Dachaigh

Chaidh am pròiseact seo mu eachdraidh nan Gaidheal agus a’ Ghàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu a chuir air chois fo stiùir an t-Àrd Oll. Roibeard Ó Maolalaigh agus an t-Oll. Katherine Forsyth agus leis an t-Oll. Aonghas MacCoinnich mar fhear-rannsachaidh.   Tha Gaidheal air a bhith sàs aig an Oilthigh a-riamh bho chaidh a stèidheachadh ann an 1451, mar oileanaich agus mar luchd obrach. Ach cha deach Gàidhlig a theagasg mar chuspair dhòigheil a bhiodh na phàirt de cheum-oileanach MA gu seisean 1906-07.

An deidh strì mhor chaidh aig Gaidheal Dhùn Eideann air cathair a steidheachadh aig an Oilthigh sa bhaile sin ann an 1882. Bha gu leòr ain-fhoiseil, ge-tà, nach robh àite oifigeil sam bith aig a’ Ghàidhlig ann an Glaschu, prìomh baile nan Gaidheal. Dh’ fhàg an t-Oll. Urr. Gilleasbaig K. MacCaluim, ministeir baisteach, dìleab airgid, luach mu £3,000, gu Oilthigh Ghlaschu aig àm a bhàis ann an 1893. B’ e rùn MhicCaluim gun deidheadh an t-airgead aige a chleachdadh gus òraidiche ann an Ceiltis fhastadh aig Oilthigh Ghlaschu. Mar thàillibh air dìleab MhicCaluim chaidh an t-Àrd Oll. Mànus MacGill’eain fhastadh, pàirt-ùine, gus grunnan òraidean a lìbhrigeadh gach teirm, 1900-1903. Lean an t-Àrd Oll. Kuno Meyer e, agus thug Meyer sia òraidean seachad gach bliadhna thar trì bliadhna, 1903-1906.

Thog obair nan òraidichean seo, MacGill’eain is Meyer, ùidh mhòr am measg an t-sluaigh an Glaschu gus Ceiltis a steidheachadh mar chuspair cunbhaileach aig an Oilthigh. Ach cha robh gu leòr ann an dìleab MhicCaluim, ge-tà, gus seo a thoirt gu buil. Chaidh airgead bho choimhearsnachd nan Gaidheal is an caraidean an Glaschu a thionail a dheidheadh an ceann dìleab MhicCaluim gus òraidiche làn ùine a steidheachadh gus Ceiltis a theagasg. Mar thorradh air an seo chaidh an t-Oll. Urr. Seòras MacEanruig fhastadh ann an 1906, is e a’ tabhainn Cheiltis mar chuspair-ceum MA airson a’ chiad uair ann an 1906-07: toiseach-tòiseachaidh Cheiltis (is Gàidhlig) mar chuspair teagasg is sgrùdadh aig Oilthigh Ghlaschu.

Thathar an dòchas fiosrachadh ùr a dhùsgadh anns a’ phròiseact seo o dhiofar thùsan a shoillsicheas sgeulachd nan Gaidheal is na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu rè nan linntean, agus gum bi seo a’ tighinn am follais mean air mhean air a’ bhlog seo. Bhiodh sinn fada nar comain ma bhios dad agaibh a chuireas ris an fhiosrachadh agus ma chuireas sibh mearachdan a chì sibh ann air shùilean dhuinn.

______________________________________________________________________________

SGEUL NA GÀIDHLIG AIG OILTHIGH GHLASCHU

Chaidh an rannsachadh seo a mhaoineachadh le Oilthigh Ghlaschu, Dìleab an Oll. Raibeart L. MacThòmais, Soillse, agus Stòras an Seansailear aig Oilthigh Ghlaschu. ______________________________________________________________________________

Comments are closed.