Triall an roinn

Is ann ann an 3 University Gardens a tha Roinn na Ceiltis is na Gàidhlig an diugh (bhon Ghiblein 2009).  Ach tha Roinn na Ceiltis air a bhith ann an iomadach ceàrnaidh air feadh an Oilthigh thar na ceud bliadhna a dh’ fhalbh.  B’ ann anns an ‘Humanities classroom’ (G255, Cearnag siar togallach Ghilbert Scott) a bha a’ chiad òraid oifigeil a-riamh a chaidh a lìbhrigeadh aig an Oilthigh, leis an t-Oll. Mànus MacGhill’Eain, 3.00f, 24mh dhan Fhaoilleach 1901, agus far an robh e a’ toirt òraidean seachad gu ruige 1903.[1]

Humanities Lecture theatre

An Humanities lecture theatre, far an do rinn an t-Oll. Mànus MacGhill’Eain a’ chiad òraid oifigeil Cheiltis a bha riamh aig an Oilthigh, 24mh dhan Fhaoilleach, 1901.
 

Lean an Oll. Kuno Meyer (à Oilthigh Liverpool) e eadar 1903 agus 1906, ach is ann ann an seòmar chlas Ghreugais a bha esan nuair a bha e tadhail a Ghlaschu gus òraidean a lìbhrigeadh.  B’ann anns a’ bhliadhna 1906-1907 a chaidh Ceiltis a chuir air bhonn mar chuspair a bha a’ cur ri ceum M.A., fo stiùir an òraidiche ùr, an t-Oll. Deòrsa MacEanruig (1906-12).  B’ ann an seòmar-chlas Greugais a bha sin ga chumail chuideachd.[2]  Lean Deòrsa Calder mar òraidiche an àite MacEanruig, a chaochail ann an 1912.  Bha Ceiltis agus na cuspairean ùra eile, leithid, Arc-eòlas, Eachdraidh na h-Alba, is Eadailtis nam measg, ann an Dàmh nan Ealain uile ann am beagan de bhùrach is iad a’ lorg dachaigh dhaibh pèin.  Seo mar a bhathar a’ beachdachadh air a’ ghnothaich aig coinneamh seanaid an Oilthigh aig an t-àm sin:

‘the following departments [Damhair 1913] are entirely without separate accommodation and are in consequence entirely parasitic: English language, Greek history and archaeology, Italian, Celtic, Roman history and antiquities…   […and…] …the new department of Scottish History and Iiterature.’  

Bha gach cuspair dhiubh sin uile a’ sireadh dà sheòmar dhaibh pèin.  Ach thuirt Calder gum biodh e riaraichte gu leòr leabharlann Cheiltis a chleachdadh mar sheòmar-òraid aig an t-àm sin.[3]  

Lilybank Gardens (2)

Lilybank Gardens, far an robh Roinn na Ceiltis rè àm an t-Àrd Oll. Ruaraidh MacThòmais
 

Bha Roinn na Ceiltis (Aonghas MacMhathain, Ruaraidh MacThòmais agus Iris Rowland) ann am pàirt beag de 3 University Gardens uaireigin anns na 1950an. Rinn iad imrich gu Bute Gardens, togallach nach eil ann a-nis (faisg air far a bheil an Hetherington an diugh) airson cuairt bheag fhads a bhathar a’ togail an Modern Languages Building (MLB), c. 1958. Chaith Roinn na Ceiltis beagan bhliadhnaichean anns an MLB, ach uaireigin anns na 1960an ghluais an Roinn gu fàrdaich ùr, 6 Lilybank Gardens, fhads a bha an Roinn fo stiùir an t-Àrd Oll Ruaraidh MacThòmais.

  MLB - An Tranns Ceilteach  MLB (1)

An tranns Ceilteach (clì) far an robh Roinn na Ceiltis, am broinn togallach air an robh Modern Language Building (deas), nis an Alexander Stone Building, eadar 2000 agus 2009
 

Thog an roinn a chasan leis à sin a-rithist gu oifisean ùra ann an àireamh 5 University Gardens, agus a-rithist, uaireigin anns na 1990an, gu George Service House.  

George Service House (1)  George Service House (2)  3 Uni Gardens

George Service House, 11 University Gardens (clì agus meadhan), nise dachaigh luchd nan coimpiutairean, agus 3 University Gardens (deas), far a bheil Roinn na Ceiltis a-nis.

Thill an roinn a-rithist gun Modern Languages Building ann an 2000 far an do dh dh’ fhuirich iad gun Ghiblein 2009 nuair a dh’ imich iad gu 3 University Gardens (a-rithist!).[4]

———————————————————————————————————

 NOTAICHEAN

———————————————————————————————————

[1] Glasgow Herald, 25th January 1901, p. 4.  GUAS, GUA, Sen 1/1/18/325 University Records, Minutes of Senate, 17 January 1901.

[2] GUAS, Sen 1/1/20/278, University Records, Minutes of Senate, 7 February 1907.

[3] GUAS, GUA 74047. Senate meeting papers, [October] 1913.

[4] Seo stèidhichte air fiosrachadh a thog an t-Ard Oll. Roibeard Ó Maolalaigh (17mh Ghiblein 2009) on t-Urr. Coinneach Dòmhnallach a bha na òraidiche ann an Roinn na Ceiltis, 1960-1997. 

 

 

Leave a Reply