20mh linn – Eachdraidh na Roinne

Toiseach tòiseachaidh

Bha clasaichean Gàidhlig ga chumail air làrach an Oilthigh bho 1869, ach b’ e pearsachan eaglais leithid an t-Urr Alasdair Camshron a bha ris an seo às leth na h-eaglais agus gu maith nan oileanach Ghaidhealach.  Cha robh feart oifigeil sam bith aig an Oilthigh gu robh leithid de rud ann ri Ceiltis gun luaidh air a’ Ghàidhlig. Cha tàinig atharrachadh air seo a dh’ aindeoin cathair Cheiltis ga chuir air stèidh an Dùn Èideann, 1882, is cha robh càil a ghuth aig Oilthigh Ghlaschu air an leithid.  Dh’ atharraich cùisean leis an dìlbeab a bhuilich An t-Oll. Urr. Gilleasbuig K. MacCaluim air Oilthigh Ghlaschu ann an 1893.  Dh’ fhàg MacCaluim airgead an t-aona ghnothaich aig an Oilthigh gus an cuireadh iad òraidiche Cheiltis air stèidh. Cha robh airgead ann a phàigheadh ach airson mu thrian de thuarastal òraidiche gach bliadhna. Bha na Gaidheil ainfhoiseil nach robh càil air tachairt – bha monmhur a’ dol nam measg Comunn Gàidhlig Ghlaschu, 1894, is iad do-riaraichte nach deach adhartas a dhèanamh. Thog a’ Chomann Oiseanach athchuinge gus cuideam a chuir air an Oilthigh anns an Dùbhlachd 1899. Mu dheireadh thall chaidh an t-Oll. Mànus MacGhill’eain fhastadh, aig deireadh na bliadhna 1900 gus sreath de dh’ òraidean Cheiltis a chuir air dòigh aig an Oilthigh mar thorradh air dìleab MhicCaluim.[1]

–o0o–

An t-Oll. Mànus MacGhill’Eain, 1901-1903 

Bha an t-Oll. Mànus MacGhill’Eain (1857-1937), Sgitheanach, à Fasach, na shàr-eòlaiche fiosaics agus matamataig. Bha e ag obair aig Oilthigh Ghlaschu agus aig an Technical College ann an Glaschu mar neach-saidheans agus bha e na cho-obraiche airson greis cuide ris an Triath Kelvin.  Sgrìobh e grunn mhòr leabhraichean is altan co-cheangailt ri dhreuchd, leithid Modern Electrical Practice (6 vols., London, 1905), Modern Electrical Engineering (6 Vols., London, 1918) agus (le Makita Goto), ‘The Electrification of Air by combustion’ (1889). Chan e a mhàin gu robh e na shàr-fhear saidheans, a bha a’ suathadh ri daoine mar an Triath Reith on BhBC agus Albert Einstein, ach bha MacGhill’Eain cuideachd na sgoilear fìor chomasach ann an Ceiltis is Gàidhlig.   Rinn an t-Oll. MacGhill’Eain grunnan òraidean Cheiltis aig Oilthigh Ghlaschu thar trì bliadhna, is e na chiad òraidiche Cheiltis an Glaschu air thàillibh an dìleab a bhuilich an t-Urr. Gilleasbuig K. MacCaluim air an Oilthigh. Bha iad seo fosgailte an dà chuid dha luchd an oilthigh is a’ mhòr-shluagh (1901-1903).  Nuair a lìbhrig MacGhill’Eain a’ chiad òraid oifigeil Cheiltis a-riamh aig an Oilthigh, ann an seòmar-clas nan Daonnachd, Diardaoin 24mh dhan Fhaoilleach 1901, thuirt e gu robh mu 10% de dh’ oileanaich aig Glaschu aig an robh comas Gàidhlig a thuigsinn.  Rinn e deich òraidean anns a’ chiad sreath seo eadar an Fhaoilleach agus a’ Mhàrt 1901 – uile air an aithris ann an Herald Ghlaschu. Rinn e trì sreathan de dh’ òraidean uile gu lèir, gach bliadhna, 1901-1903. Magnus Mclean (from NMD portree)

Thug e iomadh leabhar a-mach air saidheans ach a dhà mu chuspairean Cheiltis mar thorradh air an dreuchd seo aig Oilthigh Ghlaschu fo dhìleab ‘Kelly McCallum’: The Literature of the Celts (1902) agus The Literature of the Highlands (1904).

 

An t-Ard Ollamh Mànus MacGhill’Eain (dealbh air a chleachdadh an seo le cead bhon Àrd Oll. Tormod Dòmhnallach agus Mgr Eachann Grannd). 

Bha MacGhill’Eain fhathast na neach sgrùdaidh o thaobh a-mhuigh air deuchainnean Roinn na Ceiltis rè àm a’ chiad òraidiche làn ùine, an Oll. Seòras Henderson (gu h-ìosal), agus bha e na bhall èasgaidh de dhiofar Chomainn Gaidhealach anns a’ bhaile. [2]

—o0o—

An t-Àrd Oll. Kuno Meyer, 1903-1906

B’ ann às a’ Ghearmailt a bha an sgoilear Cheilteach cliùiteach, Kuno Meyer (1858-1915). Bha e na òraidiche ann an Gearmailtis is Ceiltis aig Oilthigh Liverpool ann an Sasainn agus bha ceanglaichean làidir aige ri oilthighean an Èirinn.

048 Prof Kuno Meyer_photo by Bassano (NPG_London) c1910Fhuair e cuireadh, fhads a bha e ag obair aig Oilthigh Liverpool a thighinn a thadhail air Oilthigh Ghlaschu gus sreath de dh’ òraidean MhicCaluim a lìbhrigeadh, is rinn e mu 18 òraidean thairis air trì bliadhna, 1904-1906. Rinn Meyer sia òraidean aig Oilthigh Ghlaschu anns a’ chiad sreath aige. B’e ‘The Early Celtic Church’ (an t-seann Eaglais Cheilteach) an tiotail a bha aige air a’ chiad òraid a rinn e ann an seòmar-clas na Greugais, 18mh dhan Fhaoilleach 1904, agus chuir e crìoch air a’ chiad sreath seo, ‘The Celtic Church in Britain and Ireland’ (An eaglais Cheilteach am Breatann is an Èirinn) le bhith a’ bruidhinn air a’ cheann-teagasg, ‘The Irish missionaries’ (na miseanaraidhean Èireannach), air an 22mh dhan Ghearran 1904.

An t-Àrd Oll. Kuno Meyer, dealbh-camara le Bassano, c.1910. Iomhaigh seo (NPG
84344) air a chleachdadh le cead an National Portrait Gallery, Lunnainn, air bharantas cruthachail nan cumantan (creative commons licence).

Thill Meyer a Ghlaschu gus an dàrna sreath de dh’ òraidean a dhèanamh air an 25mh dhan t-Samhain 1904 agus e a’ bruidhinn air ‘the origins of Celtic Literature’ (tùsan litreachas Ceiltis) air beulaibh Prionnsabail Story anns an seòmar teagaisg Greugais. Bha e a’ bruidhinn air cuspairean leithid beachdan mu bhriseadh a-steach nan treubhan Cheilteach, agus buaidh nan draoidhean (03/02/1905), agus chuir Meyer crìoch air an dàrna sreath de shia òraidean le bhith a’ bruidhinn mu na seann sgeòil phàganach o Èirinn, Cuchulain agus Táin Bó Chuailgne (10/02/1905).

