaill an eaglais smachd air cuibhreanan fearainn (agus teachd a-steach). Thàinig crathadh mòr air na siostaman a bha ann airson taic a chuir ri pearsachan eaglais agus thug seo buaidh mòr air foghlam oileanaich. Ach bho na 1570an a-mach, chaidh cùisean a chuir an òrdugh as ùra agus thòisich oileanaich a’ tighinn a-rithist. [1]

Chan eil lorg air ainmean nan oileanach eadar an t-Ath-leasachadh agus 1578, ach on sin a-mach chithear ainmean Ghaidhealach – o Earraghaidheal is Innse-Gall, uaireanan duine no dhithis, uaireanan eile badan de thriùir no ceathrar anns na liostaichean bho gach bliadhna.  Tha Caimbeulaich pailte, mar a shaoileamaid, ach chithear cuideachd ainmean dhaoine o sgìrean Ghaidhealach mun cuairt le sloinnidhean mar MacLachlainn, Darach, Camshron, Bochanan, Combaich, MacCalmain, MacGill’Eain, MacLeòid, MacAlasdair, MacGuaire agus MacGilleBhreatunnaich eadar 1578-1640. B’ ann bho Earraghaidheil a bha a’ mhòr-chuid dhiubh sin, sgìre a bha Gaidhealach o cheann gu ceann. [2]

–o0o–

Ninian Caimbeul, ‘Professor of Eloquence’

B’e aonan de na oileanaich sin Ninian Caimbeul à Comhghall a rugadh mu 1599. Chaidh e a dh’ Oilthigh Ghlaschu ann an 1615 agus cheumnaich e ann an 1619. GUL Sp Coll_Ninian Campbell_Treatise (1635)Chaidh e às an sin gu Oilthigh Saumur anns an Fhraing agus cha robh e fada ann gun do choisinn e dreuchd ‘ollamhachd na deas-bhriathrachd’, no, ‘Professor of Eloquence’ (1625).  Rinn e dàin Laideann agus dh’ fhoillsich e cuideachd leabhraichean, ‘Treatise upon death’ (1635), air aon dhiubh.  Thill e a dh’ Alba ann an 1630 is bha e na mhinisteir ann an Kilmacolm.  Lean Mgr Ninian a cheanglaichean ri Oilthigh Ghlaschu. Bhuilich e 40 merks air an Oilthigh is iad a’ cruinneachadh airgid airson togalaichean ùr ann an 1632 agus rinn e cuideachd dàn molaidh air an Oilthigh ann an 1632, ‘Ad Academiam Glascuensem.’ 

Duilleag-aghaidh ‘Treatise upon death (1635)’ An dealbh seo air a chleachdadh le cead bho Special Collections, Leabharlann Oilthigh Ghlaschu / Images reproduced by permission, Special Collections, University of Glasgow Library.

Bha Mgr Ninian na charaid do dh’ Uilleam Blair, regent aig an Oilthigh, agus bha e na bhall do choimisean a rinn sgrùdadh air Oilthigh Ghlaschu ann an 1639.  Fhuair Mgr Ninian cala o pharaiste Ros-neimhidh ann an 1651 – agus b’ e aon de na h-adhbharan air an robh iad ga iarraidh gu robh e fileanta is comasach anns a’ Ghàidhlig, no  mar a chuir clèir Dhùin Bhreatainn e:

‘Mr Ninian Campbell being a native hielander was skillful in the Irisch language and that the paroch of Rosneth or a great part thereof did consist of inhabitants who only had the Irisch language.’ 

Bha grunnan theaghlaichean fhathast ann an Ros-neimhidh aig nach robh Beurla sam bith, agus an rèir a’ chala bha Mgr Ninian fhèin ag iarraidh an cothrom a’ Ghàidhlig a chleachdadh a-rithist.[3] Chaidh a mhac, Cailean, a dh’ Oilthigh Ghlaschu (chlàr e na oileanach,  1647) mar a rinn athair roimhe. Lean Cailean ùidh athair ann an Gàidhlig cuideachd oir chaidh Cailean a shireadh foghlaim còmhla ri eòlaiche na Gàidhlig, fear Iain MacMharcais an Cinntire (tuilleadh fios mura seo gu h-ìosal).

 

Taic nan Caimbeulach

B’e Earraghaidheal am bad dhan Ghaidhealtachd na b’ fhaisge agus na b’ fhollaisiche aig an robh dlùth cheangal ri Oilthigh Ghlaschu mun t-àm seo (b’ann do dh Obar Dheathain a bha tòrr de na oileanaich on cheann a tuath a’ dol mun 16mh is an 17mh linn). Bha cumhachd agus buaidh mhòr aig beachdan MhicCailein Mòr, no Gilleasbuig Caimbeul, 4mh Iarla Earraghaidheil, ceannard Chloinnn Caimbeul. Chaidh esan ìompachadh chun chreideamh Phròstanach cho tràth ri 1536 agus bha e fhèin, agus gach iarla Chaimbeulach a lean e, a’ cleachdadh an uile neart gus a’ chùis spioradail sin a choiteachadh far am b’ urrainnn dhaibh. Bha na Caimbeulaich uile a’ leantainn an ceann-fheadhna, agus nam Pròstanaich daingnean rè linn an t-Ath-leasachaidh oifigeil an Alba (1560-), nuair a thàinig sgaradh eadar Eaglais na h-Alba agus Eaglais na Ròimhe. Bha Iain Nocs, an searmonaiche ainmeil a bha an ceann an Ath-leasachaidh, a’ teagasg aig Caisteal Chaimbeul, aon de dhaingneachdan a’ chinnidh ann an 1556. [4]

Leis mar a thàinig crathadh air an t-seana siostam eaglais agus ri linn an Ath-leasachaidh, bha feum air dòighean ùra gus dèanamh cinnteach gu robh taic ann airson oileanaich a bhiodh nam pearsachan eaglais. Fhuair Dùghall Caimbeul, mac Dhòmhnaill Caimbeul, fear Ach’ a’ Mhuilinn, taic bhon Rìgh gus a chumail aig Oilthigh Ghlaschu ann an 1581. Bha Dùbhghall Caimbeul eile, mac triath Aird-Choinghlais, a’ togail foghlaim bhon diadhaire ainmeil Anndra Melville, agus chaidh e an uairsin gu bhith na dheadhan am Breichinn.[5] Chithear fianais follaiseach dhan an seòrsa taic seo ann an 1591 le litir on riaghaltas a’ buileachadh airgid air oileanach Ghaidhealach:

–o0o–

NRS PS 1_62 (195) McOlvorie gu Oilthigh Ghlaschu (1591) c

Litir bho chomhairle an Righ, ag òrdachadh taic airgid dhan t-oileanach Ghaidhealach, Domhnall ‘McOlvorie’ aig Oilthigh Ghlachu, 1591. An dealbh seo de chlàr phàipearan na Comhairle air a chleachdadh le cead bho Thasg-lann nàisteanta na h-Alba, NRS, PS 1/62, fol. 195 / Reproduced by kind permission of the NRS, Crown Copyright, National Records of Scotland, PS1/62, folio 195.

