Prionnsabailean

Tha Gàidhlig (no Ceiltis) air a bhith fortannach mar chuspair – gu bheil e air taic fhaighinn bho dhiofar phrionnsabailean – rud a chithear cho tràth ri ceannas am Prionnsabail Story, 1898-1907. Tha grunann mhath de na prionnsabailean a lean Story air a bhith air leth taiceil de chùis na Gàidhlig, fiù ged nach robh taobh Ghaidhealach orra fhèin. Ach bha cuideachd triùir Ghaidheil nam prionnsabailean aig Oilthigh Ghlaschu rè nan linntean.

B’ iad seo (is dòcha) Mgr Iain Camshron (1622-23), agus, le barrachd cinnt, an t-Urr. Niall Caimbeul, (1728-1761), an t-Urr. Donnchadh MacFàrlain (1823-1858), agus an t-Àrd Oll. Sir Dòmhnall MacAlasdair a bha na phrionnsabail air an Oilthigh, 1907-29, agus na sheansailear an uairsin, 1929-1934.  Bha gach duine dhiubh sin cliùiteach nan latha fhèin agus tha earrannan mu eachdraidh-beatha gach fear dhiubh ri lorg anns an Oxford Dictionary of National Biography agus anns an University of Glasgow Story.  Chan eil gin de na cunntasan sin, ge-tà, a’ toirt aithne dhan taobh Ghaidhealach.  Tha sin air a chleith – leis nach eil e cho follaiseach anns na tùsan fiosrachaidh.  Thathar a’ cuimseachadh ann an seo air an fhianais eachdraidheil orra mar Ghaidheal.

–o0o–

Mgr Iain Camshron, Prionnsabail Oilthigh Ghlaschu, 1622-23….    …agus Gaidheal ?

Leis gu bheil cion fianais air dhaoine mar Ghaidheil chan eil e furasta, mar as trice, a dhearbhadh gur e Gaidheil a bh’ annta.  Bha an diadhaire, ministeir is sgoileir ainmeil, Mgr Iain Camshron (1579-1625) na regent aig Oilthigh Ghlaschu (1599-1600), agus na Phrionnsabail air an Oilthigh (1622-23). Principal John Cameron 1622_HunterianChaith e bliadhnachan  na dhiadhaire air feadh an Roinn Eòrpa is na Àrd-Ollamh Diadhaireachd aig Oilthigh Saumur anns an Fhraing agus na fhear-taic cùis nam Pròstanach. Duine connspaideach a bh’ ann, a’ toirt dubhlan do bheachdan suidhichte nam Pròstanach ann an Alba agus anns an Fhraing. Chan eil càil anns na h-eachdraidhean mun thùs an duine ach an fhiosrachadh lom gun rugadh e an ‘Glaschu’. Tha aire nan eachdraidhean sin uile air a dhreuchd mar mhinisteir, sgriobhaiche agus àrd-dhiadhaire, gu h-àraid anns an Fhraing, agus chan eil e soilleir gu bheil cus de bheachd aca mu dhàimhean-teaghlaich a’ Chamshronach agus co dhà a bhuineadh e.[ 1 ]  

Chaidh an dealbh seo (deas, gu h-àrd) do Mhgr Iain Camshron a dheanamh an deidh a bhàis leis an neach-ealain cliùiteach, Iain Scougall (1645-1737). Is dòcha gu robh Scougall a’ cleachdadh dealbh eile mar thùs ach ma bha, chaidh sin air chall. An dealbh seo air a chleachdadh an seo le cead o thaigh tasgaidh an Hunterian, Oilthigh Ghlaschu (© The Hunterian, University of Glasgow 2013).

