17 mh linn – linn nam fineachan

Gaidheil aig Oilthigh Ghlaschu anns an t-seachdamh linn deug.

Clann MhicDhùghaill Dhùin Olaidh

Bha Gaidheil bitheanta aig Oilthigh Ghlaschu fad na seachdamh linn deug. B’e uaislean a’ chinnidh agus oileanaich a bh’ air am maoineachadh leis an eaglais an dà bhuidheann bu lìonmhoir agus as follaisich anns na clàraidhean bhon a’ Ghaidhealtachd.

Deas, Tùr Dhùin Olaidh. Chaidh thogail le ceannardan Chloinn Dhùghaill, 15mh linn agus bha iad a’ còmhnaidh ann gu ruige 1746 (dealbh, A. MacCoinnich).

A thaobh na h-uaislean, bha teaghlach MhicDhùghaill Dhùin Olaidh air aona dhiubh sin.  Bha an teaghlach seo a’ cumail taic ri sgrìobhaichean Gàidhlig.  Tha dlighe sgrìobhte ann an Gàidhlig, 1603×1616, an co-cheangal ri Donnchadh MacDhùghaill, rud nach eil na annas ann an sgìre Latharna aig an t-àm sin. Chaochail Donnchadh ann an 1616, agus rinn an lighiche Gaidhealach, Donnchadh Ó Conchubair, luaidh air.   B’ e Sir Iain MacDhùghaill a lean e mar cheannard ann an 1616.  Tha iomradh air ‘Joannes mcDowgall,’ is math dh’ fhaoidte an aona dhuine, a’ frithealadh chlasaichean aig Oilthigh Ghlaschu ann an 1598.  Chuir Sir Iain MacDhùghaill, fear Dhùin Olaidh, a cheathrar mhic, Alasdair, Uisdean, Dùghall agus Donnchadh, dhan sgoil a Ghlaschu ann an 1627.  Bha iad a’ fuireach còmhla ri Uilleam Neilson, bùirdeasach sa bhaile.  Is e an aona adhbhar gu bheil lorg againn air an eachdraidh seo gun thog Neilson gearain an aghaidh MacDhùghaill leis nach do phàigh e cosgaisean a mhic!    Feumaidh gun deach a’ cheist a shocrachadh oir chan eilear a’ cluinntinn a’ chòrr mu dheidhinn.  Tha lorg air Alasdair MacDhùghaill mar oileanach aig Oilthigh Ghlaschu ann an 1629-30.

GUA 26619_192 Alexander Macdougall_signature (1629) 2‘Allexander McDougall primogenitus domini de Donollythe’ – dealbh, le cead bho sheirbhis taigh-tasgaidh Oilthigh Ghlaschu  University of Glasgow Archive Services, University collection, GB0248 GUA 26619/192

B’ ann an Laideann a sgrìobh Alasdair ainm ann an leabhar clàraidh an Oilthigh ann an 1629 agus b’e foghlam Laideann is Scots no Beurla a bha àbhaisteach ann an Alba na latha. Ach bha an duine seo eòlach air seann sgrìobhadh na Gàidhlig cuideachd.  Chaidh sloinneadh Alasdair Mòr MacDhùghaill a sgrìobhadh a-mach ann an Gàidhlig chlasaigeach uaireigin eadar 1625 agus 1650. Tha an Làmh-sgrìobhainn seo, ‘Senchus Cloinne Dubhail’, ri fhaicinn ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Albainn (NLS). An rèir Raghnall Mac’IlleDhuibh b’e Eòghann MacPhàill a sgrìobh e (NLS, Adv MS, 72.1.9).   [ 1 ] 

Tha an dealbh dhan seo, a  leanas, NLS, Adv MS 72.1.9, fol. 1r., air a chleachdadh le cead o Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

NLS Adv MS 72_1_9 Sloinntearachd Clann Dughaill

Chithear sloinntearachd Alasdair Mòr MhicDhubhghaill ann an seo (gu h-àrd), a bha beò am meadhan an 17mh linn, ga chuir air ais gun chiad Dùbhhall on tug an teaghlach seo an t-sloinnidh. Is e Somhairle, an curaidh ainmeil (chaochail 1164), agus athair, Gillebrìde, a th’ aig ceann an liosta.