Tàr-sgrìobhainn ann an seo:

Ane P[re]sentatioun maid direct to the principall and regentis of the universiteis and college of Glasgow. Makand mention that our soverane lord being informed of the qualification, l[ite]rature and habilitie of Donald mcOlvorie and of his ernest affection to be ane profittabill me[m]ber in the kirk of God for instruction of utheris in the partis of the ilis and the hielandis maist expediant for upbringing of the youth in thai pairtis and utheris guid officeis to the advancement of Christes kingdome thair, hes for his better help in his studies of l[et]ters to that effect, nominat and p[rese]ntit the said Donald to the place of ane ordinair bursar in the said college wt all aliment leveray and int[er]teinment dew theirto during the ordinare tymes thairof. Now vacand and becu[m]in in o[u]r Soverane Lordis handis, and at his Ma[jes]ties disposition be the privilege of His Hienes dona[tio]n thairof, the said Donald being the first and maist le[a]rnid (?) student of the said College, abill now for the said rowme and place. Requiring thairfore the principall and regentis of the said Universitie and college to try and examinat the qualificatioun and l[ite]rature of the said Donald, and he, being fund [worthy], mo[n]eis to be placeit in the said rowme of ane bursare thairof that the samyn place be giving to him and caus anss[we]r him of his aliment, leveray and i[n]tertenement dew thairto as uther ordinar bursaris of the said college ar anss[we]rit during the tyme of the ordinare cours thairof etc., At Halieruidhous, day, monet[h] and yeir foirsaid [5 Damhair / October 1591].

Per Signaturam

–o0o–

Taicean airgid do dh’ Oileanaich Gaidhealach, 17mh linn

B’e cleachdaidhean leithid seo (gu h-àrd) a bha a’ cumail taic ri oileanaich Ghaidhealach ach is fhiach a bhith mothachail mu na briathran ag innse carson a bhathar a’ tabhainn fòghlaim do Dhòmhnall mcOlvorie (MacGilleMhoire?): sin gum biodh e na bhall a bheireadh taic do dh’ Eaglais Dhè ann a bhith a’ teagasg chàich air Ghaidhealtachd agus anns na h-eileanan agus gum biodh seo ag amas gu sònraichte air òigridh na Gaidhealtachd.  Fhuair a’ Chrùn deagh thairbhe air an t-airgead a chuir iad ri foghlam Dhòmhnaill.  Bha e na mhinistear fileanta ann an Gàidhlig, Albais is Laideann nuair a cheumnaich e ann an 1594.  Chaidh e a choitheanal Bharanaidh an Glaschu ann an 1594, ach chaidh e goirid an dèidh sin do pharaistean Gaidhealach am Baile Bhòid agus Gleann an Aora ri taobh Inbhir Aora, agus tha e soilleir, le seo, gu robh e faighinn taic o Chlanna Caimbeul a bha stèidhichte an Inbhir Aora. Lean Mgr Dòmhnall McOlvorie sa choitheanal sin gu am a bhàis mu 1645.  Lean tòrr eile e o Earraghaidheal gu Oilthigh Ghlaschu ged nach robh riamh gu leòr de mhinisteirean Gaidhealach aig an t-Seanadh an Earraghaidheil is a bu mhiann leotha.[6] 

Tha oileanach a cheumnaich goirid ro Mgr Domhnall air aon de na daoine as ainmeile a tha ceangailt ri eachdraidh na Gaidhealtachd,  ged nach bu Ghaidheil e (cho fad’s as fiosrach leinn). B’e seo Anndra Nocs (MA, 1579), o Shiorrachd Rinn Friù. Bha e na mhinisteir am Pàislig  bho 1585 agus chaidh dreuchd Easbuig nan Eilean a bhuileachadh air le Rìgh Seumas VI ann an 1606. Bha an Rìgh a’ feuchainn ri cinn-feadhna Innse Gall a thoirt fo smachd, agus b’ e an Easbuig Nocs a thagh e gus a bhith an ceann iomairt an aghaidh nan ceann-cinnidh. Thàinig seo gu buil le Reachdan Eilean Idhe, 1609, prògram de leasachaidhean a chaidh a sparradh air cinn-feadhna na h-eileanan.[7]  Ach a dh’ aindeoin an droch chliù a choisinn Anndra Nocs am measg nan Gaidheal air thàillibh iomairtean an riaghaltais, lean ceanglaichean nan Gaidheil ri Oilthigh Ghlaschu agus, gu dearbha, is ann a dhaingnich iad rè na 17mh linn ann an seadh nan ceann-cinnidh (mar a chithear air an duilleag eile anns an làrach-lìn seo) agus cuideachd ann an seagh na h-eaglaise. Bha taicean-airgid leithid an taic a fhuair Domhnall MacGillemhoire (gu h-àrd), nan uallach air an riaghaltas agus dh’ fheuch iad ris an t-uallach sin a sparradh air paraistean agus fiù’s air nan oilthighean. Ach bha e soilleir, ge b’ e ciamar a dheidheadh a mhaoineachadh gu robh cruaidh fheum aca air ministearan le Gàidhlig aig an t-àm.

–o0o–

Seanadh Earraghaidheil is sgrìobhainnean Ghàidhlig

GUL Sp Coll BE 6-e_24 Caogad & Foirceadul 1659 4 Bha is dòcha faisg air trian de mhuinntir na h-Albann a’ bruidhinn na Gàidhlig mar an cuid cànain làitheil ann am meadhan na 17mh linn agus cha robh cothroman foghlaim no facal Beurla aig a’ mhòr-chuid dhiubh sin, gu h-àraid na daoine bochda. B’e Pròstanaich a bh’ anns a’ mhòr-chuid de Ghaidheil (is dòcha eadar a dhà thrian no trì chairteal dhiubh), creideamh a bha an eisimeil nan soisgeulan sgrìobhte. Bha seo na dhùbhlan mòr eile dhan eaglais aig nach robh Bìobaill ann an Gàidhlig. Cha deach an Tiomnadh Nuadh a thogail dhan Ghàidhlig gu 1767 agus an t-Seann Tiomnadh ann an 1801. B’ e Seanadh Earraghaidheal a b’ adhartaiche ann a bhith a’ feuchainn ris an t-uireasbhuidh seo a  leasachadh.  Chaidh aca air leabhar aithghearr na ceist fhoillseachadh ann an 1631 agus a-rithist ann an 1653 agus 1659 agus thug iad cuideachd a-mach leabhar anns an robh a’ chiad caogad sailm, An Cheud Chaogad de Shalmaibh Dhaibhidh, 1659.[8]  

Duilleagan aghaidh (clì) dhan ‘An Cheud Chaogad’ agus (gu h-ìosal, deas) dhan ‘Foirceadul Aithghearr Cheasnuighe’ a dh’ fhoillsich Seanadh Earraghaidheal, 1659.  Na dealbhan seo (comharra-sgeilfe, Be6-e.24 & TCL 582) air an cleachdadh le cead bho Special Collections, Leabharlann Oilthigh Ghlaschu / Images reproduced by permission, Special Collections, University of Glasgow Library.