Ach ged a chaidh fhoghlam ann an Oilthigh Ghlaschu, gun teagamh, agus gur dòcha fiù gun rugadh e ann an Glaschu (ged nach eil seo ro shoilleir), bha ceangal air leth làidir aig an Camshronach ris a’ Ghaidhealtachd. A rèir cunntasan na fine, b’e athair an diadhaire ainmeil seo fear eile leis an t-aona ainm, Mgr Iain Camshron, sagart ron Ath-leasachaidh is an uairsin na mhinistear Phròstanach ann an Dùn Omhain, 1560-1590, dreuchd anns an robh comasan Gàidhlig riatanach.  Fhads a bha Mgr Iain anns an dreuchd seo an Dùn Omhain bha e an ceann fòghlam aon de na càirdean aige, an ceann-feadhna òg, Ailean mac Dhòmhnaill Dhuibh, ceannard Chloinn Chamshroin (c. 1560-1647).  Ma tha seo ceart, is math dh’ fhaoidte gun deach aonan de phrionnsabailean Oilthigh Ghlaschu oideachadh ann an àrainneach Ghaidhealach (comhla ri athair, ministeir Dhùin Omhain), agus is dòcha gun d’ fhuair e chiad fhoghlaim ann an cuideachd a’ chinn-fheadhna òg, Ailean mac Dhòmhnaill Dhuibh.  Cha ghabh le cinnt a radha  gur e “Gaidheal” a bh’ ann am Mgr Iain Camshron, Prionnsabail an Oilthigh, 1622-23, ach tha h-uile coltas ann gur e.[ 2 ]

–o0o–

An t-Urr. Niall Caimbeul, Prionnsabail an Oilthigh, 1728-1761

B’e mac do Mhaidseir Iain Caimbeul a bh’ ann an Niall Caimbeul (1678-1761) o Ghleann Aora, dìreach mu thuath air baile Inbhir Aora. B’e Sìne Caimbeul on Pheighinn Mhòr a bu mhàthair dha.[3] ‘S e sgìre gu math làidir a thaobh labhairt na Gàidhlig a bh’ ann a Gleann Aora mun t-àm seo.[4]   Bha Seanadh Earraghaidheal gu mòr a’ sireadh òigridh chomasach agus diadhaidh le Gàidhlig a bheireadh a-mach dreuchd na ministearachd gus am biodh ministearan Gaidhealach aca a bhiodh a’ frithealadh coitheanalan tro mheadhan na Gàidhlig. Chaidh Niall dhan Oilthigh eadar 1693 agus 1697 agus tha ainm ri fhaicinn ann an clàraidhean an Oilthigh mar Nigellus Campbell’ ann an 1697.[5] Bha cead aige teagasg às a’ chùbainn on t-Seanadh ann an 1702. B’ e sgìre fharsaing Chille Mhàlaidh ann an Loch Abair (toirt a-steach a’ Ghearasdan), le coitheanalan gu tur Gaidhealach, a’ chiad dreuchd a bh’ aig Niall. Thog Niall air gu bhith na  mhinistear ann an Ros-neimhe, Siorrachd Dhùin Bhreatainn ann an 1709. Bha feum aige air searmonachadh an Gàidhlig an seo oir bha 26 teaghlaichean anns a’ choitheanal seo, cho anmoch ri 1720, nach tuigeadh dùird ann am Beurla.  A rèir pàipearan na h-eaglaise, ge-tà, is dòcha gur e Mgr Niall Caimbeul am ministear Gaidhealach mu dheireadh a bh’ aig paraiste Ros-neimhe: nuair a dh’ fhàg e bha aig muinntir na sgìre ris a’ chùis a dhèanamh le searmoin sa Bheurla ge b’ oil leotha. Ghluais Niall gu Rinn-friu ann an 1715.[6] Bha e ann an Rinn-friu gus an deach dreuchd Phrionnsabail Oilthigh Ghlaschu a bhuileachadh air ann an 1728.

GUA 26635_28 - 1st signature Princl N Cmpbll Faclty mins 1728 Pios de dhuilleag leabhar-mionaid facultaidh Oilthigh Ghlaschu, 1728, a’ sealltainn ainm-sgrìobhte a’ Phrionnsabail. An dealbh seo air a chleachdadh le cead bho thasg-lann Oilthigh Ghlaschu (©University of Glasgow Archive Services, GB0248, GUAS, GUA, 26635/28).
 

Bha e na phrionnsabail gus an do chaochail e ann an 1761. Bha e na mhoderàtor dhan Eaglais, 1732 & 1737, agus na shiaplan don teaghlach rìoghail (Hanobhèirianach).  Bha cuideachd dlùth cheangail aige ri Diùcan Earraghaidheil agus an cuideachd, leithid an t-Urr. Iain MacLabhruinn, ministeir Ghlaschu agus a bhràthair, an t-Àrd Oll. Cailean MacLabhruinn.[ 7]  Seo litir bho Mhgr Niall Caimbeul, ministeir Rinn Friu ann an 1724, ceithir bliadhna mas tainig e gu bhith na Phrionnsabail air Oilthigh Ghlaschu, a’ sealltainn an ùidh a bh’ aige ann an cor na Gàidhlig is na Gaidheil sa bhaile.

