18mh linn – Seumasaich, Cuigsich is ‘Gaidheil’

An saoghal phoileataigeach san fharsaingeachd

Tha e duilich a bhith a’ smaoineachadh mun ochdamh linn deug ann an co-cheangal ris a’ Ghaidhealtachd gun a bhith a’ toirt beachd air gnothaichean phoileataigeach. B’e seo linn an t- ‘Aonaidh,’ 1707, nuair a chaidh am Pàrlamaid an Dùn Èideann a dhubhadh às, agus far an robh còmh-strì agus cogaidhean fuilteach an Alba, 1689-90, 1715, 1719 agus 1745, ceangailt ri teaghlaichean nan rìghrean. B’ ann air thàillibh ain-fhois leis an Aonaidh (gu ìre, co-dhiù) agus an comh-strì eadar luchd-taic nan Seumasach agus luchd-taic nan Hanobhèirianach (na Cuigsich no na Seòrasaich) a bha an aimhreit – is gach buidheann ann an tuasaid mu rìgh-chathrach Bhreatainn. Fhuair grunnan Ghaidheil a bha a’ sabaid ann an gach buidheann anns an iomairt Seumasach mu dheireadh, 1745-46, foghlam an Oilthigh Ghlaschu leithid, An Triath Seòras Moireach, Dòmhnall Camshron, fear Loch Iall, Sìm Friseal (mac MhicShimidh), agus Alasdair Dòmhnallach na Ceapaich uile air taobh nan Seumasaich. Chaidh Alasdair Dòmhnallach, fear na Ceapaich, a mharbhadh aig Cuil Lodair. Bha meall de Chaimbeulaich agus co-dhiù dithis a fhuair foghlam aig Oilthigh Ghlaschu, Uisdean MacAoidh (mac fear Bhìoguis), agus Uillleam Ros (mac fear Bhaile Ghobhain) a’ sabaid air an taobh eile.

Morier_Culloden_(c) Royal Collection

Dealbh de bhlàr eadar Seumasaich is an t-Arm Dearg, 1745-46 air a tharraing le David Morier, 1746. Bha Morier air a phàigheadh leis an Diùca Cumberland, mac an Rìgh Seòras, a bha an ceann nam feachdan dearga. Thathar a’ smaoineachadh gun tàinig air prìosanaich Ghaidhealach seasamh air beulaibh an neach-ealain fhads a bha e a’ tarraing an dealbh seo. Tha dreach tùsail an dealbh seo ann an cruinneachadh Ealasaid, Ban-rìgh Bhreatainn (1952-). Tha an dealbh air a chleachdadh ann an seo le cead bho Urras a’ Chruinneachdaidh Rìoghail mar a leanas: David Morier, ‘An Incident from the Rebellion of 1745′ (RCIN 401243). Royal Collection Trust/© Her Majesty Queen Elizabeth II 2014.  Chaidh an dealbh a’ luchdadh (le cead) bhon làrach-lìn seo (a leanas): <http://www.royalcollection.org.uk/collection/401243/an-incident-in-the-rebellion-of-1745>.

Bidh fios aig na h-uile air mar a bhuannaich na Hanobhèirianach am blàr mu dheireadh an Cuil Lodair (agus, le sin, an cogadh air fad) agus mar a chùm iad saoghal nan Gaidheal fon spòg ri linn sin le fòirneart is làmhachas làidir. Tha an cogadh seo, 1745-46, gu math tric air fhaicinn mar dheireadh seann saoghal na Gaidhealtachd. Ghabh Riaghaltas Bhreatuinn dìoghaltas cruaidh agus an-iochdmhor an aghaidh nan Gaidheal ri linn a’ ghliog a chuir na Seumasaich nan glùinean ann àm Bliadhna Theàrlaich. Chaidh cuir às do chumhachd nam fineachan. Sin, co-dhiù, aona shealladh, ro-shìmplidh, air gnothaichean, ach bha cùisean mòran na bu thoinnte na sin. Bha gu leòr Ghaill (daoine aig nach robh Gàidhlig) a’ toirt taic do na Seumasaich, agus, mar a chì sinn, bha gu leòr de luchd labhairt na Gàidhlig a’ toirt taic dhan na Cuigsich (no Whigs), mar a theireadh iad de luchd-taic teaghlach Hanòbhar. Ach a dh’ aindeoin’s gu robh luchd taic aig gach taobh on Ghalldachd cho math ris a’ Ghaidhealtachd, b’ e na coimhearsnachdan Gaidhealach a bu mhotha a dhìoghal air. Chaidh cuir às do sheann shaoghal nam fineachan ri linn 1746 agus chaidh lùghdachadh mòr a thoirt air cumhachd nan ceann-cinnidh (agus, nas cudromaiche, co dhiù, an dàimh eadar fine is ceannard).[1] Sin na bha a’ dol anns an t-saoghal mhòir is air a’ Ghaidhealtachd. Is e a’ cheist a tha romhainn air an duilleag seo, ge-tà, cò na Gaidheil a bh’ aig Oilthigh Ghlaschu ri linn nan Seumasach (agus às dèidh sin) rè na h-ochdamh linn deug)?

 –o0o–

Alasdair mac Mhaighistir Alasdair

Bhathar ag radha gu robh Alasdair mac Mhaighistir Alasdair, c. 1698-c.1770, am bàrd ainmeil a’ frithealadh chlasaichean an Oilthigh Ghlaschu aig fìor thoiseach na h-ochdamh linn deug – is dòcha, fiù, mu àm an t-Aonaidh, 1707. Tha cuid gan bheachd gu robh e air aon de na bàird a b’ fheàrr a bh’ againn a-riamh. GUL Sp Coll_Ais eiridhB’ e Seumasach a bh’ ann chun an smior is bha a bhàrdachd a’ cur cùl-taic làidir do chùis nan Seumasach agus e a’ magadh air Seòrasaich ged a b’ ann Gaidhealach, Gallda no Gearmailteach a bha iad. Dh’ fhoillsich e leabhar de dhàin Gàidhlig fon cheann, Ais-eiridh na Sean Chánoin Albannaich, no, An Nuadh Òranaiche Ghaidhealach, 1751, a’ chiad leabhar saoghalta de leithid a chaidh a-riamh a chuir an clò an Gàidhlig na h-Alba.  Bha e loma-làn de bhàrdachd nàdarr mìorbhaileach, tlachdmhor, agus, air uairean drabasta. Ach chithear, nas motha na rud sam bith eile, gu bheil teachdaireachdan Sheumasach ann o cheann gu ceann dhan leabhar – rud a bhiodh a’ brosnachadh a chùis aige fhèin agus a’ cur uamhas is iomgain air a nàimhdean Ghaidhealach.[2]

Dealbh de dhuilleag-aghaidh ‘Ais-eiridh’ a chaidh fhoillseachadh ann an 1751. Chithear dà leth-bhreac dheth ann an Special Collections, Leabharlann Oilthigh Ghlaschu. Thathar fada an comain an leabharlann airson cead an dealbh seo a chleachdadh.

Bha Alasdair eòlach air an t-seanna chainnt, a’ Ghàidhlig Chlasaigeach, a bha air a cleachdadh air fearann Chlann Raghnaill anns na linntean a dh’ fhalbh, ach cha b’ ionnan sin buileach agus cainnt laitheil a latha fhèin. Cha robh dad ann an clò ann an Gàidhlig na h-Alba mar a bha i air a labhairt (a bharrachd air an fhaclair beag a dh’ fhoillsich e fhèin ann an 1741) a shealladh do dh’ Alasdair ciamar a sgrìobhadh e na nua-Ghàidhlig Albannaich. Rinn Mac Mhaighistir Alasdair làmh-sgrìobhainn, is dòcha uaireigin tràth anns na 1740an, far a bheil notaichean a’ sealltainn gu robh e a’ tarraing eisimpleirean à gràmairean Èireannach (ged a tha cuid de sgoilearan air ceist a thogail an e e fhèin ga-rìreamh a sgrìobh seo). Tha earrann inntinneach cuideachd aig deireadh na làmh-sgrìobhainn far am faicear beagan de dhàin a bhàird sgrìobhte, is dòcha, le làmh a’ bhàird fhèin.GUL SP MS Gen 9 Oran nam fineachan G - detail

‘Oran na Fineachan Gaidhealach’ (deas) ann an làmh Mhic Mhaighistir Alasdair fhèin? GUL, Special collections, MS Gen 9. An dealbh air a chleachdadh le cead o Leabharlann Oilthigh Ghlaschu.

Chan eil e soilleir ciamar a fhuair an t-Àrd Oll. Tòmas Reid, feallsanaiche ann an Oilthigh Ghlaschu, grèim air an làmh-sgrìobhainn seo, ach b’ e Reid a bhuilich  e air Leabharlann Oilthigh Ghlaschu ann an 1773. Tha beagan de na dàin a nochd ann an Ais-eiridh (1751) anns an làmh-sgrìobhainn seo, ‘Moladh Móraig’ agus ‘Òran nam Fineachan Gaidhealach’ nam measg.[3]  Is math dh’ fhaoidte gur e ceanglaichean leithid seo ri Mac Mhaighistir Alasdair an fheadhainn as follaisiche eadar Oilthigh Ghlaschu agus a’ Ghaidhealtachd rè na h-ochdamh linn deug air a’ chiad sealladh. Bheir an eachdraidh a leanas sùil air na Gaidheil aig an Oilthigh agus dè bha fa-near dhaibh rè na h-ochdamh linn deug. Cò iad, is an robh iad nan Seumasaich mar a bha Alasdair?

 –o0o–

Cò bh’ anns “na Gaidheil”?

Faodar tòiseachadh le ceist bheag mu fhèin-aithne a tha a’ coimhead rudeigin àraid air a’ chiad sealladh: cò a bh’ anns “na Gaidheil”? Nuair a thòisich an Comann Oiseanach coinneachadh gus deasbad aig Oilthigh Ghlaschu ann an 1831 bha iad a’ sireadh raon farsaing de dhiofar chuspairean air am biodh iad a’ bruidhinn. Bha aon cheann-còmhraidh gu robh iad a’ tilleadh a-rithist agus a-rithist ge-tà: sin bliadhna Theàrlaich, 1745-46. Bha iad deaghail air a bhith a’ cagnadh air a’ cheist – ‘an robh e ceart do na Gàidheil èiridh cuide ri Prìonnsa Teàrlach Ìomhair Stiùbhart?[4] 

 MS Gen 1363 Taobh Duill 043 (aona earrann-duilleig)

Earrann à duilleag de leabhar a’ Chomuinn Oiseanach, 1833, gu h-àrd, is iad a’ togail puing-deasbaid: “A cheist – An Robh na Gaedeil ceart an eirigh suas le Prionnsa Tearlach Iomhair Stiubhart.?” An dealbh seo air a chleachdadh le cead o roinn Special Collections de Leabharlann Oilthigh Ghlaschu, MS Gen 1363/43.

Tha fhios gum biodh beachdan gu leòr ann an leithid de dheasbad aig Iain MacChoinnich à Geàrrloch (1806-48) a bha ag obair ann an oifis a’ phriontar aig Oilthigh Ghlaschu agus a chaidh a leigeil a-steach mar bhall urramach dhan Chomunn ann an 1834. Eachdraidh a Phrionnsa - duilleag aghaidh 2Bhuilich Iain leth-bhreac dhan An Nuadh Oranaiche Gaelach (no ‘Ais-èiridh na Sean Chánoin Albannaich’), leabhar Mhic Mhaighistir Alasdair (1751), air a’ Chomunn.[5] B’ e Iain MacChoinnich seo fear deasachaidh Sàr Obair nam Bàrd Gaidhealach (1841) agus Eachdraidh a’ Phrionnsa (1844) agus bha an t-ùghdar ga ainmeachadh fhèin mar bhall urramach don Chomunn Oiseanach air duilleag-aghaidh Eachdraidh a’ Phrionnsa. Tha e cuideachd, bho cheann gu ceann dhan leabhar seo, a’ bruidhinn air ‘na Gaeil’ airson airm Theàrlaich Stiùbhairt a chomharrachadh.

Duilleag-aghaidh à leabhar Iain MhicChoinnich, ‘ball-urramach de Chomunn Oisianach Ghlascho’, 1844.