Thug Meyer an uairsin faisg air bliadhna mas do thill e air ais a Ghlaschu airson an t-sreath mu dheireadh de dh’ òraidean.  Bha e a’ bruidhinn air Matthew Arnold, agus gnè litreachas Cheiltis (03/02/1906); agus mu bhuaidh litreachas Cheiteach air litreachas Eòrpach, fhreumhan-facail is facail-iasaid (10/02/1906), Rosg Ghaidhealach an coimeas ri litreachas na Cuimris agus a’ Mhabinogi (17/02/1906), Geoffrey à Monmouth, uirsgeulan an Righ Artair agus mar a thathar ag òrdachadh nan sgeulachdan (24/02/1906), Turas-mara Bran agus buaidh nan seann sgeulachdan Èireannach air litreachas na Roinn Eòrpa rè na Meadhan-Aoisean (02/03/1906). Rinn Meyer an òraid mu dheireadh aige an Glaschu ann an sreath-òraidean Kelly-McCallum, le bhith a’ bruidhinn mu Sheumas Mac a’ Phearsain agus Oisean (12mh dhan Mhàrt 1906) agus thuirt e anns an dealachadh gu robh a h-uile dòchas aige gun deidheadh aig Oilthigh Ghlaschu air rudeigin nas seasmhach a chuir air dòigh (airson tuilleadh fiosrachadh mu oraidean Mheyer an Glaschu, seallaibh nota 3, gu h-ìosal). Bha muinntir Ghlaschu a-nis, bha e a’ smaoineachadh, air blasad fhaighinn de Cheiltis leis na sreathan de dh’òraidean a rinn e fhèin (agus MacGhill’Eain roimhe-san).

1906_03_12_pg 12 K Meyer on Ossian

An òraid mu dheireadh aig Kuno Meyer an Glaschu mar a chaidh aithris ann an Herald Ghlaschu. Le taing don Herald & Times Group airson cead an dealb seo a chleachdadh.

Bha am Prionnsabail, Raibeart Story, a’ seasamh ri taobh Meyer fhads a bha e a’ bruidhinn agus b’ fheàirrde cùisean gu robh càirdeas bhlàth eadar Meyer agus a’ Phrionnsabail.  B’ ann còmhla ris a’ Phrionnsabail a bha Meyer a’ fuireach fhads a bha e a’ tadhail air Glaschu gus co-dhiù a dhà dha chuid òraidean a dhèanamh. Sgrìobh Prionnsabal Story litir gu caraid, cho tràth ris a’ Ghearran 1904, ag radha gu robh e a’ còrdadh ris a bhith ann an cuideachd Meyer agus gu robh e dhan bheachd gun gabhadh Roinn Cheiltis a chuir air dòigh. Dh’ aidich Story gur e cùis nàire a bh’ ann dhan Oilthigh nach robh àite ann dhan Ghàidhlig is gu robh e an dòchas gun deidheadh rud a chuir air dòigh air los sin.  Bha Kuno Meyer cuideachd na cheann-suidhe urramach dhan Chlub Oiseanach ann an 1904-05 agus 1905-06. A thuilleadh air an sin bha e na cheann-suidhe urramach do Chomann Gàidhlig Ghlaschu. Tha sin a’ sealltainn gu robh e a’ togail dàimh ris a’ choimhearsnachd Ghaidhealach cho math ris an t-saoghal acadaimeagach. Rinn e òraid do Chomunn Gàidhlig Ghlaschu, 6mh dhan Mhàrt 1906, is e a’ bruidhinn mu bhàrdachd arsaidh Ghaidhealach (“Ancient Gaelic Poetry”) ann an seann làmh-sgriobhainnean Gàidhlig na h-Èirinn agus an Gàidhlig na h-Albann. Bha feum mòr, an rèir Meyer, air obair sgoileireil a dhèanamh orra – ged a b’ e dìreach airson catalogan mhionaideach a dhealbh. Chuir Comann Gàidhlig Ghlaschu fèill mhòr air an òraid agus an òraidiche. Cha robh a h-uile duine cho measail air Meyer, ge-tà, leis gu robh e a’ cur taic ri dhùthaich fhèin rè àm a’ Chogaidh Mhòir, agus bha cuid a’ cur as a leth aig an t-àm sin gu robh e na fhear-brathaidh as leth riaghaltas na Gearmailt! [3]

—o0o—

An iomairt gus òraidiche làn-ùine a chuir air stèidh

Bha oidhirpean MhicGhill’Eain agus Meyer air a bhith air leth soirbheachail ge-tà, chan ann a-mhàin ann a bhith a’ togail ìomhaigh Cheiltis anns an Oilthigh, ach leis gu robh na h-òraidean aca air a bhith fosgailte dhon phobaill, agus air aithris anns a’ phàipeir-naidheachd, ghabh a’ mhòr-shluagh ùidh anns a’ chùis.  Cha robh gu leòr ann an dìleab MhicCaluim (luach mu £75 gach bliadhna), ge-tà, a phàigheadh tuarastail òraidiche làn ùine (a bha mu £200 ann an 1906) agus chaidh iomairt a chuir air dòigh, 1905, gus airgead a thogail a phàigheadh òraidiche.  Bha iad air an t-airgead seo a thrusadh anns a’ Mhàrt 1906. Seo mar a tha ainmean an luchd pàighidh a’ nochdadh air an liosta:

  • Glasgow Highland Society, £250
  • the very Rev Dr J.B. Russell £5
  • The Very Rev. Principal Story, £5
  • William Graham, 6 Royal Crescent, Glasgow, £10
  • Samuel Greenlees, 92 Portland Place, London, £ 5
  • Gaelic Society of Glasgow, £50
  • Glasgow Celtic Society, £50
  • D. Fisher, Hillhead, Glasgow, £5
  • Glasgow Highland Club, £50
  • John Campbell, Glenorchy, Pollockshields, Glasgow, £25
  • Clan Maclean Association, £25
  • Misses Story, £10  (Clann-nigheanan am Prionnsabail)
  • St Andrews Society, £98 16/-  (Dhùin a’ Chomunn seo is bhuilich iad na bh’aca don Oilthigh.)
  • Highland Association for Scotland, per J.A. Mackay, Dundee

Gheall gach duine no buidheann air an liosta seo an t-airgead sin a phàigheadh dhan Oilthigh ann an còig chnapan, aon uair gach bliadhna.  Bha gu leòr an seo a-nis a phàigheadh tuarastal òraidiche Ceiltis airson còig bliadhna.  Nuair a thàinig sin gu ceann chleachd an Oilthigh dìleab-airgid eile a dh’ fhàg Alasdair Fleming (1824-1909). B’ e fear-gnìomhachais iarainn bheairteach an Glaschu a bh’ ann am Fleming. Cha robh Gàidhlig aige (rèir a’ chunntas-sluaigh) ach b’ ann a sgìre Ghaidhealach Chinntire a bha e bho thùs. Ged a thàinig e a Ghlaschu ann an 1837  chùm e ceanglaichean làidir ris a’ choimhearsnachd bhon tàinig e. Bha Fleming cuideachd, ‘Alexander Fleming of Kilmaho, Ironmaster,’ na bhall dhan Chomann Gaidhealach an Glaschu (sin an ‘Glasgow Highland Society’) ann an 1892. Chleachd an Oilthigh an t-airgead seo a dh’ fhàg Fleming aca airson taic a chumail ri dreuchd an  òraidiche Cheiltis (agus dreuchdan ann an cuspairean eile) airson an cuir air stèidh nas seasmhaiche.[4]

—o0o—

1906-1912, An t-Oll. Urr. Seòras HendersonRev George Henderson (Celtic Review viii, 1912-13, 246-7)

Air thàillibh na h-iomairtean soirbheachail seo, chaidh Henderson (Deòrsa MacEanruig) fhastadh anns an Dàmhar 1906 mar a’ chiad òraidiche làn-ùine an Ceiltis a bha riamh an Oilthigh Ghlaschu.  B’ ann à Cill Targhlain, Siorrachd Inbhir Nis a bha e. Bha e a’ frithealadh Sgoil Raining ann an Inbhir Nis mun t-àm agus thog e foghlam an sin bhon sgoileir ainmeil, an t-Oll. Alasdair Mac’IlleBhàin, a bha na thidsear ann aig an t-àm. Fhuair Fhuair Henderson foghlam-oilthigh ann an Dùn Èideann, Oxford, Berlin agus Vienna. Sgrìobh e fhèin grunnan leabhraichean agus sgrùdaidhean-teacsa, nam measg, ‘Dàin Iain Gobha’ (1893-6), ‘Leabhar nan Gleann’ (1898) agus ‘The Norse Influence on Celtic Scotland’ (1910). 

Bha e na mhinistear ann an sgìre Eadarra Chaolais an Cataibh mas deach fhastadh aig Oilthigh Ghlaschu mar òraidiche Cheiltis, 12mh dhan Ghiblein 1906.  Bha teisteanasan aig Henderson ga mholadh airson na h-obrach bho Kuno Meyer agus sgoilearan ann an Oxford, Dùn Èideann agus Vienna. B’e an t-Oll. Henderson a’ chiad òraidiche riamh a ghabh oileanaich os làimh gus cùrsaichean Ceiltis a ghabhail mar phàirt de cheum M.A. (1906-)

An dealbh dhan Oll. Urr.  Henderson aige ann an seo air a thoirt bhon an Celtic Review, viii, 1912-13, 246-7.