ICA Bundle 592_Rev Neil Campbell Renfrew 1724

Pàipearan Earraghaidheal, bundle 592. An litir seo air a chleachdadh le cead fialaidh on t-Uasal urramach, Diùca Earraghaidheil, Caisteal Inbhir Aora (Argyll Papers, bundle 592. Reproduced by kind permission of His Grace the Duke of Argyll, Inveraray Castle)

Mr Neil Campbell, minister at Renfrews letter anent the Highlanders in Glasgow, presented & read 10th August 1724. [addressed by Campbell] ‘To the Right Reverend the moderator of the Synod of Argyll, to be communicated, Inveraray.

Anent the Highlanders who have only the Irish language at Glasgow.

Right Reverend,

The Synod of Glasgow and Air received the letter which your reverend Synod at the last meeting sent them desiring they might enjoin Mr John McLaurin, min[iste]r at Glasgow to take such as have only the Irish Language in that place under his inspection and preach the Gospel to them. In answer to this the Synod appointed me to signify to you that tho’ when he was transported the commission ordered him to do what your letter required, and which they are informed, he carefully obeys, yet further, as testify their great regard to your reverend synod they recommend to the Presbytery of Glasgow (Mr McLaurin being absent) to notice that he continue the exercise of his zealous care about that people. That the Lord may alwayes direct and assist you in all the parts of your great work and bring your meeting to a comfortable conclusion is the duty full and very sinceer desire of

Renfrew, 6 August 1724. Righ Reverend,your most affectionat brother and most humble servant, Neil Campbell,

B’ e seo litir gu Seanadh Earraghaidheal bho Niall Caimbeul ag radha gun ghabh Mgr Iain Mac Labhruinn (MA, Glaschu, 1712) uallach airson na coitheanal Gàidhlig ann an Glaschu. B’ e co-ogha dha Niall Caimbeul a bh’ ann an Iain MacLabhruinn (1693-1784), a rugadh ann an Gleann Dà Ruadhail agus a thogadh ann an Cille Fionnan, Earraghaidheil.  Bha MacLabhruin, agus a charaid, am Prionnsabail Niall Caimbeul, gu mòr an urra ri taic agus stiùireadh an ceann-feadhna, MacCailein Mòr, Eoin Ruadh a’ Chatha (2a Diùc Earraghaidheil) agus a bhràthair a lean e, Gilleasbuig, an 3s Diùc (chithear tuilleadh mura seo air duilleag an 18mh linn). Ged is ann am Beurla agus ann an saoghal ghallda Ghlaschu a chaith am Prionnsabail seo a’ ch tha gach pìos sgrìobhaidh a tha nach do dh’ fhàg e fianais follaiseach sam bith sgrìobhte mu chomasan an Gàidhlig, chan eil teagamh ann gur e Gàidheil a bh’ ann am Prionnsabail Caimbeul.[8]

–o0o–

An t-Urr. Donnchadh MacFàrlain, Prionnsabail an Oilthigh , 1823-1858.

Cheumnaich an t-Urramach MacFàrlain le MA bho Oilthigh Ghlaschu ann an 1788. B’e mac an t-Urr. Donnchadh “Rongais” MacFàrlain, ministeir Ghaidhealach sgìre Dhraoimein, Siorrachd Sruighlea. (Thàining am far-ainm ‘rongais’ air athair a’ Phrionnsabail leis gun do chuir e ruaig air luchd-creachaidh a bha a’ togail chruidh air, uaireigin ro 1743, le ‘rongas’ – seòrsa de bhata fiodh.) Chaochail ministeir Dhraoimein ann an 1791 agus lean Donnchadh òg athair anns an dreuchd sin.  B’e Donnchadh òg a rinn cunntas air paraiste Dhraoimein dhan Old Statistical Account (1791-99), agus seo a bh’ aige ri radha mu chomasan cànain muinntir Dhraoimein an uairsin:

‘A considerable number speak the Gaelic language and there are 3 or 4 who do not understand English’  [Tha grunnan mhath de dhaoine [an seo] a’ bruidhinn na Gàidhlig agus tha triùir no ceathrar ann aig nach eil facal Beurla] [9]