Tha e inntinneach gu robh MacChoinnich a’ dèanamh seo ged a bha e mothachail gur e ceann-feadhna ‘Gaidhealach’, Iain Ruadh nan Catha, a bha an ceann feachd nan Hanoibhèirianach an aghaidh nan ‘Gaidheal’. B’ e seo Iain Caimbeul, dara Diùc Earraghaidheal, ceannard Chlanna Caimbeul, agus gu leòr ga luchd a dhùthcha na chois san iomairt. Ach an rèir Iain MacChoinnich, b’ ann a’ stiùireadh feachdan ‘nan Sasannach’ agus ‘na Machraich’ (muinntir na Galldachd), a bha MacCailein Mòr an aghaidh ‘na Gaidheil.’ Bha ‘na Gaidheal,’ dhà MacChoinnich, co-ionnan ri Seumasaich o cheann gu ceann dhan leabhar (ged a bha e mothachail gu robh Gaidheil eile an aghaidh seo), agus tha fhios gu bheil sin na shamhla air na deasbadan a bha a’ dol am measg Ghaidheil san naoidheamh linn deug anns a’ Chomunn Oiseanach cuideachd.[6]

Agus cha b’ e an MacChoinnich agus an Comunn Oiseanach anns na 1830an na h-aona fheadhainn a bha a’ faicinn ionnanachd eadar Gaidheil agus na Seumasaich. Chithear gu robh daoine aig an t-àm (1745-6) ann an saoghal na Beurla a’ bruidhinn air ‘Highlanders’ mar ainm do dh’ airm Theàrlaich Ìomhhair Stiùbhairt. Nuair a bhathar a’ bruidhinn air luchd labhairt na Gàidhlig a bha a’ toirt taic do Sheòras, air an làimh eile, bhathar ag ainmeachadh gach buidheann len ainm fhèin fa leth, gu math tric, leithid Granndaich, Rothaich no ‘Argyllshire men’, fir Earraghaidheil, seach a bhith gan ainmeachadh mar ‘Ghaidheal’ no ‘Highlanders’.[7] Is e pàirt dhan t-adhbhar airson seo gu robh na Seumasaich, ge b’e Gallda no Gaidhealach – agus fiù am Prionnsa Teàrlach fhèin, gan còmhdachadh fhèin anns a’ bhreacan agus a’ gabhail ri ìomhaigh ‘Ghaidhealach:’ fa chomhair na sùla, co-dhiù.[8]

–o0o–

Baile Ghlaschu, Oilthigh Ghlaschu agus na Seumasaich

Bha Baile Ghlaschu fhèin na bhaile sàr Chuigseach, taiceil do na Clèirich, agus cha robh cus anns an sgìre idir taiceil ri teaghlach rìoghail nan Stiubhartach a-riamh o àm na Cùmhnantaich, an t-Ath-Aiseag agus an ‘Geur-leanmhuin’ nuair a bha gu leòr Clèirich a’ fulaing aig làmhan nan Stiùbhartach, eadar 1660 agus 1689. Is ann a bha na bailtean seo a’ togail feachdan an aghaidh na Seumasaich ann an gach ar-a-mach, agus cha mhòr gun d’ fhuair na Seumasaich taic sam bith mun cuairt air Glaschu ann an 1689-90, 1715, 1719, no 1745. 

GUL SP Coll EA5_X9_Slezer Glasgow Cathedral 17 (1693) (1)
Dealbh le John Slezer bhon leabhar aige “Theatrum Scotiae” (1693) de chathair-eaglais Ghlaschu, agus sealladh dhan bhaile.  Chithear stìopuill an Oilthigh am measg an fheadhain air fàire. An dealbh seo air a chleachdadh le cead o Special Collections, Leabharlann Oilthigh Ghlaschu.

Is e fàilte gu math fuaraidh a fhuair am Prionnsa Teàrlach anns a’ bhaile aig deireadh 1745. Chan e sin a-mhàin ach rinn am baile gàirdeachas is aoibhneas nuair a chuala iad gun deach an t-airm Seumasach a sgiùirsadh aig Cuil Lodair. A thuilleadh air sin, bha e na fhasan don riaghaltas Hanobhèirianach (is an luchd-leantainn) a bhith a’ losgadh bhrataichean agus pàipearan a bheireadh dùbhlan dhaibh is nach robh a’ còrdadh riutha. Bha Alasdair Dòmhnallach, mac Colla nam Bò, ceann-feadhna sliochd Dhomhnallaich na Ceapaich a’ frithealadh chlasaichean aig Oilthigh Ghlaschu na òige, 1713. (B’i am bàrd ainmeil, Sìleas na Ceapaich, piuthair-athair dha Alasdair.) Chaidh Alasdair a mharbhadh aig Cuil Lodair, 1746 agus chaidh bratach fear na Ceapaich a losgadh na dhèidh sin aig Crois-margaidh Baile Ghlaschu le bàsaire a’ bhaile – agus sluagh mòr a’ dèanamh gàirdeachas fa chomhar an t-seallaidh.[9]

 

Chaidh oileanach an Oilthigh Ghlaschu, Uilleam Carmichael (is dòcha MacGhilleMhicheil ged nach eil fhios cò às a bha e), a shadail a-mach às an Oilthigh ann an 1713 leis gun tuirt e rudeigin a bha a’ foillseachadh taic do na Seumasaich.[10] Donald Cameron of Lochiel (c1745) NSC_WHIM_PCF_5Bha co-dhiù dithis eile, a bhiodh nan Seumasaich ainmeil an dèidh seo, a’ frithealadh Oilthigh Ghlaschu mun t-aona àm ri Uilleam agus fear òg na Ceapaich.

B’e iad sin Dòmhnall Camshron, mac ceann-feadhna a’ chinnidh sin (1712), agus Seòras Moireach, ceathramh mac Iarla Athaill (1712).[11]

 
Chithear dealbh, clì, de Dhòmhnall Camshron, fear Loch Iall (1700-1748). Air a chleachdadh le cead o urrasairean Taigh-tasgaidh taobh Siar na Gaidhealtachd, a’ Ghearastan.
 

B’e an Camshronach, Fear Loch Iall, a’ chiad ceann-feadhna a thug taic don Phrionnsa Teàrlach nuair a thàinig a’ Phrionns air tìr an Alba ann an 1745, agus, b’e cuideachd as adhbhar, nach deach Baile Ghlaschu a sgrios leis an t-airm Seumasach aig deireadh na Bliadhna 1745. B’e aghaidh gu math doicheallach a chuir Baile Ghlaschu air an t-airm Seumasach agus thathar ag radha gu robh cuid dhan t-airm airson dìoghaltas a ghabhail ach gur e an Camshronach a chuir stad orra on a bhith a’ cur Glaschu na small. Bha an Dr Gilleasbuig Chamshron, bràthair òg Fear Loch Iall, cuideachd air a bhith na oileanach aig Oilthigh Ghlaschu, agus bha esan cuideachd le àite sònraichte ann an iomairt nan Seumasach. Bha e air leantainn an sgoil an Oilthighean Dhùn Èideann, Paris agus Leiden an dèidh dha Oilthigh Ghlaschu fhàgail. Bha e cuide ri airm a’ Phrionnsa Teàrlaich, 1745-46 mar lìghiche agus choisinn e cliù leis an dòigh anns an robh e gabhail cheart uiread de chùram mu euslainteach Hanobhèirianach is a bha e mu cho-chreutairean Sheumasach. Chaidh e fon choille is ruith e dhan Fhraing ri linn Bliadhna Theàrlaich. Thàinig e dhachaigh ann an 1753 a chèilidh air càirdean ann an Lochabair. Bha eagal am beath’ air riaghaltas Hanobhèirianach Bhreatainn gu robh e ri obair brathaidh as leth nan Seumasach. Dh’ innis cuideigin dhaibh gu robh e aig an taigh, chaidh a chuir an grèim leotha is a tharraing sìos gu Lunnainn. Cha robh trocair air aire riaghaltas fuilteach (Hanobhèirianach) Breatainnn agus chuir iad an Dr Gilleasbuig gu bàs aig croich Tyburn. B’e an duine mu dheireadh a chaidh a chuir gu bàs as leth a’ Chùis Sheumasaich air an 7mh latha dhan t-Òg mhios 1753.[12]

Chithear dealbh, gu h-ìosal den Triath Seòras Moireach (1700-1760), a bha an ceann feachdan nan Seumasach, 1745-46. Dealbh le Sir Robert Strange, de Mhoireach, air a chleachdadh le cead bho thaigh-tasgaidh nàiseanta nan dealbh, Dùn Èideann. ©Scottish National Portrait Gallery, PG 2754.  

B’ e an Triath Seòras Moireach (mac Iarla Athaill, ghabh clasaichean aig Oilthigh Ghlaschu, 1712) a bha an ceann nam feachdan Seumasach air an iomairt soirbheachail a ghabh iad fad bhliadhna Theàrlaich, seanailear air leth comasach. NPG 2754 Lord George Murray 1700-1760 by Sir Robert Strange

Bhuannaich na Seumasaich a h-uile còmhrag far an robh esan a’ stiùireadh ghnothaichean. Cha do ghabh, gu mì-fhortannach, am Prionnsa Teàrlach, feart do bheachdan an Triath Seòras aig Blàr Chuil Lodair.[13]

Ach ma bha grunnan bheag de Sheumasaich rin lorg aig an Oilthigh, feumas e a bhith gun robh iad (eu-coltach ri Uilleam MacGilleMhicheil) gu math sàmhach. Bha an Oilthigh a’ cheart cho taiceil ris an riaghaltas Chuigseach is a bha a’ bhaile.  Thog a’ bhaile saighdearan a dheidheadh a shabaid an aghaidh na Seumasaich ann an 1715 agus thog agus phàigh Clèir Ghlaschu 50 fir agus bhathar cuideachd a’ maoidheadh air a’ phobaill gun taic a chuir ri Seumas. An rèir Prionnsabail an Oilthigh, Iain Stirling, bha an Oilthigh is ughdarrasan a’ bhaile a’ piobrachadh dhaoine mar a leanas: “warn[ing] the people of the danger and animat e’m to to stand by their soveraign, King George, in opposition to the Pretender…” Gheall an Oilthigh cuideachd feachd de 50 fir a thogail airson a dhol cuide ri (50) saighdearan a’ Bhaile is (50) saighdearan a’ Chlèir. Chithear beagan fiosrachaidh mura seo ann an litir a sgrìobh Prionnsabail Stirling a dh’ ionnsaigh an riaghaltas, 3mh Lùnastal, 1715. Thuirt e gun cumadh an Oilthigh feachd de 50 fear air tuarastal 6sg san latha airson 40 latha aig a’ char as giorra ach bhe e fhèin is na Cuigsich eile iomgaineach nach robh iad a’ faighinn barrachd taic on riaghaltas: “the friends of the government seem somewhat concerned that no officers have been sent by the government.”[14]

–o0o–

Caimbeulaich: oileanaich & dorsairean

Bha dlùth cheangal eadar a’ bhaile, an Oilthigh agus Clanna Chaimbeul rè na h-ùine seo cuideachd agus chithear seo ann an co-cheangal ri gach ar-a-mach Seumasach.  Agus, nuair a thèid liosta a dhèanamh de fheadhainn a bha a’ frithealadh an Oilthigh (clàradh is ceumnachadh) ann an seo bho sgìrean Gaidhealach, tha lorg air co-dhiù 39 duine eadar 1740 agus 1749 (ach bhiodh gu leòr eile a’ frithealadh chlasaichean gun clàradh no ceumnachadh).  B’ e Caimbeulaich a bh’ anns an dàrna leth dhiubh (clann uaislean agus oileanaich dhiadhaireachd as motha) agus is ann à Earraghaidheil a bha a’ mhòrchuid eile dhiubh agus cha bhiodhte an dùil gur e luchd-taice nan Seumasach a bhiodh annta. Chithear an liosta seo le bhith briogadh air a’ cheangal seo: Oileanaich Ghaidhealach aig OGh_1740-49.

Bha Caimbeulaich bitheanta anns a’ bhaile (bha mu 200 Caimbeulach anns an Glasgow Highland Society, mar eisimpleir, 1727-1761) anns an aona dhòigh sa bha  iad lìonmhor aig an Oilthigh.  Agus, chan ann mar oileanaich a-mhàin a bha na Caimbeulaich aig Oilthigh no Colaiste Ghlaschu. Bha iad cuideachd ann dreuchdan aig an Oilthigh leithid dhorsairean mar a chithear ann an leabhar ath-chuimnheachaidh Facultaidh an Oilthigh, bhon 13mh dhan Mhàrt 1739:

‘The principal acquainted the faculty that he had elected Colin Campbell to the porters office…’   (Dh’innis a’ Phrionnsabail dhan Fhacultaidh gu robh e air Cailean Caimbeul a thaghadh airson dreuchd dhorsair.)

Leig Cailean dheth a dhreuchd ann an 1747, agus tha earrann inntinneach eile ann an leabhar ath-chuimhneachaidh Facultaidh an Oilthigh, 18mh dhan t-Ògmhios, a’ mìneachadh mar a chaidh fear eile a thaghadh na àite:

“…Colin Campbell, late janitor demitted…     …the Principal informed the committee that he had appointed Daniel Campbell to be janitor in his place and presented him to the faculty…’     (Leig an t-sean dhorsair, Cailean Caimbeul, dheth a dhreuchd…   …dh’ innis a’ Phrionnsabail dhan chomataich gu robh e air Dòmhnall Caimbeul fhastadh na àite agus gu robh e nis ga thoirt fa chomhair an Fhacultaidh…)

Bha mac an dorsair seo,  Dòmhnall, mac do Dhòmhnall Caimbeul, a’ frithealadh an Oilthigh mar oileanach ann an 1748. Ach an dùil carson a bha am Prionnsabail cho deigheil air dorsairean Chaimbeulach fhastadh [15]

–o0o–

Am Prionnsabail, Diùca Earraghaidheal agus ar-a-mach 1745

Bha am Prionnsabal fhèin (1728-61), Mgr Niall Caimbeul, na Ghaidheal à Inbhir Aora, ach cuideachd na fhear-taic làidir dhan riaghaltas Hanobhèirianach. Chithear ann an litir na làmh fhèin, is e a’ toirt taing don riaghaltas, gu robh e gu mòr an eisimeil taic riaghaltas Cuigseach airson dreuchd Prionnsabail a bhuileachadh air ann an 1727, agus gu robh e, mar a chuir e fhèin e, “full of affection to His Ma[jes]ties Royal Person.”[16]  Chan e sin a-mhàin ach bha e na shiaplan don teaghlach rìoghail agus bha e na mhoderàtor dhan Eaglais Stèidhichte dà thrub (chithear tuilleadh mu Mhgr Nèill air an duilleag eile mu Phrionnsabailean an Oilthigh).