Seo, gu h-ìosal, mar a bha a’ chùrsa Ceilteach aig Henderson air a shanasachd ann an Catalog bhliadhail an Oilthighe, 1907-08:

———————————————————————————————————————————

Lecturer – 1906. George Henderson, Ph.D.

The Course now qualifies for graduation in Arts. Any student who attends with a view to this must previously have passed a preliminary examination in Scottish or Irish Gaelic, or in Welsh, including translations from and into English, with grammatical, literary and philological questions.

The course for 1907-1908 will embrace: –

  1. Language. The Principles of Celtic philology, phonology, grammar of the Celtic language, Introduction to Old Irish, Windisch’s Irish grammar (translated by Moore); Strachan’s Paradigms and Selections from the Old Irish glosses.
  2. Literature. Windische’s Irische Texte mit Wörterbuch. Togail Brudne Da Derga, ed., Whitley Stokes; Meyer’s Early Irish Texts; Leigheas Cois O’ Cein (ed. Henderson). The Death Tales of the Ulster Heroes, by Kuno Meyer (Todd Lecture Series, Royal Irish Academy). The Poems of Alexander Macdonald of Ardnamurchan. Selections from the standard literature of the modern period of Scottish Gaelic.
  3. Paleaography. Readings from facsimiles of Old Gaelic texts.

The class meets daily at 4 p.m.

———————————————————————————————————————————

Chaidh leabhran a bha Henderson a’   cleachdadh airson clàradh a dhèanamh air liostaicheanPass-list Henderson - 1910-1911 nan oileanach a ghleidheadh ann an Roinn na Ceiltis (dealbh de dhuilleag às an leabhran seo air an làimh dheis).

B’ e Malcolm Laing (à Loch na Madadh) agus John Mackay Maclennan (à Diùirinis, Siorrachd Rois) a’ chiad dà ainm a tha a’ nochdadh anns an leabhar seo, is iad air soirbheachadh len cuid deuchainean.  Chithear ainm-sgrìobhte Henderson fhèin an seo cuide ri ainm Mhànus MhacGhill’Eain, an neach-sgrùdaidh bhon taobh a-muigh.

Chithear liosta eile air an aona dhealbh de dh’ oileanaich a shoirbhich nan cuid deuchainnean ann an 1911 cuideachd, a-rithist le ainm-sgrìobhte ‘Henderson’ agus ‘Maclean’.

Cha robh e ceadaichte do bhoireannach sam bith frithealadh an Oilthigh chun bhliadhna 1892-93 agus bha iomadh cnap-starra rompha mas d’ fhuair iad na h-aona chothroman ris na fir.[5] Chithear air na liostaichean sin gu robh oileanaich boireann a-riamh a’ frithealadh clasaichean na Roinne bho 1907-08 nuair a thòisich ‘Mary A. MacLaine’ a Glaschu. B’ e oileanach comasach a bh’ ann am Màiri – choisinn i duais anns a’ chlas Ceiltis – ach cha do cheumnaich i ge b’ e dè as adhbhar.  Chithear fiosrachadh mu na h-oileanaich agus cò às a bha gach duine dhiubh leis mar a chaidh an clàradh aig ùghdarrasan an Oilthighe ma bhriogas sibh air a’ cheangail-faidhle a leanas: GUA R9 & R8 Oileanaich 1906-07 to 1913-14.

Chaochail an t-Oll. Henderson is e fhathast aig àrd a chomais ann an 1912. Cha robh e ach 46 bliadhna a dh’aois. Thug ‘K.M.’, (Kenneth Macleod?), luaidh bhlàth air ann an Herald Ghlachu.[6] Chithear a’ chuimhneachan sin air duilleag eile anns an làrach seo, le earrannan às na Pàipearan-naidheachd, aig ceann latha 29/06/1912.

—o0o—

1912-1935, An t-Oll. Urr. Deòrsa Calder 

George Calder_Celtic Monthly 20 (1912)_211B’ann gu ministeir eile, an t-Oll. Urr. Deòrsa Calder, a thionndaidh Oilthigh Ghlaschu nuair a chaochail Henderson. B’ ann à Siorrachd Chinn Chàrdainn, ann an coimhearsnachd far nach robh Gàidhlig a bha an t-Oll. Urr, Deòrsa Calder (1859-1941). Chaidh e a dh’ Oilthigh Obar Dheathain (MA 1881) far an tug e mach Laideann is ‘Classics’.

Deas: dealbh den t-Oll. Urr. Deòrsa Calder air thogail bhon ‘Celtic Monthly, 20 (1912), 211’.
 

Bha e a’ teagaisg na cànanan ‘clasaigeach’ mar thidsear-sgoile am Baile-Bhòid, is ghabh e an uairsin ceum mhinisteiralachd (B.D.) aig Oilthigh Dhùn Èideann (1884). Chaidh e dhan t-Sruthan, Siorrachd Pheart mar mhiosanaraidh, 1886, agus thog e a’ Ghàidhlig ann an sin chun ìre is gun deach aige air Gàidhlig a shearmonachadh ann am Blàr Athaill, 1893.

Chaidh Calder greis a dh’ Àrd Ghobhair (Earraghaidheil) mar mhinisteir, far an do chaith e fad bhliadhna a’ searmonachadh gach seachdain an Gàidhlig (1893-4). Chaidh e on sin gu bhith na mhinisteir air sgìre na Sraithibh, Siorrachd Pheairt (1894-1912).  B’ e Gàidhlig cainnt laitheil còrr math air trì-cairteal de mhuinntir na Sraithibh aig an àm. Ghabh e ùidh ann an gnothaichean Cheilteach (is dòcha nuair a bha e a’ toirt ceum diadhaireachd a-mach) is bha e a’ frithealadh chlasaichean leis an t-Àrd Oll. MacFhionghuin an Dùn Èideann agus chaidh e air cuairtean a dh’ ionnsachadh an tuilleadh am Baile Ath Cliath bho sgoilearan Cheilteach leithid John Strachan, Rudolf Thurneysen agus Kuno Meyer.  Dh’ fhoillsich Calder grunnan leabhraichean mu sheann teacsaichean Gàidhlig na h-Èirinn. Rinn Calder cuideachd leabhraichean mu Ghàidhlig na h-Albann: leabhar gràmair (1923), deasachadh de bhàrdachd Dhonnchaidh Bàn Mhic an t-Saoir  (1912), agus cuideachd eagradh de bhàrdachd Uilleim Rois (1937).

B’ ann ri linn bàs Henderson a chaidh Calder fhastadh, 1mh latha dhan Dàmhair 1912, air cùmhnant còig bliadhna. Shoirbhich leis anns na còig bliadhnachan sin agus lean e mar  òraidiche Cheiltis gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1935. An Gaidheal 1931 (10) Celtic graduates 1931 list (2)Cha do chòrd teagasg an t-Oll. Urr. Deòrsa Calder  idir ri Tòmas MacCalmain, a ghabh cùrsa Cheiltis (seisean 1928-29) mar phàirt de cheum MA an Glaschu. Rinn an t-Àrd Oll. W.J. Watson (1912) agus cuideachd an t-Àrd Oll. Dòmhnall Meek (2006) gearain mu chleachdaidhean deasachaidh Chalder anns na teacsaichean a dh’ fhoillsich e de bhàird o Ghaidhealtachd na h-Alba (eagraidhean de bhàrdachd Dhonnchaidh Bàin agus dàin Uilleim Rois). Bitheadh sin mar a bhitheadh e, agus tha adhbharan aig an dà sgoilear ud airson na beachdan sin. Ach air an làimh eile, tha sgoilearan fhathast a’ cleachdadh agus a’ cur meas air co-dhiù a dhà de na teacsaichean seanna Ghaeilge a dheasaich e: Imtheachta Aeniasa: the Irish Aenid (1907) agus Auraicept na n-Eces (1917).  – Agus gabhaidh an caochlach bheachd a thogail mu bhuaidh Calder mar neach-teagaisg cuideachd. Tha fianais ann a tha a’ dèanamh soilleir nach robh duine ann an Alba cho soirbheachail agus cho dìcheallach ann a bhith a’ teagasg Ghaidheil aig ìre Oilthigh na latha fhèin.  Cha robh ach trì oileanaich a’ ceumnachadh à Dùn Èideann ann an 1931 (Aonghas MacMhathain nam measg), sianar ann an Obar Dheathain, ach cheumnaich ochd air fhichead oileanach fo stiùir Chalder air a’ bhliadhna sin.