–o0o–

Clann MhicFhionghuinn an t-Srath

Chuir Niall MacFhionghuin ainm ri cùmhnant, mar fhianais, is e na oileanach ann an Glaschu ann an 1619. B’ ann eadar MacIain, fear Ard nam Murchain agus a cheann-fheadhna fhèin, Lachlainn MacFhionghuinn, fear Srath Shuardail, a bha an dlighe.   Bha Niall na mhinisteir ann an Cille Chrìost, san t-Srath an dèidh dha ceumnachadh.    Bha co-ogha dha Niall na oileanach an Glaschu faisg air an t-aon àm.  B’e seo Iain MacFhionghuin (M.A. 1620) a bha na mhinisteir an dèidh làimh am Bracadail agus ann am Minginis anns an t-Eilean Sgitheanach.  B’ ann an Oilthigh Ghlaschu cuideachd a fhuair ministear Dhiùirinis anns an t-Eilean Sgitheanach fhoghlam: an t-Urr. Uisdean MacSuain (MA, Glaschu, 1597). [ 2 ]

–o0o–

Clann Dòmhnaill Shlèite

Bha cuid dhe na Dòmhnallaich a’ frithealadh Oilthigh Ghlaschu mun t-àm seo cuideachd. Bha an Oilthigh a’ cruinneachadh airgid gus na togallaichean aca a leasachadh, is thug uaislean is clèir eaglais bho air feadh na dùthcha beagan airgid dhaibh, daoine on Ghaidhealtachd nam measg. Thug, Sir Dòmhnall Gorm Òg,  ceann-fheadhna Dhòmhnallaich Slèite, taic-airgid luach £100 dhan Oilthigh gus leabharlann a thogail ann an 1633.  Chuir Sir Dòmhnall a mhac, Seumas, a dh’ Oilthigh Ghlaschu ann an 1634.  B’e seo Sir Seumas MacDhòmhnaill, ceannard nan Dòmhnallach, 1643-78.   Bha Sir Seumas, mar a bha cinn-feadhna eile, a’ toirt taic agus a’ brosnachadh bàird agus bàrdachd na Gàidhlig. Rinn am bàrd cliùiteach, Iain Lom MacDhòmhnaill, Bàrd Cheapaich, dàn molaidh dha,  ‘Iorram do Bhàta Mhic Dhòmhnaill.’   Chaidh co-dhiù dà chumha a dhèanamh do Shir Seumas mu àm a bhàis ann an 1678, aonan dhiubh le Iain Lom, agus cumha eile a rinn a bhràthair fhèin, Gilleasbaig, bàrd ainmeil air an robh am far-ainm ‘An Ciaran Mabach.[ 3 ]

Celtic Monthly 9 (1901) p 6_Duntuilm castle (1)

Caisteal Dhùin Tuilm, Tròndairnis: aon de sheann dhaingneachdan Dòmhnallaich Shlèite (dealbh air a thogail on Celtic Monthly, 9 (1901), 6).

–o0o–

Sìol Tormoid: Clan MhicLeòid Dhùin Bheagain

Bha Sir Ruairidh Mòr MacLeòid (chaochail 1626) air a bhith a’ sabaid ann an cogaidhean na h-Èirinn anns na 1590an agus bha e buailteach air a bhith a’ sgrìobhadh ainm ann an làmh Ghaidhealach le corra-litir. Bhiodh bàird ga mholadh agus bha grunnan de sgrìobhaichean aige a bha a’ cumail cunntasan laitheil ann an Gàidhlig anns a’ chiad chairteal dhan t-seachdamh linn deug. [4]  Chan eil fhios cà’n deach Ruairidh oideachadh ach bha na mic aige, agus cuid eile de Shìol Tormoid, a’ frithealach sgoiltean agus Oilthigh Ghlaschu anns na 1620an agus rè na seachdamh linn deug.

Dealbh an seo de Chaisteal Dhùin Bheagain, prìomh aitreabh Shìol Tormoid no Clann MhicLeòid Dhùin Bheagain agus na Hearadh. Ìomhaigh air thogail bhon iris, Celtic Monthly XI (1903), 145.

