19mh & 20mh linn: An Comunn Oiseanach

UGC 202_2_1_1-4 Cairt ballrachd Oiseanach1922-26 (b)

Cairtean ballrachd a’ Chomuinn a bh’ aig Minnie NicAoidh, 1924-26. ©University of Glasgow Archive Services, GB0248, UGC 202/1/1/1-4. (Seo air fhoillseachadh le cead bho thasglann Oilthigh Ghlaschu).

Toiseach-tòiseachaidh a’ Chomuinn

Chaidh ‘An Comunn Ossianach’ a chuir air bhonn ann an 1831.   Chruinnich buidheann de dh’ oileanaich aig Oilthigh Ghlaschu aig ceann na bliadhna sin agus chuir iad bun-reachd an òrdugh dhan Chomunn.   B’ e coinneachadh agus deasbad ann an dòigh foirmeil am prìomh  amas a bha aig a’ Chomunn – aig an fhìor thoiseach co-dhiù.  Bha iad a’ bruidhinn air raon farsaing de chuspairean.  B’ e “co dhiu ’s sonadh, an staid phosda no an staid shingilte,” a thagh iad mar chuspair na ciad choinneamh mar a chìthear anns an fhaidhle a tha ceangailt. Chaidh Alasdair Stiùbhart o Bhoth-cuidir, Siorrachd Pheairt, a thaghadh mar ‘runchleireach’ a’ Chomuinn, no rùnaire, mar a chanas sinne an diugh. Chum e cunntas, no ‘mionaidean’ dhan na coinneamhan ann an Gàidhlig bhrèagha shoilleir.   Ged a tha a’ chainnt agus an litreachadh rudeigin seann-fhasanta, gabhaidh a leughadh gun cus uallach.   (Chithear iomradh air Iain MacThàmhais, rùnchlèireach eile a’ Chomuinn, c. 1837, aig bonn na duilleige mu Sheanadh Earraghaidheil.) Tha an leabhar leis na sgrìobhainnean seo, 1831-1849, air a thasgadh ann an Special Collections, Oilthigh Ghlaschu (MS Gen 1363).  Tha timcheall air 160 duilleag anns an leabhar.  Seo, gu h-ìosal, ceanglaichean gu tàr-sgrìobhainn dhan a’ chiad leabhar ath-chuimhneachaidh (no leabhar ‘mionaid’) a bh’ aig a’ Chomunn rè na bliadhnaichean sin.  GU SC MS Gen 1363 Comann Oiseanach 1831-1849

Seo clàr de na cuspairean a bh’ anns an leabhar sin: GU SC MS Gen 1363 Clar chuspairean (1831-1849).   Chithear ann an sin gu robh a’ Chomunn a’ deasbad mu raon fìor fharsaing de chuspairean a bhuineadh don eachdraidh agus an latha aca fhèin, eadar ‘Am bu chòir do na Gaidheil air taic a thoirt don Phrionnsa Tearlach ann an, 1745′ (grunnan thursan), cor nan tràillean-dubha anns na h-Innseachan Bhreatunnach – am bu chòir an saoradh sa bhad? (1833); am bu chòir daoine ciontach a chuir gu bàs ? agus cuspairean eile a bha a’ dèanamh dragh do fhleasgaich òg, leithid buill a’ Chomuinn seo – ‘dè as fheàrr: an staid singilte no pòsta?’ (1831) agus ‘an fheàrr am pòsadh òg no sean?’

Bha iad cuideachd a’ bruidhinn air cuspairean air a bheil sinn uile fhathast a’ brunndail anns an 21mh linn: ‘Am bu chòir litreachadh na Gàidhlig atharrachadh?’ (1832), agus ‘An robh a’ cheangail ri Sasunn chum buannachd Alba? (1834 & 1836). Chithear clàr de dh’ ainmean dhaoine a bha a’ suathadh ris a’ Chomunn agus air a bheil iomradh anns an leabhar ath-chuimhneachaidh aca, 1831-1849, ann an seo: GU SC MS Gen 1363 Clar ainmean (A-W)

Bha an t-Urr. Tòmas MacCalmain (T.M.M. Murchison), am ministear agus sgoilear ainmeil, a’ sàs gu mor anns’ a’ Chomunn na òige. Rinn e alt bheag anns an iris ‘Ossian’ ann an 1933 airson ceud bliadhna a’ Chomuinn a chomharrachadh le bhith a’ toirt sùil luath air mionaidean a’ Chomuinn thar nam bliadhnachan. Thug MacCalmain luaidh an sin air cuid de na tèaman a tha a’ nochdadh ann am mionaidean a’ Chomuinn. Chithear na sgrìobh MacCalmain le bhith briogadh an seo: Ossian 1933 Minutes of a century (Murchison) (le taing dhan Chomunn Oiseanach airson cead an dealbh seo a chleachdadh). Chùm MacCalmain ùidh ann an gnothaichean a’ Chomuinn fad a bheatha agus bha e fhathast a’ frithealadh choinneamhan agus cuirmean a’ Chomuinn aig deireadh na 1960an fhads a bha e na mhinistear ann am Baile Ghobhainn.[1]

Chithear cuideachd iomraidhean air a’ Chomunn Oiseanach bhon 19mh linn agus am 20mh linn ann am pàipearan naidheachd, an Glasgow Herald gu h-àraid, air roinn dhan làrach seo le aithrisean phàipear-naidheachd.  Ach cha b’ ann an Glaschu a-mhàin a bha oileanaich Ghaidhealach a’ cruinneachadh agus a’ cur chomuinn air dòigh. B’ ann an Cill-rìmhinn a bha an Comann Gaidhealach as sine airson oileanaich ann an Alba, a chaidh a stèidheachadh ann an 1796.  Agus, chan e sin a-mhàin, ach chùm na oileanaich sin an cuid clàraidhean uile tro mheadhan na Gàidhlig (bho 1816) suas gu ruige 1897.  Ach thug an oidhirp a rinn oileanaich Ghaidhealach Ghlaschu, len cuid iomairt gus  Comunn Oiseanach a stèidheachadh, 1831, fìor dheagh eisimpleir de Ghaidheil a bha a’ frithealadh  Oilthigh Dhùn Èideann, a chuir ‘Comunn Oiseineach Oil-thigh Dhun-Eidinn’ air bhonn ann an 1837.   Ged nach robh oidhirp oileanaich Dhùin Èideann cho soirbheachail an toiseach, thòisich iad as ùr ann an 1848 agus a-rithist ann an 1851 mar Chomann Ceilteach, no ‘Highland Society’ agus tha buidhnean de dh’ oileanaich air a bhith a’ cruinneachadh on bhratach sin a-riamh on uair sin – agus, chaidh Comann Ceilteach a stèidheachadh an Oilthigh Obar Dheathain cuideachd ann an 1854. Rinn Liam Crouse aithris inntinneach air tùs Chomunn Ceilteach Oilthigh Dhùn Èideann agus bha iad sin a’ cruinneachadh agus a’ deasbad air raon farsaing de chuspairean rè an dàrna leth dhan 19mh linn, rudeidin coltach ris mar a Oileanaich a’ Chomuinn Oiseanach ann an Oilthigh Ghlaschu.[2]

–o0o–

Iomairt as leth na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu, 1839

Bha an Comunn cuideachd a’ strì gus ollamhachd a chuir air dòigh ann an Oilthigh Ghlaschu ann an 1839. Chuir iad athchuinge air bhonn anns a’ bhliadhna sin a dh’ ionnsaigh an Triath Iain Russell, Rùnaire na Dùthcha Bhreatannach (tha an athchuinge air thasgadh am pàipearan Fox Maule, fo-Rùnaire Stàite na h-Alba), is iad ag iarraidh àite dhan Ghàidhlig aig an Oilthigh.  Bha feum air Àrd Ollamh na Gàidhlig, thuirt iad, leis gu robh e na chùis uamhais mar a bha cion ullachaidh ga thamhainn air ministearan Ghaidhealach. Bhathar a’ trèanadh ministearan, gu h-àraid, ann an iomadh sgile, ach cha robh iad a’ faighinn oideachadh sam bith anns a’ chànan anns an robh iad a gu bhith a’ searmonachadh. Rinn luchd an athchuinge oidhirp air mìneachadh mar a bha feum mhòr air an leithid de dhreuchd agus mar a bheireadh e spionnadh do chothroman foghlaim do na Gaidheil ann an Alba. Bha iad cuideachd a’ cur cuideam air dìlseachd na Gàidheil do dh’ ìmpireachd Bhreatainn agus gur ann a theannaicheadh cothroman a thoirt do luchd na Gàidhlig na bannan a bha gan ceangal ri luchd labhairt na Beurla.