Chithear beagan dhan an strì a bh’ ann gus An Cheud Chaogad agus Leabhar Aithghearr nan Ceist, air an robh an tiotal, Foirceadul Aithghearr Cheasnuighe, fhoillseachadh anns na bliadhnaichean gu ruige 1659 ann an clàraidhean an t-Seanaidh.  Chaidh òrdugh a dhèanamh, 9 Cèitean 1649, gun deidheadh Leabhar Aithghearr a’ Cheist a thogail dhan Ghàidhlig le ‘Mr Ewin Cameron (MA, Glaschu, 1616), Mr Coline McLachlan (MA 1628), Mr Dugald Campbell (MA,1619), Marteen McLachlan, Mr Nicoll McCalman (MA 1606), Mr Jon McLachlan (MA, 1606) and Mr Dugald Darroch’ (MA,1638). GUL Sp Coll BE 6-e_24 Caogad & Foirceadul 1659 7Fhuair sia às gach seachd dhiubh sin foghlam an Oilthigh Ghlaschu. Bhathar fhathast ag obair air an seo ann an 1650 agus bha iad a’ bruidhinn cuideachd mu bhith a’ foillseachadh leabhar eile anns a’ Ghàidhlig: eadar-theangachadh de ‘the brief sum of Christian Doctrine.’ Chan eil fianais idir againn air ‘Brief sum of Christian Doctine: ma chaidh e fhoillseachadh chaidh gach leth-bhreac air dholaidh agus an sgrios. Ach bhathar air obair air Foirceadul Aithghearr Cheasnuighe anns san Dàmhair 1651, agus air dhaibh leughadh seo fa chomhair coinneamh an t-seanaidh, chaidh Niall MacEòghainn fhastadh gus 17 leth-bhreac pàipeir a sgrìobhadh a-mach gum biodh an t-eadar-theangachadh seo dhan Foirceadul aig a h-uile ministeir ri làimh. Tha e coltach cuideachd gun do rinn Niall MacEòghainn agus Mgr Aonghas MacEòghainn, an tionndadh aca fhèin do Leabhar Aithghearr nan Ceist agus bha conaltradh a’ dol dh’ fhaicinn cò an dreach a b’ fheàrr. B’ e Mgr Eòghann Camshron (MA, Glaschu 1616), ministeir Dhùin Omhain, a bha a’ stiùireadh ghnothaichean agus aig an robh ‘the principal copie of the translation’ (prìomh theacsa eadar-theangachaidh) agus air an robh uallach Leabhar a’ Cheist a stiùireadh tron chlò-bhualadh, agus fhuair e taic airgid mu choinneamh na cosgaisean a ghiùlain e ann an 1653 ann a bhith ‘preinting the Irish Catechise.’ Feumas gun deach seo, Leabhar a’ Cheist (Foirceadul) ann an clò air a’ bhliadhna sin fhèin, 1653 (no is dòcha 1651), ged nach eil lorg an diugh air gin de na leabhraichean a chaidh a chuir an clò aig an t-àm sin. Tha iomradh ann an clàraidhean an t-seanaidh, 1653, gun d’ fhuair a h-uile ministear anns an t-Seanadh leth-bhreac dhan leabhran beag ùr. Feumaidh gu robh a’ chiad eagradh sin tearc, oir chuir an t-Seanaidh romhpa anns an Dàmhair 1655 gun cuireadh iad 2000 lethbhreac eile de Leabhar a’ Cheist, no Foirceadul, ann an clò a-rithist.

Air dhaibh Leabhar a’ cheist, Foirceadul Aithghearr Cheasnuighe, fhoillseachadh, is dòcha ann an 1653, agus planaichean aca airson eagran eile dhan sin a chuir an clò, thionndaidh aire an t-Seanaidh gu na Sailm mun Dàmhair 1655. Bhathar an dùil a’ chiad 50 sailm fhoillseachadh anns a’ chiad dol a-mach. Chaidh fàgail air Mgr Eòghann Camshron a’ chiad fichead sailm eadar theangachadh, Mgr Dùbhghall Caimbeul an ath fhichead, Mgr Alasdair MacGhill’Eain an ath dheich. Chaidh deich eile a chuir mar dhleasdanas air Màrtainn MacLachlainn agus deich eile air Mgr Iain Stiùbhart. Chaidh stìuireadh mhionaideach a chuir romhpa air mar a chuireadh iad tionndadh air na sailm.

GUL Sp Coll BE 6-e_24 Caogad & Foirceadul 1659 6

An 23mh Sailm mar a chithear e anns ‘An Cheud Chaogad’ (1659). Air eadar-theangachadh, is dòcha, le Mgr Dùbhghall Caimbeul (MA, Glaschu, 1617), ministeir Chnapadail. An dealbh seo air an cleachdadh le cead bho Special Collections, Leabharlann Oilthigh Ghlaschu. Image reproduced by permission of Special Collections, University of Glasgow Library.

Bha feum gum biodh gach eadar-theangachadh a bhith air a chuir an cruth ‘eight syllabes the one line and six the other, that they may answer and be sung with the common tunes that are for the Engliss, and they ar to be brought to the nixt synod that they may be revised and corrected and made fitt for the press.’ Cha robh iad air an obair a chrìochnachadh nuair a choinnich an t-Seanaidh a-rithist anns a’ Chèitean 1656, ach bha seo deiseil aca anns a’ Chèitean 1658. Bha iad toilichte leis na teacsaichean Gàidhlig ach bha iad do-riaraichte leis mar a bha am meadrachd agus na ruitheaman anns na tionndaidhean Gàidhlig a’ tighinn ris na fuinn: bha iad ‘defective in syllibicatione.’ Dh’ òrduich an t-Seanaidh gun deidheadh dithis dhan na h-eadar-theangairean sìos leis na teacsaichean gu Ceann Loch ChilleChiarain a shireadh comhairle ‘Jon McMarques in Kintyr, ane old man and able in the Irish language…’ Chaidh an obair a chrìochnadh ron Chèitean 1659 nuair a bha iomradh air 1500 leth-bhreac ann an clò.[9] Chaidh seo fhoillseachadh fo làimh ‘Aindra Ainderson’ an Glaschu.

NPG 1408 Marquess of Argyll (1598-1661) by ScougallTha fhios gu robh Gilleasbuig, Marcas Lathurna, ceannard nan Caimbeulach, a’ toirt taic làidir dha na ministearan a bha an sàs ann an obair na sailm agus leabhar a’ cheist.

Dealbh, clì, de Ghilleasbuig Caimbeul, an Triath Lathurna, aithnichte cuideachd mar an 8mh Iarla agus Marcus Earraghaidheal, 1598-1661. An dealbh seo dheth le David Scougall air a chleachdadh le cead o Thaigh Tasgaidh Nàiseanta nan Dealbh, Dùn Èideann. ©Scottish National Portrait Gallery, PG 1408.

Chithear seo ann an dlighe a rinn am Marcas do Mghr Eòghann Camshron, minister Dhùin Omhain (MA, Glaschu, 1616) ann an 1642 a’ toirt taic-airgid dha na chuid obrach a’ frithealadh choitheanalan Ghaidhealach agus Ghallda an Dùn Omhain.  Bha Camshron, mar a chunnaic sinn gu h-àrd, a’ sàs gu mòr ann an obair fhoillseachaidh an t-Seanaidh.  Chan e a-mhàin gun tug am Marcas taic do Mghr Eòghann, ach bha Mgr Eòghann rudeigin ciorramach, a’ gearain droch shlàinte, agus air thaillibh seo, gheall am Marcas don mhinisteir gun cumadh e taic ri mhac, Iain Camshron, anns na sgoiltean nam b’e is gun deidheadh Mgr Eòghann fon fheum. Cheumnaich Iain Camshron òg seo o Oilthigh Ghlaschu ann an 1647, agus bha e fhèin cuideachd na mhinisteir agus na sgoileir mar a bha athair roimhe. Chaidh Mgr Iain a choitheanal Cheann Loch Chille Chiarain,  agus an uairsin gu Cille Fhìonain agus bha e fhèin ag eadar-theangachadh teacsaichean on Bhìoball (gu h-ìosal) mar a bha athar roimhe: earrann de Leabhar Ruit. Chaidh Mgr Iain ainmeachadh a-rithist mar eòlaiche ann an Gàidhlig ann an 1674 nuair a bhathar a’ meòrachadh air oidhirp eile air na Sailm eadar-theangachadh.[10]