Bha an t-Urr. MacFàrlain na mhinisteir ann am paraiste Dhraoimein bho 1791 suas gu 1823, agus is math dh’ fhaoidte gum biodh aige ri bhith a’ searmonachadh ann an Gàidhlig bho àm gu àm ma bha feadhainn anns a’ choitheanal nach tuigeadh a’ chànan Shasannach. Ged a bha a’ Ghàidhlig a’ seargadh anns an sgìre mu 1800, bha athair (ministear, 1743-91) air a thoirt a-steach dhan pharaiste an t-aona ghnothaich airson searmonachadh ann an Gàidhlig. Tha na searmonan Gàidhlig a sgrìobh athair (a bha cuideachd eòlach air naidheachdan na Fèinne), air an tasgadh ann an Leabharlann Oilthigh Ghlaschu.[10]    

Hunterian Duncan McFarlan - Principal GU 1823-57_An t-Urr. Donnchadh MacFàrlain (1771-1857), Prionnsabail an Oilthighe, 1823-1857. Dealbh dheth a rinn John Graham-Gilbert, 1839, air a chleachdadh an seo le cead o thaigh tasgaidh an Hunterian, Oilthigh Ghlaschu (© The Hunterian, University of Glasgow 2013).

Tha làn fhiosrachadh mu euchdan Dhonnchaidh MhicFàrlain mar phrionnsabail (1823-57), moderàtor na h-Eaglaise is eile ri fhaicinn ann an cunntasan mu bheatha ach chan eil an fhianais air mar Ghaidheal cho follaiseach.[11]  Chum an t-Urr. MacFàrlain ùidh, ge-tà, ann an gnothaichean co-cheangailt ri ministeirealachd agus na soisgeulan Gàidhlig an dèidh dha an sgìre Dhraoimein fhàgail agus a dhol na phrionnsabail.  Sgrìobh e litir a’ moladh gun deidheadh an t-Urr Tormod MacLeòid, ‘Caraid nan Gaidheal,’ a ghluasad bho choitheanal Cheann Loch’ille Chiarain gu Campsie ann an 1824. Tha litrichean ann cuideachd bhuaithe, ann an 1824 agus 1843, far a bheil e soilleir gu robh e mean-eòlach air cor choitheanalan a bha feumach air ministearan le Gàidhlig anns an t-Àrar, Obar Phuill agus an Cinntire.[12]  Sgrìobh e cuideachd litir a thoirt taic do Dhaibhidh Stiùbhart, a bha ga thabhainn mar mhinisteir air Clèir Mhuile ann an 1827. Bha MacFàrlain a’ moladh an Stiùbhartach dhaibh leis gu robh e eòlach air iomadh bliadhna agus :

known to me for many years and I have no hesitation in recommending him as a pious, modest, intelligent and very worthy young man. He has resided in Glasgow and its neighbourhood for some time past, but is a native of the Highlands of Perthshire and preaches fluently in Gaelic.[13] [air a bhith eòlach air iomadh bliadhna agus chan eil leisg sam bith orm a mholadh dhuibh mar fear a diadhaidh, stuama, tuigseach agus ceart na dhòighean. Tha e air a bhith a’ tàmh an Glaschu mun cuairt airson greis, ach buinidh e do Ghaidhealtachd Shiorrachd Pheairt agus bidh e a’ searmonachadh gu fileanta sa Ghàidhlig…]

Bha athchuinge MhicFàrlain soirbheachail oir chaidh an t-Urr. Daibhidh Stiùbhart a chuir na mhinisteir an clèir Mhuile ann an coitheanalan Chinn Loch Spéilbhidh (1828) agus Àrd nam Murchain & Eilean Fionnan (1844).[14] Bha MacFàrlain cuideachd a’ stiùireadh dreuchd an  e air comataidh Comainn Bhìobail Ghlaschu ann an 1847, a bha a’ dèiligeadh ri sgriobturan Ghàidhlig.[15]  Bha e cuideachd, mar a bha athair roimhe, na bhall do Chomann Gaidhealach Ghlaschu (Glasgow Highland Society) bhon bhliadhna 1827, rud a bha a’ ciallachadh gu robh e a’ measgachadh le tòrr mòr Ghaidheil eile.[16]   Air taobh a-stigh an Oilthigh, bha Prionnsabail MacFàrlain a’ dèiligeadh ri bursaraidhean do dh’ oileanaich le Gàidhlig anns na 1840an.[17]  Bha luaidh cuideachd aig buill a’ Chomainn Oiseanach air a’ Phrionnsabail chan ann a-mhàin leis an t-urram a bh’ aca dha mar cheannard an Oilthigh ach cuideachd ga ainmeachadh, 22/11/1834, mar fhear a bha a’ dol a bhith gan cuideachadh ann an iomairt gus leth-bhreacan dhan an Teachdaire Gaidhealach a chraobhsgaoileadh air feadh na Gaidhealtachd.[18]

–o0o–

1898-1907 – an t-Àrd Oll. Raibeart H. Story.