Chithear dealbh de dhuilleag o leabhar Ath-chuimhneachaidh Facultaidh an Oilthigh, 1728. Tha ainm-sgrìobhte le làmh Nèill fhèin glè shoilleir ann am meadhan na duilleig (©University of Glasgow Archive Services, GB0248, GUA 26635. An dealbh seo air fhoillseachadh le cead bho thasglann Oilthigh Ghlaschu)

GUA 26635_28 - 1st signature Princl N Cmpbll Faclty mins 1728Leis gu robh e cho dlùth ris an riaghaltas Chuigseach cha bhiodhte an dùil gun dèanadh Mgr Niall an caochladh seach taic a thoirt dhan riaghaltas aig àm ar-a-mach nan Seumasach, sin cho math ri bhith a’ toirt taic dhan phrìomh àrd-Chuigseach an Alba: Gilleasbuig Caimbeul, treas Diùca Earraghaidheal.   Bha buaidh mhòr aig an Diùca thar an Oilthigh, rud a tha gu math soilleir ann an rannsachadh mhionaideach a rinn Roger Emerson. Chithear sin cuideachd ann an litir a sgrìobh am Prionnsabail, Niall Caimbeul, far an do dh’ aidich e gun do rinn e ‘as my chief commands me’ (mar a bha a cheann-fheadhna agam a’ moladh) ann an gnothaich- taghaidh agus far an tug e iomradh gu robh e a’ sgrìobhadh chun Diùca son fios a chumail ris.  Tha litir eile ann far an do rinn am Prionnsabail soilleir am buaidh a bh’ aig a’ cheann-fheadhna air tabhairt dhreuchdan aig an Oilthigh ann an 1752:    “…I had on Monday a letter from the Duke of Argyll of May 26th signifying that Mr Ruot is made professor of Church History of w[hi]ch at the Duke’s desire, I have ordered to him…” An rèir teachdaireachd na litreach’s b’ ann le cead o cheann-fheadhna a bha am Prionnsapail a’ fastadh nan Àrd-Ollamhan! [17]    

Bha am Prionnsabail agus Gilleasbuig, an Treas Diùca Earraghaidheal, a’ feuchainn ri oideachadh nan oileanach a stiùireadh ann an dòigh agus gum biodh na gillean òga nan luchd-taic nan Cuigseach agus a’ cur an cùlaibh ri cùis nan Seumasach. NPG 908 Archibald 3rd Duke of Argyll (1682-1761) by Allan Ramsay

Bha Gilleasbuig Chaimbeul, aithnichte mar an Tighearna no an Iarla ‘Ilay’ agus an dèidh sin mar Threas Diùca Earraghaidheal, e fhèin air foghlam fhaighinn ann an Oilthigh Ghlaschu, 1698-9, agus chùm e dlùth cheangal ris an Oilthigh fad a bheatha. Chithear dealbh dheth, seo, deas, a rinn Ailean Ramsay, 1758.   An dealbh seo air a chleachdadh le cead o Thasg-lann Nàiseanta nan Dealbh, Dùn Èideann. ©Scottish National Portrait Gallery, PG 908.

Chithear seo ann an litrichean eadar MacShimidh agus a bhràthair-cèile Sir Seumas, ceannard nan Granndach. Chaidh impidh a chuir air seann Sheumasach, Sìm Friseal, (no MacShimidh), ceannard nam Frisealach, a mhac a chuir do Cholaiste Chuigseach Ghlaschu: gu mòr an aghaidh a thoil an rèir choltais.  Dh’ iarr MacShimidh air a mhac anns an dealachadh gun cumadh e a’ bruidhinn na Gàidhlig fiù ged a bhiodh e an Glaschu.[18] Ann an litir, 16mh dhan Mhàrt 1739, gu Sir Seumas Grannd, dh’ iarr MacShimidh air a’ Ghranndach feuchainn ri impidh a chuir air Gilleasbuig Caimbeul, Tighearna ‘Ilay’ gus cead a leigeil dhà a mhac a tharraing à Oilthigh Ghlaschu:

“…your son [oighre a’ Ghranndach] and all my other essential friends presses me very much to take my son out of Glasgow, and acquent you, how horribly I was impos’d upon by those gentlemen [i.e. Gilleasbuig, Tighearna Ìle & Prionnsabail Caimbeul] on Glasgow, and I am fully determin’d to bring him from Glasgow. I therefore most humbly beg my dear Sir James that you will be so good as to speak to the Earl of Ilay…’ (NRS, GD 248/97/4/12)    

Sgrìobh MacShimidh litir eil, an ath sheachdain a-rithist, 23 Màrt 1739,  is e a-rithist ag iarraidh air Sir Seumas Grannd cuideam a chuir air na Caimbeulaich gus leigeil dhà a mhac a thogail a-mach à Oilthigh Ghlaschu oir gu robh iad a’ lìonadh a chinn le cleachdaidhean faoin:

…I find my dear Sir James that my son & your neveu is entirely lost at Glasgow. They have put it in his head there, that he is a great man, that he should wear nothing now but silks, & silver, & laces, so that they have turn’d his head, and therefore I am determin’d at any rate to have him out of that place the next month…’ [NRS, GD 248/97/4/15].

Fhuair MacShimhidh a thoil  – agus ann an litir eile gu Sir Seumas Grannd (gun cheann-latha, 1739-40), sgrìobh e earran fhada a’ gearain air mar a bha, mas fhìor, Oilthigh Ghlaschu na chall-ùine, air milleadh a mhac, agus a’ gearain air na cosgaisean agus gu robh a’ Phrionnsabail fhèin air aideachadh gu robh muinntir an Oilthigh aig amhaichean a chèile.  B’ ann cuide ris a’ Phrionnsabail fhèin a bha oighre MhicShimidh a’ fuireach. B’ e cleachdadh chumanta a bh’ ann an seo aig an t-àm do dh’ollamhan agus oidean an Oilthigh, a bhith a’ leigeil òigridh còmhnaidh cuide riutha gus foghlam-modha a thoirt de na gillean òga, agus, nas cudromaiche do dh’ oifigearan an Oilthigh, gus teachd a-steach nas motha a thoirt dhaibh. Abair, co-dhiù, gun do rinn MacShimidh inneas air a’ chleachdadh seo: 

‘It was happy for my son and for my family that… [they] …consented to bring my son from Glasgow, for if he had another year in it he would be entirely ruined, for when I sent William Fraser there to pay all his accompts he found that except an hour or two in the morning he spent the whole day in diversion, and was quite alter’d from what he was before he went to Glasgow to the worse. Prin[cipa]ll Campbell told William Fraser that the University of Glasgow were so much cuting anothers throats that children would not thrive in it, & that he believed all noblemen would take their children from it. You would be surprised at the extravagant expense of the child which William Fraser has paid. I would have kept him two years in the dearrest part of Scotland: & even in most parts of England for the money that he cost me in nine months in Glasgow. But when Mr Fraser remonstrate against the great expenses of my boy, the Princ[ipa]ll told me that my Lord Lovat need not grudge the expense of his son since the government had paid for his education. I wish that sweet lye had been true. However, I am glad to have him out of Glasgow if it had cost me £500 for he is now in most excellent hands. For Peter Cumming is not only a capable man, but he is a thorrow creature of the E[arl] of Ilay’s   [NRS, GD 248/97/4/51].

B’ e fhear do chàirdean MhicShimidh a bh’ anns am Peadar Cumming seo, ach b’e am prìomh adhbhar, is dòcha, gu robh MacShimidh ag iarraidh a mhac air falbh o Ghlaschu, gum b’ e Colaisde Cuigseach a bh’ ann fo bhuaidh Ghaidheil leithid Prionnsabail Niall Caimbeul agus Gilleasbuig Caimbeul, Tighearna Ìle. Chaidh MacShimidh a dhìth-cheannadh ri linn Cuil Lodair nuair a ghabh an riaghaltas dioghaltas airson an taic a thug e dha na Seumasaich. Ged a bha a mhac, Sìm òg, an t-oileanach mu bheil na litrichean ud a-mach, an ceann feachd shaighdearan Seumasach (1745-6), fhuair e maitheanas agus thill e cuairt a dh’ Oilthigh Ghlaschu ann an 1748, a-rithist fo threòir nan Caimbeulach. Fhuair MacShimidh òg a-steach air an riaghaltas Chuigseach an dèidh seo le bhith na shaighdear ann an àrd-dhreuchd an seirbheis feachdan Ìmpireachd Bhreatainn thall-thairis.[19] 

–o0o–

MacCailean Mòr na Ghall no na Ghaidheal?

Tha Roger Emerson, a sgrìobh eachdraidh-beatha ‘Ilay,’ no MacCailein Mòr (3s Diùca), dhan bheachd nach robh Gàidhlig idir aig Iain an dàrna Diùc (ceannard nan Caimbeulach, 1703-1743) agus a bhràthair, Gilleasbuig, an treas Diùc (ceannard nan Caimbeulach, 1743-61) is nach robh iad idir Gaidhealach leis gu robh dreach cho Gallda orra.  (Dh’ ionnsaich an 3s Diùca 5-6 cànanan, an rèir Emerson, ach ged nach eil fhios aige dè na cànanan, chan eil guth gur fhaodadh gur e Gàidhlig aona dhiubh.) Chan eil teagamh ann, mar a bha Emerson ag ràdha, gu robh an dithis aca sin am bogadh ann an saoghal na Galldachd agus Sasuinn. Ach, ged a tha sin mar sin, bha gach duine dhiubh anabarrach mothachail gu robh iad an urra ri oighreachd is fine Ghaidhealach. An rèir choltais chaidh Lachlann Caimbeul, fhastadh mar oide do dh’ Iain agus Gilleasbuig òg.  Bha Lachlann Chaimbeul (aig Oilthigh Ghlaschu, 1690-91) grunnan bhliadhnaichean nas sine na mic 1d Diùca Earraghaidheil: bha e mu 5 bliadhna nas sine na Iain agus mu 7 bliadhna nas sine na Gilleasbuig.  Bha an Lachlann seo, bha rithist na mhinisteir an Ceann Loch’ille Chiarain, 1703-1707, mean-eòlach air a’ Ghàidhlig agus bha e a’ sgrìobhadh litrichean gu Edward Lluyd ag innse dha mu dheidhinn a’ chànain. An dùil an deach Lachlann fhastadh airson cuairt bheag gus Gàidhlig a chumail ri dithis bhalach MhicCailein Mhòir? Feumar sin fhàgail ann an cruth cheist leis nach eil fianais ann.[20]  Agus, ged nach eil fianais ann taobh seach taobh, bhiodh e neònach ga-rìribh mura biodh an dithis bhalach air ùine  bheag a chaitheamh ag ionnsachadh na Gàidhlig GUL SP Coll Mu 2-x17 Slezer 1693 Glsgw Coll (1874 ed) detail 2mar an rinn an seanar (c.1640) romhpa agus mar a bha uaislean eile rin latha fhèin. 

Pàirt de dhealbh an t-seana Cholaiste a rinn Iain Slezer, 1693, a’ sealltainn prìomh dhoras na Colaiste air an t-Sràid Àrd. An ìomhaigh seo (eagran 1874) air a chleachadh le cead o Special Collections ann an Leabharlann Oilthigh Ghlaschu.