Tha e soilleir cuideachd bho chunntasan-clàraidh an t-Seanaidh gu robh iad an dùil tòrr mòr a bharrachd a dhèanamh rè àm a’ Mharcais. Bha iad a’ cur romhpa a bhith ag eadar theangachadh teacsaichean dhan Ghàidhlig agus planaichean aca gus a’ Bhìobull air fad a thionndadh dhan Ghàidhlig is chuir an clò. Chaidh liosta a dhèanamh air an 2a latha dhan t-Samhain 1660, far an deach uallach earrannan a’ Bhìobuill a chuir air diofar mhinisteirean, a tha a’ sealltainn buaidh oileanaich Oilthigh Ghlaschu air a’ phroiseas seo.[11] 

Leabhar Ainm mhinisteir Coitheanal Foghlam
Iosua Mgr Alasdair MacGill’Eain Strath Chura MA, Dùn Èideann, 1660
Britheamhan Mgr Gilleasbuig MacGill’Eain Cill Mhaodhain MA, Dùn Èideann, 1639
Rut Mgr Iain Camshron  Cill Fhìonain MA, Glaschu 1644.
1 Samuel Mgr Raibeart MacDhonnchaidh Ceann Loch ChilleChiarain /  MA, Glaschu, 1655.
2 Samuel Mr Iain MacDhonnchaidh Cille Mhàrtainn MA, Glaschu, 1648
1 Rìghrean Mgr Daibhidh Simson Cille Choinnich (Cinntìre) MA, Cill-Rìmhinn, 1650
2 Rìghrean Mr Dùghall Darach Ceann Loch ‘Ille Chiarain  MA, Glaschu, 1638 
1 Eachdraidh Mgr Niall Camshron Inbhir Chaolain MA, Glaschu, 1626 
2 Eachdraidh Mgr Gilleasbuig MacCaluim Glasaraidh 1639-92 MA, Glaschu, 1627 
Esra Mgr Eachann MacGhill’Eain Mòrbhairne, c. 1639-79 MA, Glaschu, 1628.  
Nehemiah Mgr Màrtainn Mac’Illebhrath Cill Naoi-nighean & Cille Mhoire   MA, Glaschu, 1620
Ester  Mgr Archibald McCalman   A’ Mhucairne MA, Glaschu, 1636
Sailm Mgr Pàdruig Caimbeul  Gleann Aora, 1658 MA, Glaschu, 1651
Eclesiastes Mgr Dùbhghall Caimbeul   Cnapadal (tuath) MA, Glaschu, 1617
Dàn Shòlaimh Mgr Iain Stiùbhart Baile Bhòid  MA Glaschu, 1642

Ma chuireas sinn an liosta na ministearan sin an coimeas ris na h-oilthighean a bha iad a’ frithealadh (clàr gu h-àrd, colbh dheis) chithear gun deach 12 à 15 de na ministearan seo (80%), a bha ag obair air na teacsaichean Gàidhlig, gu Oilthigh Ghlaschu.[12] Cha tàinig am prògram foillseachaidh a th’ air a mhìneachadh anns a’ chlàr seo gu buil ann an seagh is nach deach na h-eadar-theangaidhean sin an cuir an clò mar a chaidh An Cheud Chaogad (ciad 50 sailm) agus leabhar a’ Cheist (Foirceadul Aithghearr Cheasnuighe) air a’ bhliadhna roimhe.  Carson? Chan eil e soilleir, ach is cinnteach gu bheil ceangal eadar seo agus an dìth-cheannadh MhicCailein Mhòir, 1661.  Thàinig cruadal chan ann a-mhàin air ceannardan nan Caimbeulach ach cuideachd air na ministearan clèireach ris an robh iad  a’ suathadh, a bha a’ fulang, gu ìre, o riaghaltas (1661-89) nach robh idir cho bàidheil ri clèirich mar a bha Gilleasbuig Gruamach agus na Cùmhnantaich a-roimhe (1639-61).  Thug seo an spionnadh às an iomairt foillseachaidh Chlèireach nach deach iad os a chionn gu 1767 nuair a chaidh an Tiomnadh Nuadh fhoillseachadh.[13] 

—o0o— 

Foghlam ann an Gàidhlig?

Ma bha cion sgriobturan Gàidhlig air Ghaidheil bha iad fhathast le gainneid phearsachan eaglais Ghaidhealach a dhèanadh mìneachadh air na soisgeulan Beurla dhaibh. Dh’ fheuch an Eaglais ri dèiligeadh ris an duilgheadas seo le bhith a’ feuchainn an dìcheall ministeirean le comasan Gàidhlig a bhuileachadh air a h-uile paraiste.  Bhathar an dùil gum biodh Gàidhlig aig leithid de dh’ oileanaich mas fhalbhadh iad a dh’ ionnsaigh cholaiste (cha robhte a’ teagasg Gàidhlig aig Colaiste no Oilthigh sam bith) – ach ciamar a rinn iad seo ?  Is ann air Beurla a bha an cuideam gu lèir a thaobh foghlaim-chloinne, agus bha sgoiltean Beurla (is Laideann) ri fhaighinn ann an diofar cheàrnaidhean dha na h-eileanan is na Gaidhealtachd o mheadhan na 17mh linn, bho Leòdhas gu Cinntire. Rinn an Urr. Dòmhnall MacFhionghuin sgrùdadh air na sgoiltean sin agus rinn e liosta de na sgoiltean ann an Earraghaidheal a sheall mar a bha iad air sìor sgaoileadh rè na seachdamh linn deug. An rèir MacFhionghuin bha 25 sgoil stèidhichte ann eadar Cinntire agus Leòdhas ann an 1698 agus, a thuilleadh air an sin, 14 sgoiltean a bhiodh a’ siubhail mun cuairt (ambulatory schools) agus 5 sgoiltean gràmair. B‘e Beurla is Laideann a bh’ air aire nan sgoiltean sin air fad gun ghuth air a’ Ghàidhlig.[14] Cha bu bheag a’ bhuaidh a bh’ aca sin ann a bhith a’ sìor dhaingneachadh na Beurla air feadh na Gaidhealtachd mar chainnt an fhoghlaim. Ach chithear boillsgidhean beag fiosrachaidh ann an Earraghaidheil, ge-tà, gu robh na h-oileanaich a bha an dùil diadhaireachd a thoirt a-mach aig Oilthigh ag ionnsachadh sgrìobhadh na Gàidhlig an toiseach anns na coimhearsnachdan aca fhèin (sin ann an an Earraghaidheil co-dhiù).

Chaidh Aonghas MacMhàrtainn à Lathurna fa chomhair an t-Seanaidh, 1659, is iadsan rudeigin diùmbach ann a bhith a’ toirt an tuilleadh taic dha gu faiceadh iad ‘what his progresse in Irish and other learning may be’ (ciamar a shoirbhicheadh leis ann an Gàidhlig is cuspairean eile).  Tha iomradh ann cuideachd gun tugadh fear cruinneachaidh an t-Seanaidh airgead, 80 merks, do Chailean Caimbeul, mac do Mhgr Ninian Campbell ann an 1659 a phàigheadh a chosgaisean fhads a bha e ‘with McMarquesse in Kintyre studeiing the Irish language’  (cuide ri MacMharcais an Cinntìre is e ri sgrùdadh na Gàidhlig).  Cheumnaich Cailean Caimbeul (is dòcha an aona dhuine) o Oilthigh Ghlaschu ann an 1662 ged nach eil lorg air an tuilleadh mu dheidhinn.   B’ e ‘McMarquesse,’ an eòlaiche air an robh e a’ tadhal, an duine air robh iomradh gu h-àrd an Ceann Loch ChilleChiarain, ‘Jon McMarques in Kintyr, ane old man and able in the Irish language…’  (Iain MacMharcais an Cinntire, seann dhuine, comasach ann an Gàidhlig) a bha a’ toirt comhairle dha na ministearan, Mgr Dùghall Caimbeul (MA Glaschu 1617), Mgr Iain Stiùbhart (MA Glaschu 1642) agus Mgr Dùghall Darach (MA Glaschu 1638) agus Mgr Daibhidh Simson (MA Cill-rimhinn, 1650) ann a bhith ag eadar-theangachadh na Sailm a chaidh fhoillseachadh anns An Cheud Chaogad (1659).  Shaoileamaid gur e seo Iain MacMharcais a bhuineadh de theaghlach bàird traidiseanta Ghaidhealach a bha air a bhith stèidhichte an Cinntire ceudan de bhliadhnachan. Leis gu robh e a’ treòireachadh cainnt nam ministearan, bha Iain seo na cheangal eadar an t-seanna Ghàidhlig agus an nua-Ghàidhlig a thigeadh am follais anns na ginealaichean a lean sin.[15] 