Cha robh Gàidhlig idir aig an t-àrd Oll. Raibeart H. Story (1835-1907), a bha na phrionnsabail aig an t-àm a thòisich Ceiltis mar chuspair oifigeil aig an t-Oilthigh, 1906.  B’e mac ministeir a bh’ ann à Ros-neimhe, sgìre far an robh a’ Ghàidhlig air crìonadh gu mòr ach far an robh i fhathast (c.1890) air bilean mu 10% dhan t-sluaigh.  B’e athair, air an robh an t-aon ainm, an t-Urr. Raibeart Story (1795-1860), a sgrìobh aithisg mun sgìre dhan an New Statistical Account (Ceitean 1839), mothachail air ceangal eachdraidheil na Gàidhlig ris an sgìre.

Principal Story 1900 (Memoir of RH Story_1909) 1Bhitheadh Raibeart òg, is cinnteach, air Gàidhlig a chluinntinn o àm gu àm ag èiridh suas ann an Ros-neimhe, ged a b’ e Beurla bu bhitheanta. Bha an t.Urr. Raibeart H. Story,  na mhinistear, na dhiadhaire agus na phroifeasar de eachdraidh na h-eaglaise. Bha e cuideachd na Mhoderàtor air an eaglais agus na shiaplan dhan teaghlach rìoghail.  Ghabh e ùidh sònraichte anns a’ Ghaidhealtachd.[19] 

B’e Story a  bha na phrionnsabail nuair a chuir iad dìleab Ghilleasbuig MhicCaluim gu feum gus sreathan de dh’ òraidean Ceiltis a chuir air dòigh.

[dealbh dhan t-Àrd Oll. Raibeart Story air a thoirt bho Memoir of Robert Herbert Story, D.D., LL.D by his daughters (Glasgow, 1909)]

B’e Story a chuir fàilte air an t-Oll. Mànus MacGhill’Eain, nuair a rinn MacGhill’Eain a’ chiad òraid oifigeil Cheiltis a-riamh aig Oilthigh Ghlaschu, 24mh dhan Fhaoilleach, 1901.[20]  Bha Prionnsabail Story air leth càirdeil ris an t-Oll. Kuno Meyer a bha a’ tadhail air an Oilthigh a dhèanamh sreathan de dh’ òraidean.  Tha e soilleir cuideachd gu robh e mothachail gur e cùis nàire a bh’ ann dhan Oilthigh nach robh àite ann dhan Ghàidhlig.  Seo na sgrìobh e mun Ghearran 1904:

‘Kuno Meyer, whom you saw and heard has been with us this last week from Saturday till Tuesday. He is very good company, and I think that one result of his lectures will be the creation of a permanent Celtic lectureship – which will remove a reproach.’ [ 21]

[Tha Kuno Meyer, a chunnaic is a chuala sibh, air a bhith a còmhla rinn an t-seachdain sa chaidh bho Dhisathairne gu Dimàirt. Abair gu bheil e math bhith na chuideachd.  Tha mi a’ smaoineachadh gun gabh dreuchd òraidiche làn ùine, sheasmhach, ann an Ceiltis a stèidheachadh mar thorradh air na òraidean aige, rud a chuireas stad air a’ mhonmhor…]

Chuir Meyer crìoch air òraid a rinn e (22/02/1904) le bhith a’ guidhe gun deidheadh cathair Cheiltis a stèidheachadh aig Oilthigh Ghlaschu.  Dh’ aontaich Principal Story, a bha an làthair, thug e taing do Mheyer airson a chuid òraid agus, a rèir an cunntas anns an Glasgow Herald, thuirt e:

‘…as principal of this University, he felt that little or nothing had been done to encourage Celtic Studies and he earnestly hoped that some steps would be taken to remedy the state of matters in response to the earnest appeal to which they had listened…’

[mar phrionnsabal an Oilthigh seo, tha mi a’ faireachdainn nach deach gu leòr a dheanamh gus taic a thoirt do sgrudaidhean Cheiltis, agus bha e gu mòr an dòchas gun gabhadh rudeigin a dhèanamh mu choinneamh an tagradh dhùrachdach ris an robh sibh ag èisteachd]