Faodar a bhith air barail eadar-dhealaichte ri Emerson an seo.  Feumaidh gun tuigeadh an dithis seo Gàidhlig aig a’ char as lugha. Thuirt Emerson cuideachd gu robh Gilleasbuig na bu chomhfhurtaile nuair a bhiodh e a’ suathadh ri Gaidheil, agus gu robh e a’ cumail dlùth do dhaoine Gaidhealach fad a bheatha.  Is cinnteach gu bheil Emerson ceart a thaobh beachdan MhicCailein Mòr mun Ghaidhlig, no co-dhiù mu fhoghlam na Beurla, ge-tà: gu robh e faicinn sgoiltean am Beurla, mar a bha ann an Inbhir Aora, mar shlighe-adhartais.[21]   Ach tha coltas ann, leis gun deach dàin Ghàidhlig a dhèanamh dhan dàrna agus an treas Diùca Earraghaidheal, gu robh an dà bhràthair mothachail gu robh feum aca a bhith an com-pàirt ri cànan agus cultur na fine. Chaidh marbhrann a dhèanamh dhan dàrna Diùc, 1743, a bha aithnichte ann an Gàidhlig mar ‘Iain Ruadh a’ Chatha’ agus chaidh dàn-molaidh a dhèanamh don treas Diùc mun t-aona àm: ‘Fàilte Gilleasbuig ad Dhùthaich.’[22] A thuilleadh air an sin, tha comharra eile ann air an luach a bha Gilleasbuig, an treas Diùc a’ cur air a’ Ghàidhlig: dh’ òrduich e gum biodh bòidean-dìllseachd do riaghaltas Chuigseach air an tionndadh dhan ‘Caledonian Gallic’ (Gàidhlig) ann an 1753. B’ e an t-eadar-theangair sin Alasdair MacFàrlain (MA, Glaschu, 1728), ministeir Cill an Inbhir, a rinn deasachadh ùr air na Sailm agus tionndadh dhan Ghàidhlig air Laoidhean  (1753 is ioma eagran eile).[23] B’ e Alasdair seo bràthair an t-Urr. Donnchadh ‘Rongais’ MacFàrlain, ministeir an Draoimein, a dh’ fhàg searmoinean Gàidhlig ann an Leabharlann Oilthigh Ghlaschu – agus bràthair-athair Prionnsabail na 19mh linn.  Chithear laoidhean Alasdair MhicFàrlain air an t-eadar-lìon air a’ cheangal a leanas le bhith a’ briogadh an seo.

Leis gu robh ceangal cho dlùth aig an Diùca ri Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh is baile a bha taobhadh gu mòr ris na Cuigsich, chan eil e na iongnadh gu robh Prionnsabail Niall Caimbeul (agus Facultaidh an Oilthigh) a’ cur làn thaic ris an riaghaltas gus seasamh an aghaidh nan Seumasach 1745, a bha, an rèir Facultaidh an Oilthigh, air a bhith a’ coiteacheadh ‘ar-a-mach mì-nàdarra is olc’ (‘unnatural and wicked rebellion’). Bha cunnart ann gun cuireadh an ar-a-mach oillteill seo às do gach sochair agus saorsainn, mar a chuir iad fhèin e, a bh’ aig luchd taic nan Cuigseach a thaobh riaghlaidh is cleachdaidhean-creideamh. Chithear seo ann an litir a sgrìobh an Caimbeulach gun am Marcas Tweeddale, Rùnaire na Stàite airson Alba, 28mh Samhain 1745, ag innse dhà mun spèis a bh’ aig Oilthigh Ghlaschu do rìgh Seòras, ga theaghlach agus an riaghaltas – agus leis gu robh iad airson seo a dhearbhadh, gun do thog iad feachd na ainm, mar a leanas:

‘…My Lord, I have the honour to acquaint your Lordship that as this University of Glasgow is most firmly devoted to his Majesties Royal Person, Family & Government & inclind on this occasion to give the most solid proofs of loyalty in our power, especially at such a juncture as this. We have unanimously engaged to raise & maintain a company of fifty men to be employed wherever His Majestyis service in this cuntry requires it. This in name & in the degrie of the University is most humbly signifyed to your Lordship by, My Lord, Your Lordships most faithfull, most humble & most obedient servant,

Neil Campbell…’ [24]  

–o0o–

Gàirdeachas nan Cuigseach

Chan eil e soilleir dè thachair don fheachd seo a thog an Oilthigh, ach lean an Oilthigh fhèin dìleas dhan riaghaltas Chuigseach bho thoiseach gu deireadh agus chithear sin an clàraidhean an Fhacultaidh. 

‘At the college of Glasgow, 3 Feb 1746…’    [University meeting… agreed…] “…that the rector and principal [Mr Neil Campbell] should be deputed from the University to go to Stirling and wait upon his Royal Highness the Duke of Cumberland and congratulate him upon his safe arrival to command his majesties forces and to assure him of the Universities inviolable attachment to his majestie and royal family and express their heartfelt wishes of his soon defeating the rebels and entirely extinguishing the rebellion…..” [25]

Bha grunnan mhìosan aca ri fheitheamh, an dèidh don Phrionnsabail fàilte a chuir air Cumberland, mas d’ fhuair an Diùca sin buaidh thar nan ‘Gaidheal’ aig Blàr Chuil Lodair, 16mh dhan Ghiblein 1746. Seo mar a chaidh naidheachd a’ bhlàr sin aithris aig luchd riaghlaidh Oilthigh Ghlaschu.

‘At the college of Glasgow, 1st May 1746′  [Headed by ‘Sir John Maxwell, rector, and Mr Neil Campbell, principal….’ Sederunt:]  ‘An University meeting duly summoned and conveened an address to his Majestie upon occasion of the signal victory obtained by his Royal Highness the Duke of Cumberland over the rebels at Drumossie Moor near Culloden House, two miles from Inverness upon the 16th of April last, was read, approved, and signed by all the members present. And the rector enclosed it in a letter to his Grace the Duke of Montrose to be presented be him to his majestie….’[26] 

Chan e a-mhàin gun do rinn an Oilthigh gàirdeachas ris an naidheachd ach chuir iad, coltach ri iomadh buidheann eile, tiodhlac a dh’ ionnsaigh an Diùca, a shealltainn an cuid taic dha.  Bhuilich iad ceum urramach air an Diùca agus dhealbh iad bucas òir dhà anns an cumadh e an teisteanas seo.

“At the college of Glasgow….     [Mgr Niall Caimbeul am Prionnsabail aon den fheadhainn an làthair] “ …a gold box with his Royal Highness the Duke of Cumberland’s arms and those of the University is appointed to be made for holding the seal to be appended to the diploma creating him Doctor of Laws ordered by the faculty of the 27th of June last…. [27]    

Bha an Oilthigh ann an Glaschu, mar a bha Oilthigh Chill-Rìmhinn, agus mar a bha iomadh baile agus buidheann air feadh Alba a’ dèanamh an dìcheall iad fhèin a dhèanamh suas ri riaghaltas an-iochdmhor, a bha làn fuath do dh’ Albannaich anns an fharsaingeachd, ‘Scotophobia’ anns a’ chànan eile, agus gun cus diù aca an robh na h-Albannaich ris an robh iad a’ coinneachadh air a bhith taiceil don Rìgh Seòras,  rè an t-ar-a-mach, no nach robh. [28]

–o0o–

Lìonraidhean nan Caimbeulach

Chithear sealladh eile cuideachd air buaidh a’ Phrionnsabail agus lìonradh nan Caimbeulach ann an litir bho Phàdruig Chaimbeul ann an Glaschu, 10mh dhan Iuchair 1735, a chuir e a dh’ ionnsuigh Para Dearg Chaimbeul, fear Bhàrra Challtuinn. Bha Pàdruig seo ag iarruidh tigead bùirdeasach am Baile Ghlaschu, agus bha e ag radha gun deach innse dhà gu faigheadh Caimbeulach Blythswood no am Prionnsabail, Mgr Niall Caimbeul, seo dhà. Bha e ag iarraidh air Para Dearg, fear Bhàrra Challtuinn tagradh a dhèanamh gu na h-urrachan mòra sin as a leth:

“[…] I am informed myself anent a proper person for procuring my burgess ticket in Glasgow and am well assured that either Blythswood or Principal Campbell can procure it for me upon a word of their mouth. I therefore hope that you will be pleased to write to either or both of them in doing whereof it will lay exceeding obligations upon [them….]”

B’e ceanglaichean is lìonraidhean-càirdeis leithid seo a bha a’ fosgladh dhorsan do Chaimbeulaich òga a bha airson faighinn air adhart anns a’ Bhaile Mhòr. Cha bu bheag, nas motha, buaidh a’ Chomann Ghaidhealach, a chaidh a stèidheachadh ann an 1727. Bha na Caimbeulaich, am Prionnsabail Caimbeul agus an Treas Diùca Earraghaidheal nam measg, pailte anns a’ Chomunn sin.[29]

–o0o–

Oileanaich is cosgaisean

Bha clann nan uaislean beairteach, leithid mac MhicShimidh, a’ fuireach ann an taigh a’ Phrionnsabail no ollamhan eile, ach cha ruigeadh sporan a’ mhòrchuid air seo idir. GUL SP Coll EA5_X9_Slezer Glasgow Cathedral 17 (1693) (3 detail)Bha clann nam mean-uaislean beairteach gu leòr ge-tà (cuid co-dhiù), is gun deidheadh aca air searbhantan a ghleidheadh.

Dealbh, deas, de thaighean agus stìopuill Baile Ghlaschu (stìopuill an Oilthighe nam measg), pàirt dhan dealbh a rinn Iain Slezer dhan bhaile agus a’ Chathair-eaglais, 1693. Air a chleachdadh ann an seo le cead o Special Collections, Leabharlann Oilthigh Ghlaschu.

Sgrìobh Alasdair Caimbeul dhachaigh gu athair, Pàdruig Chaimbeul, fear Bharra-Calltuinn, 1730, ag innse dhà gu robh e air searbhant air leth freagarrach an lorg a bha air a bhith ag obair do Stiùbhartach Castlemilk, agus aig an robh a’ Ghàidhlig (‘Irish’) cho math ris a’ Bheurla ghallda(‘Scots’).[30]  Tha litir eile bhon Dàmhair 1737 bho Ghlaschu, le aona de mhic Phàdruig Caimbeul, Fear Bharra-Calltuinn, is e ag innse dhà athair, mar a thachair dha nuair a thàinig e dhan bhaile, is e a’ lorg àite còmhnaidh faisg air a’ Cholaiste (no an Oilthigh):   

‘…I came here late a Monday night and went nixt day to wait of Glenshellach, who, I went along with me to James Campbell’s house, but he happened to be abroad all that day about some business, so that I could not deliver him the chamberlains letter all Saturday morning. Then he and Glenshaellach tryed severall houses that keipt borders, but could not do nothing, they were so dear. But accidentally, I met Thomas Campbell his wifes nephew who had a room and wanted a commerade with whom I have coall, candle, bed, board, and washing for three pound per quarter, in one Mrd Toads, a little below the Colledge. Butt when you write to me derect to be found in Archibald Campbell off Glenshellach in Bells Winde. I have sent the ryce (?) and highland cloathes along with the bearer; only keiped the sword…’

Cha robh seo buileach cho spaideil ri taigh a’ Phrionnsabail mar a bha aig mac MhicShimidh. Bha an Caimbeulach òg seo a’ loidseadh còmhla ri Mrs Toads (Todds is dòcha?) faisg air Oilthigh Ghlaschu. Bha gach goireas freagarrach aige, le coinneal, is gual, agus bhiodhte an dòchas gun cumadh sin solas agus blàths ri mac Fir Bharra-Calltuinn air a’ Gheamhradh a bha roimhe.  Tha an litir inntinneach cuideachd oir tha e coltach gu robh èideadh Ghaidhealach ‘Highland Cloathes’ air aig mas tàinig e  a Ghlaschu ach gun chuir e trusgan Ghallda air nuair a ràinig e a’ bhaile. Chan eil soilleir cò a bh’ ann an “Thomas Campbell” no an “James Campbell” air a bheil luaidh anns an litir – bha uiread ann leis na h-ainmean sin, ach bha fear “Archibald Campbell of Glenshilloch” na bhall de Chomann Gaidhealach Ghlaschu ann an 1745 agus bha Para Caimbeul, aon de mhic Fir Bharra-Calltuinn cuideachd na bhall dhan Chomunn sin beagan bhliadhnaichean roimhe.[31] Chan eil fhios an robh an gille ud, a bha a’ còmhnaidh ann an taigh a’ Bhean-phòsta Todd, na sgoileir dhìcheallach ach bha cuid de ghillean òga a’ gabhail a’ bhrath agus a’ dol air splaoid air a’ chiad chothroim aca air a’ Bhaile Mhòr. Feumas e bhith gu robh beagan corraich air Donnchadh Caimbeul, Fear Ghleann Iubhair, nuair a sgrìobh e gu mhac, 6mh dhan Ghiblein 1763, a’ gearainn gun chosg a mhac suim gun chiall (‘exhorbitant sum’) de £60 ann an ceann seachd mìosan aig Oilthigh Ghlaschu. Dhiùlt Donnchadh a’ chòrr airgead a thoirt ga mhac gus am faigheadh e cunntas mhionaideach air mar a chaidh an t-airgead a chaitheamh.[32]         