–o0o–

Luchd ionnsachaidh na Gàidhlig anns na 1650an anns an t-Seanadh

Chan eil e soilleir idir ciamar a bhathar a’ teagasg Gàidhlig do dh’ oileanaich ach bha gainneid mhinisteirean na dhragh cho mòr agus gu robh daoine leithid ‘David Simsone and Mr Johne Lindsay, learners of Gaelic’ a bha air ceumnachadh an Cill-Rìmhinn agus a bha air tighinn a-steach bho muigh agus a’ feuchainn ris a’ chànan a thogail. Bha aca ri deuchainn a ghabhail anns a’ chànan ann an 1659 fa chomhair Mgr Eòghann Camshron ministeir Dhùin Omhain (MA, Glaschu 1616), Mgr Alasdair MacGill’Eain, ministeir Strath Chura, agus Mgr Gilleasbuig Reid (MA, Glaschu, 1629), ministeir Lios Mòr. Bha an dithis seo, Lindsay agus Simsone, soirbheachail agus chaidh iad an ceann choitheanalan Ghaidhealach, mar mhinistearan, ann an Seanadh Earraghaidheal.[16] 

–o0o–

Taic oifigeil do mhinistearan le Gàidhlig

Bha na ministeirean agus an eaglais anns an fharsaingeachd, mothachail mu àite is feum na Gàidhlig a thaobh craoladh a’ chreidimh.  Ach bha seasamh is inbhe na Gàidhlig na chrois dhaibh. Tha fhios gu robh cion misneachd a thaobh àite na Gàidhlig air Ghaidhealtachd (rud tha soilleir leis nach b’i a’ Ghàidhlig a bha Gaidheil a’ cleachdadh gu bitheanta airson an cuid sgrìobhainnean ach a’ Bheurla). Agus cha robh cus suim aig daoine o mhuigh dhan Ghàidhlig. Tha seo ceangailt ris mar a bha cumhachd is saidhbhreas na dùthcha air a’ Ghalldachd agus air a riaghladh leis na Goill. B’ i a’ Bheurla cainnt na malairt agus an riaghaltas.  Tha a’ cheist tòrr mòr nas ioma-fhillte na sin agus bha foghlam cuideachd aig cridhe na cùise Chaidh rùintean an riaghaltais a chuir am follais ann an Gnìomh Phàrlamaid, 1616, is iad a’ moladh gun deidheadh foghlam na Beurla a choiteachadh air Ghaidhealtachd air adhbhar is gun deidheadh a’ Ghàidhlig a dubhadh às. Ach bhathar mothachail, a dh’ aindeoin sin, gu robh feum, ge b’oil leotha, air buill-eaglais le comasan an Gàidhlig.  Chaidh Achd a chuir tron Phàrlamaid ann an 1641 ag òrdachadh stìpinn o gach paraiste a bha gun mhinisteir a ghleidheadh airson a bhith a’ trèanadh òigridh aig an robh a’ Ghàidhlig gus taic a chumail riutha ann an sgoiltean agus colaistean.[17] Chuir Oilthigh Ghlaschu romhpa ann an 1641, mar phàirt dhan iomairt seo, gun cuireadh iad dà thrian de na bursaraidhean a bha aca ann an Damh na Diadhachd (4 à 6) air dhàrna taobh gus taic a chuir ri oileanaich Ghaidhealach.[18] Bha seo na thaic math ann a bhith a’ trèanadh mhinisteirean do nan sgìrean Ghaidhealach agus b’ ann an Oilthigh Ghlaschu a fhuair a’ mhòrchuid de mhinisteirean ann an Sgìre farsaing Earra-ghaidheal an cuid foghlaim rè na linne seo

Chithear liosta an seo de dh’ ainmean ‘inrolled boys’, balaich a bha air an clàradh le Seanadh Earraghaidheal air an dàrna latha dhan Dàmhair 1659 airson taic airgiod fhaighinn on t-Seanaidh gus an cumail aig an fhòghlaim. 

‘Neel Gillies, Ar[chibal]d Beith, Do[nald Moreson, Ar[chibal]d MacLachlan, Alex[ande]r Campbell, Ar[chibal]d (recte William?) Hendrie, Ar[chibal]d McIlvernock (alias Graham), Ard Lamount, Jon Stewart, Duncan MacArthour, Dugald Campbell, Ar[chibal]d Campbell, Alex[ande]r Cameron, John Campbell, Dunc[an] Campbell, Dunc[an] McOlbride (alias MacBride), James Campbell & John McLachlan’ 

Bha 18 de bhalaich ann – cuid a bha air ceumnachadh ann an 1659 agus cuid eile a bha dìreach a’ tòiseachadh anns na sgoiltean ionadail len cuid fòghlaim. Is e Gaidheil, is cinnteach, a bh’ anns a h-uile duine dhiubh sin. Chaidh a’ mhòr chuid dhiubh (12) nam ministearan. Chaidh 16 a-mach às an 18 dhiubh gu Oilthigh Ghlaschu rud a a’ tha a’ sealltainn, gu soilleir, an dàimh a bh’ aig Earraghaidheil ris an Oilthigh.  Chithear liosta dhiubh agus dhan fhianais orra le bhith briogadh ann an seo: Inrolled boys Synod of Argyll 1659.

Chaidh liosta eile de 22 ‘poor Highland scholar’ – sgoilearan bochda Ghaidhealach à Earraghaidheal a chuir fa chomhair an riaghaltas ann an 1661. Bha iad sin uile a’ faighinn taic on eaglais  gus a bhith a’ frithealadh Oilthighean.  Bha Uilleam Fisher à Dùn Omhain air fear dhiubh sin.[19] Bha Fisher air a’ cheathramh clas aig Oilthigh Ghlaschu ann an 1663 far an do choisinn e ceum M.A., agus chaidh a phòsadh mar mhinisteir ri coitheanal Dùn Omhain ann an 1669.[20] Rinn an Easbuig cùmhnant le Fisher a tha na shùileachan dhuinne air na bhathar an dùil ris na dhreuchd mar mhinisteir.  Bha seo ag ainmeachadh gu robh aige ri bhith a’ dèanamh  searmonan airson dà sheachdain ma-seach an Dùn Omhain ach gun fheumadh e bhith aig Cille Mhunan gach tritheamh Di-dòmhnaich. Bha an cùmhnant cuideachd  ag ainmeachadh gu feumadh e bhith a’ dèanamh searmonan anns a’ Bheurla agus anns a’ Ghàidhlig cho math ri obair cheasnachaidh, baistidhean, pòsaidhean agus gach nì eile. [21]  Cha b’e Gaidheal a bh’ ann an Easbuig nan Eilean, Raibeart Wallace (MA, Glaschu, 1631) à Cille Mhearnaig, rè na h-ama seo (1663-74). Ach bha Wallace mothachail air a dhleasdanas agus chuir e sgeama air bhog, san t-Sultain 1663, le taic on Phàrlamaid gus taic airgid a chumail ri sia sgoilearan agus sia oileanaich aig an robh ‘the Yrish toung’ (a bhruidhinneadh na Gàidhlig). Gheibheadh grunnan mhath de na h-oileanaich a bha a’ tighinn dhan Oilthigh leis an taic seo, an cuid foghlam ann an Glaschu.[22] 