NRS GD 45_9_6 Petition 1839 (7)

Dealbh de dh’ ainmean-sgrìobhte luchd-taic athchuinge a’ Chomuinn Oisneanach, 1839 (NRS, GD 45/9/6). An dealbh seo, NRS, GD/45/9/6, air a chleachdadh le cead bhon na ‘National Records of Scotland,’ Dùn Èideann.

Thog iad cuideachd air argumaid eile, gur ann a chuireadh cothroman fòghlaim an Gàidhlig greasta air mar a bha a a’ Bheurla a’ sgabadh am measg nan Gaidheal. Chithear tàr-sgrìobhainn dhan athchuinge air fad le bhith a’ briogadh air a’ cheangal seo: NRS GD 45_9_6 (athchuinge nan Oiseanach 1839).

Chan eil càil a choltas gun ghabh an riaghaltas feart sam bith dhan athchuinge seo ge-tà.  Chaidh a thogail ann an Taigh nan Cumantan, Lunnainn le Sir Seumas Greumach air a’ chiad latha dhan Iuchar 1839. Chaidh an aona cheist a thogail a-rithist le fear Mgr MacFhionghuin, a’ riochdachadh Gaidheil Lunnainn, agus a’ putadh gus Gàidhlig a chuir air stèidh anns na h-Oilthighean Albannach, 17mh dhan Iuchar 1839 agus a-rithist, 7mh Iuchar 1847, ach d’ fhuaras taic sam bith ann am Pàrlamaid Bhreatainn. Chithear cuid dhan adhbhar, is math dh’ fhaoidte, airson an cion taic dhan Ghàidhlig agus nan cànanan Ceilteach eile anns na beachdan tàireil a nochd am ball-pàrlamaid Bhreatannach (à Monadh Rois, an Alba), Joseph Hume (1777-1855). Bha Hume a’ bruidhinn ann an deasbad an Taigh nan Cumantan, 1843, is e ag iarraidh siostam “nàiseanta” foghlaim a steidheachadh air feadh Breatainn. Cha robh àite sam bith aig Hume dhan nam mean-chànanan.

‘…that if Wales had been better instructed than she was—if English masters had been sent there a hundred years ago—if the Welsh language had been put an end to years ago as it ought —[Hear, and laughter.]—yes, he said so, because there was very little beneficial to be read in Welsh—he said the same of Gaelic, as well as of the Irish language, because there were not many good books in any of these languages—if facilities had been afforded for instruction in Wales—if the men of Wales had spoken English, if they were fully informed, he was sure they would not have had such disturbances in the country, and they would have found the people themselves more disposed to be obedient to the law…’[3]

[air eadar-theangachadh mar: ‘…nam biodh a’ Chuimrigh air foghlam na b’ fheàrr fhaighinn, nam biodh maighstirean [-sgoile?] Shasannach [no ‘na Beurla’?] air a dhol ann o chionn ceud bliadhna agus a’ Chuimris a dubhadh às mar bu chòir [gàireachdain is aonta na bha an làthair] – gun teagamh, thuirt e, bha cho beag feumail ri leughadh an Cuimris agus gun gabhadh an aona rud radha mu Ghàidhlig is mu chainnt na h-Èirinn – oir chan eil ach glè bheag as fhiach a leughadh anns na cànanan sin….     …. Nam biodh goireasan air a bhith aig na Cuimrigh, nam b’ urrainn dhaibh am Beurla a bhruidhinn, mura biodh iad cho aineolach, bhiodh e cinnteach nach biodh uiread de dh’ aimhreit air a bhith a’ dol san dùthaich sin, agus gum faiceamaid gum biodh luchd na dùthcha sin na b’umhaill dhan lagh…]

Chan eil sin ri radha gum b’ e beachdan Hume beachan Pàrlamaid Bhreatainn, ach tha e gu math soilleir, beachdan ann no às, nach robh càil a dhùil aig muinntir na Pàrlamaig àite sam bith a dheanamh dhan Ghàidhlig.

–o0o–

Iain Greagarach Caimbeul, ministear is fear-cruinneachaidh beul-aithris

033b Iain Gregarach Caimbeul alias JGCBha ‘Iain Gregarach Caimbeul, o Apuinn Mhic Iain Stiubhart’ (aithnichte am Beurla mar John Gregorson Campbell), na bhall dhan Chomunn Oiseanach mu mheadhan na 19mh linn (1855-57).  Bha Caimbeul (beo 1834-91) na mhinisteir ann an Eilean Thiriodhe an dèidh dha an Oilthigh fhagail. Sgriobh e leabhraichean ainmeil mu bheul-aithris is saobh-chràbhachd (ann am Beurla) air a bheil na tiotail Superstitions of the Highlands and Islands of Scotland, agus, Witchcraft and the second sight in the Highlands and Islands. B’ ann an dèidh a bhàis a nochd gach leabhar. B’ iad seo, ann am briathran am fear mu dheireadh a rinn deasachadh air obair a’ Chaimbeulach, Raghnall MacGhilleDhuibh, dà leabhar a tha ‘cho cudromach ri leabhraichean a chaidh riamh fhoillseachadh air beul-aithris.’ Is ann am Beurla a sgrìobh an Caimbeulach iad seo, ach bha an Caimbeulach na ‘rùn-chleireach’ (rùnaire) air a’ Chomunn Oiseanach. Sgrìobh e clàraidhean (no mionaidean) a’ Chomuinn ann an Gàidhlig airson seisean 1855-56. Cha bhiodh e idir mì-choltach (ged nach eil fianais ann) gur ann rè na h-àma seo a thòisich an Caimbeulach air beul-aithris agus sgeulachdan shaobh-chràbhach a thrusadh. Cò aig a tha brath nach ann o cho-oileanaich anns a’ Chomunn a thog e cuid dhiubh sin anns na 1850an?![4]

Dealbh, gu h-àrd, dhan Urr. Iain Greagarach Caimbeul. Air a thoirt o dhuilleagan-toisich leabhar:  ‘Waifs and Strays of Celtic Tradition: Argyllshire series, no. v. Clan Traditions and popular tales of the Western Highlands and Islands collected from oral sources by the late John Gregorson Campbell’ (London, 1895).

–o0o–

Deasbadan agus na bha a’ dol, anns na 1850an, 1860an agus 1870an

Ged nach do shoirbhich leis a’ Chomunn nan cuid iomairt ann an 1839-40, cha robh iad idir air cùisean a leigeil gu làr. Chum gach ginealach ùr a’ brunndail agus a’ coiteachadh gus inbhe agus seasamh fhaighinn dhan Ghàidhlig aig an Oilthigh. Mar seo a chaidh aon de dheasbadan a’ Chomuinn a chlàradh, 8mh dhan Fhaoilleach, 1858:

“Thugadh breith le 8 an aghaidh 5 gum bu choir do fhear teagasg Gailig bhi air a shonruchadh ann an aon de oilthighen na h-Alba”.