Dealbh, gu h-àrd, de liosta oileanaich bho, ‘The M.A. in Gaelic,’  air fhoillseachadh anns, ‘An Gaidheal’, 27/1 (an Dàmhar, 1931), t.d. 14.’

Bha seirbhisean adhraidh Gàidhlig gan cumail mun t-àm seo aig an Oilthigh a h-uile bliadhna. Bha Calder a’ leughadh earran agus ministeir o choitheanal Gàidhlig os cionn na seirbhis. Bha grunnan mhòr de dh’ oileanaich agus de bhuill a’ Chomuinn Oiseanach a’ frithealadh na seirbhisean seo a bh’ air an cumail ann an Talla Bute, agus bha am Prionnsabail, Sir Domhnall MacAlasdair aig aon dhiubh sin ann an 1926. Leig Calder dheth a dhreuchd ann an 1935 agus chaochail e ann an Cill-fhinn, Siorrachd Pheairt, 1941. Rinn Prionnsabail an Oilthighe moladh air mar fhear a bha solt is ionnsaichte agus bhuilich an Oilthigh ceum urramach D.D. air ann an 1936. Rinn fear ‘J.C.’ luaidh air anns An Gaidheal ag radha gu robh an dòigh anns an robh àireamhan nan oileanach a’ sìor dhol am meud rè nam bliadhnachan na chomharra air cho soirbheachail is a bha e mar òraidiche.[7]

—o0o—

1935-1938. James Carmichael Watson

B’ ann à Dùn Èideann a bha James Carmichael Watson (1910-1942), mac do dh’ Ard Oll. na Ceiltis aig Oilthigh Dhùn Èideann, William J. Watson agus Ella Carmichael. Ossian 1957 - 25 J C Watson photo

Lean Watson an t-Oll. Deòrsa Calder a leig dheth a dhreuchd ann an 1935.  Choisinn J.C. Watson cliù dha fhèin mar sgoilear fìor chomasach a bha a’ deasachadh grunnan theacsaichean: leabhar de dh’ òrain Mhàiri Nighean Alasdair Ruaidh air aonan dhiubh sin.   Cha robh Watson na òraidiche an Glaschu ach trì bliadhna nuair a thog e air a Dhùn Èideann a dhol an àite athair mar phroifeasar Cheiltis anns a’ bhaile sin, 1938. Chaidh a chall anns a’ chogadh ann an 1942.[8]

An dealbh seo de J.C. Watson air a thoirt bho Ossian, 1957.

—o0o—

1938-1962. An t-Àrd Oll. Aonghas MacMhathain

Rugadh an Àrd Oll. Aonghas MacMhathain (1912-62) anns na Hearadh agus thogadh e ann an Uibhist a Tuath. B’ e bràthair dha an sgoilear cliùiteach is ainmeil eile, an t-Urr. Uilleam MacMhathain a bha ag obair aig Roinn na Ceiltis, Oilthigh Dhùn Èideann.  Bha Aonghas MacMhathain na cheannard air Roinn na Ceiltis ann an Glaschu bho thàinig e ann mar òraidiche an 1938.

–o0o–

Ailig MacNeacail, 1942-46

Chaidh MacMhathain a thogail dhan airm aig àm a’ chogaidh, 1942, agus thàinig an Sgiathanach, Ailig MacNeacail (MA, Glaschu, 1913), a bha na fhear-teagasg aig Colaiste Chnuic Iòrdain, a lìonadh am beàrn aig Oilthigh Ghlaschu gus an do thill MacMhathain na òraidiche ann an 1946.  B’ e sgoilear na Gàidhlig is eachdraidh na Gaidhealtachd a bh’ ann am MacNeacail (1884-1966) cho math ri fear teagaisg. 062 Alex NicolsonSgrìobh e diofar altan is leabhraichean ann am Beurla is ann an Gàidhlig, The History of Skye, nam measg sin.

Dealbh de dh’Alasdair MacNeacail. Thathar fada an comain Mgr Cailean MacGhill’Eain is Mgr Alasdair Beal, ogha Alasdair MhicNeacail, airson cead an dealbh seo a chleachdadh.

Fhads a bha MacNeacail na fhear-teagasg aig Oilthigh Ghlaschu thòisich mac a pheathar, Iain MacGhill’Eain (bràthair Shomhairle) a bha na Sgrùdaiche fòghlaim-sgoile as leth an riaghaltais (HMI), a’ frithealadh cuid de na clasaichean aig an Oilthigh (1942) agus is e airson beagan foghlaim Gàidhlig a thogail, rèir coltais. B’ e sgoilear Laideann is Greugais a bh’ ann an Iain MacGhill’Eain (1907-70): mgr-sgoile san t-Òbain an dèidh làimh, a dh’ fhoillsich eadar-theangachadh on Ghreugais chun Ghàidhlig de dh’ Odusseia Homair (Gairm, 1976).  Bhuilich Iain MacGhill’Eain cuideachd an leth-bhreac de dh’ fhaclair Dwelly a bh’ aig Ailig MhicNeacail, loma-lan de notaichean-briathrachais, air pròiseact an Fhaclair Eachdraidheil aig Oilthigh Ghlaschu anns an Iuchar 1970, dìreach beagan mhìosan mas do chaochail e.[9a] 

–o0o–

MacMhathain a-rithist

Thill Aonghas MacMhathain dhan Oilthigh aig deireadh a’ Chogaidh agus thill MacNeacail gu Colaiste Cnoc Iordain. Ach fiù mas do thòisich a’ chogadh bha oidhirpean as ùr ga dhèanamh gus cathair Cheiltis a chuir air stèidh aig Oilthigh Ghlaschu. Angus Matheson Roinn na Ceiltis 1938-62Thòisich a’ Chlub Oiseanach  (caidreabh de sheann bhuill a’ Chomainn Oiseanach a bha air ceumnachadh) agus an caraidean, air airgead a thogail ann an 1937. Bha £25,000 aca ri thogail – suim mhor san latha (ionnan, is dòcha, ri timcheall air £750,000 an coimeas ri luach airgid an latha an diugh) – agus chuir a’ chogadh dàil air gnothaichean.

An Àrd Oll.Aonghas MacMhathain (dealbh le Roinn na Ceiltis). 

Thòisich an iomairt as ùr an dèidh a’ Chogaidh, agus bha iomadach neach an sàs anns an t-obair seo, leithid an Dr Dùbhghall Fearghasdan, Iain Camshron, An Dr Iain MacCormaig (bha na reactor air an Oilthigh, 1950-53), Mgr William Hume, Ailig MacNeacail. Bha iad seo, le cuideachadh o ghrunnan dhaoine eile, soirbheachail agus bha iad air leth an t-suim a thional, £12,500 ann an 1955.  BhGlasg Herald 29_11_1956_pg 6 Mathesona tòrr thaic aig an iomairt seo o iomadach ceàrnaidh. Bha na Gaidheil, mar a bhiodhte an dùil, a’ cur làn thaic ris an seo, ach bha coimhearsnachd Ghlaschu, Gallda cho math ri Gaidhealach, taiceil. Chan e sin a-mhàin ach is ann o dhaoine aig nach robh a’ Ghàidhlig, leithid, Mgr Seumas Crawford is Mgr William Power a thàinig cuid de na suimean as motha. Bha iad fhathast, ge-tà, gun aca ach bloigh an ionmhais ann an 1955. Thàinig fuasgladh air a’ ghnothaich o fhialaidheachd fear-gnothaich Ghallda eile, Mgr Herbert M. Ross, a bhuilich an £12,500 mu dheireadh a bha a dhìth airson a’ chathair a chuir air chois. B’ e Aonghas MacMhathain, a bha san roinn mar-thà mar òraidiche, a’ chiad Àrd-Ollamh ann an Ceiltis a bha riamh aig Oilthigh Ghlaschu nuair a chaidh a’ chathair sin a steidheachadh ann an 1956.