–o0o–

Gaidheil eile aig Oilthigh Ghlaschu rè na h-Ochdamh linn deug

Bha iomradh gu h-àrd air ceanglaichean-dàimh nan Caimbeulach is mar a bha iad a’ toirt buaidh air an Oilthigh aig ìre nan uaislean (Diùca Earraghaidheal), Prionnsabail, dorsairean agus oileanaich. Is fhiach luaidh a thoirt air aona cheangal càirdeis eile a bha aig a’ Phrionnsabail, Mgr Niall Caimbeul, ri  dà bhràthair: Iain MacLabhruinn agus Cailean MacLabhruinn. (B’ e athair nam balach, Mgr Iain MacLabhruinn, beò 1658-1698, ministeir Ghleann Dà Ruadhail, a dheasaich Leabhar na Sailm, 1694.) Sgrìobh Mgr Niall Caimbeul, a bha na mhinisteir ann an Rinn-friu (4 bliadhna mas deach Mgr Niall na Phrionnsabail), litir ag radha gun ghabh Mgr Iain Mac Labhruinn (MA, Glaschu, 1712) uallach airson na coitheanal Gàidhlig ann an Glaschu (chithear an litir anns an earrann mu Mhgr Nèill air duilleag nam Prionnsabail). B’ e co-ogha dha Niall Caimbeul a bh’ ann an Iain MacLabhruinn (1693-1784), a rugadh ann an Gleann Dà Ruadhail agus a thogadh ann an Cille Fionnan, Earraghaidheil. Bha MacLabhruin, mar a bha a charaid, am Prionnsabail Niall Caimbeul, gu mòr an urra ri taic agus stiùireadh an ceann-feadhna, MacCailein Mòr, Eoin Ruadh a’ Chatha (2a Diùc Earraghaidheil) agus a bhràthair a lean e, Gilleasbuig, an 3s Diùc.[33] 

B’ e bràthair Mgr Iain, Mgr Cailean MacLabhruinn (1698-1746), am fear matamataig is saidheans cliùiteach.  Cheumnaich Cailean MacLabhruinn aig Oilthigh Ghlaschu le MA ann an 1713 agus lean e an Glaschu an dèidh sin a’ frithealadh chlasaichean dhiadhaireachd. Fhuair e dreuchd ann an saidheans ann an Oilthigh Obar Dheathain (1719) agus Oilthigh Dhùin Èideann (1725) agus bhe e a’ co-oibreachadh le Sir Isaac Newton.NPG 1643 Colin MacLaurin (1698-1746) by the Earl of Buchan

Cailean MacLabhruinn, Gaidheal a cheumnaich o Oilthigh Ghlaschu, 1713, agus a bha na shàr-eòlaiche am matamataig agus saidheans. Chithear dealbh de Chailean MacLabhruin (clì), a rinn an 11mh Iarla Bhochain (leth-bhreac leis an de dhealbh le Seumas MacFhearghais). An dealbh seo air a chleachdadh le cead o Thaigh-tasgaidh Nàiseanta nan Dealbh, Dùn Èideann. ©Scottish National Portrait Gallery, PG 1643.

Ged a bha Cailean stèidhichte an Oilthigh Dhùin Èideann, cheannaich e taigh faisg air baile Hamilton, 1729-30, gum biodh e na b’ fhaisg’ air a chuideachd ann an Glaschu, leithid Mgr Iain, a bhràthair, agus a cho-ogha, Mgr Niall Caimbeul, Prionnsabail Oilthigh Ghlaschu. Seo mar a chuir an cunntas a chaidh a sgrìobhadh mu bheatha Chailein air shùilean dhuinn neart an dàimh eadar An Àrd Oll. Cailean MacLabhruinn agus a chuideachd ann an Glaschu:

 “…after he settled in Edinb[u]r[gh], his classes were generally very numerous and his labour during the session of college very considerable. In the vacation he sometimes went to London & particularly was there in 1727 at the time of his majesty’s coronation. [He] sometimes made visits to his freinds in the west where he purchas’d a pleasant place of retirement at Murehouse near Hamilton in 1730 or at the end of 1729 & not farr from Glasgow where he had so many old acquaintances & some of his neares relations: his cousin, Mr Niel Campbell having been made principal of the University there a little before & his brother one of the ministers of the city in 1723.”

Bha Cailean MacLabhruinn na Hanoibhèirianaich daingeann mar a bha a chuideachd an Glaschu is an Earraghaidheil. Bha e bha a’ sàs ann a bhith a’ dìon Baile Dhùin Èideann an aghaidh feachdan Theàrlaich Stiùbhairt.[34]  

 –o0o–

An eaglais Ghaidhealach an Glaschu agus an Oilthigh

Bha Mgr Iain MacLabhruin na mhinisteir Gaidhealach Ghlaschu gu àm a bhàis, 1754.  Bha a’ bhaile as aonais ministeir stèidhichte airson beagan bhliadhnaichean an dèidh sin agus b’ ann an urra ri oidhirpean a rinn Comann Gaidhealach Ghlaschu is buidhnean leithid an SSPCK a bha Gaidheil airson stiùireadh spioradail (co dhiù anns an Eaglais Phròstanach – bha Caitligich Ghaidhealach a’ cruinneachadh ann an Seòmar air Àrd-shràid a’ bhaile o mu 1770).[35] Lean an eaglais mar phàirt cudromach ann am beatha nan Gaidheal ann an Glaschu, agus tha an litir seo, a leanas gu h-ìosal, o choitheanal Gaidhealach a’ bhaile a’ sireadh taic on Oilthigh na chomharra air an sin.  Tha e a’ sealltainn beagan dhan cheangal a bha eadar a’ choimhearsnachd Gaidhealach ann an Glaschu agus an Oilthigh aig an t-àm.

An litir seo ann an tasg lann Oilthigh Ghlaschu, mar a leanas:

To the lord rector, the dean, the principal and professors of the University of Glasgow’

Memorial on behalf of the managers for building the Highland Church in Glasgow, To the Lord Rector, the Dean, the Principal and the Professors of this University in Glasgow,

Humble representeth,

That the managers being deeply affected with the deplorable situation of the numerous body of Highlanders in this city who cannot receive instruction in the knowledge of the Christian religion unless conveyed to them in their mother tongue, have, in order to to compass this charitable end, in which they were aided by voluntary contributions at a great deale of pains and expence, built a decent place to worship, no larger than sufficient to contain the said congregation. That the managers having no other view than the edification of the people had devoted the choice of a minister to them. And in consequence thereof, the people have unanimously made a choice of the Revd. Mr Jas. Robertson, minister in Callander, to be their minister, and that the managers have no other fund for the support of a minister than what arises from the seat rents, which is very small as the managers were obliged to rent the seats very low, the bulk of the congregation being composed of poor labourers.

And that the managers are not only firmly perswaded that their undertaking will be approven of by the University but are also persuaded that the University will adopt any other scheme for rendering this undertaking more extensively useful, aither as to the progress of learning or diffusing the knowledge of the Christian religion. The managers therefore beg leave to lay before this University a rough draught of a scheme which they imagine will have an useful tendency. And they humbly submit to the confederation of the University, to be by them altered and improven as they in their wisdome shall think proper.

The managers will not trouble the University with the reasone that might be urges in support of this scheme other than those contained in this scheme itself as they will more readily occurr to the learned gentlemen themselves.

In   consideration whereof, we are, with   the greatest respect, Gent[leme]n. Glasgow, 10th Decembr. 1770. GUA 43368 Memorial_Highland Church1770Your most obedient & Most humble serv[ant]s,  George Black, Daniel Campbell, Alex Campbell, Daniel Love, John Campbell, Alex: Campbell. [36]

Dealbh de na h-ainmean-sgrìobhte a chithear anns a’ cholbh clì ©University of Glasgow Archive Services, GB0248, GUA 43468 (An dealbh seo air fhoillseachadh le cead bho thasglann Oilthigh Ghlaschu).

Chan eil e soilleir an d’ fhuair iad an taic a bha iad a’  sireadh on Oilthigh. Chan eil e soilleir nas motha carson nach d’ fhuair a’ choitheanal Mgr Seumas MacDhonnchaidh mar a bha iad a’ sùileachadh. Lean MacDhonnchaidh na dhreuchd mar mhinisteir Chalasraid. Ach chaidh aca air eaglais ùr a thogail ann an Sràid Ingram, 1770 agus b’e an t-Urr. Uisdean MacDiarmaid a’ chiad ministeir a bh’ anns an eaglais ùr seo.[37]       

–o0o–

Gàidheil ainmeil eile aig Oilthigh Ghlaschu rè na 18mh linn…

Dòmhnall MacAoidh, Morair Meaghrath

Bha Dòmhnall MacAoidh, 4mh Morair Meaghrath a’ frithealadh Oilthigh Ghlaschu ann an 1722. B’ e teaghlach a bha seo a bha daingeann ann a bhith a’ cumail taic ris na Hanòibheirianaich. Thàinig an 4mh Morair a-steach air oighreachd ann an 1748 agus chaochail e ann an 1761. Bha e eòlach air an t-sàr bhàrd cliùiteach Rob Donn MacAoidh (1714-1778) a rinn luaidh eireachdail air a’ Mhorair nuair a chaochail e ann an 1761.[38] 

–o0o–

 

 

Dùghall Bochanan, am bàrd spioradail

Chan e a-mhàin gun gabh ceangal a dheanamh eadar Oilthigh Ghlaschu is aon de na bàird as cliùitiche a bha riamh a’ rannaigheachd sa Ghàidhlig, Alasdair mac Mhaighistir Alasdair (gu h-àrd), ach faodar cuideachd ceangal – nas cinntiche – a thogail ri aon de na bàird eile as fheàrr a riamh a chuir ceathramhan Gàidhlig ri chèile, Dùghall Bochanan (1716-68), am bàrd spioradail.  B’ ann o Shrath Eadhair, sgìre Bhoth Chuidir, ann an Siorrachd Pheairt a bha e. Chan fhaigheadh dithis na b’ eadar-dhealaichte na Dùghall is Alasdair mac Mhaighistir Alasdair. Bha Dùghall na shoisgeulaiche Phròstanach daingeann, rè na 1750an agus na 1760an, toirt taic don riaghltas stèidhichte (Hanobhèirianach) far an robh Alasdair na Chaitligeach agus na dhearg fhear taic nan ‘reubaltach’ Sheumasach.  Bha Dùghall, coltach ri Alasdair, ag obair don SSPCK na fhear sgoile, ach bha e gu math eu-coltach ri Alasdair anns an t-seagh sin cuideachd – tha e soilleir gu robh Dùghall a’ creidsinn gu mòr na chuid obrach agus gu robh e a’ sgaoileadh, na bheachd fhèin (is beachdan a luchd-fhastaidh), buadhan ‘sìobhalta’ anns na cùiltean bu bhorba dhan Ghaidhealtachd.  B’ e bàrdachd na Gàidhlig a bha Dùghall a’ cleachdadh gus naidheachd an t-soisgeul a sgaoileadh am measg an t-sluaigh. Bha a chomasan mar bhàrd, agus an ceangal a bha a chuid bàrdachd a’ dèanamh ris na Gaidheal a’ toirt buaidh mor air an èisdeachd – agus air a luchd leughaidh. Chaidh an cruinneachadh de na dàin aige, Laoidh Spioradail (1767), tron chlò mu 40 uair. (Chithear leth-bhreac dhan dàrna eagran, chaidh fhoillseachadh, 1773, le bhith a’ briogadh ann an seo.) Bha Bochanan cuideachd a’ toirt taic don Urr. Stiùbhart ann an Cill-fhin a bha a’ toirt a’ chiad eagradh dhan Tiomnadh Nuadh a-mach sa Ghàidhlig, 1767. 

Tha fhios gu robh Bochanan a’ frithealadh chlasaichean aig Oilthigh Dhùn Èideann nuair a bha e beagan na bu shine, ach chan eil lorg sam bith air ann an clàraidhean oifigeil Oilthigh Ghlaschu (chan eil lorg ‘oifigeil’ air Alasdair mac Mhaighistir Alasdair nas motha). Ach tha fianais math ann, ge-tà, gu robh Dùghall a’ frithealadh chlasaichean diadhaireachd air Oilthigh Ghlaschu, tràth anns na 1740an. Sgrìobh an Urr. Iain MacLabhrainn, ministear Gàidhlig Ghlaschu gu bhràthair, an sgoilear matamataig ainmeil, An Àrd Oll. Cailean MacLabhrainn ann an 1740. Thug an Urr. Iain iomradh na litir air aon de na h-oileanaich a bha ris an fhoghlaim aig Colaiste Ghlaschu rè na h-àma sin:

 ‘one Mr Buchanan who has Irish from Balquhidder…’  [fear tha seo, Mgr Bochanan, aig a bheil a’ Ghàidhlig, o Bhoth Chuidir]

agus chuala an Urr. Iain an inneas a leanas air Bochanan:

‘…one of our best students & particularly as one well skill’d in the learn’d languages & it’s divinity.’ [aon de na h-oileanaich as fheàrr a th’ againn agus fìor mhath anns na cànanan ‘ionnsaichte’ agus anns an diadhaireachd]

Ged a bhathar a’ moladh an oileanach bhathar dhan bheachd gu robh e:

‘too monkish & retir’d’ [ro fhad-às na dhòigh, cosmhail ri manach]

