Oileanaich is ionnsachadh

An t-seanna siostaim o shealladh nan oileanach

Tha cunntas ghrinn air an t-seann siostam a bh’ ann gus oileanaich Gaidhealach oideachadh dìreach mas tainig teagasg na Gàidhlig a-steach ann an leabhar an t-Urr. Aonghas Mac a’ Phiocair.  Thoisich Aonghas, à Uibhist a Tuath, ceum ann an Damh nan Ealain, 1899 agus ghabh e Laideann agus matamataig air a’ chiad bliadhna. Ghabh e cuideachd cuspairean leithid Feallsanachd Mhoralta (Moral Philosophy),  Loidig (Logic), Beurla, Eachdraidh agus Eaconamachd Phoilitigeach (Polical Economy) cuide ri blas bheag de Ghreugais. Ma bha clasaichean Gàidhlig ga chumail aig an eaglais rè na 1870an agus na 1890an, bha iad air stad ro 1899. Cha d’ fhuair Aonghas, a bha air leth comasach an Gàidhlig agus a bha a’ searmonachadh tro mheadhan na Gàidhlig an dèidh seo, an cothrom a chànain mhathaireil a sgrùdadh fhads a bha e na oileanach M.A. An dèidh do dh’ Aonghas ceumnachadh le MA rinn e ceum diadhaireachd, 1903-1906.  B’ ann fo sgiath a’ Chomainn Oiseanach a bha na oileanaich Ghaidhealach a’ cruinneachadh aig an Oilthigh. Bha Aonghas Mac a’ Phiocair na rùnaire agus an uairsin na cheann-suidhe air a’ Chomann Oiseanach, 1904-05, direach mun t-àm a bha an Àrd Oll. Kuno Meyer a’ tighinn a dhèanamh sreathan de dh’ òraidean aig an Oilthigh.  B’ ann mun t-àm is an robh Aonghas Mac a’ Phiocair a’ fàgail an Oilthigh a thàinig grad atharrachadh air chùisean agus b’ urrainn do dh’ oileanaich a-nis, bho 1906-07 a-mach, clasaichean ceum Ceiltis a ghabhail airson a’ chiad uair, cuide ris an òraidiche Ceiltis a bha air ùr fhastadh an aona ghnothaich gus sin thoirt gu buil, an Oll. Urr. Deòrsa MacEanruig.[1]

–o0o–

OILEANAICH, 1906-07 gu 1913-14

Tha am fiosrachadh seo (ceangailt) sealltainn air na daoine a chlàraich airson clasaichean an Ceiltis eadar 1906-07 agus 1914. B’e 1906-07 a’ chiad bliadhna a chaidh Gàidhlig a thabhainn mar chuspair acadeimigeach a bhiodh a’ cur ri cùrsa ceum.

GUA R9 & R8 Celtic students 1906-07 to 1913-14

Tha an liosta a’ ciallachadh gu robh co-dhiù dùil aig na oileanaich seo cùrsa Ceiltis no Gàidhlig a ghabhail aig toiseach an teirm.  Chan eil sin ri radha gu robh h-uile duine dhiubh a’ frithealadh.

OILEANAICH, 1914-15 gu 1938-39

Chithear liosta ann an seo de dh’ oileanaich a chlàraich airson cùrsaichean Ceiltis fhads a bha iad aig an Oilthigh eadar 1914-15 agus 1938-39.   GUA R9 Celtic students – enrolments 1914-15 to 1938-39

———————————————————————————————————————————

A’ chiad boillsgeadh air Ceiltis ann an Calendar an Oilthigh, 1906-1907

Seo, gu h-ìosal, a’ chiad iomradh air Ceiltis mar chuspair-ceuma ann an Calendar an Oilthigh. [Fiosrachadh a leanas mar thàr-sgrìobhainn bho Chalendar ann an tasg-lann an Oilthigh: ann GUAS Sen 10/48  Glasgow University Calendar for the year 1906-07 (1906), page 157.]

—o0o—

Lecturer – 1906. George Henderson, Ph.D.

The Course now qualifies for graduation in Arts. Any student who attends with a view to this must previously have passed a preliminary examination in Scottish or Irish Gaelic, or in Welsh, including translations from and into English, with grammatical, literary and philological questions.

The course for 1907-1908 will embrace: –

A. Language. The Principles of Celtic philology, phonology, grammar of the Celtic language, Introduction to Old Irish, Windisch’s Irish grammar (translated by Moore); Strachan’s Paradigms and Selections from the Old Irish glosses.