Is e an aona rud a tha annasach ann an seo gu robh còigear nach robh air a shon – na chomharra, is cinnteach, air cho comasach is a bha aona sgioba dhan luchd deasbaid!   (GUL, SP Coll, MS Gen 1365). Bha Gaidheil a-rithist a’ togail an guth is iad an dòchas gun deidheadh aca air cas a-steach fhaighinn dhan Ghàidhlig nuair a bhathar a’ dealbh phlanaichean, 1868, aig an Oilthigh gus an t-seanna champus fhàgail agus aitreabh ùr ga thogail ann an Gilmorehill. B’ ann mar seo a chaidh an deasbad sin a chlàradh ann an leabhar ath-chuimhneachaidh a Chomuinn: 

“Aig Glascho, agus ann an Tigh Seisin Eaglais Chaluim Cille air an 24ead don chiad mhios 1868. …Leubhadh agus ghabhadh riu mionaidean na coinneamh mu dheireadh. Dhearbhadh le aona ghuth a’ Chomainn gum bu choir cathair Ghaelic a shuidheachadh ann an Oilthigh Ur…” 

Thog na h-oileanaich an guth an ath bhliadhna a-rithis, agus iad a’ deasbad, 2a dhan Ghiblein 1869:  ‘am bu chòir Cathair Ghaelig a bhi san Oilthigh ùr’. An ath bhliadhna a-rithist, 1870, agus iad am brath imrich gu Gilmorehill, bha an dearbh cheist aca a-rithist: ‘Am bu choir cathair Ghailig a bhith ann an Oilthigh Ghlaschu’  (GUL, Sp. Coll. MS Gen 1366).

Chùm na seòid orra a’ toirt feart do raon air leth farsaing, ioma-fhillte, air am biodh iad a’ cagnadh nuair a choinneachadh iad.  Bha grunn de chuspairean an latha a’ togail ceann, eadar cogadh ‘Shìobhalta’ Aimeareagaigh, cor nan tràillean, còir-bhotaidh agus casg-dighe. Bha duine na dhithis gu math cliùiteach a’ tighinn a thadhail air a’ Chomunn mun àm seo. Nam measg sin bha Iain F. Caimbeul, Tighearna ìle (1822-85), fear-trusaidh nan sgeulachdan a thàinig a thadhail air a’ Chomunn ann an Taigh-seisein Chaluim Cille, 11mh dhan Dùbhlachd 1863. Thàinig am bàrd ainmeil, Uilleam MacDhun-léibhe (1808-1870), cuideachd a bhruidhinn ris a’ Chomunn. Rinn e (24mh Ghearran 1865) òraid mu dheidhinn na Lochlannaich ann an Ìle’  – cuspair air an do rinn e dàn fada (GUL, Sp. Coll., MS Gen 1366. D.S. Thomson, Companion to Gaelic Scotland, 32, 164).

B’ e Comunn air leth trang a bha ann an seo mar a chithear le bhith a’ toirt sùil air na bha a’ Chomunn a’ cur romhpa air a bhliadhna 1869-70. Seo tàr-sgrìobhainn dhan an Ceann-eagair a bh’ aig a’ Chomunn air a’ bhliadhna sin:

GUL Sp Coll MS Gen 1366 Syllabus 1869-70

Tha cuid de na cuspairean air an robh iad a’ bruidhinn mar ‘Warren Hastings’ (1732-1818), a bha na uachdaran air Bengal, bàrdachd, ceòl, draoidheachd, a’ Ghalldachd, an Rìgh Raibeart I, Donnchadh Bàn, An Ath-leasachaidh agus Cogadh anns an Ruis, soilleir gu leòr.  Chan eil e cho soilleir fhaicinn ge-tà cò mu dheidhinn a bha cuid eile de na cinn aca.1865_03_25 pg 5 Ossianic annual

Ach, ged a bha na buill eudmhor ann a bhith a’ coiteachadh as leth na Gàidhlig, a’ deasboireachd agus ri òraidean foirmeil, bha iad anabarrach deigheal air ho-ro-gheallaidh, aon uair sa bhliadhna aig a’ char as lugha!

Chithear aithisg ann an seo air an làimh dheis, mu Dhinneir Bhliadhnail a’ Chomuinn mar a nochd e ann an Herald Ghlaschu, 25mh dhan Mhàrt 1865 (t.d. 5).

Chithear an tuilleadh aithrisean leithid sin anns an roinn dhan làrach seo far a bheil earrannan às na pàipearan naidheachd rim faicinn.  Bha na h-aithisgean sin a’ nochdadh anns an Herald, ach bha iomradh orra cuideachd ann am pàipear an t-Obain agus an Inverness Courier.  Bha aona aithisg cuideachd anns an Courier mu dheidhinn leabhar ùr, leabhar de dhàin fada, a bhathar ga chuir air bhog, deireadh a’ Ghiblein 1863, le Iain Chamshron, Bàrd a’ Chomuinn Oiseanach.[5] B’ ann à Baile a’ Chaolais a bha an Camshronach agus bha ainm aige mar bhàrd an Glaschu.  B’ ann mu lèir-mhurt Ghleanna Comhainn a bha an dàn agus bha e cuideachd a’ suathadh ri beul-aithris mu ghalar a’ phlàigh agus Camshronach Challaird. Thàinig seo a-mach an clò a-rithist ann an 1876 agus chithear an dreach seo de dhàin a’ Chamshronach lei bhith a’ briogadh an seo.

—o0o—

Iomradh air a’ Chomunn Oiseanach, 1872

Bha litir anns an iris ‘An Gaidheal’ ann an 1872 (t.d. 80) bho “Runasdach” ann an Glaschu (23mh dhan Ghiblein 1872) leis a’ cheann ‘Litir mu Ghaidheil ann an Glaschu.’ Ruith seo air an liuthad diofar bhuidheann Ghaidhealach a bha ri fhaighinn ann an Glaschu aig an t-àm. B’e seo a bh’ aige ri radha mun Chomunn Oiseanach:

”Tha an Comunn so a nis teann mhath air leth-cheud bliadhna a dh’ aois, agus is fìor Chomunn Gàilig a tha ann, oir tha gach gnothach air a ghiùlan air adhart anns a’ Ghàilig. Tha na mionaidean air an sgrìobhadh anns a’ chànan mhilis sin, is tha gach òraid agus deasbaireachd anns a’ cheart chainnt ghaolaich.  Tha an Comunn so a’ coinneachadh gach feasgar Di-h-aoine fad seisein an Oilthigh ann an tigh-seisein eaglais Challum Chille, agus is iomadh searmonaiche fileanta, gleusda, an Albainn ‘s an Canada a bheir a bheannachd air a’ Chomunn Oiseanach a’son an chothroim a bhuilich e orra gu eòlas fhaotuinn air a’ Ghàilig.”

—o0o—

Bàrdachd is dàin

Bha buill a’ Chomunn a-riamh a’ cur luach air bàrdachd agus òrain ann an Gàidhlig.  Chithear eiseimpleirean dhan cuid bàrdachd air a thasgadh ann an leabhraichean ath chuimhneachaidh a’ Chomuinn agus cuideachd, air uairean, anns na pàipearan naidheachd.  Chaidh an dàn a leanas a dheanamh agus a lìbhrigeadh air beulaibh dinneir bliadhnail a choinneamh, 14mh dhan Fhaoilleach 1833.

 Duanag don Chommun Oisseanach, le Bard

Deoch slainte’ Chomuin Oissianach

’Sé sin an Communn solasach

Commun glan na Òissianach

A sheasadh coir na Feinne.

Se so an Commun Dealasach

Tha smuain a ghaoil gan teannachadh

Bi suain aig Gaoill a bhaile so

Mun dealaich iad ri cheile

Mo bheannachd aig na fleasgaichean

Na Gaidheail ghasda theas-chridheach

’Ga bheil an comhradh deaschainnteach

Gun eisamail don Bheurla

’Se Ghaelic cainnt nam finneachan

’Se Ghaelic cainnt nan cridheachan

’Si dhuisgeas blas is cinneadas

Cha n’ ionnan is a Bhéurla

Si so an cànan mhaithearail

O s’ caoimhnail agus baighail i

S’ maith gu deanamh manrain i

Gu bhrath cha leig sinn éug i

Lionaibh mar a b’ abhaist duibh

Air gloineachan le gairdeachas

Gu aiseiridh na Gaelic

’S buille bàis na Béurla.

Fonn: tha tighinn fodham eiridh &c, &c.