Ossian 1957 - 19 Celtic chair appeal (1)            Ossian 1957 - 20 Celtic chair appeal (2)

Chithear cunntas mhionaideach air mar a chaidh airgead a thogail, fo threòir a’ Chlub Oiseanach, mu choinneamh stèidheachadh a’ chathair seo o aon den fheadhainn a bha an sàs ann, Mgr William Hume, ‘The Success Story of the Celtic Chair Appeal’, le bhith a’ briogadh air and dà dhuilleag gu h-àrd (clì agus meadhan): earran às an iris, ‘Ossian’ (1957).
Chithear dealbh gu h-àrd (deas) de cholbh naidheachd às an Glasgow Herald, 19mh dhan t-Samhain 1956, dg. 6, ag aithris air mar a chaidh MacMhathain fhastadh gu Cathair Cheiltis Ghlaschu. Seo air a chleachdadh le cead on an ‘Herald & Times Group’.   Dealbh cuideachd gu h-ìosal (clì), dhan t-Oll. MacMhathain aig Còmhdhail Eadar-nàiseanta Ceilteach (Celtic International Congress) am Bail’ Ath Cliath, 1959, ann an cuideachd Cheiltich ainmeil eile, Brian Ó Cuív, David Greene agus Carl Marstrander. Chithear Cecile O’ Rahilly air an cùlaibh.  (Dealbh, Roinn na Ceiltis, Oilthigh Ghlaschu).

Matheson Greene Cuiv & Rahilly 1959  Ossian 1957 - 15 Angus Matheson portrait

An t-Àrd Ollamh Aonghas MacMhathain, deas (dealbh le K.N. Macdonald) air a thoirt bho ‘Ossian’, 1957. Dealbh air a chleachdadh le cead bho Chomataidh a’ Chomainn Oiseanach, 2014.

Cha robh an t-Àrd Oll. MacMhathain air a bhith anns an dreuchd ach beagan bhliadhnaichean nuair a thàinig droch shlàinte air is chaochail e ann an 1962 gun e ach 50 bliadhna a dh’ aois.[9b]

—o0o—

Glasg Herald 5_08_1963_pg 6 Thomson1962-1991. An t-Àrd Oll. Ruairidh MacThòmais

Thàinig an uairsin An Àrd Oll. Ruairidh MacThòmais (1921-2012) an àite MhicMhathain. An t-Ard Oll Ruairidh MacThomaisB’ ann à Pabail, Eilean Leòdhais, a bha e. Bha e eòlach an Glaschu, oir bha e air a bhith ag obair ann a-roimhe. Thàinig e a Ghlaschu an toiseach a dh’ obair ann an Roinn na Ceiltis mar òraidiche Chuimris eadar 1949 agus 1956. Chaidh e suas a dh’ Obar Dheathain an uairsin far an robh e ag obair aig an Oilthigh mar òraidiche.  Thill e a Ghlaschu mar Àrd-Ollamh na Ceiltis ann an 1963 agus dh’ fhuirich e anns an dreuchd sin gun an do leig e an t-obair seachad ann an 1991.

Bha MacThòmais (dealbh air an làimh chlì) cliùiteach chan ann a-mhàin mar shàr-sgoileir is fear-teagaisg ach cuideachd mar shàr-bhàrd, mar fhoillsichear, fear-deasachaidh agus na ghaisgeach as leth cùis na Gàidhlig fad iomadh bliadhna. B’ e bha deasachadh an iris Gairm agus a bha a’ stiùireadh an companaidh foillseachaidh dhan aona ainm. Chuir e cuideachd Comhairle nan Leabhraichean Gàidhlig air dòigh fhads a bha e an ceann Roinn na Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu.[10] Rinn an Àrd Oll. Dòmhnall E. Meek, luaidh bhlàth air an duine agus moladh air a chuid euchdan. Chithear sin air an eadar-lìon le bhith a’ briogadh ann an  seo.

Chithear, air an làimh dheis, colbh-naidheachd, à Herald Ghlaschu, 5mh dhan Lùnastal 1963 (dg. 6), ag aithris gun deach MacThòmais fhastadh an Glaschu mar Àrd Ollamh Cheiltis.

(An dealbh seo, deas, de dhuilleag às an ‘Glasgow Herald’, air a chleachdadh le cead on an Herald & Times Group).

Chithear fiosrachadh mun bhàrd agus chithear agallamhan leis an t-Àrd Ollamh MacThòmais aig an làrach-lìn a leanas le bhith a’ briogadh air a’ cheangal seo.

Tha làrach-lìn eile ga dhealbh le Petra Johanna Poncarová a bhios a’ coimhead air an iomadh diofar thaobh de bheatha agus de shaothair MhicThòmais, eadar bàrdachd, obair-foillseachadh, sgoilearachd agus obair-coiteachaidh as leth na Gàidhlig.  Chithear e le bhith briogadh ann  an seo.

 Sgioba MhicThomais c 1966

Seo dealbh, gu h-àrd, leis an t-Àrd Oll. Ruairidh MacThòmais (air an làimh dheis) cuide ri luchd obrach na roinne, 6 Lilybank Gardens, mu 1966-69. Chithear dealbh, deas, gu h-ìosal, dha Mgr Coinneach Dòmhnallach (gach dealbh air chleachdadh le cead o Roinn na Ceiltis, Oilthigh Ghlaschu).

HSDG Coinneach Domhnallach c1966Bha Coinneach Dòmhnallach às a’ Chomraich air aon dhan fheadhainn a b’ fhaide a bha ceangailt ri Roinn na Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu. Cheumnaich e fhèin on Oilthigh is thill e dhan Roinn mar fhear teagasg eadar 1960 agus 1997. Bha Coinneach Dòmhnallach cuideachd a’ sàs ann am pròiseact Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig, bho 1966-, mar dheasaiche cuide ris an t-Àrd Oll. Ruairidh MacThòmais, ceannard na Roinne.[11]

Chithear aithisg phàipeir-naidheachd mun fhaclair mar a chaidh aithris ann an Herald Ghlaschu, sgeulachd fon cheann-latha 29mh dhan t-Sultain 1966 (dg 15).

An dealbh seo de dhuilleag on an ‘Glasgow Herald’, 29/09/1966, dg. 15, air chleachadh le cead bhon Herald & Times Group. www.heraldscotland.com

1966_09_29_pg 15 New Gaelic Dictionary Proj

Chaidh tòrr de stuthan luachmhor a thrusadh leis a’ phròiseact seo a tha a-nis ga chuir an gnìomh ann am pròiseact ùr DASG (Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig) bho stiùireadh an t-Àrd Oll. Roibeard Ó Maolalaigh. Briogaibh an seo airson sin fhaicinn.

—o0o—

Chaidh tòiseachadh air sreath de dh’ òraidean ann an Roinn na Ceiltis ann an 2006 mar chuimhneachan air an Àrd-Oll. Aonghas MacMhathain. B’ e an Àrd-Oll. Dòmhnall E. Meek a lìbhrig a’ chiadh òraid, 1d dhan Dùbhlachd 2006, a bha a’ toirt luaidh air eachdraidh Roinn na Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu rè na ficheadamh linn.  Bha an  Àrd Oll. Meek e fhèin na oileanach (MA) anns an Roinn, 1967-71 agus  cheumnaich e le PhD o Oilthigh Ghlaschu, 1982.  Bha e cuideachd na Iar-dheasaiche air pròiseact an Fhaclair Eachdraidheil aig Roinn na Ceiltis, 1973-79.  Tha an òraid a rinn an Àrd-Oll. Meek ri fhaighinn ann an riochd aiste leis an tiotail, “FROM MAGNUS MACLEAN TO ANGUS MATHESON: GLASGOW AND THE MAKING OF CELTIC STUDIES IN SCOTLAND.” Thathar a’ moladh sin dhuibh airson fiosrachaidh mhionaideach mun Roinn anns an 20mh linn. Briogaibh ann an seo airson cunntas an t-Àrd Oll. Meek fhaicinn.