Bha ceanglaichean malairt làidir eadar Leòdaich an t-Eilean Sgitheanach agus marsantan Ghlaschu mun t-àm seo. Chuir Ruairidh Mòr MacLeòid a mhic, Iain Mòr, Uilleam agus Tormod dhan Oilthigh. Bha iad a’ fuireach còmhla ri bùirdeasaich anns a’ bhaile fhads a bha iad a’ frithealadh an Oilthighe.[5]   Thug Iain Mòr MacLeòid, a lean athair mar cheann-fheadhna Chlann MhicLeòid ann an 1626, taic-airgid de £100 do dh’ Oilthigh Ghlaschu ann an 1630 gus an cuideachadh ann a bhith a’ togail Colaiste agus leabharlann ùr.[6]

Sgrìobh Iain Mòr ‘Joannes MacClaud a Hereis’ (1624)  agus a bhràthair, Tormod, ‘Normandus McClaud’ (1630) an ainmean len làmh fhèin ann an clàraidhean an Oilthigh.   Na dealbhan seo air an cleachdadh le cead o sheirbhisean tasg-lann Oilthigh Ghlaschu, GB0248 GUA 26619. GUA 26619_Iain Mor MacLeoid_signature (1624) 1

GUA 26619_194 Tormod MacLeoid_signature (1630) 1

B’e Sir Tormod MacLeòid, fear Bheàrnaraigh, am mac a b’ òige a bh’ aig Ruairidh Mòr.  Is e cùmhnant dhaltachais airson àrach Thormoid, 1614, an aona dhlighe ga leithid air a bheil lorg againn a tha air a sgrìobhadh ann an Gàidhlig ann an Alba. Chaidh Tormod a thogail còmhla ri teaghlach anns na Hearadh. Bha Tormod a’ frithealadh Oilthigh Ghlaschu eadar 1631 agus 1633.  Chaidh Eilean Bheàrnaraigh ann an Caolas na Hearadh a thoirt dha mar oighreachd-fearainn agus fhuair e latha mòr: bha e beò gu 1705.  Chaidh na ceudan de luchd leantainn Chlann MhicLeòid a mharbhadh aig blàr Worcester, 1651, ann an seirbhis an rìgh. Thàinig Tormod as beò, ge-tà, agus chaidh inbhe rìdire a bhuileachadh air o Theàrlach II.  B’e fear a bh’ann an seo a bha gu mòr a’ brosnachadh bàrdachd na Gàidhlig. Tha grunnan bheag de dhàin air a thighinn sìos thugainn a chaidh an cruthachadh mar mholadh air Sir Tormod. B’ e am bana-bhàird cliùiteach, Màiri Nighean Alasdair Ruaidh, a rinn cuid dhiubh sin. [ 7 ]

–o0o–

Clann Chaimbeul agus Oilthigh Ghlaschu

Bha Caimbeulaich pailt aig Oilthigh Ghlaschu riamh bhon chaidh a stèidheachadh ann an 1451. Lean an cleachdadh sin sìos na linntean. NPG 1408 Marquess of Argyll (1598-1661) by ScougallB’ ann do dh’ Oilthigh Chill-rìmhinn a chaidh Gilleasbuig Caimbeul, Triath Lathurna (8mh Iarla Earraghaidheal an deidh 1641), eadar 1621 agus 1623.

Dealbh, clì, de Ghilleasbuig Caimbeul, an Triath Lathurna, aithnichte cuideachd mar an 8mh Iarla agus Marcus Earraghaidheal,  1598-1661. An dealbh seo dheth le David Scougall air a chleachdadh le cead o Thaigh Tasgaidh Nàiseanta nan Dealbh, Dùn Èideann. ©Scottish National Portrait Gallery, PG 1408.

Tha iomradh air ‘Archibaldus Lorn’ mar fhear a bha a’ frithealadh Oilthigh Ghlaschu ann an 1630, ach chan eil e soilleir gur e an Triath Lathurna a bh’ann.  Ach tha fhios cinnteach gun tug an Triath Lathurna tiodhlac de 500 marg, 24mh dhan Ghearran, 1635 do dh’ Oilthigh (no Colaiste) Ghlaschu gus an cuideachadh le bhith a’ togail Colaiste agus leabharlann ùr.[ 8 ]    Tha litir ann an tasglann Oilthigh Ghlaschu bho Ghilleasbuig seo, ceannard nan Caimbeulach, anns a’ Ghearran 1643 gu Prionnsabal an Oilthighe, Iain Strang, ag iarraidh air Strang cùram a ghabhail mu dhà mhac, Gilleasbaig agus Niall a bha an dùil clasaichean a fhrithealadh aig an Oilthigh. Tha e soilleir on an seo gu robh iad air co-dhiù aon raithe a chaitheamh air an Oilthigh a-roimhe is gur ann a’ tilleadh a bha iad.  Bha a mhac bu shine a’ frithealadh chlasaichean aig an Oilthigh an ceann mìos, mu mheadhan na Màirt 1643, is ainm aige air a chlàradh anns an Oilthigh mar ‘Dominus Archibaldus Campbell, filius primogenitus illustrimi Marchionis Argatheliensis.’ Chan eil fhios dè cho fada is a lean Gilleasbaig san Oilthigh, ach bha Niall, a bhràthair, fhathast a’ gabhail chlasaichean anns an t-Earrach 1646.  Chithear dealbh agus teacs an litir bho an seo, gu h-ìosal bho Ghilleasbaig Caimbeul, 8mh Iarla agus Marcas Earraghaidheal gu Mgr Iain Strang, Prionnsabal an Oilthighe:

GUA 43183 MacCailein Mor 1643 (1)

GUA 43183 MacCailein Mor 1643 (2)

———————————

©University of Glasgow Archive Services, GB0248, GUA 43183. An dealbh seo air fhoillseachadh le cead bho thasglann Oilthigh Ghlaschu.

 Teacs na litreach:

Le seòladh air cùlaibh na litreach: ‘Ffor my loveing freind Mr Johne Strang, Principal of the Colledge of Glasgow, these.’ Loveing freind,

I have sent bak my two sones to you againe, whom I earnestly recom[m]end to yor care & oversight and that you may have the better occasion to have ane eye unto them, as lykewyse that they may the more conveniently enjoy the conversation of other young gentlemen ther.  I have thought it most fitting that they tak their dyet in the Colledge. And therfor I must entreat you to have a special care that they be sufficiently furnished with all things necessary and to see with such discretion as ther condition & tender age doth requyre. Desyreing lykewyse that yow will tak such a course for the two men as you shall think most fitting. If yow shal be pleased thus to us,  I shall tak it as a speciall favor at yor hands & be therby obliged to approve myself at all occasions.

Yor most affectionat frend to my power,

Ed[inbu]r[gh], the 16 Feb[ruary] 1643

Argyll

Bidh mòran ann an saoghal na Gàidhlig san latha an diugh nas eòlaiche air sgrìobhaiche an litir seo, Gilleasbaig 8mh Iarla Earraghaidheal, mar an dearg-nàmhaid a bha aig Alasdair mac Colla Chiotach eadar 1644 agus 1647 leis na cogaidhean fuilteach, uamhasach ann an Earraghaidheal. [ 9 ]   Ged a tha cliù mhòr aig Alasdair mac Colla, thathar air a bhith a’ dèanamh dì-meas air inbhe MhicCailein Mòr gu ìre, rud a theireadh cuid a tha mi-chothromach. [ 10 ]  Ach b’ e Gaidheal a bha air leth cumhachdach a bh’ ann an Gilleasbaig an 8mh Iarla, – chan ann an seagh na Gaidhealtachd a-mhàin ach ann an co theacs Albannach agus Breatannach. Ged a bha e ag amharc air cumhachd an t-saoghal mhòir, rinn Gilleasbaig seo (8mh Iarla) cinnteach gu robh Gàidhlig aig a mhic. Chaidh am mac bu shine (agus oighre), Gilleasbaig Òg, àrach mar dhalta còmhla ri chuideachd ann am Bràghad Albainn far an deach tidsearan Gàidhlig fhastadh dha fo chùram Chailein Caimbeul, Tighearna Ghleann Urchaidh. B’ e ‘Mr Johnne McLen’ an t-ainm a bh’air aon de thidsearan Gàidhlig Ghilleasbaig Òig ann an 1633 mas deach e dhan Oilthigh.   Chaidh Niall Caimbeul, am mac a b’ òige a thogail mar dhalta cuide ri Sir Dòmhnall Chaimbeul, Tighearna Àird nam Murchain. Chaith an dà mhac beagan bhliadhnaichean a’ frithealadh chlasaichean ann an Oilthigh Ghlaschu agus tha lorg orra ann an clàraidhean nan oileanach bhon àm seo. [ 11 ]

GUA 26619_Archibald Lord Lorne (1642-3) 2Aineam nam bràithrean mar a chaidh an sgrìobhadh ann an leabhraichean- clàraidh an Oilthigh, 1642-43. Chithear cuideachd ainm cheann-feadhna Ghaidhleach eile, ri taobh ainm Ghilleasbuig Chaimbeul: Iain Mac a’ Chombaich, fear Luis.GUA 26619_310 Neil Campbell_signature (1642-3) 2

Na dealbhan seo air an cleachdadh le cead o Thasg-lann Oilthigh Ghlaschu, GB 0248, GUA GUA 26619/204 & 310.