Tha fhios gu robhte a’ seinn an t-òran leis an fhon ‘tha tighinn fodham’ a bhios Gaidheil fhathast a’ cleachdadh, air uairean, aig cuirmean ciùil. Chan eil e soilleir o chunntas a’ Chomuinn, ge-tà, cò a chruthaich  an dàn: seo na tha sgrìobhte nan cuide leabhar-mionaid:

‘Chaidh an t’oran a leanas a dheanamh le bard [air choir]eiginn a bha sa chuideachd a chruthachadh na Gaelic agus thabhairt onoir air a Chommun. Chaidh a thabhairt seachad le Mr Macaphearsain.’

A rèir làmh sgrìobhainn anns an Leabharlann Nàiseanta an Dùn Èideann, ge-tà, anns a bheil criomagan de bhàrdachd chaidh a thogail an Innse Gall le fear, ‘Mr Macdonald’ san t-samhradh 1850, bha an t-òran seo ga ghabhail tric (ged nach robh a h-uile bliadhna) aig cuirmean bhliadhnail a’ Chomuinn.  Tha nota anns an aona làmhsgrìobhainn seo ag radha,

“The Revd. Roderick Macdonald states that Dr Norman Macleod of St Columba told him that this society song was the composition of his own sister, Betsy.”  (Tha an t-Urr Ruairidh Domhnallach ag radha gun dh’ innis an Oll. Tormod MacLeòid, St Columba, dha gur e a phiuthar fhèin, Betsy, a chruthaich amhran a’ Chomuinn.)

Ma tha seo fìor, tha e gu math inntinneach, oir ged nach robh ceangal oifigeil sam bith aig boireannaich ris an Oilthigh (no ris a’ Chomunn) ro dheireadh na naoidheamh linn deug, tha seo na aona bhoillsgeadh air a’ bhuaidh a bh’ aca air cùl ghnothaichean.[6]

Tha grunnan earrannan bàrdachd ann an leabhraichean a’ Chomuinn o leithid Iain Camshron (1855 & 1856) ach cuideachd o Dhòmhnall MacCaluim a bha na bhàrd aig a’ Chomunn ann an 1879 nuair a libhrig e dàn leis an tiotail ‘Cliù nam Bàrd’ fan comhair aig a’ choinneamh bhliadhnail agus chaidh seo a thasgadh anns an leabhar-mionaid.[7]  Chaidh dàn eile leis aithris anns an Oban Times, mar a leanas, 14mh dhan Ghearran 1880. 

ORAN DO’N CHOMUNN OISEANACH

‘S toigh leam féin an Comunn uasal

Cridheil, aoidheil, sunndach suairce,

Chaith an òige feadh ghlinn uaine

Ard thir uaibhreach, ait nan treun:

Chaidh a shloinneadh air a bhàrd ud

‘Choisinn cliù air nach tig sgàile

Oisean aosd’, an saoidh gun àicheadh

‘S binn’ air clàrsaich a chuir meur.

‘S on a rinn o’n fhois a ghabhail,

Thèid, ‘s gu’n téid, mi féin am bannaibh

Air an ainm nach robh air thalamh

 Dream cho airidh, chòrach riù;

Cha’n i Gàidhlig ghlugach, èigneach,

Shlaodach, stadach, mhucht’ le Beurla,

‘Sireadh bàis, ‘s i làn do dh’ eucail

Thig a beul nam fleasgach ùr.

Tha luaidh cuideachd air dàn eile le MacCalum, Slàinte do’n Chomunn Oiseanach’, a’ tòiseachadh le ‘Guidheam buaidh do’n Chomunn Chiatach’, anns an aona phàipeir, ann an aithig air suipeir bhliadhnail a’ Chomuinn, 10 Giblein 1880 Thathar fada an comain an Oll. Sheila Kidd airson am fiosrachaidh seo.[8] Bha an Urr. Domhnall MacCaluim (1849-1929) na mhinisteir raidigeach an dèidh dha ceumnachadh o Ghlaschu ann an coitheanalan ann an sgìre Bhatairnis, Tiriodhe, agus Sgìre na Loch ann an Eilean Leòdhais. Choisinn e cliù mhòr am measg nan Gaidheal mar ghaisgeach a bha deònach a ghuth a thogail as leth na croitearan an aghaidh ana-ceartas aig àm Strì an Fhearainn.[9]

—o0o—

Cuimhneachan air a’ Chomunn Oiseanach, 1899-1906

Sgrìobh an Urr. Aonghas Mac a’ Phiocair (1888-1970) à Uibhist a Tuath agus a bha na mhinisteir ioma bliadhna ann an Cinntire, eachdraidh a’ bheatha, ‘Hebridean Heritage’.  Bha an Urr. Mac a’ Phiocair na oileanach aig Oilthigh Ghlaschu 1899-1906. Ghabh e ceum M.A. (1903) agus an uairsin lean e an fhoghlam gus diadhaireachd a thoirt a-mach.  Cha robh cothrom aig Gaidheil, an leithid seo Gàidhlig a dheanamh mar chuspair aig an Oilthigh (thòisich sin dìreach air dha Mac a’Phiocair an Oilthigh fhàgail). Ach bha Aonghas Mac a’ Phiocair agus ioma Gaidheil eile a’ cruinneachadh tron Chomunn Oiseanach.  Bha Aonghas na rùnaire agus an uairsin na Cheann-suidhe air a’ Chomuinn, 1904-05. Sgrìobh e cunntas ag innse nach robh e ceadaichte do bhoireannaich a bhith nam buill dhan Chomunn nuair a thàinig e dhan Oilthigh (1899) ach gun dh’ atharraich sin fhads a bha e na oileanach – gu dearbha bha aona bhoireannach, Ealasaid Nic a’ Mhaoilein, na ball dhan chomataidh, fhads a bha Aonghas na cheann-suidhe.   Chuir Aonghas Mac a’ Phiocair luach agus meas mòr air a’ chàirdeas agus an caidreachas a bha aig na oileanaich Gaidhealach aig a’ Chomunn Oiseanach – agus aig an iomain. Chithear na bh’ aig an Urr. Aonghas Mac a’ Phiocair ri radha mu àm aig Oilthigh Ghlaschu le bhith a’ briogadh air a’ cheangal a leanas: MacVicar & An Comunn Oiseanach 1899-1906A.

—o0o—

Iomairtean gus Ceiltis a chuir air stèidh aig Oilthigh Ghlaschu, 1899-1906

Bha an Comunn seo ann an teis mheadhan iomairtean a chuir air bhonn gus cùis na Gàidhlig a phutadh san oilthigh. Cho tràth ris na 1830an bha deasbadan am measg oileanaich mu àite na Gàidhlig ged nach deach aca air dad a chuir air stèidh a thaobh Gàidhlig san Oilthigh rè na naoidheamh linn deug. Ged a bhuilich an t-Urr. Gilleasbuig K. MacCaluim dìleab air an Oilthigh ann an 1894 gus sreath de dh’ òraidean Ceilteach a chuir air dòigh cha robh càil a’ tachairt.  B’ fheudar dhan Chomunn (cuide ri Comunn Oileanaich na h-Eaglaise Saoire) athchuinge a chuir gu cùirt an Oilthighe gus am brosnachadh gun cuid dleasdanas a dhèanamh anns an Dùbhlachd 1899 (Glasgow Herald, 18/12/1899, t.d. 6. Dealbh air a chleachdadh an seo le cead on phàipeir sin).1899_12_18 page 6 Univ Court petition anent Celtic (Herald)