B. Literature. Windische’s Irische Texte mit Wörterbuch. Togail Brudne Da Derga, ed., Whitley Stokes; Meyer’s Early Irish Texts; Leigheas Cois O’ Cein (ed. Henderson). The Death Tales of the Ulster Heroes, by Kuno Meyer (Todd Lecture Series, Royal Irish Academy). The Poems of Alexander Macdonald of Ardnamurchan. Selections from the standard literature of the modern period of Scottish Gaelic.

C. Paleaography. Readings from facsimiles of Old Gaelic texts.

The class will meet daily at an hour to be arranged.

 —o0o—

A’ chiad dà phàipear deuchainn Ceiltis, 1907-1908

‘S e seo na ciad pàipearan-deuchainn, a rèir choltais, ann an Ceiltis a chaidh a chuir fa chomhair oileanaich aig Oilthigh Ghlaschu mar phàirt de chùrsa-ceum.  Tha na dealbhan seo, a-rithist, air an toirt a-mach à Calendar ann an tasg-lann an Oilthigh.  Saoil ciamar a dheidheadh dhuibh pèin leis an seo?!

GUAS Sen 10_49 Celtic exam paper (Junior) 1907-08 (1&2)

air no:

GUAS Sen 10_49 Celtic Exam Paper (advanced) 1907-1908 (1&2)

Na dealbhan sin air an cleachdadh le cead bho Thasg-lann Oilthigh Ghlaschu ©University of Glasgow Archive Services, GB0248, Sen 10/49.

———————————————————————————————————————————

1922-23. Bha Minnie F. NicAoidh o Alnais, ann an taobh Sear Rois na h-oileanach, 1922-26. Rinn i iomadh cuspair, Ceiltis nam measg.  Cheumnaich i ann an 1925 le M.A. agus chithear a dealbh air an duilleag eile air an làrach seo le dealbhan-ceumnachaidh.  Dh’ fheumadh oileanaich ticead leithid seo fhaighinn nuair a chrìochnaicheadh iad gach cùrsa.   Bha Minnie gu mòr an sàs anns a’ Chomann Oiseanach (seall ris an duilleag eile air an làrach seo), Dh’ fhàg I a cuid pàipearan aig tasg-lann Oilthigh Ghlaschu.

©University of Glasgow Archive Services, GB0248, UGC 202/1/4/1 (An dealbh seo air fhoillseachadh le cead bho thasglann Oilthigh Ghlaschu)

UGC 202_1_4_1 Minnie Elem Gaelic class tkt 1922Chithear tuilleadh fiosrachadh air Marion Frances “Minnie” Mackay (1904-2006) le beagan de eachdraidh a beatha air catalog tasg-lann an Oilthigh:

http://cheshire.cent.gla.ac.uk/ead/html/gb0248ugc202-p1.shtml#gb-0248-ugc-202

————————————————————————————————————————————-

1944-1945. Notaichean bho oileanach, Molly Palmar (Glen an sloinneadh mas do phòs i), a bha à Berkshire bho thùs agus a bha ag ionnsachadh na Gàidhlig. Seo dealbh  (gu h-ìosal) de dhuilleag anns an deotair a bh’ aice (GUAS UGC 180/3/2).  Tha fhios gur e leabhar Mackechnie ‘Gaelic without Groans’ a bha iad a’ cleachdadh mar theacs anns a’ chlas.

  ©University of Glasgow Archive Services, GB0248, UGC 180/3/2 (An dealbh seo air fhoillseachadh le cead bho thasglann Oilthigh Ghlaschu) UGC 180_3_2 Molly Palmar class notes Element_Gaelic_1944

Chithear an tuilleadh fiosrachadh mu bheatha Molly Palmar (-1970), air catalog tasg-lann an Oilthigh.

http://cheshire.cent.gla.ac.uk/ead/search?operation=full&rsid=38723&firstrec=1&numreq=20&highlight=1&recid=gb0248ugc180

————————————————————————————————————————————-

1938-39.  Alasdair MacArtair.  B’ ann à Tobair Mhoire an Eilean Mhuile a bha Alasdair MacArtair. Bha e a’ frithealadh an clas litreachais a bha an Dr J. C. Watson a’ stiùireadh.   Chithear air an duilleag seo gu robh e a’ gabhail uallach ‘diphthingisation’ agus eachdraidh Seathrún Chéitinn.  B’ ann am bliadhna 1938-39 a ghabh Alasdair clas Ceiltis agus cheumnaich e (ealain is saidheans) le M.A, 1941.