Tha an t-Àrd Oll. Dòmhnall Meek, a dheasaich eagran ùr do dhàin Dhùghaill Bhochanan, dhan bheachd gur math dh’ fhaoidte gur e sin, gu robh e fad às na dhòigh, is coireach nach do ghabh e dreuchd na mhinisteir agus gun lean e mar mghr-sgoile, searmonaiche is na cheistear gun uiread de dh’ inbhe sòisealta. Dh’ fhaodadh sin a bhith gun teagamh. Air an  làimh eile bha e na cheistear is na shearmonaiche ann an garbh-chrìochan borba Raineach, goirid an dèidh Bliadhna Theàrlaich, sgìrean nach robh gann de mhì-rian. Cha bhitheadh duine cho bog, fad-às, ri sin air soirbheachadh mar a shoirbhich le Dùghall am measg dhaoine duilich ann an dùthaich chorrach.  An dùil an e nach do chrìochnaich Dùghall a chuid foghlaim (no gu leòr dhan fhoghlaim) gus a bhith na mhinisteir?   Tha e annasach, co-dhiù, mar a thuirt an Àrd Oll. Dòmhnall Meek, nach robh guth aig Bochanan air fhoghlam an Glaschu na leabhar-latha.  Bha Àrd Oll. Meek dhan bheachd gur dòcha nach robh foghlam ‘Deist’ (beachd gun tigeadh creideamh tro shlighe reuson seach tro bhuaidh Dhè) a’ còrdadh ri Bhochanan a chionns gu robh seo cealg dhìreach an aghaidh creidheamh Bhochanan fhèin.  Dh’ fhaodadh gu bheil sin ceart gun teagamh. Ach, is fhiach a bhith mothachail gu robh an Urr. Iain MacLabhruinn, a sgrìobh an aona litir a thug iomradh air Bochanan an Glaschu, cliùiteach na latha airson cumhachd a shearmonachadh soisgeulach. (Thuirt aona bhoireannach gun dhrùidh a theagasg-soisgeulach oirre chun an smior (‘pierc’d her heart like a sword’).)  Agus, bha iomradh air MacLabhrain agus air Bochanan ann an cunntasan mu dhùsgaidhean spioradail Chamas Long (Cambuslang) faisg air Glaschu (1740-42). Chan e a-mhàin gu robh MacLabhrain na mhinistear a’ searmonachadh tro Ghàidhlig (air uairean) an Glaschu, ach bha e na thagraiche mun t-àm seo airson dreuchd dhiadhareachd aig Oilthigh Ghlaschu. Cha robh e soirbheachail, ach nam biodh e air an dreuchd seo fhaighinn bhiodh e air daingneachadh neart nan Cuigseach Gaidhealach aig Glaschu – àite far an robh buaidh mòr aig na Caimbeulaich, fo stiùireadh am Prionnsabal Niall Caimbeul (is fo bhuaidh MhicCailein Mhòir). Àrainneachd Cuigseach, Clèireach  is Pròstanach, co-dhiù a bh’ ann an Oilthigh Ghlaschu a bha tòrr na bu tharraingeach  do dhaoine leithid Bochanan is Clanna Chaimbeul na bha e do dh’ Easbaigich is Caitligich le dàimh Seumasach leithid Alasdair mac Mhaighstir Alasdair.[39]

–o0o–

Alasdair MacPhàrlain. 

B’e mac do, dh’Iain MacPhàrlain, an ceann-feadhna a bh’ann an Alasdair MacPhàrlain (1702-1755). Rugadh is thogadh e anns an t-Àrar, àite a bha loma-làn Gàidhlig. (B’ann do bhràthair dhà, Bhaltar MacPhàrlain, a lean athair mar cheann-cinnidh, a choisrig Alasdair mac Mhaighistir Alasdair an leabhar aige, Ais-eiridh, 1751.) Hunterian Alexander MacFarlanDh’ fhaodadh gu robh Alasdair a’ frithealadh an Oilthigh mu 1716 (an rèir aois) ach chan eil lorg air anns na clàraidhean. (Ged a tha lorg air Alasdair MacPhàrlain a’ ceumnachadh ann an 1728, bhiodh e na bu choltaiche gur esan Alasdair eile, bràthair Dhonnchaidh Rongais, eadar theangair na laoidhean.)  Ged nach eil cinnt mu fhoghlaim Alasdair seo (mac ceann-feadhna an t-Àrar), tha e soilleir gu robh ùidh mhòr aige ann an saidheans, matamataig agus na reultan a lean ris fad a bheatha. 

Alasdair MacPhàrlain (1702-1755), mac ceann-feadhna Chloinn ‘ic Phàrlain an t-Àrar a bha ann an Iamèuca. Dealbh air a dhèanamh le John Vanderbank agus air a ghleidheadh an Taigh-tasgaidh an Hunterian, Oilthigh Ghlaschu. Air a chleachdadh an seo le cead on an Hunterian. (© The Hunterian, University of Glasgow 2014).

Chan eil cinnt, nas motha, cuin a thog MacPhàrlain air null a Iamuèca, ach bha e air dreuchd, ‘postmaster-general’ ann am baile Kingston fhaighinn mu 1735.   B’ann aige a bha aon de na taighean a bu mhotha ann an Iamèuca, na chomharra air an saidhbhreas a bha an cois a dhreuchd. Bhuilich Albannach eile, Cailean Caimbeul, innealan reul-eòlais air agus thog Alasdair aitreabh far a biodh e a’ sgrùdadh nan reultan. Nuair a chaochail e   ann an 1755 bhuilich e na h-innealan reul-eòlais air Oilthigh Ghlaschu agus bha seo na bhunait air an deach roinn is cuspair reul-eòlais a thogail aig Oilthigh Ghlaschu.[40]

Bha a h-uile duine geal soirbheachail is beairteach anns an eilean sin aig an t-àm a’ glèidheadh thràillean-dubha.  Leis cho beairteach is a bha Alasdair MacPhàrlain, mar uachdaran-fearainn, britheamh agus ceannard air bathar a’ phuist, agus gu robh tac mòr aige, bha tòrr thràillean aige. Agus, chan e sin a-mhàin, ach bha MacPhàrlain an sàs ann a bhith a’ malairt thràillean: bha e a’ reic dhaoine do mhargaidhean-thràill nam Spàinnteach ann an Cartagena (Colombia an diugh), anns na 1730an agus na 1740an. Cheannaich, e mar eisimpleir, 121 tràillean air dà thrub fa-leth air a’ bhliadhna 1747. B’ ann le MacPhàrlain cuideachd a bha an taigh a bu mhotha ann am baile Kingston, rud a bha na chomharra air cho saidhbhir is a bha e[41]

–o0o–

An Àrd Ollamh Uilleam Richardson

Thogadh Uillleam Richardson (1743-1815) ann an Obar Phuill, Siorrachd Pheairt.  B’e ministeir na sgìre bha na athair agus b’ ann à Sasunn a bha a mhàthair (is cha robh Gàidhlig aca) ach leis gu robh a’ Ghàidhlig cho lìonmhor anns a’ choimhearsnach gan deach àrach, feumas e bhith gun thog Uilleam Richardson a’ chànan cuideachd.  Hunterian Prof William Richardson (1743-1814)

An Àrd Oll. Uilleam Richardson (1743-1814). Dealbh air a dhèanamh le Henry Raeburn agus air a ghleidheadh an Taigh-tasgaidh an Hunterian, Oilthigh Ghlaschu. Air a chleachdadh an seo le cead on an Hunterian. (© The Hunterian, University of Glasgow 2014).

Cheumnaich Uilleam Richardson bho Oilthigh Ghlaschu ann an 1763 agus bha e na thaoitear don teaghlach uasail Cathcart. Nuair a chaidh Cathcart na thosgaire dhan Ruis chaidh Richardson cuide riutha. Sgrìobh e cunntas mu na chunnaic e thall is a bhos anns an Ruis, ga ainmeachadh fhèin ann an sin mar ‘Shasannach’.  Bha Richardson air leth comasach ann an cànanan agus litreachas agus fhuair e dreuchd Àrd Ollamh nan Daonnachd an Oilthigh Ghlachu ann an 1783.  Bha e na fhear-taic do litreachas na h-Alba. Chan eil e soilleir dè cho comasach is a bhiodh e air Gàidhlig a leughadh ach bha e air aon de na fo-sgrìobhainnean a th’ air an ainmeachadh ann an leabhar bàrdachd Dhonnchaidh Bàn Mhic an t-Saoir (an dàrna eagran) a chaidh fhoillseachadh ann an 1790.  Bha e cuideachd na bhall dhan Chomann Gaidhealach anns a’ bhaile, an ‘Glasgow Highland Society’ on a’ bhliadha 1787, a’ sealltainn gum biodh e an co-chomunn nan Gaidheal cho math ris na Goill.[42]  Rinn e cuideachd aiste mu chùisean Ceilteach, ‘An Essay on Celtic Superstition’ (1807) ann an cùl leabhar mu dhàin Oisein. Chithear an aiste aige sin air an t-eadar-lìn le bhith a’ briogadh an seo.

–o0o– 

Oileanach aig Oilthigh Ghlaschu, 1770

Tha iomradh aig Raghnall Mac’IlleDhuibh, na aiste ‘Some notes from my Glasgow Scrapbook’ air dà leabhar beag cuideachd le tiotailean àraidh a bh’ air an deasachadh mu dheireadh na h-ochdamh linn deug aig a bheil ceangal ri Oilthigh Ghlaschu. B’ e aon dhiubh leabhran le laoidhean Dhonnchaidh MhicPhaidein à Srath Lachlainn, an Comhghall. Chaidh a thoirt tron chlò is air an “amharc-aris agus air an ceart comharrachadh le Aoilainuighe araid an’n Aoil-tigh-Glasachadh,” ann an 1770. Tha Raghnall Mac’Ille’Dhuibh dhan bheachd gum b’ e an deasaiche seo Iain Mac a’ Ghobhainn, à Gleann Urchaidh, a bha na mhinisteir an Ceann Loch Chille Chiarain an dèidh seo. Thug an t-aona dheasaiche leabhar eile a-mach ann an 1770 cuideachd. Tha an deasaiche ag innse dhuinn gur ann air iarratas Lachlann MacLachlainn, oileanach an Oilthigh Ghlaschu a ghabh e an t-obair fos làimh:

“Marbh-roinn an Leigh Mhic Lachluinn leis an Ughdair. Maille ri Sean Duana Ghaoidhealach do Chaillain treas Iarla Earraghaoidheal, air a chur ris an obair so air iartas Lach.Mhic Lachluin, Aoilainuighe An’n Aoil-Tigh Ghlasachadh….” [43]

–o0o–

Uilleam Seathach

Is fhiach a bhith a’ toirt an roinn seo dhan duilleag gu crìoch le bhith a’ bruidhinn air oileanach eile a bha a’ frithealadh Oilthigh Ghlaschu aig deireadh na h-ochdamh linn deug.  B’e sin an t-Urr. Uilleam Seathach (1749-1831), à Clachaig ann an Cille-Mhoire, Eilean Arain.  Rinn e ceum MA aig Oilthigh Ghlaschu ann an 1777. Bha e an dèidh sin na mhinisteir an Ardclach, Inbhir Nàrann.  Bha e na charaid do Shamuel Johnson, an Ollamh Shasannach agus rinn Seathach obair mhòr ann an gramar is briathrachas na Gàidhlig. Thug e mach seòrsa de leabhar gràmair, 1778, An Analysis of the Gaelic Language. Mun t-aona àm thug a’ choitheanal far an robh e na mhinistear, an Àird Chlach, faisg air Inbhir-Nàrann  ruaig air. Cha robh e a’ còrdadh riutha mar mhinistear, oir chaidh e a sparadh orrr leis an t-uachdaran an aghaidh an deòin. Bha an Seathach, an rèir na gearainean aca, ana-diadhaidh agus miannach air an deoch-làidir. Agus, b’e aon de na casaidean eile a thog iad gus cuidhteas fhaighinn dheth, sin nach robh iad a’ tuigsinn blas no dual-chainnt Gàidhlig Aranach a’ mhinisteir.  B’ ann a Shasainn a chaidh Seathach an uairsin, far an robh e na mhinisteir agus cuideachd an sàs ann an litreachas.  Dh’ fhoillsich e dà imleabhar tomadach,  A Galic and English Dictionary, ann an 1780. Rinn e saothair mòr air seo, ach gu mì-fhortannach cha robh tòrr dhaoine air a’ Ghaidhealtachd a’ saoilsinn mòran dhan t-obair aige agus dhiùilt grunnan de na fo-sgrìobhaichean aige pàigheadh agus b’ fheudar don t-Urr. Seathach an toirt gu lagh.  Chaidh e cuideachd an sàs ann an connspaid Oisein, is e a’ taobhadh ris an t-Oll. Shasannach, Samuel Johnson.[44]

–o0o–

An Urr. Uilleam Mac Néill

Bha ùidh mhòr aig an Urr. Uilleam Mac Néill (1774-1821) à ceann a tuath na h-Èirinn ann an briathrachas agus cànan na Gàidhlig cuideachd.  Coltach ri Seathach, thug Mac Néill leabhar am follais a bha a’ mìneachadh na Gaeilge. B’ e seo an Introduction to the Irish Language (Dublin, 1808), leabhar air an robh meas mòr agus ga chleachdadh le sgoilearan na Gaeilge na dhèidh seo, leithid Dubhghlas de hÍde agus Eoin MacNéill.

Rev William Neilson (from Belfast Literary Society 1801-1901)

Dealbh de dh’ Uilleam Mac Néill, air a thogail bho J. Neilson, ‘William Neilson’ in G. Smith, ed., ‘Belfast Literary Society 1801-1902’ (Belfast, 1902), 53.