Chan eil fhios an e sin a chuir cabhaig air cùisean ach thòisich an t-Oll. Mànus MacGhill’eain air sreath de dh’ òraidean – 6 gach bliadhna thar trì bliadhna goirid an dèidh sin. B’ iad seo na ciad òraidean Cheilteach foirmeil a bha a-riamh aig Oilthigh Ghlaschu aig fìor thoiseachd 1901.   Choinnich seanadh an Oilthigh is chuir iad romhpa gun tòisicheadh an Oll. MacGhill’eain air a’ chiad òraid, Diardaoin 24mh dhan Fhaoilleach 1901. Tha fhios gun d’ rinn an athchuinge a thug an Comunn fa chomhair na cùirte feum! Sgrìobh Màiri-Ceit NicFhionghain alt ghoirid dha Ossian ann an 1950, a bha a’ toirt sùil air ais air eachdraidh a’ Chomuinn leth-cheud bliadhna a-roimhe, a’ tarraing air pàipearan a’ Chomuinn fhèin gus dealbh fhaighinn air cuid na bha a’ dol mu 1900.  Chithear cunntas Màiri-Ceit le bhith a’ briogadh an seo: Ossian 1950 – 14-15 MK Mackinnon 50 yrs ago

Ged a lean MacGhill’Eain, agus Kuno Meyer na dhèidh sin (1903-06), le sreathan de dh’ òraidean (sia gach bliadhna), cha robh àite ann fhathast dhan Ghàidhlig air taobh a-staigh na h-Oilthighe. Chaidh airgead a thogail le grunnan de dhiofar bhuidhnean de Ghaidheal, leithid an Comunn Oiseanach, Comunn Gàidhlig Ghlaschu agus bho raon farsaing de dhaoine a bha bàidheil ri cùis nan Gaidheil gus mu dheireadh bha gu leòr ann gus an Oll. Urr. Deòrsa MacEanruig fhastadh mar òraidiche san Dàmhair 1906 – a’ chiad òraidiche Cheiltich làn ùine a bha a-riamh aig Oilthigh Ghlaschu.

Tha cunntas beag ann am Beurla mu na h-uile Comunn a bh’ aig an Oilthigh ri fhaighinn ann an cùlaibh Calendar an Oilthigh gach bliadhna mun t-àm seo. Bha paragraf beag aig gach buidheann a’ mìneachadh cò an luchd dreuchd a bh’ aca agus càite am bitheadh iad a’ coinneachadh agus cuideachd amasan a’ Chomuinn. Is e earran beag lom a th’ ann gach bliadhna gun cus fiosrachaidh. Ach anns a’ chalendar airson bliadhna-Oilthigh 1913, chuir na h-oileanaich an rann seo an ceann a’ gheàrr-chunntas àbhaisteach mun Chomunn Oiseanach:

“Is math lean [i.e., leinn] gu’n gabhar os laimh cuibhrionn chubhaidh de bhur n-obair anns a’ Ghaidhlig. Ullmhaichear gach buaidh an corp’s an conn a chum ratha. Is e seo a thus: rogha dealbh, uirghioll math is deagh labhairt, Is e a’ Chrìoch; an fhirinn fa chomhair an t-saoghail.”

An rèir choltais b’ e eadar theangachadh o abairt Chuimris, “Y Gwir yn erbyn y Byd” a bh’ ann an “an fhirinn fa comhair an t-saoghail.  B’e seo facal-suaicheantais a bh’ aig Iolo Morgannwg (1747-1826), a thog an Gorsedd (cruinneachadh de bhàird Cuimreach) a bha an ceann an Eisteddfod. Bha fèill mhòr aig muinntir na Cuimrigh air an Gorsedd agus air an Eisteddfod mu thoiseach na ficheadamh linne agus is math dh’ fhaoidte gu robh a’ Chomunn Oiseanach a’ coimhead ris na Cuimrich is miann aca an aona chleas fheuchainn an Alba.[10]

–o0o–

Coinneamhan agus deasbadan

Chithear fiosrachadh mu choinneamhan agus deasbadan a’ Chomuinn UGC 202_2_1_1 Cairt ballrachd Oiseanach1922-23 (a)air taobh a-staigh cairtean-ballrachd  a dh’ fhàg Minnie NicAoidh aig Tasglann Oilthigh Ghlaschu.    Bha Minnie na ball dhan Chomunn eadar 1922 agus 1926, ghlèidh i ceithir cairtean ballrachd. Seo (gu deas is gu h-ìosal) dealbh de chairt-ballrachd a’ Chomuinn on a’ Bhliadhna 1922-23. Air taobh a-stigh a’ chairt ballrachd aca, gu h-ìosal, tha e furasta fhaicinn gu robh tòrr mòr a’ dol le deasbadan, dannsan agus òraidean.  Chithear air a’ chlàr gu robh ‘Miss M. C. MacCallum’ air aon den fheadhainn a bha a’ dol a bhruidhinn aig an ‘Ladies Symposium’, 17mh dhan t-Samhuin 1922.

Dealbhan seo o chairt-ballrachd a’ Chomuinn Oiseanach, 1922-23, deas agus gu h-air fhoillseachadh le cead bho thasglann Oilthigh Ghlaschu ©University of Glasgow Archive Services, GB0248, UGC 202/1/1/1.

UGC 202_2_1_1 Cairt ballrachd Oiseanach1922-23 (b)

Rinn Màiri C. NicCaluim òraid dhan Chomunn mu bhàrdachd Dhonnchaidh Bàin Mhic an t-Saoir. Mary C NicCaluim ball urramach Com Ois 1923 (1)Ghlèidh i am pàipeir air an robh an òraid aice air a sgrìobhadh agus tha Roinn na Ceiltis air leth-bhreac dhen seo fhaighinn o mac, Am Brigadier Iain MacFàrlain, Taigh an Uillt. Chan eil deat air a’ phàipeir sin ach is dòcha gur e seo an cuspair air an robh i a’ bruidhinn, 17mh dhan t-Samhuin 1922. Cheumnaich Màiri  NicCaluim ann an 1923 agus chaidh i bhon an sin null gu Colaiste Cnoc Iòrdain gus teisteanas teagasg a thoirt a-mach.  Nuair a bha Màiri, agus is cinnteach buill eile, a’ fàgail a’ Chomuinn bha inbhe ‘ball-urramach’ dhan Chomunn Oiseanach ga bhuileachadh orra. Chithear dealbh ann an seo, air an làimh dheis, dhan teisteanas-pàipeir a fhuair Màiri.

Thathar fada an comain am Brigadier Iain MacFàrlain, Taigh an Uillt, a cheadaich dhuinn an dealbh seo (deas) a chleachdadh.

Chithear dealbhan-ceumnachaidh Mhàiri NicCaluim leis an robh an teisteanas ballrachd urramach seo, agus cuideachd Minnie NicAoidh (leis an robh cairtean-ballrachd a’ Chomuinn) air duilleagan ‘ceumnachaidh’ an làraich seo.

–o0o–

Iomairt gus cathair Cheiltis a chuir air dòigh

Aon uair is gun deach òraidiche fhaighinn, bhathar a’ sùileachadh cathair fhaighinn dhan a’ chuspair gus am biodh a’ Cheiltis (agus a’ Ghàidhlig) co-ionnan an inbhe ri cuspairean eile. Ossian 1957 - 19 Celtic chair appeal (1)B’ e  oileanaich on Chomunn a bha aig teis mheadhan na h-iomairt airson cathair a stèidheachadh anns an Oilthigh a thogadh seasamh a’ chuspair agus a’ chànain.  Bha iad air an cuideachadh leis a’ Chlub Oiseanach, daoine a bha air ceumnachadh agus an ceann an cosnaidh agus aig an robh ceanglaichean ris an Roinn agus ri Comunn nan oileanach. Ossian 1957 - 20 Celtic chair appeal (2)Chaidh na h-oidhirpean aca an aithris anns an Glasgow Herald (faic an duilleag eile air a’ bhlog seo). Thòisich iad a’ togail airgead ann an 1937 (GH 20/02/1937) gus cathair a chuir air stèidh.   Bha an Club Oiseanach an sàs gu mòr anns an obair seo cuideachd.

Chithear Cunntas bhon Iris ‘Ossian’ (1957) anns an dà dhealbh seo (clì is deas) a tha ag innse sgeul na h-iomairt. Briogaibh air gach dealbh airson am faicinn ann an cumadh nas motha.