–o0o–

Ionmhas agus teisteanasan nan Oileanach

Bha ionmhas na dhuilgheadas do dh’ oileanaich (rud nach eil ag atharrachadh ge b’ e dè an linn).  Gus airgead a chumail ris na h-oileananaich aca, bha Clèir Sheanadh Earraghaidheil a’ togail airgead o sgìrean a bha gun mhinistearan agus a’ cleachdadh an teachd a-steach sin gus taic a chumail riutha aig an Oilthigh.   Tha tòrr fianais ann air a’ chleachdadh seo ann an tasg-lannan – bhon seachdamh linn deug suas gu ruige an naoidheamh linn deug, oir bhiodh na h-oileanaich a’ toirt bann-cuidhteas phàipeir seachad nuair a gheibheadh iad taic agus chaidh mòran dhan na bileagan sin a ghlèidheadh. Tha dealbhan agus tàr-sgrìobhainn gu h-ìosal de cheithir litrichean a tha nan eisimpleir air an seòrsa fianais a chithear anns na tasg-lannan.

–o0o–  

1. Litir a’ ceadachadh taic-airgid de Dùbhghall Bannatyne, Oileanach (agus freagart), 1696-7.

ICA Bundle 57_D Bannatyne_GU student 1692-95

Pàipearan Earraghaidheal, bundle 57. An litir seo air a chleachdadh le cead fialaidh on t-Uasal urramach, Diùca Earraghaidheil, Caisteal Inbhir Aora (Argyll Papers, bundle 57. Reproduced by kind permission of His Grace the Duke of Argyll, Inveraray Castle)

Tàr-sgrìobhainn dhan litir gu h-ìosal.

<At Inveraray, the 27 of October, 1696.

The Synod appoints Mr Alex[ande]r Duncanson, receiver, to pay to Mr Dugald Bannatyne, student of theologie, the sowme of fourty, lib[re]s money, Scots as the remainder of the salarie from the term off Mertinmes [sixteen] nintie four to Mertinmes nintie five years, extractum per me.

Daniel Campbell, Cl[ericu]s Synod.

Ed[inbu]r[gh] 1st April 1697

Sir, Be be pleased to pay the contents of the a[bove?] writ[ten?] precept to Colin Campbell, baillie in Inveraray, having received the valew (?) here by his order. Pray, make thankfull pay[men]t and this, w[i]t[h] his rece[i]pt shall be sufficient discharge of the premisses. This from, Sir, your humble servant, Dug[ald] Bannatyne.>

Chithear lorg air Dùghall Bannatyne ann an clàraidhean an Oilthighe anns a’ Ghearran 1692 agus shaoileamaid gur e seo an aona dhuine sa th’anns an litir seo (ged is ann an Dùn Èideann a chaidh an litir, gu h-àrd a sgrìobhadh). Chaidh Dùghall na mhinistear ann an sgìre Ghaidhealach Chille Mhuire ann an Eilean Arain ann an 1701 agus lean e na mhinisteir an sin gun do chaochail e ann an 1748.[23] 

–o0o–

2. Litir mar theisteanas, a moladh oileanach

Tha an litir seo, gu h-ìosal ga sgrìobhadh (1710) o Ard Oll. na diadhachd an Oilthigh Ghlaschu, Iain Simson,  mar theisteanas as leth dà oileanach seo, ‘Macleod’ agus ‘Beaton,’ gus am faigheadh iad an tuilleadh taic airson crìoch a chuir air an cuid fòghlaim. Chaidh an litir a cuir gu ruige ministeir Shlèite, Mgr Aonghas MacCuinn.  Dheidheadh an litir seo a thoirt fa chomhair a’ Chlèir gum breithnicheadh iad air a’ chùis. Chan eil e ro shoilleir cò na h-oileanaich a bha seo agus chan eil boillsgeadh air oileanaich leis an t-sloinneadh seo ann an clàraidhean na h-Oilthigh mun t-àm.  Ach tha dithis ann leis na h-aona ainmean ann an clàraidhean na h-eaglais mun t-àm. Bha fear ‘Kenneth Bethune,’ no Coinneach Peuton, (‘Beaton’ is dòcha) air a cheadachadh gus a dhol dhan chùbain le clèir an t-Eilean Sgitheanach ann an 1714 agus chaidh e na mhinisteir an CilleMhuire ann an Tròndairnis.   Tha lorg cuideachd air fear Tormod Macleòid a thòisich an dreuchd mhinisteir mun t-àm seo. Bha e na mhinisteir anns an t-Srath (1715) agus an uairsin ann an Diùirinis (1717-).[24]  Airson geàrr-fhiosrachadh air an t-Oll Simson air an ‘University of Glasgow Story’, briogaibh an seo.

Seo dealbh agus tàr-sgrìobhainn dhan litir seo, teisteanas bhon t-Àrd Oll. Iain Simson, 1710.

ICA Bundle 571_Gl'w College 1710 Macleod & Beaton

An dealbh seo air a chleachdadh le cead choibhneil an t-Uasal Urramach, Diùca Earraghaidheal, Caisteal Inbhir Aora /  Argyll Papers Bundle 571. By kind permision of His Grace the Duke of Argyll, Inveraray Castle.’

ICA, Bundle 571. [Endorsed] Testimonial of the Professor of Divinity in Glasgow 1710, in favour of messrs Beaton & Macla[ud]

[to the] Min[iste]r of the Gospel in Sleat in Sky.

<R[y]t & Rev[eren]d (?)

I send this with Mr Beaton & Mr McClaud who have attended the lessons of divinity carefully & diligently & behaved themselves orderly & christianly so far as I have observed or heard & I am hopefull will in due tyme prove usefull to the church upon which account I thing they deserve to be encouraged by continuing which was allowed them & encreasing it if possible, that they may be enabled to attend the whole session of the college & so may be the sooner ready for service. They have stayed as long this session as their money could allow considering how dear every thing is. This with my best wishes to the Revere[n]d bretheren of your pre[s]bytrie, from,

Glasgow College, Apr. 27 1710

Ryt & Rev (?), your affectionate Br[other ?] & servant,

Jon Simson.>

 –o0o–

3.  Litir bho Sheanadh Earraghaidheal gu Seanadh is Oilthigh Ghlaschu, 1703.

Tha ceithir litrichean bho chlèirean Chinntire agus Inbhir Aora, 1703-1711 air an gleidheadh ann an tasg lann an Oilthigh, a’ faighneachd am faigh oileanaich Ghaidhealach o Earraghaidheal taic airgid bho Sheanadh agus Oilthigh Ghlaschu.  Seo dealbh agus tàr-sgrìobhain de dh’ aonan dhiubh, gu h-ìosal, a chaidh a sgrìobhadh as leth oileanach le Gàidhlig, Donnchadh Caimbeul à Ros-choille, sgìre Chille Mhàrtainn, ann an 1703.