Bu bheag an t-iongnadh gu robh Gilleasbaig a’ gabhail dragh mu chor a mhic aig an Oilthigh. Bha tòrr nàimhdean aige, rud a bha gu ìre a’ crochadh air inbhe a theaghlaich ach cuideachd air an dol a-mach aige fhèin. Bha e sàs gu mòr ann an ar-a-mach nan Cùmnahantaich an aghaidh Teàrlach I, 1639-48. Chaidh Gilleasbaig (an 8mh Iarla & Marcas Earraghaidheal), sgrìobhaiche an litir seo, a chuir gu bàs an Dùn Èideann ann an 1661, leis gun ghabh Teàrlach II dìoghaltas air an fheadhainn a leag athair on rìgh-chathrach. Thàinig Gilleasbaig Òg (9mh Iarla) a-steach air oighreachd ri linn bàs athair, 1661, ach cha robh esan mòran na b’ fhortannaiche ann an poileataigs. Thug esan dùbhlan cuideachd do Theàrlach II agus a bhràthair, Seumas Diùca Iorc, agus chaidh Gilleasbaig (9mh Iarla) a chuir gu bàs air los seo ann an 1685. Bha Niall, a bhràthair (mac a b’ òige a th’ air ainmeachadh anns an litir seo), na mhanaidsear air leth comasach air oighreachd MhicCailein Mhòir fhads a bha athair agus an uairsin a bhràthair ann an staingean phoileataigeach. [ 12 ]

B’ e MacCailean Mòr a chanas daoine ri gach ceannard nan Caimbeulach mar chuimhneachan air aon de thùsanaich an t-sliochd aca. B’e Gilleasbuig Gruamach a bh’ aig daoine air Gilleasbuig, 7mh Iarla Earraghaidheal (riaghladh, 1594-1618) – ach is dòcha air a mhac, am Marcas, cuideachd. A-rèir Cholm Ó Baoill, b’e Gilleasbaig Caoch am far-ainm a bh’ air an 8mh Iarla & Marcas Earraghaidheail (riaghladh 1625-1661), agus Gilleasbaig Fionn air a mhac, an 9mh Iarla (1661-1685). [ 13 ]  Tha na far-ainmean sin na chomharra orra mar Ghaidheil.

——————————————————————————————————————————-

Notaichean

——————————————————————————————————————————-

[ 1 ] Inveraray Castle Archive [ICA], Argyll Transcripts [AT], xi, 73. C. Innes, ed., Muminentae Alme Universitatis Glasguensis [MAUG] (4 vols., Maitland Club, Glasgow, 1854), iii, 63, 81. R. I. Black, ‘A Gaelic contract of lease, c. 1603 x 1616,’ ann an, D. Sellar, ed., The Stair Society. Miscellany Two. By  various authors (Stair Society, Edinburgh, 1984), 132-143, aig 140.  R. Black, The Gaelic Manuscripts of Scotland. Vol. 1., Classical Gaelic, Irish and Welsh manuscripts in the National Library of Scotland (Unpublished draft catalogue), air a leughadh ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, Dùn Èideann.  Le taing cuideachd don Oll. Ulrike Hogg, Leabharlann Nàiseanta na h-Alba airson cuideachadh le cead gus an dealbh seo chuir air-loidhne.

[ 2 ] National Records of Scotland [NRS], RD 1/305, fol. 108v. Tha lorg air Niall mar ‘Nigellus McKinnone,’ a’ frithealadh an oilthigh ann an 1620. MAUG, iii, 74. A. Nicolson, The History of Skye (2nd edition, Àrd Bhearnasdal, 1995), 80-81.