Bha feum air suim de £25,000 a thogail gus seo a chuir an gnìomh. Chaith a’ Chlub Oiseanach, cuide ris a’ Chomunn, iomadach bliadhna a’ sàs anns an oidhirp seo le taic thar nam bliadhnachan bho raon fharsaing de Ghaidheal agus de Ghoill, gus mu dheireadh, ann an 1956, chaidh dreuchd àrd-ollamhachd a bhuileachadh air an t-Oll. Aonghas MacMhathain (GH 29/11/1956).

–o0o–

Craoladh, 1975

Chaidh iomairt eile a chuir air doigh, le oileanaich a’ Chomuinn agus buidhnean Gàidhlig eile ann an 1975. Bhathar a’ caismeachd tro mheadhan a bhaile a thogail gearain san Fhaoilleach 1975.[11] Bhathar a’ feuchainn ri cuideam a chuir air a’ BhBC, gus tuilleadh craoladh a dheanamh ann an Gàidhlig.  Bha tòrr rudan a’ cur dragh air nan Gaidheal, buill a’ Chomuinn nam measg, agus b’e ceist a’ VHF a bh’aig bàrr an liosta. B’ e as adhbhar seo gun deach an rud beag Gàidhlig a bhathar a’ craoladh a shadail a-null gu siostam VHF, ged nach robh goireasan ann airson an leithid de bhann-rèidio sin idir ri fhaighinn air feadh raointean mhòra dhan Ghaidhealtachd.   Sgrìobh Ailean Dòmhnallach, ceann-suidhe a’ Chomuinn, litir gheur gu Raibeart Coulter, stiùiriche a’ BhBC an Alba aig an t-àm, a’ gearain mun dìmeas is an tàire a bha an t-seirbheis aca a’ dèanamh air na Gaidheil.  Chaidh leth-bhreac dhan litir sgairteil seo a chuir a dh’ ionnsuidh fear Annan, a bha an ceann comataidh ann an Lunnainn a bha a’ meòrachadh mu chùisean craolaidh.  Chithear tàr-sgrìobhainn den litir seo le bhith a’ briogadh air a’ cheangal seo: Litir mu chraoladh 1975 Comunn Oiseanach. (NRS Com 1_194)

Dealbh - iomairt a thaobh craolaidh - 1975

Tha aithris ghoirid anns a’ phàipear-naidheachd, Herald Ghlaschu (05/05/1975, dg 2), gun do rinn còrr air ceud neach, oileanaich anns a’ mhòr chuid, caismeachd suas gu aitreabh a’ BhBC aig Queen Margaret Drive. Thog iad an guthan an sin an aghaidh cho beag àite a bh’ ann don Ghàidhlig air seirbhisean radio is telebhisean a’ BhBC. Bha grunnan bhuill pàrlamaid an làthair, Mgr Dòmhnall Stiùbhart, Ball-pàrlamaid nan Eileanan Siar nam measg.

–o0o–

Iomairt eile – Craoladh & ‘Sit-in’ aig STV, 1988

Bha ‘sit-in’ aig oileanaich a’ Chomuinn cuideachd aig STV ann an 1988 is iad a’ gearain mu chion craolaidh Gàidhlig.  Sgrìobh Kay NicLeòid, neach-labhairt a’ Chomuinn litir phongail gu Herald Ghlaschu (05/05/1989) a’ cur an aghaidh bheachdan ceannard STV mun t-slighe air adhart airson T.Bh. agus Gàidhlig. Is cinnteach cuideachd gur iomadh gnìomh eile a chuir buill a’ Chomuinn an sàs thar nam bliadhnachan. Tha iomradh air Kay NicLeòid an ath bhliadhna a-rithist (chan eil e soilleir an ann as leth a’ Chomuinn) an sàs ann na athchuinge a thog 10,000 ainm a chaidh a chuir gun Bhean-phòsta Thatcher, Prìomhaire Bhreatainn, as leth na Gàidhlig sa Chèitean 1989 (Observer, 07/05/1989).

–o0o–

Irisean

Dh’ fhoillsich a’ Chomunn grunnan irisean rè nam bliadhnachan anns an robh measgachadh de dh’ altan ann an Gàidhlig agus ann am Beurla.   Tha dealbhan de gach còmhdach an seo, gu h-ìosal, agus chithear dealbh de gach clàr innse rin taobh (le taing do Chomataidh a’ Chomuinn Oiseanach airson cead na dealbhan seo a chleachdadh).

   Ossian 1933 - 00 comhdach Ossian 1933 - 01 clar-innse         Ossian 1950 - 00 comhdach Ossian 1950 - 01 clar-innse

            Ossian, 1933 & clàr-innse                                                 Ossian, 1950 & clàr-innse

Agus chithear ìomhaighean na còmhdaichean eile an seo. Na h-imleabhraichean seo a chaidh an clo-bhuaileadh eadar 1951 agus 1988 uile ann an leabharlann Roinn na Ceiltis. Tha raon farsaing de dh’ altan fada agus farsaing annta am Beurla agus ann an Gaidhlig agus is math as fhiach iad sùil an toirt orra.

 Ossian 1951 - 00 comhdach Ossian 1957 - 00 comhdach  Ossian 1965 - 00 comhdach Ossian 1967 - 00 comhdach

  Ossian 1968 - 00 comhdach Ossian 1972 - 00 comhdach Ossian 1973 - 00 comhdach Ossian 1974 - 00 comhdach

   Ossian 1975 - 00 comhdach   Ossian 1980 - 00 comhdach Ossian 1988 - 00 comhdach

Taing dhan Chomunn Oiseanach airson cead na dealbhan seo a chleachdadh.

Ealain Ossian

Bha còmhdaichean daithteach, air an deagh dhealbh, air uachdar gach iris a chaidh fhoillseachadh. Is e ‘RR 32’ (ge b’e cò e no i) a dhealbh a’ chòmdach air a’ chiad imleabhar a chaidh fhoillseachadh de dh’ Ossian ann an 1933. Bha coltas gu math freagarrach air: ann an nòs fasanan an latha sin fhèin, ach le snaidheach Cheilteach ri oisein na duilleige. Lean an ath iris, 1950, an aona dhreach le dìreach dath eadar-dhealaichte.  Chan eil e soilleir cò dhealbh an dreach dhonn dhan iris a-nochd ann an 1951 ach b’ e Mgr Seòras Christie, ailtire an Glaschu, a tharraing an dealbh dhan bhodach beag binneach air còmhdach leabhar 1957 an dath orains.

Rinn ‘DMM’, Dòmhnall M. Moireach, dealbhadh air còmhdaichean ann an 1965, 1967 agus 1968. Rinn Dòmnall Paterson (1972) agus Deirdre NicLeòid (1973) còmhdaichean air leth ealanta agus eireachdail. B’ e Raibeart Dhòmhnallach a rinn còmdaichean 1974 & 1975 is e a’ cur cartunaichean am broinn na h-iris. Catrìona Chaimbeul a dhealbh còmhdach bhuidhe 1980 agus chan eil e soilleir cò rinn an dealbh air còmhdach imleabhar 1988 ach tha iad uile tarraingeach a-muigh is a-staigh.

Bha earrannan an Gàidhlig ann an gach leabhar a nochd de dh’ Ossian. A thaobh cànain b’ ann a b’ fheàrr a dh’ fhàs iad mar a bha iad a’ dol air adhart. Bha mu thrì chairteal de na h-altan ann an leabhraichean 1974 & 1975 anns a’ Ghàidhlig agus bha dà thrian dhan na h-altan anns an iris mu dheireadh, 1988, ann an Gàidhlig (14 à 21). Bu bhochd gun deach an iris inntinneach seo na thàmh !