GUA 471 - Campbell of Raschallie (1703) a

An dealbh seo air a chleachdadh le cead bho thasg-lann Oilthigh Ghlaschu (©University of Glasgow Archive Services), GB0248, GUA, 471.

Air cùlaibh na litreach: ‘Act in favour of Duncan Campbell, 1703’

<At Invera[ra]y, the 18 Oct[ob]er 1703

They Synod takeing to th[ei]r considera[tio]n th[a]t Duncan Campbell, son to Raschallie, one of the inrolled students is to enter the magistrand class this winter and that though hitherto they assign[ne]d him to prosecut[e] his studies that now the have no fund but scaircely mantaines th[ei]r proba[tio]ners and th[a]t the venerable Synod of Glasgow and resolved, conforme to the Act of Assemblie, to maintaine some students th[a]t have the Irish language & th[a]t the correspondent from Glasgow informes th[a]t the Synod of Glasgow are satisfied to ma[i]ntaine some bursers th[a]t this Synod shall recom[m]end to him. And, haveing severall tymes both now & formerly examined Duncan Campbell a[nno] n[ost]r[u]m (?) and finding th[a]t he is a hopefull youth piousely inclined & resolved to follow his studies for the mini[st]ry doe theref[o]r recommend him to the Synod, Presbyterie and Colledge of Glasgow to inroll him as one of the bursars for the Irish language, Extracts per me.

Daniel Campbell, Cl[ericu]s Synod>

B’ e dàrna mac do dh’ Alasdair Caimbeul (chaochail 1685), fear Ros-choille an Earraghaidheal (‘Raslie’ a-nis ann am Beurla faisg air an Cille Mhàrtainn) a bh’ ann an Donnchadh seo. Thàinig a bhràthair bu shine, Pàdraig, a-steach air oighreachd athair. Tha lorg air Donnchadh Caimbeul mar oileanach anns an treas bliadhna aig Oilthigh Ghlaschu, 1702, agus seo e ann am bliadhna ‘magistrand’, am bliadhna mu dheireadh dhe cheum, ann an 1703. Bha Seanadh Earraghaidheal ag iarraidh gun toireadh an Oilthigh agus clèir Ghlaschu taic dhan Chaimbeulach airson a’ bhliadhna mu dheireadh agus iad fhèin le cion ionmhais. Chaith Donnchadh Caimbeul beagan ùine an Dùn Èideann an dèidh dha ceumnachadh o Ghlaschu ach thill e dhachaigh a dh’ Earraghaidheal gu bhith na mhinisteir ann an sgìre Chille Chrèanain, 1710. Dh’ fhalbh e às an seo gu coitheanal Chille Mhàrtainn ann an 1724 agus dh’ fhan Mgr Donnchadh an sin gun do chaochail e, 1736.[25] 

–o0o–

4. Litir bho Seanadh Earraghaidheal gun Oilthigh as leth Iain MacThàmhais, 1830

Dealbh agus tàr-sgrìobhainn gu h-ìosal.
ICA Bundle 563_Gl'w Uni 1830 John MacTavish

An dealbh seo air a chleachdadh le cead choibhneil an t-Uasal Urramach, Diùca Earraghaidheal, Caisteal Inbhir Aora / Argyll Papers Bundle 563. By kind permision of His Grace the Duke of Argyll, Inveraray Castle.’

<Unto the Rev[eren]d the committee of b[ounty] of the Synod of Argyle, the petition of John MacTavish.

Humbly sheweth, that he has attended one session at the University of Glasgow and intend[s] taking licence as a probationer of the Church of Scotland.  That he requests the Reverend Committee to transmit to the Reverend Synod his proposal to be examined upon Greek and Latin with a view to his obtaining one of their bursaries and (?) gave (?) petitions as in duty bound, shall ever pray.

Inveraray, 4th August 1830, John Mactavish.>

Rugadh Iain MacThàmhais ann an Eilean Dhiùraidh, 1816. B’ e mac a bh’ann do Mghr Gilleasbaig MacTàmhais, ministeir ann an Siorrachd Earraghaidheil.  Fhads a bha e aig an Oilthigh bha e air a’ chiad comataidh riamh a bh’ aig a’ Chomann Oiseanach, 1831-2 agus bha e a’ frithealadh choinneamhan suas gu ruige 1835.  Bha Mgr Iain MacThàmhais, is dòcha an duine seo, cuideachd na rùnaire aig a’ Chomann Oiseanach, 1837-39. Chaidh e dhan Eaglais Shaor an dèidh an Sgaradh Mòr, 1843.  Bha e na mhinisteir na h-Eaglaise Saoire am Baile Chaolais, 1844-52. Leig e dheth a dhreuchd ann an 1852 gus a dhol cuide ri  300 eilthireach às a’ choitheanal aige a thog orra null a dh’ Àstràilia.  B’fheudar dha an t-soitheach sin fhàgail an Corcaigh an Èirinn, ge-tà, leis gu robh cunnart ann o ghalar a’ bhreac. Chaith e ùine na mhinistear ann an Canada agus bha e na Mhoderàtor air an t-Seanadh aca anns an dùthaich sin. Thill e gu coitheanal Inbhir Nis, 1876 agus dh’ fhuirich e ann an sin gun do chaochail e, 1897. [26] 

————————————————————————————————–
NOTAICHEAN

—————————————————————————————————

[1] A.L. Brown & M.Moss, The University of Glasgow:1451-1996 (Edinburgh University Press,1996), 7-9.

[2] C. Innes, ed., Munimenta Alme Universitatis Glasguensis [MAUG] (4 vols., Maitland Club, 1854), iii, 3-24, 60-95.

[3] D. Murray, ‘Ninian Campbell, Professor of Eloquence at Saumur, minister of Kilmacolm and of Rosneath’, Scottish Historical Review, 18 (1921), 183-198. N. Campbell, A Treatise upon death. First publickly delivered in a funerall sermon, anno do. 1630, and since enlarged by N.C., preacher of God’s Word in Scotland at Kilmacolme in the Baronie of Renfrew (Edinburgh, 1635).

[4]  J.E.A. Dawson, The Politics of Religion in the Age of Mary Queen of Scots. The Earl of Argyll and the Struggle for Britain and Ireland (Cambridge, 2002), 17 (& note 21), 24.  Bha iarlan Chaimbeulach Earraghaidheil uile nam Pròstanaich daingnean ach Gilleasbaig Gruamach (7mh Iarla) a-mhàin, a chuir dheth a chreideamh uaireigin eadar 1611 agus 1618, nuair a chaidh iompachadh chun chreideamh Chaitligeach. Chuir a’ chinnidh fhèin cùlaibh ris air shàillibh seo is b’ fheudar dhan 7mh iarla a chasan a thogail leis a-mach à Alba. Chaith e chorr de bheath na eilthireach ann an Fhlanrais agus Lunnainn far an do chaochail e, 1641. B’e buill Phròstanach dhan fhine agus a mhac, am Marcas, a bha a’ riaghladh a’ chinnidh na àite (1618-1641). A. I. Macinnes, The British Confederate. Archibald Campbell, Marquis of Argyll, c. 1607-1661 (Edinburgh, 2011), 52-3, 63.

[5] J. Durkan & J. Kirk, The University of Glasgow, 1451-1577 (Glasgow, 1977), 359, 375.

[6]  Durkan & Kirk, The University of Glasgow, 1451-1577, 360. D.C. Mactavish, ed., The Minutes of the Synod of Argyll, 1639-1661 (2 vols, Edinburgh, 1943-44), i, 93, 98, 119. H. Scott (et al), Fasti Ecclesiae Scoticanae [FES] (8 vols., Edinburgh, 1915-50), iv, 9.