DC 297_1 MacArthur notes_1937_(2)

©University of Glasgow Archive Services, GB0248, DC297/1 (An dealbh seo air fhoillseachadh le cead bho thasglann Oilthigh Ghlaschu)

Chithear iomradh air beatha Alasdair MhicArtair, a bha na thidsear is na mhinisteir, air catalog tasg-lann an Oilthigh:  http://cheshire.cent.gla.ac.uk/ead/search?operation=full&rsid=38800&firstrec=1&numreq=20&highlight=1&recid=gb0248dc297

———————————————————————————————————————————

Iomain, 1901-1906

Cha b’ ann air leabhraichean a-mhàin a bha aire nan oileanach. Bha meas mòr aig Aonghas Mac a’ Phiocair air iomain. Cha robh sgioba iomain aig Oilthigh Ghlaschu nuair a thàinig Aonghas dhan Oilthigh an toiseach ann an 1899, agus bhiodh e a’ cluiche cuide ri Glasgow Cowal gach feasgar Disathairne aig Strathbungo.  Bha sgiobaidhean aig Oilthigh Obar Dheathain is Oilthigh Dhùin Èideann agus chuir Aonghas roimhe gu robh thìde aig balaich Ghaidhealach rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn sin aig Oilthigh Ghlaschu.  Thug Aonghas dà bhalach eile, Murchadh MacRath agus Murchadh MacCoinnich, a bha a’ toirt a-mach leigheas aig an Oilthigh, air dhara thaobh aig toiseach seisean 1901. Ghairm iad coinneamh a dh’ fhaicinn an robh taic ann o na h-oileanaich, agus is ann a bha an t-seòmar-coinneamh a bu mhotha ann an Talla Aonaidh an Oilthigh làn gu na caibribh. Bha taic mòr ann dhan sgioba o na h-oileanaich Ghaidhealach. Chuir fear taigh-òsta, John Littlejohn, cuach air dòigh a bhiodh air fharpais eadar na diofar oilthighean. Bhuannaich Oilthigh Ghlaschu seo air a’ chiad oidhirp ann an 1906.  Ghabh an sgioba iomain nam facail-suaicheantais a leanas o aona de dhàin Oisein:

‘S iad a chuireadh an iomain,

‘s an ruitheadh i gu teann

Cho luath ri buic-earba

Measg gharbhlaich nam beann.

Ann am beachd Aonghas Mhic a’ Phiocair, bha iomain agus a’ Chomunn Oiseanach a’ toirt togail mòr do na Gaidheil a bha nan oileanaich aig Oilthigh Ghlaschu.[2]

–o0o–

An Dotair Mòr, iomain agus Oilthigh Ghlaschu

Bha Ailig MacLeòid, à Leòdhas, deiseil aig Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh agus an dùil a thighinn dhan Oilthigh gus leigheas a thoirt a-mach ann an 1914  ach thàinig an Cogadh anns an rathad. Chaidh e dhan airm is bha e a’ sabaid aig Gallipolli agus thug oifigearan iomraidhean air (despatches) ann an cunntasan mun bhlàr. Chaidh e a leòn san t-sabaid aig Gallipolli. An dèidh a’ chogaidh chaidh e a dh’ Oilthigh Ghlaschu agus chan e a-mhàin gur e oileanach comasach a bh’ ann ach bha e anabarrach deidheil air an iomain.  Bha tubaist aige a’ cluich do sgioba iomain Oilthigh Ghlaschu agus chaill e sùil. Air dha ceumnachadh (1924) bha e ag obair na dhotair ann an grunnan àiteachan mas deach e a dh’ obair mar dhotail sgìreil Uibhist a Tuath.  Thug e fad 40 bliadhna anns an dreuchd sin, 1932-1974, is e an ceann iomadh leasachadh mheideigeach a chum maith an t-sluaigh. Bha meas mòr aig muinntir Uibhist air agus b’ e “an Dotair Mòr” a chanadh iad ris.  Lean a mhac, Iain, e a dh’ Oilthigh Ghlaschu anns na 1950an agus an uairsin mar dhotair-teaghlaich ann an Uibhist a Tuath (1973-2000).[3]

–o0o–

Iomain, 1951-52

Bha gillean Ghaidhealach agus oileanaich à Roinn na Ceiltis nam measg, ann an sgioba iomain fìor shoirbheachail, 1951-52. Bhuannaich iad an Littlejohn Vase, am Fingal Memorial Shield, Cuach iomain Milton A.A., agus ràinig iad cuairt dheireannach cuach an Celtic Society agus iar-chuairt dheireannach cuach na h-Albann. Chluich iad 24 turas. Bhuannaich iad 20 dhiubh sin, chaill iad 3 agus bha iad co-ionnan an aona thrub.

