Niall Rothach, 1908

 

B’ ann à teaghlach Ghaidhealach an Inbhir Aora a bha Niall Rothach (1863-1930) a tha ainmeil airson sgeulachdan leithid Para Handy agus nobhailean leithid John Splendid, (1898), mu chogaidhean na 17mh linn, agus Doom Castle, (1901), mu chogaidhean nan Seumasach san 18mh linn.  Ann an Glaschu a chaith e tòrr dha bheatha, ge-tà, mar fhear-naidheachd agus sgrìobhaiche, agus ged nach robh e riamh air a bhith a’ frithealadh an Oilthigh, bhuilich Oilthigh Ghlaschu ceum LLD air anns a’ Ghiblein 1908 air shàillibh a’ chliù a choisinn e mar sgrìobhaiche.  B’e an t-Àrd Oll. Sir Domhnall MacAlasdair a bhuilich an urram seo air a’ cho-Ghaidheal, agus seo mar a chaidh sin aithris anns a’ phàipear naidheachd, An Scotsman:

‘…As a Celt himself [MacAlasdair] he hailed with special pleasure the honour the University had sought to bestow on Dr Neil Munro (applause). He was seer and bard and seannachie in one. He had, in his subtle art, revealed the Celt to himself and that was much, but he had done more. He had mediated the Celtic spirit to the Saxon in the Saxon’s own tongue…’ [1]

Is ann am Beurla a bha gach pìos a sgrìobh e. Ach bha meas mòr aig coimhearsnachd Ghàidhlig Ghlaschu air agus tha seo ri fhaicinn anns an luaidh a chaidh a thoirt air anns An Gaidheal, iris a’ Chomuinn Ghaidhealach, nuair a chaochail e. An rèir seo bha an Rothach air a bhith a’ gabhail chlasaichean Gàidhlig le Donnchadh Reid (1849-1912), tidsear à Cinntire, aig an t-Àrd Sgoil an Glaschu.

Coltach ri iomadh Gaidheil eile b’ ann am Beurla a bha fhoghlaim, agus, is dòcha nach robh gu leòr misneachd aige (no foghlam aige) gus a chuid cànan màthaireil a sgrìobhadh, no co-dhiù a sgrìobhadh gu ìre fhoillseachaidh. Ach am measg gach moladh eile a rinneadh air aig àm a bhàis thuirt an t-Siorraidh, J. McMaster Campbell (1859-1938):

“nor should it be forgotten that Neil Munro spoke and wrote Gaelic. I am the fortunate possessor of several letters from Dr Munro written in the old language.” [cha bu chòir dì-chuimhneachadh gum biodh Niall Rothach a’ bruidhinn agus a’ sgrìobhadh na Gàidhlig. Tha mi gu math moiteil gu bheil grunnan litrichean agam a sgrìobh an Dr Rothach anns an t-seanna chànain].[2]

NPG 928 Neil Munro (1864-1930)  by William StrangBha luaidh aig a’ Chaimbeulach air a charaid ann an Gàidhlig cho math ri Beurla, agus seo na bha aige ri radha mu lèirsinn an Rothaich:

“…ged is ann am Beurla a chuir e a-mach a chuid leabhraichean, gidheadh, bha eòlas eagnuidh aige air sgrìobhadh agus labhairt na Gàidhlig. Bha e mean eòlach air aigneadh, air smuain, agus air cànan nan Gaidheal.” [3]

Bha fèill cuideachd air Niall Rothach ann an Èirinn agus rinn Sean Tóibín, o Chorcaigh, luaidh air ann an Gaeilge anns An Gaidheal, agus chaidh seo eadar-theangachadh dhan Bheurla leis an t-Oll. Urr. Deòrsa Calder, òraidiche na Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu.[4] Bha 98 leabhar Gàidhlig aig Niall Rothach agus, an dèidh a bhàis, bhuilich a bhanntrach na leabhraichean seo air Oilthigh Ghlaschu airson maith roinn na Ceiltis (‘for the Celtic Class library’). Bhathar an dùil gun dèanadh oileanaich Ghaidhealach a bha a’ frithealadh Oilthigh Ghlaschu feum dhiubh seo. [5]

Dealbh ann an seo, gu h-ìosal, de Niall Rothach a rinn William Strang ann an 1903. Tha e ann an Taigh-tasgaidh nàiseanta nan dealbh, an Dùn Èideann agus air a chleachdadh an seo le cead uapa. ©Scottish National Portrait Gallery, PG 928.

Chaidh leabhar a chuir an clò ann an 1901 mar chuimhneachan gu robh Oilthigh Ghlaschu air aois 450 bliadhna a ruighinn agus chuir Niall Rothach pìos beag dhan leabhar seo leis an tiotal ‘The Lerigmore Letters.’  Is e litrichean a tha seo, mas fhìor, bho oileanach Ghaidhealach a bha a’ frithealadh Oilthigh Ghlaschu aig fìor thoiseach Bliadhna Theàrlaich, 1745-46. Briogaibh air a’ cheangal a leanas airson seo fhaicinn. Neil_Munro & the Lerigmore letters

NOTAICHEAN

[1]  Ronald W. Renton, ‘Munro, Neil [Hugh Foulis] (1863–1930)’, Oxford Dictionary of National Biography, Oxford University Press, May 2006 [http://www.oxforddnb.com/view/article/40351, accessed 9 Nov 2013]. ‘Glasgow University Celebration of Commemoration Day’, Scotsman, 23 April 1908, p. 5.

[2] An Gaidheal, 26 (1931), 64-69. D.S. Thomson, ed., The Companion to Gaelic Scotland (Glasgow, Gairm, 1994), 34, 250.

[3] An Gaidheal, 26 (1931), 64-69.

[4] An Gaidheal, 26 (1931), 182-4.

[5] An Gaidheal, 26 (1931), 137.

 

 

Leave a Reply