[7]  MacGregor, M., ‘The Statutes of Iona: text and context,’ in the Innes Review, 57 (2006), 111-181. Durkan & Kirk, The University of Glasgow, 1451-1577, 381.

[8]  R. Black, ‘A provisional handlist of printed Gaelic books, 1567-1800,’ ann an Scottish Gaelic Studies, 25 (2009), 35-94, at 43-45. D.S. Thomson, The Companion to Gaelic Scotland (Glasgow, Gairm, 1994), 23-24, 109. Airson fios mu phàtranan creideamh air a’ Ghaidhealtachd seallaibh A.I. Macinnes, Clanship, Commerce and the House of Stuart, 1603-1788 (East Linton, 1996), 247-249.  

[9]  MacTavish, Minutes of the Synod of Argyll, Imleabhar, i, 173, 185, 222-3, Imleabhar, ii, 3, 15, 35, 98, 145-6, 177, 199, 200.

[10]  Dh’ eadar-theangaich Mgr Eòghann ‘A brief sum of human doctrine’ (nis air chall) agus pàirt de leabhar aithghearr nan ceist mun am seo.  B’ ann air a bha uallach Leabhar na Ceist (Foirceadul) a chuir dhan chlò ann an 1652. Rinn e cùmhnant le MacCailean Mòr, 27 Dàmhair 1642 aig Inbhir Aora, far an do gheall an Caimbeulach taic do mhac Mhgr Eòghann seach gu robh e ‘at the schools and is of good expectation to be a scholar and may be profitable in the Highlands if he be kept at school, should Mr Ewine die before expiry of the said period…     ….the superplus of the stipend at Dunoon and Kilmund is to help in the training of the said boy in school…’  H. Scott, Fasti Ecclesiae Scoticanae (8 vols, Edinburgh, 1915-50) [FES], iv, 23, 49.  Inveraray Castle Archive [ICA], Argyll Transcripts [AT], xii, 162.   MacTavish, The Minutes of the Synod of Argyll , Imleabhar, i, 160.  173, 222-3.  Imleabhar, ii, 35,15. Register of the Privy Council of Scotland (3rd Ser.),  [RPCS], vol. viii, 414.

[11] MacTavish, ed., The Minutes of the Synod of Argyll, 1639-1661, imleabhar, i, 185, 273, 187, 193, 222-3.   Imleabhar, ii, 2, 3, 15, 35, 98, 105, 145-6, 163, 177, 185, 199, 203, 211, 224. 

[12] MacTavish, ed., The Minutes of the Synod of Argyll, 1639-1661, ii, 224. Am fiosrachadh mu choitheanalan agus foghlam gach ministear bho: FES, iv, 5-6, 9, 13, 16, 27, 28-29, 30-31, 34, 44, 49, 60, 66, 100, 114. FES, vii, 333-4. MAUG,  iii, 72, 99, 103, 106.  Chithear tuilleadh mu thùsan fiosrachaidh airson na ministearan sin, an cuid coitheanalan agus an Oilthigh le bhith a’ briogadh air a cheangal seo: Eadar-theangachadh & a’ Bhiobull 1660.

[13]  R. Black, ‘Gaelic religious publishing, 1567–1800’ Scottish Gaelic Studies, 24 (2008), 73-86. David Stevenson, ‘Campbell, Archibald, ninth earl of Argyll (1629–1685)’, Oxford Dictionary of National Biography, Oxford University Press, 2004; online edn, Oct 2005 [http://www.oxforddnb.com/view/article/4473, accessed 19 Aug 2014]. A.I. Macinnes, The British Confederate. Archibald Campbell, Marquess of Argyll, 1607-1661 (Edinburgh, 2011), 291-3, 302-303. F. A. Macdonald, Missions to the Gaels. Reformation and Counter Reformation in Ulster and the Highlands and Islands of Scotland, 1560-1760 (Edinburgh, 2006), 101, 120, 122, 127-8.

[14] Rev. Donald Mackinnon, ‘Education in Argyll and the Isles, 1638-1709’ ann an Records of the Scottish Church History Society, 6 (1938), 46-54. 

[15]  C. Ó Baoill, ‘Domhnall Mac Mharcuis,’ Scottish Gaelic Studies, 12 (1976), 183-193, aig 184-5. MacTavish, ed., The Minutes of the Synod of Argyll, ii, 204, 212.  Murray, ‘Ninian Campbell, Professor of Eloquence at Saumur,’ 197. Bha Cailean, mac Mhgr Ninian, a’ frithealadh Oilthigh Ghlaschu ann an 1647-48, mar oileanach air a’ cheathramh bliadhna. MAUG, iii, 62. Thàinig leudachadh mòr anns an àireamh de sgoiltean an Earraghaidheal mu dheireadh na 17mh linn agus iad anns a h-uile sgìre. ICA, Bundle 539. FES, iii, 362.

[16]  MacTavish, ed., Synod of Argyll Minutes, ii, 28, 94, 224. FES, iv. 

[17]  MacGregor, M., ‘The Statutes of Iona: text and context,’ 145-6, 175-6. V.E. Durkcacz, The Decline of the Celtic Languages. A Study of Linguistic and cultural conflict in Scotland, Wales, Ireland, from the Reformation to the Twentieth Century (Edinburgh, 1983),  1-37. A. MacCoinnich, ‘Where and how was Gaelic written in late medieval and early modern Scotland? Orthographic practices and cultural identities’, ann an Scottish Gaelic Studies, 24 (2008), 309-356, aig 318-322 & notes 30-38. RPCS (1st ser), x, 671-672. The Records of the Parliaments of Scotland to 1707, K.M. Brown et al eds (St Andrews, 2007-2013), 1644/6/211. Date accessed: 7 October 2013. http://www.rps.ac.uk/trans/1644/6/211

[18]  MAUG, ii, 460-461.

[19]  RPCS (3rd ser.), i, 21-22.   Chithear cuideachd iomadach iomradh air oileanaich ann an feadh chlàraidhean an t-Seanaidh, MacTavish, ed., The Minutes of the Synod of Argyll, 1639-1661 (2 vols., Edinburgh, 1943-44).  

[20]  MAUG, iii, 114. FES, iv, 23, 335.

[21]  ‘[…] he is to preach 2 Lords days at Dunoon and the 3rd by turns at Kilmund and that in the Irish and English services whereby the people speaking the Irish tongue may be edified and instructed and to baptize, marry, catechise and exercise all duties incumbent on a minister…’ ICA, AT, xiv, 660.

[22]  MAUG, i, 378-9. FES, vii, 350.

[23]  MAUG, iii, 150. FES, iv, 62.

[24] FES, vii, 168, 171, 182.

[25] Is e ‘GUA 471’ an litir air a bheilear a’ beachdachadh an seo. Is iad seo, GUA 459, GUA 469, GUA 470, na h-iomraidhean-sgeilfe airson na trì làmh-sgrìobhainnean eile leithid seo ann an Tasg-lann Oilthigh Ghlaschu. Tha an tuilleadh fios mu Chaimbeul ga thoirt à: FES, iv, 14, 92; MAUG, iii, 174-5. G.H. Johnston, The Heraldry of the Campbells, volume 2 (Edinburgh, 1921), 40-41. J.R.N. Macphail, ed., Highland Papers, iv (Edinburgh, 1934), 75.

[26]  FES, iv, 76. W.I. Addison, The Matriculation Rolls of the University of Glasgow from 1728 to 1858 (Glasgow, 1913), no. 12546. Glasgow University Library, Special Collections, MS Gen 1363/4, 85, 118-130.

Leave a Reply