Sgiob Iomain Oilthigh Ghlaschu 1951-52

Sgioba Iomain Oilthigh Ghlaschu, 1951-52.

Aig a’ chùl (clì gu deas): A. Mac a’ Phearsain, C. Friseil, I. MacAsgaill, S. Dòmhnallach, Ruairidh MacFhionghuin, Aonghas MacÌomhair, D. Mac a’ Phearsain. Nan seasamh: Mgr A. Reid (ceann-gleidhidh a’ ghlasaich), Iain Mac’ill’innein, C. Dòmhnallach, Tormod E. Dòmhnallach (ionmhasar), A. Mac na Ceàrdaich, I. Greumach *, Fearchar Mac an Tòisich (à Ealaghol)*, I. Friseil *, Mgr R. Paterson (iar neach-gleidhidh a’ ghlasaich). Aig an toiseach: H. Mackie, Mgr J. M. Dòmhnallach (iar cheann-suidhe Urr.), D. Skinner* (caipt.), An Dr I.M. MacCormick (Ceann-suidhe Urr. agus Reactor Urr.), D. Greumach* (iar chaipt.), An t-Urr. I. Mac an Tòisich (Iar cheann-suidhe urr.), Ailean G. Hasson * (rùnaire). Chan eil U. MacDhùbhghaill no A. Blair anns an dealbh. Tha * a’ comharrachadh gu robh ‘University blue’ aig cuid.

Chithear Tormod E. Dòmhnallach an teis mheadhan an dealbh seo. Thathar fada an comain Mgr Dòmhnallach, Tobar na Màthar, airson an dreach seo dhan dealbh agus an cead seo a chleachdadh. Cheumnaich Tormod E. Dòmhnallach, a Uibhist a Tuath bho thùs, M.A. le urram an Ceiltis, 1952, cuide ri co dhiù triùir ghillean eile a bha anns an dealbh dhan sgioba iomain. B’ iad sin Mgr Iain Mac’ill’innein (à Geàrrloch), Aonghas MacÌomhair (às an t-Òb, na Hearadh) agus Ruairidh MacFhionghuin (à Stocanais, na Hearadh) a bha cuideachd a’ ceumnachadh bhon chlas Cheilteach air a’ bhliadhna sin. Chithear an tuilleadh fiosrachadh mu bheatha oileanach aig Oilthigh Ghlaschu agus mu euchdan an sgioba iomain seo ann an leabhar Thormoid, T. E. Dòmhnallach, Eadar Clachan Shannda agus Tobar na Màthar (Acair, Steòrnabhagh, 2014), 100-113.

–o0o–

1976-77. Fiona A. NicDhòmhnaill. Dh’ fhàg Fiona A. NicDhòmhnaill notaichean iomlan (am Beurla) ann an tasg-lann an Oilthigh (GUAS UGC 031/1/3) mu na bha i ag ionnsachadh anns an Oilthigh agus ann an clas a ghabh i ann an Roinn na Ceiltis. B’iad seo cuid de na cuspairean air an robh i a’ cnuasachadh ann an ‘Gaelic studies’:

  • Tighinn na Gàidhlig do dh’ Alba
  • Dalriada
  • An ath leasachadh anns an eaglais
  • An naomh Colm Cille agus toiseach tòiseachaidh Crìosdaidheachd an Alba
  • Foghlam anns na sgoiltean anns an 18mh linn
  • Eaconomaidh na Gaidhealtachd rè na 18tm linn
  • Comainn agus structuran Gàidhlig.
  • Fuadaichean agus fàs bhailtean
  • Cruthachadh facail (facail iasaid m.s.a.a.)
  • Foghlam agus inbhe na Gaidhlig anns an 19mh linn deug
  • Ceiltich Linne an Iarainn (muinntir Hallstatt)
  • Ceiltich rè linn nan Romanach
  • Ceiltich ann am Breatainn – an Alba gu h-àraid
  • Buaidh na h-eaglaise air ainmean àitean
  • Ainailis facail (morf-eòlas agus siontacs)
  • Sgeulachdan goiridh agus rosg na Gàidhlig
  • Aite na Gàidhlig ann an co-theacs chànanan eile (an cànan Indo-Eòrpach is eile)
  • Sluaghan luchd labhairt na cànanan Ceilteach san latha an diugh
  • Eachdraidh rosg na Gàidhlig
  • Bàrdachd Deòrsa mac Iain Deòrsa
  • Nua-bhàrdachd na Gàidhlig
  • Coimeas eadar diofar phìosan bàrdachd
  • Bàrdachd Dhonnchaidh Bàn agus Alasdair mac Mhaighistir Alasdair

Ghabh Fiona Ann eachdraidh an cois seo. Cheumnaich i le M.A. ann an Ceiltis & Eachdraidh na h-Alba ann an 1980.  Rinn i ceum PhD. aig Oilthigh Ghlaschu an deidh sin “Ireland and Scotland, historical perspectives on the Gaelic dimension, 1560-1760” a chrìochnaich i ann an 1994.

Chaidh i cuairt bheag ag obair mar òraidiche ann an Roinn na Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu goirid an dèidh sin.  Tha leabhar aice air thoirt a-mach: F.A. Macdonald, Missions to the Gaels: Reformation and Counter Reformation in Ulster and the Highlands of Scotland (Edinburgh, 2006).

Chithear fios eile mu Fiona Ann Macdonald air catalog an tasg-lann.   http://cheshire.cent.gla.ac.uk/ead/search?operation=full&rsid=39951&firstrec=1&numreq=20&highlight=1&hitposition=0#rightcol

————————————————————————————————————————————-

Anna Frater, 1986-1995Is ann à Pabail, Sgìre an Rubha ann an Leòdhas, a tha Anna Frater. Cheumnaich i le MA o Oilthigh Ghlaschu ann an Ceiltis is Fraingis, 1990. Rinn i an uairsin tràchdas PhD. ann an Roinn na Ceiltis air a’ chuspair ‘Scottish Gaelic Womens’ poetry up to 1750′  [chithear tràchdas Anna ann an seo: http://theses.gla.ac.uk/701/].

     Anna Frater - trachdas     Dealbh de thrachdas Anna an Leabharlann Roinn na Ceiltis

Tha Anna cuideachd cliùiteach mar bhàird, agus seo ceangal gu làrach nam bard aig a’ BhBC far an robh  i a’ bruidhinn air cuid de rudan a thug buaidh air a bàrdachd. http://www.bbc.co.uk/alba/foghlam/larachnambard/poets/anna_frater/am_bard/

 

———————————————————————————————————

NOTAICHEAN

———————————————————————————————————

[1] A.J. MacVicar, Hebridean Heritage. Autobiography of a west Highland minister by Angus J. MacVicar, M.A., J.P., Minister emeritus of Southend (Oban Times, 1966), 35-41. Le taing don t-Oll. Ùisdean D. MacGill’innein airson an tùs seo a thoirt far comhair.

[2] MacVicar, Hebridean Heritage, 39-40.

[3] Fiosrachadh seo bhon phrògram ‘An Dotair Mòr’ a chaidh a chraoladh air BBC Alba, Diluain, 29mh dhan Dùbhlachd 2014 aig 10.00f. Le taing don t-Oll. Ùisdean D MacGhill’innein airson an tùs seo a thoirt far comhair.

Chithear an tuilleadh mu dheidhinn an sgeulachd anns an Daily Mail le Mark Duell, The real-life Dr Finlays: Family of GPs who dedicated their lives to looking after the people of a remote Hebridean island for over 70 years.’

http://www.dailymail.co.uk/news/article-2440111/Macleod-family-doctors-spent-lives-practising-remote-North-Uist-island.html.

Chithear fiosrachadh mun Dr Iain, mac dhan Dotair Mòr, ann an cunntas mu bheatha a rinneadh ri linn naidheachd a bhàis anns an Scotsman, 7th Sept 2009.  Chithear sin air an eadar-lìon air an làrach:

http://www.scotsman.com/news/obituaries/john-macleod-1-773817

Leave a Reply