 

—o0o—

An Àrd Oll. Dòmhnall MacAmhlaigh, 1991-1996

063 An t-Ard Oll Domhnall MacAmhlaighAn Àrd Oll. Dòmhnall MacAmhlaigh, ceannard Roinn na Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu, 1991-1996. Chaidh an dealbh seo a thogail fhads a bha e ann an Obar Dheathain far an robh e na cheannard roinne mas tàinig e Ghlaschu. Is ann le Angela Catlin a bha an dealbh seo agus thathar fada na comain airson cead a chleachdadh an seo. Chaidh an dealbh fhoillseachadh anns an leabhar aice, Natural Light: portraits of Scottish Writers (Paul Harris, Edinburgh, 1985).

Thàinig an t-Àrd Oll. Dòmhnall MacAmhlaigh, a Beàrnaraigh Leòdhais, an sgoilear agus am bàrd Gàidhlig cliùiteach, gu Oilthigh Ghlaschu nuair a leig an t-Àrd Oll. MacThòmais dheth a dhreuchd ann an 1991. Chithear fiorsachadh mun bhàrd agus chithear clàraidhean de dh’ agallamhan leis a’ bhàrd fhèin aig an làrach-lìn a leanas le bhith a’ briogadh air a’ cheangal seo

Bha an t-Àrd Oll. MacAmhlaigh na cheannard air Roinn na Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu gu 1996.[12] Thàinig Fiona Anne Macdonald gun Roinn uaireigin mun t-àm seo agus chaith i greis bheag ag obair mar òraidiche tràth anns na 1990an – b’ i a’ chiad boireannach a bh’ air a fastadh ann an dreuchd acaideimigeach ann an Roinn na Ceiltis aig Glaschu.    Cathair O Dochartaigh (2) 

–o0o–

An Àrd Oll. Cathair Ó Dochartaigh, 1996-2004

Air dha MacAmhlaigh an dreuchd fhàgail ann an 1996, thàinig an t-Àrd Oll. Cathair Ó Dochartaigh (à Doire bho thùs, dealbh air an làimh dheis) a Ghlaschu mar cheannard ùr Roinn na Ceiltis agus lean e anns an dreuchd sin gu 2004.[13]

Bha sinn duilich a chluinntinn gun do chaochail Cathair (Cathal) Ó Dochartaigh ann an 2015 agus chithear luaidh air le bhith a’ briogadh an seo.

Thàinig grunnan luchd obrach ùr a-steach dhan Roinn rè àm ceannas Ó Dochartaigh, agus chithear dealbh dhan sgioba anns an Roinn mar a bha e ann an 1999 (gu h-ìosal), le clì, gu deas, An t-Àrd Oll. Cathair Ó Dochartaigh, An t-Oll. Sheila Kidd, an t-Oll. Michel Byrne, an t-Oll. (nis an t-Àrd Oll.) Thomas Clancy, agus an t-Oll. Anja Gunderloch.  

Is iad na h-oileanaich a bha a’ ceumnachadh a’ bhliadhna sin, 1999, nan suidhe anns an dealbh seo, clì gu deas, Aonghas Moireasdan, Raghnaid Craig, Ingrid Henderson agus Angela Nic’Illeathain.

Thathar fada an comain Jane Ó Dochartaigh airson cead an dà dhealbh seo, deas agus gu h-ìosal, a chleachdadh.  

Ceumnachadh 1999 (le ainmean)

–o0o–

Chaidh Cathair na Ceiltis a stèidheachadh, mar a chaidh aithris gu h-àrd, leis an t-Àrd Oll. Aonghas MacMhathain.  Tha geàrr liosta ann an seo den fheadhainn a lean MacMhathain ann an Cathair na Ceiltis (tha cunntas ghoirid mun chiad ceithir gu h-àrd).  Tha iomradh an seo cuideachd air Cathair ùr na Gàidhlig – a’ chiad ga leithid an Alba.

Cathair na Ceiltis gu ruige seo

  • Aonghas MacMhathain (1956–62).
  • Ruairidh MacThòmais (1964–91)
  • Dòmhnall MacAmhlaigh (1991–96)
  • Cathair Ó Dochartaigh (1996–2004).
  • Thomas O. Clancy (2005-).  An t-Ard Oll Thomas Clancy

Is ann aig an t-Àrd Oll. Thomas Owen Clancy (dealbh air an làimh dheis), a tha Cathair na Ceiltis an dràsta. Tha e na shàr-eòlaiche air seann chànanan agus culturan na h-Albann agus Èirinn. Chithear beagan fiosrachaidh mu na altan agus na leabhraichean a tha e air fhoillseachadh le bhith a’ briogadh ann an seo.

Tha an Àrd Oll. Clancy cuideachd air a bhith an sàs ann an iomadach phròiseact. Chithear fios mu aona dhiubh sin, a’ coimhead air ainmean nan naomh ann an ainmean-àite an Alba le bhith a’ briogadh an  seo.

–o0o–

Cathair na Gàidhlig

Roibeard Ó Maolalaigh (2005-2010). Chaidh an cathair seo a dhealbh is a bhuileachadh air an t-Àrd Ollamh Ó Maolalaigh nuair a thàinig e dhan Oilthigh ann an 2005.

–o0o–

Cathair Stèidhichte na Gàidhlig
Roibeard Ó Maolalaigh (2010-). Chaidh cathair stèidhichte a chruthachadh ann an Gàidhlig ann an 2010, a’ chiad chathair da leithid a chaidh a stèidheachadh riamh. Chaidh seo a bhuilicheadh air an Àrd Ollamh Ó Maolalaigh. Tha e a-nis (2015-) na  Iar-Prionnsabal Oilthigh Ghlaschu agus na Cheannard air Colaiste nan Ealan.

Rugadh Rob(by) ann am Baile Àtha Cliath. B’ anns a’ bhaile sin a bha e na oileanach fo-cheumnach agus iar-cheumnach aig Colaiste an Oilthighe. An Ard Oll. Roibeard O Maolalaigh- dealbh 2Bhuilicheadh ceum PhD ann an Ceiltis air le Oilthigh Dhùn Èideann. Bha e na òraidiche ann an Oilthigh Dhùn Èideann, agus na neach-rannsachaidh ann an Sgoil na Ceiltise, Institiud Àrd-Lèighinn Bhaile Àtha Cliath, far an robh e na Leas-Ollamh. Tha e air a bhith ag obair ann an Oilthigh Ghlaschu mar Ollamh na Gàidhlig bhon Fhaoilleach 2005 air adhart, agus chaidh ainmneachadh mar chiad Àrd-Ollamh Stèidhichte na Gàidhlig anns a’ Ghiblein 2010. Stèidhich e am pròiseact Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig ann an 2006 agus Corpas na Gàidhlig ann an 2008. Chithear toraidhean an rannsachaidh sin le bhith a’ briogadh an seoAm measg nam pròiseactan didseatach anns an robh e an sàs gu ruige seo, tha: Leabhar-eòlas Cànanachas agus Litreachas na Gaeilge agus Muinntir na h-Alba anns na Meadhan-Aoisean 1093–1314. Tha ùidh shònraichte aige ann an rannsachadh nan cànan Gàidhealach eadar shean is nuadh. Is e a stèidhich a’ chiad Oifigear Gàidhlig ann an aon de sheann oilthighean na h-Alba, agus chuir e fhèin agus Oifigear na Gàidhlig, Fiona Dunn, Iomairt na Gàidhlig @ Oilthigh Ghlaschu air dòigh. Stèidhich e cuideachd am pròiseact Sgeul na Gàidhlig ann an 2013. Faic an duileag aig an Àrd Oll. Ó Maolalaigh ann an seo airson an tuilleadh fiosrachadh.

 

 

——————————————————————————————————————————–

NOTAICHEAN

————————————————————————————————————————-

[1] Toiseach-tòiseachaidh Chithear fiosrachadh mu dheidhinn an t-Urr. Alasdair Camshron agus an t-Oll. Urr. Gilleasbuig K. MacCaluim air an duilleag mun naoidheamh linn deug. A. Matheson, ‘The Department of Celtic in the University of Glasgow’ ann an Ossian, 1957, 23-26, aig 23. Tiomnadh deireannach MhicCaluim, NRS, SC 36/51/108/636-656. Glasgow University Archive Services, GUA Sen 1/1/8/138/321. GUA Sen 1/1/18/325 ‘University Records, Minutes of Senate, 17 January 1901’. GUA 72557.  Comunn Gailig Ghlascho. Transactions of the Gaelic Society of Glasgow. Vol. 2 (1891-94), ix. Glasgow Herald, 18/12/1899, duilleag 6.