B’e an Urr. Maoise MhacNéill (MA, Glaschu, 1763), ministeir Ráth Deamáin, Contae an Dúin, athair Uilleim. Bha an Urr. Maoise e fhèin na sgoilear chomasach ann an Laideann, Greugais agus Eabhrais agus a thuilleadh air an sin bha e a’ searmonachadh ann an Gaeilge gach seachdain. Thogadh a mhac, Uilleam MacNéill, le Gaeilge, agus lean Uilleam an fhoghlaim ann an Oilthigh Ghlaschu, 1789-93, is chaidh ceum D.D. a bhuileachadh bhon Oilthigh beagan bhliadhaichean an dèidh sin ann an 1805.

Lean an Urr. Uilleam MacNeill athair mar mhinisteir Ráth Deamáin, agus, coltach ri athair bha e a’ searmonachadh anns a’ Gheilge.  Lean e athair cuideachd a thaobh a chomasan cainnt agus choisinn e cliù mar sgoilear Laideann, Greugais is Eabhrais. Chaidh fhastadh mar Ard-Oll. anns na cànanan sin aig Colaiste am Beul Feirste ann an 1818.  Cha robh e air a bhith san dreuchd ro fhada nuair a ghais a shlàinte agus chaochail e o fiabhras, 26-27 dhan Ghiblein 1821. Chuala e naidheachd is e air leabaidh a bhàis gu robh Oilthigh Ghlaschu ga iarraidh mar Ard-Oll. Greugais.[45]

——————————————————————————————————————————

NOTAICHEAN

——————————————————————————————————————————

[1]  A. Macinnes, ‘The aftermath of the ’45’, ann an R.C. Woosnam-Savage, ed., 1745. Charles Edward Stuart and the Jacobites (Edinburgh, 1995), 103-113. M. Pittock, The Myth of the Jacobite Clans (2nd ed., Edinburgh,2009).

[2] R. Black, ed., An Lasair. Anthology of 18th Century Gaelic Verse (Birlinn, Edinburgh, 2001), 425-426. D. S. Thomson, ‘MacDonald, Alexander (c.1695–c.1770)’, Oxford Dictionary of National Biography, Oxford University Press, 2004 [http://www.oxforddnb.com/view/article/17422, accessed 3 April 2014]. D.S. Thomson, ed., Alasdair mac Mhaighistir Alasdair. Selected Poems (Edinburgh, 1996), 1-33.  Airson eisimpleirean den riaghaltas Chuigseach a’ losgadh phàipeirean nach robh a’ còrdadh riutha, seallaibh na h-iomraidhean a leanas: 

‘[…at Carlisle]…on the 12th [October 1745] at One O’ Clock, several treasonable papers, signed by the Pretender and his son were burnt at the Royal Exchange by the Common Hangman amidst the acclamations of the people…’

Seo bhon West India Monthly Packet of Intelligence, 1d dhan t-Samhain 1745. Tha iomradh gun thachair an aona rud an Obar Dheathain san Dùbhlachd 1750:

‘[…] we hear from Aberdeen that not long since Capt. Stafford of Lieut. Gen. Pulteney’s Regiment of Foot, partly quartered there detected a man crying treasonable ballads. Having before him a justice he insisted on a punishement. The magistrate being remiss in this duty, Captain Stafford desired the ballads might be burnt by the common hangman, which also being refused, he caused it to be done in the market-place on a market-day, by his drummer…’

Old England, issue 354, 5mh dhan Fhaoilleach, 1751. A. Hessayon, ‘Incendiary texts: book burning in England, c.1640-c.1660’ ann an Cromohs, 12 (2007), 1-25. G.F.E. Rudé, Hanoverian London, 1714-1808 (Berkeley, 1971), 212. Agus nochd seo cuideachd ann an Pàrlamaid na h-Alba, 1706, far an robh: 

‘…an Address against the union submitted; pamphlet ordered to be burned…       …A scurrilous print asserting the dependency of the crown and kingdom of Scotland upon the crown and kingdom of England brought in, and several paragraphs thereof being read….  [the Parliament]  …ordered that the said scurrilous print be burned by the hand of the common hangman at the market cross of Edinburgh tomorrow between 11 o’clock and 12 o’clock, and the magistrates of Edinburgh appointed to see the same punctually done.’

The Records of the Parliaments of Scotland to 1707, K.M. Brown et al eds (St Andrews, 2007-2014), M1706/10/50. Date accessed: 24 November 2014: http://www.rps.ac.uk/.

[3] D.S. Thomson, ed., Alasdair mac Mhaighistir Alasdair. Selected Poems (Edinburgh, 1996), 19.  Airson beachdan is fiosrachadh mun làmh-sgrìobhainn MS Gen 9, seallaibh cuideachd ri, A. Gunderloch, Làmh-sgrìobhainnean Gàidhlig Oilthigh Ghlaschu. The Gaelic Manuscripts of Glasgow University. A Catalogue (Department of Celtic, University of Glasgow, 2007), 16-17. Chithear a’ chatalog seo air an t-eadar-lìon air an le bhith a’ briogadh ann an seo.

[4] Bha iad a’ deasbad air a’ cheann seo seachd truban, 1832-1838. GUL, MS gen 1363/7-8, 43, 77, 90, 113, 120 129. 

[5] GUL, MS Gen 1363/61-67.

[6] I. MacChoinnich, Eachdraidh a’ Phrionnsa, no Bliadhna Thearlaich (Duneideann, 1844). Airson lèirmheas mhionaideach air an leabhar seo seallaibh, R. MacGilleDhuibh, ‘Cunnart, eadar-theangair ag obair: Eachdraidh a’ Phrionnsa le Iain MacCoinnich’, ann an W. McLeod, J.E Fraser & A. Gunderloch, eds., Cànan & Cultur / Language & Culture, Rannsachadh na Gàidhlig 3 (Edinburgh, 2006), 73-110.

[7]   D. Nichols, ed., Intercepted Post. Letters written at the time of Prince Charles Edward’s descent upon the Lowlands of Scotland, his stay in Edinburgh, and his march to Carlisle. August-December 1745 (London, 1956), 18, 37, 53, 58, 80,90, 94-96-97, 110, 121-122. Bha iad a’ bruidhinn an Glaschu ann an litrichean am Probhast, Cochrane, air the ‘Highlanders’ (t.d.. 2, 4-5, 9, 10, 14, 16-17, 31, 33, 35, 39, 43, 53, 62, 64, 65, 69) ach air luchd taic Sheorais Ghaidhealach mar ‘our Highland militia’ (dg 5) agus ‘Argyllshire men’ no fir Earraghaidheil (tdd., 116, 160), J. Denniston, ed., The Cochrane Correspondence, regarding the affairs of Glasgow, MDCCXLV-VI (Maitland Club, Glasgow, 1835).   Seallaibh cuideachd ‘Oran do bhlàr na h-Eaglaise Brice’ le Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir, far bheil seo ri fhaicinn cuideachd. A. Macleod, ed., Orain Dhonnchaidh Bhain. The Gaelic Songs of Duncan Ban Macintyre (Edinburgh, 1978), loidhne, 27, 65-69, 97-98. A. I. Macinnes,  ‘The British military-fiscal state and the Gael: new perspectives on the ’45,’ ann an, C. Ó Baoill & N. R. McGuire (l.d.), Rannsachadh na Gàidhlig, 2000 (Obar Dheathain, 2002), 257-269, aig 262-264.

[8] M. Pittock, ‘Jacobite culture’ ann an R.C. Woosnam-Savage, ed., 1745. Charles Edward Stuart and the Jacobites (Edinburgh, 1995), 72-86. M. Pittock, The Myth of the Jacobite Clans. The Jacobite army in 1745 (2nd ed., Edinburgh, 2009), 10, 15, 39-42.

[9] Airson cleachdaidhean cainnt is sealladh chlaon, aona-thaobhach, leithid ‘geur-leanmhain,’ ‘Ath-aiseag’, agus ‘Tuiteam an Tighe Fuilteach’ airson riaghladh nan Stiùbhartach eadar 1660 agus 1689, seallaibh, A. MacCoinnich, Eachdraidh na h-Alba (Glascho, 1867), 297-328. 

Airson beachdan nas cothromaiche, seallaibh cuideachd, M. Pittock, The Myth of the Jacobite Clans (2nd ed. Edinburgh, 2009), 74, 122-123.  J. Fergusson, Argyll and the Forty-five (London, 1951), 44-45.  P. Little, Lord Broghill and the Covenanting Union with Ireland and Scotland (Woodbridge, 2004), 119. P. Hopkins, Glencoe and the end of the Highland War (Edinburgh, 1986), 62-63, 241. Memorabilia of the city of Glasgow, selected from the minute books of the burgh (Glasgow, 1835), 432-453.

[…] the magistrates having yesterday received, by his Royal Highness, the Duke of Cumberland’s order [with] the colours of the rebel Macdonalds of Keppoch, lately taken and sent to the head-quarters, they this day, being the principal weekly market, between the hours of twelve and one at noon, caused   burn them publickly at the cross, by the hand of the common hangman, amidst the huzzaes and acclamations of many thousands of spectators, and to the infinite joy of the whole inhabitants of this city‘ 

An cunntas seo ann an J. Dennistoun, ed., The Cochrane correspondence regarding the affairs of Glasgow, MDCCXLV-VI (Maitland Club, Glasgow, 1836), 93. C. Innes, ed., Munimenta Alme Universitatis Glasguensis [MAUG] (Maitland Club, 4 vols., 1854), iii, 201. B. Lenman, The Jacobite Risings in Britain, 1689-1746 (London, 1984), 43, 69-70, 152, 257.

[10] MAUG, ii, 410, 416.

[11] MAUG, iii, 199-200.

[12] John Sibbald Gibson, ‘Cameron, Donald, of Lochiel (c.1700–1748)’, Oxford Dictionary of National Biography, Oxford University Press, 2004; online edn, May 2006 [http://www.oxforddnb.com/view/article/4438, accessed 17 Oct 2014]. A. Wiseman, ‘Dr Archibald Cameron: the last Jacobite to be executed’ blog a chaidh a chuir air proiseact Chaluim MhicGhill’Eain / the Calum Maclean Project blog le Dr Anndra Wiseman, 3/03/2014. <http://calumimaclean.blogspot.co.uk/2014/03/dr-archibald-cameron-last-jacobite-to.html>. R. Turner, ‘Cameron, Archibald (1707-1753), physician and Jacobite conspirator’, ODNB, article no. 4453. Tha cunntas mu bhàs Chamshroin ri fhaicinn ann an alt anns na Transactions of the Gaelic Society of Inverness. D. Wimberley, ‘The Bighouse Papers, (no. 3)’ TGSI, 23 (1898-99), 8-53, at 24-25.

[13] Murray G. H. Pittock, ‘Murray, Lord George (1694–1760)’, Oxford Dictionary of National Biography, Oxford University Press, 2004; online edn, Oct 2006 [http://www.oxforddnb.com/view/article/19605, accessed 17 Oct 2014].

[14] Litir, Prionnsabail Oilthigh Ghlaschu, John Stirling gu ‘Your Grace’, bho Ghlaschu, 3mh Lunastal 1715. Ann am pàipearan, Rùnaire Stàite na -Alba / State Papers, The National Archives (Kew), SP 54/7/22-23.  MAUG, ii, 416-417.

[15] Glasgow Highland Society, Rules and Regulations and list of members, 1727-1902 (James MacLehose & sons, Glasgow, 1902). Tasg-lann Oilthigh Ghlaschu, GUA, 26648/56. GUA 26649/30.

[16] Litir, bho Niall Caimbeul, à Rinn Friu, 22/11/1727, gu ‘Your Grace’ anns an Riaghaltas, air dhà cluinntinn gun bhuilich an Rìgh Seòras dreuchd Prionnsabail Oilthigh Ghlaschu air. Ann am pàipearan, Rùnaire Stàite na -Alba / State Papers, The National Archives (Kew), SP 54/18/204-205.

[17]  Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, Dùn Èideann.  ‘Erskine Murray Papers. Correspondence, 1740-1746.’ NLS, MS 5075, fol. 166. Litir bho Phrionnsabail na Colaiste, Mgr Niall Caimbeul, 2 Giblein 1746, a dh’ ionnsaigh ‘Mr James Erskine, judicial (?) advocat, at Lord Tinwall’s house, Edinburgh.’  Litir, bho Prionnsabail Niall Caimbeul, chun t-Àrd Ollamh Raibeart Simson, 3mh dhan t-Òg mhios 1752 (ann an tasg-lann Oilthigh Ghlaschu, GUA 26233) mar a leanas:  

Dear Sir,   I hope the acc[oun]ts of the bishoprick may be ready against the 10th as I design that day to meet you in the faculty in order to their being sent to Edin[burg]h, you know the baron’s wife on the 22d. I had on Monday a letter from the Duke of Argyll of May 26th signifying that Mr Ruot is made professor of Church History of wch at the Duke’s desire, I have ordered to him. I am.   Yo[u]r most affectionate humble servant, Neil Campbell.   [P.S.] I would insist on a visit from you this week were I not going to the baptism of Colin’s child at Eglisham.   Inch, June 3d 1752.