–o0o–

Prògraman – bhliadhnail

Bhitheadh na bha a’ dol aig a’ Chomunn ag atharrachadh o bhliadhna gu bliadhna. Ghlèidh Minnie NicAoidh na cairtean ballrachd a bh’ aice mar bhall dhan Chomunn (is mar bhall-comataidh) eadar 1922 agus 1926. Tha dealbhan dha na cairtean aig ceann shuas na duilleige seo.  Bha clàr-gnothaich sgrìobhte air taobh a-staigh na cairtean a tha na shùileachan air caithe-beatha agus air na bha a’ dol aig oileanaich a’ Chomuinn aig an àm sin. Chithear tàr-sgrìobhainn dhan chlàr sin air a’ cheangal seo.  Clar gnothaich a’ Chomainn 1922-1926 (GUAS UGC 202_2_1_1-4)

Chuir an Comunn Oiseanach seachad ceann-bliadhna sònruichte ann an 1980-81 nuair a bha a’ Chomunn 150 bliadhna a dh’ aois.  Chaidh cairt ballrachd a chuir air dòigh – agus prògram de thachartasan aca thar na bliadhna a bha mar chomharra air an sin.   Tha aon de na cairtean sin ann tasg-lann an Oilthigh agus tha dealbhan bhuaithe air an cleachdadh an seo (gu h-ìosal), le cead bhon tasg lann, a tha a’ toirt sealladh air na rinn iad air a’ bhliadhna sin (GUAS DC 69/1/8).

DC 69_1_8 Com Oisean Cairt ballrachd 1980-81 (1)DC 69_1_8 Com Oisean Cairt ballrachd 1980-81 (2)DC 69_1_8 Com Oisean Cairt ballrachd 1980-81 (3)DC 69_1_8 Com Oisean Cairt ballrachd 1980-81 (4)DC 69_1_8 Com Oisean Cairt ballrachd 1980-81 (5)

Clàr na bliadhna, 1980-81, gu h-àrd. ©University of Glasgow Archive Services, GB0248, DC 69/1/8. (Seo air fhoillseachadh le cead bho thasglann Oilthigh Ghlaschu).

–o0o–

 

Ionmhasaran

Tha dà chlàr ainmean phrìseil am measg clàraidhean a’ Chomuinn a th’ air an glèidheadh an tasg-lann an Oilthigh.

DC 69_2 (Com Oiseanach treasurers 1906-1960)

 Ionmhasaran a’ Chomuinn, 1906-1960. ©University of Glasgow Archive Services, GB0248, DC 69/2. (Seo air fhoillseachadh le cead bho thasglann Oilthigh Ghlaschu).

Bha na h-ionmhasaran a lean sin cuideachd a’ sgrìobhadh an cuid ainmean ann an leabhar.

DC 69_2_2 (Com Oiseanach ionmasaran1969-2002) 1

©University of Glasgow Archive Services, GB0248, DC 69/2/2. (Seo air fhoillseachadh le cead bho thasglann Oilthigh Ghlaschu)..

Cunntasan

Tha na cunntasan a’ toirt sealladh air cuid de na tachartasan a bha a’ dol am measg nan oileanach.  Ann an 1931 chaidh iad air picnic, tha e soilleir gu robh iad a’ cumail dannsan ach gu robh iad rudeigin stuama, ciallach.  B’e ‘lemonade’ aonan de na nithean air an robhte a’ cosg airgead.

DC 69_2 (Com Oiseanach accounts 1931)

©University of Glasgow Archive Services, GB0248, DC 69/2. (Seo air fhoillseachadh le cead bho thasglann Oilthigh Ghlaschu).

Bha coltas na bu bheòthail air cùisean rè 1962-63 – air no, is math dh’ fhaoidte, gu bheil na cunntasan dìreach rud beag nas iomlain.  Tha aona bhileag a bha an t-ionmhasar a’ cleachdadh gus na cunntasan deireannach a chuir ri chèile air fhilleadh am broinn leabhar nan cunntasan. Tha an duilleag seo (dealbh dheth gu h-ìosal) toirt sealladh air bliadhna gu math trang ann am beatha a’ Chomuinn.

DC 69_2 (Com Oiseanach accounts 1962)

©University of Glasgow Archive Services, GB0248, DC 69/2. (Seo air fhoillseachadh le cead bho thasglann Oilthigh Ghlaschu).

Bha òraidean, deasbadan, oidhche bhuntàta is sgadan, farpais bòidhchead nam ban (dealbhan anns an iris ‘Ossian’), cuairtean a-mach air an tuath, agus thug iad cuideachd oileanaich sìos – airson deasbad, is dòcha, à Obar Dheathain. Phàigh iad pìobaire, còmhlan-ciùil Eòghann Mac an Tòisich, agus cuideachd còmhlan-ciùil ainmeil Fergie Dhòmhnallach.  Ach ged a bhios oileanaich fhathast a’ reic ticeadan rafail aig cèilidhean leithid seo faodar a bhith gu math cinnteach nach bidh iad a’ tabhainn toitean-tombaca mar a bha iad-san ann an 1962-3!

–o0o–

Ho-ro-gheallaidh

Ach ged a bha buill a’ Chomuinn a-riamh a’ seasamh còirichean nan Gaidheal agus a’ Ghàidhlig bha iad cuideachd gu math deidheil air pàrtaidh.  Ma bheir sibh sùil air cuid de na cunntasan ann an roinn ‘pàipearan-naidheachd’ an làraich seo chì sibh gu robh oidhcheanan fìor dhòigheil aca!  Bu chaomh leotha, fiù cho tràth ris na 1830an, a bhith gan sgeadachadh fhèin le aodach spaideil, a’ suidhe aig cuirm foirmeil, gu math tric le òraidean, le ceòl na pìoba, is beagan dannsa.   Ach cò an diugh a shaoileadh gum biodh Comunn Gàidhealach sam bith a’ seachnadh na dighe mar a bhathar ann an 1849, nuair a chuir a’ Chomunn seachad a’ chuirm bhliadnail aca ann an ‘Graham’s temperance Hotel?’  (GH 26/03/1849)

Ach mar as trice, b’ ann an taighean-òsta a bha na cuirmean bhliadhnail gan cumail rè na naoidheamh linn deug agus an fhicheadamh linn – le iomadach deoch-slàinte ga thogail aig an lathaireachd. Chuir rùnaire na bliadhna 1879 tiocaid-dannsa agus cuideachd prògram na cuirm a-steach de leabhar ath-chuimhneachaidh (no leabhar-mionaid) a’ Chomuinn.

MS Gen 1367 Ticead Dinneir chairdeil 1879

Na dealbhan seo gu h-àrd is gu h-ìosail, air an toirt à leabhar ath-chuimhneachaidh a’ Chomuinn Oiseanach airson a’ bhliadhna 1879 (GUL, Special Collections, MS Gen 1367). Thathar fada an comain Special Collections ann an Leabharlann Oilthigh Ghlaschu airson cead seo a chleachdadh.

MS Gen 1367 Deochan Slainte Dinneir chairdeil 1879

Chithear, gu h-àrd, gu robh iad gu math deaghail air nan deochanna-slàinte is iad ann an Taigh-òsta MhicGhill’Eain, agus feumaidh e bhith nach robh iad cho stuama mu dheireadh na h-oidhche ‘s a bha iad aig 7.00f.  Agus cha robh, mar a chithear anns an ticead seo, gu h-ìosal, bho 1907, càil a chabhaig orra dhachaigh aig deireadh na h-oidhche is gun dùil aca ri carbadan gu dà uair’s a’ mhadainn!

DC 69_3_1_ (Comann Oiseanach dance ticket 1907)

Ticead airson dannsa bhliadhnail a’ Chomuinn, 1907. ©University of Glasgow Archive Services, GB0248, DC 69/3/1. (Seo air fhoillseachadh le cead bho thasglann Oilthigh Ghlaschu).

–o0o–

An diugh

Is ann air bloighean de dh’ eachdraidh a tha aire a’ bhlog seo ach tha an Comunn seo cho làidir is cho beòthail an diugh is a bha iad a-riamh!

2013-2014 Comataidh An Comann Oiseanach (2)

Comataidh a’ Chomuinn, 2013-2014. Clì gu deas: Anndra Grace, Catrìona Gibb, Màiri Nic’IlleChiar (Ceann-suidhe), Robaidh MacLeòid, Abigail Lightfoot, Ruairidh Mac an t-Saoir, Karen Oakley, Georgina Durie, Calum Dòmhnallach.