[2]  Iomraidhean mun t-Àrd Oll. Mànus MacGhill’Eain. Chithear fiosrachadh mhionaideach mu bheatha agus euchdan Mhànus MacGhill’Eain (cuide ri sgeulachdan mun t-àm a choinnich e ri Albert Einstein) ann an N. Macdonald & C. Maclean, The Great Book of Skye. From the Island to the World. People and place on a Scottish Island (Portree, 2014), 291-294, 436.  Chaidh a’ chiad sreath de dheich òraidean aig MacGhill’Eain an aithris ann an Herald Ghlaschu mar a leanas: ‘McCallum Celtic Lectureship’ (25/01/1901, dg. 4); ‘The MS legacy of the past’ (GH, 01/02/1901, dg. 6); ‘The Scottish Collection of Gaelic MSS’ (GH, 08/02/1901, dg. 13); The Mythological Cycle’ (15/02/1901, dg. 10);  ‘The Heroic Cycle’ (GH, 22/02/1901, dg 10); ‘The Ossianic Cycle’ (22/02/1901, dg. 10); ‘St Patrick, the pioneer of Celtic writers’ (GH, 08/03/1901, dg. 13); ‘St Columba & the dawn of letters in Scotland’ (GH, 15/03/1901, dg. 13); ‘The Master gleaners of Gaelic poetry’ (GH, 22/03/1901, dg. 9); ‘The master scholars of Gaelic literature’ (GH, 29/03/1901, dg. 11).  Chaidh an t-Àrd Oll. MacGhill’Eain fhastadh mar neach sgrùdaidh o mhuigh airson na cùrsaichean Ceiltis anns an t-Òg Mhìos 1906. Glasgow University Archives, Sen 1/1/20/224, University Records, Minutes of Senate, 5 June 1906. Chithear tuilleadh mun t-Àrd Oll. Mànus MacGhill’Eain air an University of Glasgow Story.

[3] Iomraidhean mu Kuno Meyer. Bha an t-Oll. Dagmar Schlüter ag obair mar òraidiche, Roinn na Ceiltis, Oilthigh Ghlaschu, 2009-2010. Rinn i aiste a’ coimhead air Meyer aig Oilthigh Ghlaschu agus tha sealladh nas fharsainge aice air a dhreuchd is a bheatha na chithear an seo.  D. Schlüter, ‘Kuno Meyer in Glasgow: some preliminary remarks’ ann an F. Bock, D. Bronner & D. Schlüter, eds., Allerlei Keltisches. Studien zu Ehren von Erich Poppe. Studies in honour of Erich Poppe (Berlin, 2011), 107-115.  Chithear aithisgean air 16 a-mach a 19 de òraidean Mheyer anns an Glasgow Herald (agus corra chunntas anns an Scotsman). Rinn e trì sreathan de shia òraidean air na lathaichean a leanas. A’ chiad sreath: 18 & 25mh dhan Fhaoilleach, 5mh, 9mh, 16mh & 23mh dhan Ghearran 1904. An dàrna sreath: 25mh & 30mh dhan t-Samhain 1904, 9mh & 12mh dhan Dùbhlachd 1904, an 3mh & an 10mh latha dhan Ghearran 1905.  Rinn Meyer an treas sreath de dh’ òraidean aige an Glaschu, 3mh 10mh, 17mh & 24mh dhan Ghearran 1906, agus an 2a & an 10mh dhan Mhàrt 1906. Glasgow Herald, 14/01/1904, dg 7; 19/01/1904, dg. 10; 23/02/1904, dg. 10; 26/11/1904, dg. 6; 19/02/1906, dg 10; 26/02/1906, dg 10; 05/03/1906, dg 10; 12/03/1906, dg. 12. Glasgow University Archive Services [GUAS], Press cuttings, GUA IP 6/1/11 nos. 5-6, 7, 8, 11, 22, 71, 97, 100.  GUA IP 6/1/13, nos. 46-47, 48, 52, 53, 54. [Chithear clàr le tiotailean na h-òraidean aige le bhith a’ briogadh ann an seo: Meyer – lectures in Glasgow].   Airson Meyer agus a’ Chlub Oiseanach, seallaibh, GUAS, Sen 10/46 Glasgow University Calendar for the year 1904-5, p. 761. Tha aithisg mu Meyer a bhith a’ bruidhinn ri Comann Gàidhlig Ghlaschu, 5mh dhan Mhàrt 1905 anns an Scotsman (06/03/1906). Thuirt Meyer, aig an òraid mu dheireadh aig Oilthigh Ghlaschu (10/03/1906) gu robh e air a bhith na thlachd dha a bhith a’ libhrigeadh cùrsa de dh’ òraidean aig Oilthigh Glaschu. Chaidh aithris anns a’ phàipear-naidheachd mar a leanas:  “[he said that] it had been a great pleasure to him to deliver the course of lectures, and the pleasure was enhanced by the knowledge that the lectureship which he had temporarily held was henceforth to be held on a more permanent footing and that there was every prospect that the study of Gaelic language and literature would strike firm roots within the walls of the University and grow and flourish and bear fruit” (Glasgow Herald, 12/03/1906, dg. 12).  Chithear inneas ghoirid mu bheatha agus obair Mheyer (ged nach eil dad ann sin mu Ghlaschu) aig A. Breen, ‘Meyer, Kuno’ anns an Dictionary of Irish Biography (Cambridge University Press & The Royal Irish Academy, 2014).  Litir, Prionnsabail Raibeart Story gu caraid, Ban-tighearna F. Balfour, 18mh dhan Ghearran 1904.   “…Kuno Meyer, whom you saw and heard with us from Saturday till Tuesday. He is very good company, and I think one result of his lectures will be the creation of a permanent Celtic lectureship which will remove a reproach….”  [F. Story and H. C. H. Story], Memoir of Robert Herbert Story, D.D., LL.D., Principal and Vice-chancellor of the University of Glasgow, one of his Majesty’s Chaplains in Scotland by his daughters (Glasgow, 1909), 358-359.   Lorg an t-Àrd Oll. Thomas Clancy cuideachd litir bho Meyer gu Story, 11mh dhan Damhair 1905. T.O. Clancy, ‘Die like a man?’ ann an Aiste, 2 (2008), 70-93, aig 91. Airson tuilleadh mu Phrionnsabail Story agus a thaic dhan Cheiltis /Ghàidhlig, seallaibh an duilleag air an làrach seo mu na prionnsabailean: Airson beachdan gur dòcha gu robh Meyer na fhear-brathaidh as leth riaghaltas na Gearmailt, ‘German master-spy’, am briathran Aonghas MhicMhathain, seallaibh, Schlüter, ‘Kuno Meyer in Glasgow’, n. 15 agus A. Matheson, ‘The Department of Celtic in the University of Glasgow,’  ann an Ossian, 1957, 23-26, aig 24.

[4] Iomairt gus airgead a thogail, 1905-1906 & dìleab Fleming. GUAS, GUA 74039, 74040 (Senate minutes, 1905-1906). Sen 1/1/20/172-178 (University Records, Minutes of Senate, 15 March 1906). GUA 5644, (Papers concerning the MacCallum Celtic Lectureship, 1906-1911). GUA 72718b (Papers relating to Alexander Fleming’s Trust). Glasgow Herald, 18/10/1909. dg 9 & 15/12/1909, dg 8. A rèir nan cunntasan-sluaigh, 1891 agus 1901, cha robh Gàidhlig aige. B’ ann à Cill-Choinnich, an Cinntire a rugadh e agus bha searbhant aige, Flora Milloy (còcaire), às an aona sgìre ris fhèin a bhruidhneadh na Gàidhlig. Glasgow Highland Society, Rules and Regulations and lists of members (Glasgow, 1902), 69.