[ 3 ] A. Nicolson, The History of Skye, 94. A. I. Mackenzie, ed., Òrain Iain Luim. Songs of John Macdonald bard of Keppoch (SGTS, Edinburgh, 1964), 102-106, 136-140, 277-9, 289-291. Thug grunnan chinn-fheadhna agus pearsachan clèir o gach ceàrnaidh den dùthaich airgead do dh’ Oilthigh Ghlaschu anns na 1630an agus bha Gaidheal nam measg. Bha Iain Macleòid, fear Dhùin Bheagain air aona dhiubh (gu h-h-ìosal), agus chithear cuideachd na h-ainmean a leanas air an liosta: Eachann MacGhill’Eain, fear òga Dhubh-aird, lean, Sir Coll MacLaomuinn, fear ‘Innerin’, Seumas MacLaomuinn, Sir Dùbhghall Caimbeul, fear Acha nam Breac,  Seòras MacCoinnich, Triath Chinntàil is Iarla Sìophoirt,  Iain Leslie, Easbuig nan Eilean (1631) agus an Easbuig a lean e anns an dreuchd sin, an t-Easbuig Niall Caimbeul, Mgr Gilleasbuig MacLachlainn, ministeir Luis, Mgr Gilleasbuig Cameron, ministeir Innis Cailleach. MAUG, iii, 465-480.

[ 4 ] J. Bannerman, ‘Gaelic endorsements of early seventeenth century legal documents’, ann an Studia Celtica, xiv/xv (1979-80), 18-33.

[ 5 ] R.C. MacLeod, ed., The Book of Dunvegan, being documents from the Muniment Room of the Macleods of Macleod at Dunvegan Castle, Isle of Skye (2 vols., Third Spalding Club, Aberdeen, 1938-39), i, 217-8, 220, 222, 224, 225, 227. NRS, RD 1/292 fol. 70v. NRS, RD 1/292 fol. 71r. I.F. Grant, The Macleods, the history of a clan (London 1959), 240-242.

[ 6 ] Thuirt Alasdair MacNeacail gur e suim de 100 merk a bha seo (mu £66) ach tha bann-cuidhteas, 16mh dhan Iuchar 1632 ag radha gun tug Iain MacLeòid £100 do riochdairean Colaiste Ghlaschu. Nicolson, The History of Skye, 75. Macleod, ed., The Book of Dunvegan, i, 224.

[ 7 ] J.C. Watson, ed., Gaelic Songs of Mary Macleod (SGTS, Edinburgh, 1934). A. Frater, ‘Màiri Nighean Alasdair Ruaidh’, in J. Randall, ed., Crossing the Minch. Exploring the Links between Skye and the Outer Hebrides (Islands Book Trust, 2008), 33-43. P. Parkes,  ‘Celtic fosterage: adoptive kinship and clientage in north west Europe’, Comparative Studies in Society and History, 48/2 (2006), 359-95, aig 385-7.

[ 8 ]  MAUG, iii, 18. ICA, AT, xi, 639. 

[ 9 ] D. Stevenson, Highland Warrior. Alasdair mac Colla and the Civil Wars (Saltire Society, Edinburgh, 1994), 154-163, 232-241.

[ 10 ] A. I. Macinnes, The British Confederate. Archibald Campbell, Marquess of Argyll, 1607-1661 (Edinburgh, 2011), 1-43.

[ 11 ] GUAS, GUA 43183.  MAUG, iii, ix-x, xiv, 97, 101. Macinnes, The British Confederate, 66-67. D. Gregory , ed., Collectanea de Rebus Albanacis (Iona Club, Edinburgh, 1847), 19-20.  C. Innes, ed., The Black Book of Taymouth, with other papers from the Breadalbane charter room (Bannatyne Club, Edinburgh, 1855), xvii-xxiii, 94. R. Black, ‘A Scottish grammatical tract, c. 1640,’ in, P. de Brún & M. Ó Murchú, eds., Celtica, vol. XXI. Essays in honour of Brian Ó Cuív (1990), 3- 16, aig 6-7.

[ 12 ] Macinnes, The British Confederate, 277-280, 283, 294-306.  David Stevenson, ‘Campbell, Archibald, marquess of Argyll (1605×7–1661)’ & ‘Campbell, Archibald, ninth earl of Argyll (1629–1685)’, anns an Oxford Dictionary of National Biography, articles 4472 & 4473, accessed Dec 2013].

[ 13 ]  C. Ó Baoill & M. Bateman, ed. & transl., Gàir nan Clàrsach. The Harps’ Cry. An Anthology of 17th century Gaelic poetry (Birlinn, Edinburgh, 1994), 10, 14, 16.  Macinnes, The British Confederate, 31.

Comments are closed.