Tha ballrachd agus comataidh èasgaidh loma-làn misneachd aig a’ Chomunn a bhios a’ coinneachadh gu cunbhaileach agus a’ togail bratach na Gàidhlig. Tha iad air grunnan de thachartasan a chuir air doigh aig an t-àm a thathar a’ sgrìobhadh seo 2013-2014, agus bheir na postairean aca beachd air cuid de na tachartasan beothail a bha iad a’ cur air bhog cuide ri Oifigear Ghàidhlig an Oilthigh, Fiona Dunn.

2013 Co-fharpais Litreachais     2013 postair Cèilidh   2014 An Deasboireachd Ghaidhlig

2013 Farpais piobaireachd

Comann Oiseanach - toiseach teirm 2014-15 Taing do Chomataidh a’ Chomuinn, 2013-2014, airson cead na dealbhan is na postairean seo a chleachdadh.

Chithear ceangal, gu h-ìosal gun duilleag aca air an t-eadar-lion.

Agus, mar chuimhneachan cuideachd gu bheil a’ Chomunn fhathast a’ dol, chithear dealbh (deas) do Fiona Dunn (oifigear na Gàidhlig) na seasamh ri taobh Karen Oakley ceann-suidhe ùr a’ Chomuinn (2014-15) is iad a’ tàladh bhuill ùr aig toiseach an teirm.

Chithear dealbhan de bhuill a’ Chomuinn air duilleag eile air an làrach seo. Airson ceanglaichean gu duilleagan facebook a’ Chomuinn – briogaibh ann an seo.

…agus ceangal eile gu duilleag Gaidhlig aig Oilthigh Ghlaschu airson tuilleadh fiosrachadh mu gach tachartas beothail tha a’ dol a thaobh na Gaidhlig aig an Oilthigh nar laith-ne fhìn. Airson seo fhaicinn, briogaibh ann an seo.

 

 

———————————————————————————————————————-

NOTAICHEAN

———————————————————————————————————————-

[1] D.E. Meek, ‘Preacher, prose-writer, politician, journalist and scholar. The very Rev. Dr Thomas Moffat Murchison (1907-84)’, anns na Records of the Scottish Church History Society, 36 (2006), 5-27, at 7-8.

[2] L. A. Crouse, ‘The establishment of Celtic Societies’, ann an History Scotland, 13/5 (Sept/Oct, 2013), 24-31.  Chithear pàipearan a bhuineas do Chomann Ceilteach Oilthigh Obar Dheathain, 1854-1911, 1945-59 agus 1975-99, air an tasgadh ann an Leabharlann Oilthigh Oilthigh Obar Dheathain, AUL, MSU 297 & MSU 1338. Chithear pàipearan a bhuineas do Chomunn Ceilteach Oilthigh Chill-Rìmhinn, 1796-2001, air an tasgadh ann an Leabharlann Oilthigh Chill-Rìmhinn, UYUY911.

[3] Hansard, HC Deb 01 July 1839 vol 48 c1060. HC Deb 17 July 1839 vol 49 c408. HC Deb 07 July 1847 vol 94 c1. HC Deb 25 July 1843 vol 70 cc1329-50. Le taing mhòr don Oll. Sheila Kidd, Roinn na Ceiltis, airson na h-iomraidhean sin a thoirt far comhair. Chaidh seo fhaicinn air an t-eadar-lìn, aig an làrach a leanas (13/01/2015):<http://hansard.millbanksystems.com/commons/1843/jul/25/national-education#column_1348>.

[4] R. Black, ed., The Gaelic Otherworld. John Gregorson Campbell’s superstitions of the Highlands and Islands of Scotland and Witchcraft and Second Sight in the Highlands and Islands (Birlinn, Edinburgh, 2008), xix, 616-619. GUL Sp. Coll. MS Gen 1364 & MS Gen 1365.

[5] Tha aithisg leis a’ cheann ‘Highland Story – A Gaelic poem’ mu dhàin Iain Camshron, ri fhaicinn anns an Inverness Courier, 30mh dhan Ghiblein 1863 (dg 3).  Chaidh aithrisean a lìbhrigeadh anns a’ phàipear seo cuideachd mu na Dinneirean Bhliadhnail a bh’ aig an Chomunn Oiseanach (24/04/1856, dg. 8 & 12/04/1860, dg. 6) agus faodar gu bheil an tuilleadh chunntasan leithid seo rin lorg cuideachd. Thathar fada an comain an Oll. Domhnall Uilleam Stiùbhart, Oilthigh Dhùn Èideann agus Oilthigh na Gaidhealtachd is nan Eilean airson na h-aithisgean seo a thoirt far comhair. 

[6] Glasgow University Library Special Collections, MS Gen 1363/21-23. National Library of Scotland, MS 3783, fol. 50v-51r.

[7] Glasgow University Library Special Collections, MS Gen 1364/110, MS Gen 1365, MS Gen 1367.

[8] Oban Times, 14 Gearran 1880. Tha luaidh cuideachd air dàn eile le MacCalum, Slàinte do’n Chomunn Oiseanach’, a’ tòiseachadh le ‘Guidheam buaidh do’n Chomunn Chiatach’, anns an aona phàipeir, ann an aithig air suipeir bhliadhnail a’ Chomuinn, 10 Giblein 1880 Thathar fada an comain an Oll. Sheila Kidd airson am fiosrachaidh seo.  

[9] N. Macdonald & C. MacLean, The Great Book of Skye. From the island to the world. People and place on a Scottish Island (Portree, 2014), 139. Donald E. Meek, “Preaching the Land Gospel: the Rev. Donald MacCallum (1849-1929) in Skye, Tiree and Lochs, Lewis” Lecture given at an Islands Book Trust Conference, ‘After the Clearances’, in Balallan, Lewis, in September 2012. Seo ri fhaighinn air an t-eadar lìon le bhith a’ briogadh an seo.

[10] Glasgow University Calendar, 1913-14, p. 620. Air thasgadh ann aig Glasgow University Archive Services, Sen 10/55.   Thathar fada an comain an Àrd-Oll. Thomas Clancy airson an ceangal seo ris a’ Chuimrigh a chuir air shùilean dhuinn. Airson an tuilleadh fiosrachaidh seallaibh ri làrach taigh tasgaidh nàiseanta na Cuimrigh le bhith a’ briogadh an seo; agus airson an tuilleadh mu Lolo Morganwg seallaibh ann an seo.  Seallaibh cuideachd, P. Morgan, ‘Williams, Edward [pseud. lolo Morganwg] (1747-1826), Welsh-language poet and literary forger’, ODNB, alt, àireamh, 29498.

[11] Chithear ceithir dealbhan on chaismeachd as leth craoladh na Gàidhlig am meadhan a’ bhaile, Faoilleach 1975, agus aona dhealbh de dh’iomairt nan oileanach aig a’ BhBC anns a’ Chèitean 1975, far an do shuidh iad sìos taobh a-muigh aitreabh a’ BhBC, aig Queen Margaret Drive, Glaschu, air làrach-lìn SCRAN (air am faicinn, 17/09/2014).  Ma chuireas sibh nam faclan ‘Gaelic protest’ a-steach dhan inneal-lorg air làrach SCRAN, chithear na dealbhan an sin:  <http://www.scran.ac.uk/>  air no anns na còig ceanglaichean-lìn a leanas:

http://www.scran.ac.uk/database/record.php?usi=000-000-541-714-C&scache=52cn71f1n4&searchdb=scran

http://www.scran.ac.uk/database/record.php?usi=000-000-541-715-C&scache=52co41f1ni&searchdb=scran

http://www.scran.ac.uk/database/record.php?usi=000-000-541-716-C&scache=22coj1f1nw&searchdb=scran

http://www.scran.ac.uk/database/record.php?usi=000-000-541-722-C&scache=52cp31f1nm&searchdb=scran

http://www.scran.ac.uk/database/record.php?usi=000-000-541-879-C&scache=42cpi1f1nd&searchdb=scran

[A.M. 03/03/2016]

 

Leave a Reply