Chan eil e soilleir cò am paiste a th’ ann an seo. Chithear fios mu William Rouet agus co-theacs buaidh an Diùca aig an Oilthigh anns an leabhar le R.L. Emerson, Academic patronage in the Scottish Enlightenment : Glasgow, Edinburgh and St Andrews Universities (Edinburgh University Press, 2008), 107-110, 115-141. Chithear fios cuideachd mu Rouet aig làrach an Oilthigh le bhith a’ briogadh ann an seo.

[18] S. Fraser, The Last Highlander. Scotland’s most notorious clan chief, rebel & double-agent (London, 2013), 254-256.

[19]  Edward M. Furgol, ‘Fraser, Simon, eleventh Lord Lovat (1667/8–1747)’, Oxford Dictionary of National Biography, Oxford University Press, 2004; online edn, Jan 2010 [http://www.oxforddnb.com/view/article/10122, accessed 31 Oct 2014]. Stuart Reid, ‘Fraser, Simon, master of Lovat (1726–1782)’, Oxford Dictionary of National Biography, Oxford University Press, 2004; online edn, Jan 2008 [http://www.oxforddnb.com/view/article/10124, accessed 31 Oct 2014].

[20] FES, iv, 50.  MAUG, iii, 148-149. R. Sharpe, ‘Lachlann Campbell’s letters to Edward Lhwyd, 1704-7,’ ann an Scottish Gaelic Studies, 29 (2013), 244-281. A. MacCoinnich, Plantation and civility in the North Atlantic World. The case of the Northern Hebrides, 1570-1637 (forthcoming, 2015), caibideil 1.

[21] R.L. Emerson, An Enlightened Duke. The life of Archibald Campbell (1682-1761), Earl of Ilay, 3rd Duke of Argyll (Kilkerran, 2013), 20, 26, 173, 279, 421 & nota 102.         

[22] M. Scott, ‘Poetry and Politics in mid-eighteenth century Argyll: Tuirseach andiugh críocha Gaoidhiol’ ann an C. Ó Baoill & N.R. McGuire (eds.), Rannsachadh na Gàidhlig, 2000 (Obar Dheathain, 2002), 149-162.

[23] Litir bho Alasdair MacFàrlain, gu bhràthair, Mgr Donnchadh MacFàrlain, ministeir Dhruimein. Tasg-lann Oilthigh Ghlaschu, GUA 2019. R. Black, ‘Gaelic religious publishing, 1567-1800’ ann an C. Ó Baoill & N.R. McGuire, eds., Caindel Alban. Fèill Sgrìobhainn do Dhòmhnall E. Meek. Scottish Gaelic Studies, 24 (2008), 73-85, aig, 77-78, 82. Addison, Roll of Graduates, 368.

[24] Yester Papers, Leabharlann Nàiseanta na h-Alba. NLS, MS 7073. Yester Papers. NLS, MS 7073, fol. 47, tàr-sgrìobhainn mar a leanas:

Letter, Principal Neil Campbell to the Marq[uis of Tweeddale]. Sent from Glasgow, 28th November 1745, arrived 17th December 1745.

My Lord,

I have the honour to acquaint your Lordship that as this University of Glasgow is most firmly devoted to his Majesties Royal Person, Family & Government & inclind on this occasion to give the most solid proofs of loyalty in our power, especially at such a juncture as this. We have unanimously engaged to raise & maintain a company of fifty men to be employed wherever His Majestyis service in this cuntry requires it. This in name & in the degrie of the University is most humbly signifyed to your Lordship by,

My Lord, Your Lordships most faithfull, most humble & most obedient servant,

Neil Campbell,

If yor Lordship will at any time receave (?) me with a return, perhaps to direct for the Principal of the College of Glasgow.

Coll: Glasgow, Nov. 28th 1745.

Chaidh dèiligeadh ris a’ ghnothaich seo cuideachd aig Facultaidh an Oilthigh:

“…Mr Neil Campbell princ[ipa]l…           …an University being duly summoned and convened in order to consider what it s proper for the university to do for his majesties service in the present conjuncture, when an unnatural and wicked rebellion threatens the ruin and destruction of all our religious and civil liberties and priviliges. The meeting unanimously agreed to subscribe to maintain a company of fifty able bodied men for thirty days if necessary or longer at the rate of eight pence a day…” Tasg-lann Oilthigh Ghlaschu (GUAS), GUA 26639/199.

[25] GUAS, GUA 26639/201.

[26] GUAS, GUA 26639/205.

[27] GUAS, GUA 26639/216.  GUA 58445. 

[28] Chithear seo ann am mìneachadh Bruce Lenman: “…there is no question but that Cumberland shared the crudest and crassest of contemporary anti-Scottish prejudices…”,  agus, “…the violence of anti-Scottish feeling amongst the contemporary English establishment…” , agus, “…Cumberland retained a venomous dislike of Scots in general…”    B. Lenman, The Jacobite Risings in Britain, 1689-1746 (London, 1984), 261-267, 289. A. I. Macinnes, ‘The Aftermath of the ’45,’ ann an R.C. Woosnam-Savage, ed., 1745. Charles Edward Stuart and the Jacobites (Edinburgh, 1995), 103-114.  

[29] NRS [National Records of Scotland, Dùn Èideann], GD 170/822/2. Glasgow Highland Society, Rules and Regulations and list of members, 1727-1902 (James MacLehose & sons, Glasgow, 1902).

[30] NRS, GD 170/731/2.

[31] Glasgow Highland Society, Rules and Regulations and lists of members (Glasgow, 1902). NRS, GD170/743.

[32] NRS, GD 170/1643.

[33] I.R. Macdonald, Glasgow’s Gaelic Churches. Highland Religion in an Urban Setting, 1690-1995 (Edinburgh, 1995), 7-8. GUL, MS Gen 1378/4-5. R. Emerson, Academic patronage in the Scottish englightenment. Glasgow, Edinburgh and St Andrews Universities (Edinburgh, 2014), 90-91, 99, 108-112, 117-228. 125. FES, iv, 31. Richard B. Sher, ‘MacLaurin, John (1693–1754)’, Oxford Dictionary of National Biography, Oxford University Press, 2004 [http://www.oxforddnb.com/view/article/17644, accessed 6 July 2014]. Erik Lars Sageng, ‘MacLaurin, Colin (1698–1746)’, Oxford Dictionary of National Biography, Oxford University Press, 2004; online edn, May 2006 [http://www.oxforddnb.com/view/article/17643, accessed 6 July 2014]. Chithear cuideachd tuilleadh fiosrachaidh mun teaghlach le bhith a’ briogadh air a’ cheangal seoChaidh leabhar fhoillseachadh (ann an dà imleabhar) le searmonan agus sgrìobhainnean (am Beurla) Mhgr Iain MacLabhruin, air a dheasachadh le W.H. Goold (1860) is chithear iad sin ma bhriogas sibh an seo, agus ann an seo.

[34] GUL, Sp. Coll. MS Gen 1378/4-5. Erik Lars Sageng, ‘MacLaurin, Colin (1698–1746)’, Oxford Dictionary of National Biography, Oxford University Press, 2004; online edn, May 2006 [http://www.oxforddnb.com/view/article/17643, accessed 6 July 2014]

[35] I.R. MacDonald, Glasgow’s Gaelic Churches. Highland religion in an urban setting, 8-10, 25-27.

[36] Athchuinge o mhanaidsearan Eaglais Ghaidhealach ùr Ghlaschu gun Oilthigh a’ sireadh taic airgid, An Dùbhlachd 1770. GUAS, GUA 43368.

[37] FES, iv, 340-341, I.R. MacDonald, Glasgow’s Gaelic Churches. Highland religion in an urban setting, 8-10.

[38]  C. Innes, ed., Munimenta Alme Universitatis Glasguensis (Maitland Club, 4 vols., 1854), iii, 223.   I. Grimble, The World of Rob Donn (Edinburgh, 1979), 174-179.

[39] Agallamh air Radio nan Gaidheal a rinn Coinneach MacÌomhair (Prògram Choinnich, BBC Radio nan Gaidheal, 22/07/2015) leis an tÀrd Oll. Dòmhnall Meek agus an Oll. Domhnall Uilleam Stiùbhart. Black, An Lasair, 481-485. D. E. Meek, ‘Ath-sgrùdadh: Dughall Bochanan’, Gairm, 147 & 148 (1989), 269-280 & 319-330. D. Maclean, The Spiritual Songs of Dugald Buchanan (Edinburgh, 1913), viii. R. D. Jackson, ‘Buchanan, Dugald [Dughall Bochanan] (1716-1768), Gaelic poet,’ DNB, entry no. 3835. Meek, deas., Laoidhean Spioradail Dhùghaill Bhochanain, 3-4, 21; agus D. Meek, ‘Evangelicism, Ossianism and the Englightenment. The many masks of Dugald Buchanan,’ ann an C. MacLachlan, ed., Crossing the Highland Line (Glasgow, 2007), 97-112, aig, 100-102, 105-106. R.B. Sher, ‘MacLaurin, John (1693-1754)’ ODNB, entry no. 17644. Tha fianais ann an grunn de dh’ iomraidhean anns na ‘MacCulloch Examinations’ air teagasg soisgeulach an Urr. Iain MacLabhrainn aig dùsgaidhean Chamas Long (Cambuslang). Tha iomradh anns na cunntasan sin air searmonaiche air an robh ‘Buchanan.’  Bha an deasaiche, Keith Beebe, a’ smaoineachadh gur e seo Dùghall Buchanan. K.E. Beebe, ed., The MacCulloch Examinations of the Cambuslang Revival (1742) (2 vols., Scottish History Society, Edinburgh, 2011), vol. i, 76, 100-101, 133, 171, 299, 306, 319, 332, 361, 363; vol. ii, 37, 110, 112, 114, 215, 236, 313.

[40] D.J. Byrden, ‘The Jamaican Observatories of Colin Campbell, F.R.S. and Alexander MacFarlane, F.R.S.’, ann an Notes and Records of the Royal Society of London, 24 (1970), 261-272, aig 262-265.  Chithear beagan fiosrachaidh mu Alasdair MacPhàrlain air an University of Glasgow Story, le bhith a’ briogadh ann an seo.

[41] T. Burnard & K. Morgan, ‘The dynamics of the slave market and slave purchasing patterns in Jamaica, 1655-1788’, anns an William and Mary Quarterly, 3rd Ser., Vol., 58 (2001), 205-228, aig, 210,  214.

[42] Michael S. Moss, ‘Richardson, William (1743–1814)’, Oxford Dictionary of National Biography, Oxford University Press, 2004; online edn, Oct 2009 [http://www.oxforddnb.com/view/article/23590, accessed 3 Nov 2014].  Chithear cuideachd iomradh air Richardson air làrach an ‘University of Glasgow Story’ le bhith a’ briogadh ann an seo. R. Black, ‘Some notes from my Glasgow Scrapbook, 1500-1800,’ S.M. Kidd, ed., Glasgow. Baile Mòr nan Gàidheal. City of the Gaels (Roinn na Ceiltis, Oilthigh Ghlaschu, 2007), 20-54, aig 43. Glasgow Highland Society, Rules and Regulations and lists of members (Glasgow, 1902), 108. 

[43] R. Black, ‘Some notes from my Glasgow Scrapbook, 1500-1800,’ 32-33. R. Black, ‘A provisional handlist of Gaelic printed books, 1567-1800,’ ann an, Scottish Gaelic Studies, 25 (2009),35-94, aig, 58-59.

[44] Thathar fada an comain Rachael Egan, a tha ag obair air The University of Glasgow Story, airson ar aire a thoirt gu beatha agus dreuchd Uilleam Seathach. Chithear fios mu dheidhinn an seo.   K. D. Macdonald, ‘ The Rev. William Shaw, – Pioneer Gaelic lexicographer,’ ann an Transactions of the Gaelic Society of Inverness, 50 (1976-78), 1-19. R. MacLeod, ‘Shaw, William (1749–1831)’, Oxford Dictionary of National Biography, Oxford University Press, 2004; online edn, Sept 2013 [http://www.oxforddnb.com/view/article/25271, accessed 18 Nov 2014] D.S. Thomson, ed., The Companion to Gaelic Scotland (1983, Gairm, Glasgow, 1994), 266. Addison, Roll of Graduates of the University of Glasgow, 550.

[45] D. Murphy, ‘Neilson, William (Mac Néill, Uilliam),  The Dictionary of Irish Biography. Séamas Ó Saothraí, ‘Neilson, William (1774–1821)’, ODNB, entry 19873. C. Ó Baoill, ‘Norman MacLeod. Cara na nGael’, Scottish Gaelic Studies, 13 (1981), 159-168, aig 160. Blaney, Presbyterians and the Irish Language, 56-63.  Tha luaidh cuideachd aig làrach-lìn an Oilthigh, ‘The University of Glasgow Story’, an dà chuid an Urr. Maoise Mac Néill agus air an Urr. Uilleam Mac Néill.

[AMcC, 28/09/2016]

Leave a Reply