[5] A.L. Brown & M. Mosse, The University of Glasgow: 1451-1996 (Edinburgh, 1996). 35-36, 71-72, 118. Airson ‘Mary A. MacLaine,’ à Glaschu, mar oileanach, seallaibh. GUAS, GUA R8/5/28/10. GUA R8/5/31/10. Bha Màiri NicGhill’Eain (Mary McLaine) na rùnaire dhan Chomann Oiseanach, 1908-09. GUA Sen 10/50, GU Calendar (1908), p. 755. GUAS Sen 10/53, G.U. Cal., 1911-12, p. 590. Ghabh Màiri Anna clasaichean ann am Beurla, Laideann, Frangais, Loidig, Matamataig cho ri Ceiltis fhads a bha i na h-oileanach, Dàmhair, 1906 gu 1911. Ach ged a choisinn i duais an Ceiltis, dh’ fhàg i an Oilthigh gun ceumnachadh (Abandoned student files, ‘Mary Anne McLaine, Glasgow,’ GUAS, R6/58). 

[6] Iomraidhean air an Oll. Deòrsa Henderson. Glasgow University Archive Services [GUAS], Sen 1/1/20/219, University Records, Minutes of Senate, 5 June 1906. Celtic Review, viii, 1912-13, 246-7. Glasgow Herald, 13/04/1906, dg. 9. Glasgow Herald, 29/06/1906, dg. 4. Professor Donald E. Meek, From Magnus Maclean to Angus Matheson. The first Angus Matheson memorial lecture, University of Glasgow, 5 December 2006. Airson teisteanasan Henderson nuair a chuir e a-steach airson dreuchd Ghlaschu, 1906, seallaibh, Glasgow Herald, 13/04/1906, dg. 9 agus GUAS, GUA 34404. The Glasgow University Calendar for the year 1907-8 (Glasgow, 1907), 80 (seo aig GUAS, Sen 10/49).

[7] Iomraidhean mun t-Oll. Urr. Deòrsa Calder. GUAS, Sen 1/1/22/198 University Records, Minutes of Senate, 10 October 1912. GUA 74046. Senate meeting papers, 1912. D.S. Thomson, ed., The Companion to Gaelic Scotland (Gairm, Glasgow, 1994), 30. D.E. Meek (deas.), Mo Là gu Seo. Eachdraidh mo Bheatha, le Tòmas M. MacCalmain (Comann Litreachais Gàidhlig na h-Alba, 2011), 145-6, 207. Celtic Monthly, 20 (1912), 211.  Professor Donald E. Meek, From Magnus Maclean to Angus Matheson. The first Angus Matheson memorial lecture, University of Glasgow, 5 December 2006. Chithear dreach de dh’ òraid an t-Àrd Oll. Meek air an t-eadar-lìon aig: <http://meekwrite.blogspot.co.uk/2013/03/celtic-studies-glasgow-and-making-of.html> .   Airson beachdan mu cuid de na teacsaichean seanna-Ghàidhlig a dheasaich Calder seallaibh lèirmheasan is beachdan anns na h-iomraidhean a leanas: The Celtic Review, 4 (1908) 287-8. Journal of the Royal Society of Antiquaries of Ireland, 37 (1907), 312-313.  M. Herron, ‘Some new light on the life of Virgilius Maro Grammaticus’  ann an Proceedings of the Royal Irish Academy. Section C, 79 (1979), 27-71, aig dg. 51, 53, 64-65. E. Poppe, ‘Imtheachta Aeniasa: Virgil’s “Aeneid” in Medieval Ireland’ ann an, Classics Ireland, 11 (2004), 74-94, aig 78.  Cha do chòrd, ge-tà, eagradh Chalder de ‘Togail na Tebe’ (1922) ri neach, ‘OJB’, a rinn lèirmheas air. Irish Quarterly Review, 12 (1923) 320-323.  Airson beachd eile air Calder mar fhear-teagaisg bho J.C. (John Cameron), ‘his success as a lecturer was marked by the increasing number of students who attended his classes…’ seallaibh, An Gaidheal, 36 (Ceitean, 1941), 107-108.  Agus cuideachd, ‘The M.A. in Gaelic,’ An Gaidheal, 27/1 (an Dàmhar, 1931), t.d. 14 Glasgow Herald, 2nd April 1941, p. 9. Chithear iomradh goirid mu na seirbhisean bhliadhnail Gàidhlig aig an Oilthigh anns an Glasgow Herald, 01/02/1926, dg. 7; 17/02/1930, dg. 13; 14/12/1931, dg. 10.  Chithear iomradh goirid air a theaghlach, FES, iii, 369. Bha Calder na mhinisteir anns na Sraithibh, 1894-1912. A rèir figearan on chunntas-sluaigh a dheasaich Kurt C. Duwe, bhruidhinneadh 86.5% dhan t-sluagh Gàidhlig ann an 1881, agus 79.0% dhiubh sin, 1901 <http://www.linguae-celticae.org/dateien/Gaidhlig_Local_Studies_Vol_27_Peairt_Sruighlea_Ed_II.pdf>.

[8] Donald E. Meek, From Magnus Maclean to Angus Matheson. The first Angus Matheson memorial lecture, University of Glasgow, 5 December 2006. D.S. Thomson, ed., The Companion to Gaelic Scotland (Gairm, Glasgow, 1994), 304.

[9a & 9b] Donald E. Meek, From Magnus Maclean to Angus Matheson. The first Angus Matheson memorial lecture, University of Glasgow, 5 December 2006. D.S. Thomson, ed., The Companion to Gaelic Scotland (Gairm, Glasgow, 1994), 197, 214. Airson fiosrachadh mionaideach mu bheatha Alasdair MhicNeacail (1884-1966), agus Iain MacGhill’eain (1907-70) seallaibh N. Macdonald & C. Maclean, The Great Book of Skye. From the Island to the World. People and place on a Scottish Island (Portree, 2014), 288-89, 435-437. Chithear cuideachd cunntas ghrinn le Andrew Wiseman air làrach-lìn an ‘Calum Maclean blogspot,  <http://calumimaclean.blogspot.co.uk/2014/02/alexander-nicolson-skye-historian.html>.  Le taing don Dr Aonghas MacLeòid (MA 2011, PhD 2015), airson an iomradh seo agus do Ghilleasbaig Domhnallach, riochdaire don BhBC (MA 2008) aig a bheil ceangal teaghlaich ri MacNeacail airson fiosrachaidh. Tha fios mu thrusadh airgid airson na Cathrach ri fhaghinn ann an tasg lann an Oilthigh. ‘Memorial by Committee of the Glasgow University Ossianic Club with reference to the establishment of a Chair of Celtic at Glasgow University,’ GUAS, DC 8/744. Sir H. Hetherington, ‘Foreword by the Principal,’ ann an Ossian (1957), 3. Celtic Department Roll Books. Litir, John Maclean (Iain MacGhill’Eain), ann an ‘Cabarfeidh, Oban’ gu Mr Kenneth Macdonald (Coinneach Domhnallach), Roinn na Ceiltis, 8/7/70. Chaochail Iain MacGhill’Eain 21/09/1970. Tha an litir air a gleidheadh ann an tasg-lann DASG.   

[10] Chithear fiosrachadh mun t-Oll. Ruairidh MacThòmais aig R. Black, ed., An Tuil. Anthology of 20th Century Scottish Verse (Edinburgh, 1999), 784-787. D.S. Thomson, ‘Derick S. Thomson, born Isle of Lewis, 5th August 1921. Academic & Poet. Saltire Book of the Year, Creachadh na Clàrsaich, 1983. Some Recollections.’ Ann an, P.H. Scott, ed., Spirits of the Age: Scottish self-portraits (Saltire Society, Edinburgh, 2005), 55-67. 

[11] Glasgow Herald, 29/09/1966, dg. 15. S.M. Kidd, ed., Baile Mòr nan Gaidheal. City of the Gaels (Oilthigh Ghlaschu, 2007), iii. D.S. Thomson, ed., The Companion to Gaelic Scotland (Gairm, Glasgow, 1994), 169.

[12] Chithear fiosrachadh mun t-Oll. Dòmhnall MacAmhlaigh aig R. Black, ed., An Tuil. Anthology of 20th Century Scottish Verse (Edinburgh, 1999), 798-9.

[13] Fiosrachadh bho Mghr Iain Dòmhnallach. S.M. Kidd, ed., Baile Mòr nan Gaidheal. City of the Gaels (Oilthigh Ghlaschu, 2007), iii.

[A.M. 22/05/2015]

Leave a Reply