Is e an duilgheadas a bh’ aig am Prionnsabal agus aig an Oilthigh gu robh tuarastal òraidiche làn ùine a’ cosg £200 gach bliadhna. Cha robh teachd a-steach de  dhìleab MhicCaluim a’ buileachadh ach mu £75 sa bhliadhna air an Oilthigh agus bha feum aca air an tuilleadh airgid.  Chaidh iomairt phoblach a chuir air bhonn gus airgead a thrusadh airson òraidiche fhastadh. Chuir ceithir-deug buidhnean no daoine airgead ris an seo. Chuir Story fhèin (agus a dhà nighean) an cuid airgid fhèin ris an seo.  Chaidh gu leòr a thional anns an Dàmhair 1906 gus an t-Oll. Seòras Henderson fhastadh – a’ chiad òraidiche làn ùine ann an Ceiltis.[22]

—o0o—

Sir Donald MacAlister1907-1929, Sir Dòmhnall MacAlasdair, Prionnsabail an Oilthigh. B’e sàr sgoilear agus sàr fear-rianachd a bh’ ann an Sir Dòmhnall MacAlasdair gus chan e turchairt a bh’ ann gun tàinig Ceiltis am feabhas aig an Oilthigh is esan aig an stiùir. Fhuair e a’ Ghàidhlig o mhàthair agus b’ e cànan adhraidh na dachaigh na òige. B’ ann am Peairt a rugadh MacAlasdair ach b’ e Gaidheil à Earraghaidheal a bha na phàrantan – a phòs anns an Eaglais Ghaidhealach Hope Street am Baile Ghlaschu (GH, 25/01/1908) . Bha Sir Dòmhnall measail air a dhìleab Gaidhealach agus anabarrach taiceil do dh’ fhoghlam na Gàidhlig chan ann aig an Oilthigh a-mhàin – ach bha e ga mholadh mar mheadhan teagaisg air feadh na Gaidhealtachd (GH 06/07/ 1908).

Sir Dòmhnall MacAlasdair. An dealbh seo air a thoirt on leabhar: E.F.B. MacAlister, Sir Donald MacAlister of Tarbert (London, 1935). Chithear iomradh air òraidean a rinn Sir Dòmhnall far na leig e na beachdan aige mu Ghàidhlig am follais anns an Glasgow Herald (25/01/1908 & 06/07/1908) air duilleag nam ‘Pàipearan naidheachd’ air an làrach seo.

—————————————————————————————————————————-

Notaichean:

—————————————————————————————————————————-

[ 1] L. W. B. Brockliss, ‘Cameron, John (1579/80–1625)’, Oxford Dictionary of National Biography, Oxford University Press, 2004 [http://www.oxforddnb.com/view/article/4444, accessed 20 Oct 2014]. R. Wodrow, ‘Collections on the life of Mr John Cameron, minister at Bordeaux, professor of divinity at Saumur, principal of the College of Glasgow and professor of divinity at Montauban’, in W.J. Duncan, ed., Collections upon the lives of the reformers and most eminent ministers of the Church of Scotland by the Rev. Robert Wodrow, (2 vols., in 3 parts, Maitland Club, Glasgow, 1834-1848), vol. 2/2., 81–229.  Chithear cunntas beag cuideachd mu bheatha is dreuchd Iain Chamshroin air làrach le geàrr-eachdraidh luchd an Oilthighe an seo.  

[ 2 ] Seo mar a tha an cunntas aig Clann Chamshroin ga innse:

“[Cameron of] Locheil’s nurse, for the safety of his person, conveyed him privatly to Mull, where he remained during his infancey under the tutelage of Lachlan Maclean of Doward, his uncle, who thereafter made the choice of McGilvraw of Glencanner to be his foster-father. With this gentleman he, according to custome, continued until he was fitt for schoole, and the care of his education was intrusted to Mr John Cameron, minister of Dunune, his kinsman and a person of great probity and learning, by whom he was trained up in the Protestant religion, which then began to get a footing in the Highlands. He [i.e. ‘Mr John Cameron, minister of Dunune’] was father to the great Cameron, who was then the most famous Protestant divine living.” 

Seo air a thogail bho, J. McKnight, ed., Memoirs of Sir Ewen Cameron of Lochiell, chief of the Clan Cameron. With an introductory account of the history and antiquities of that familly and neighbouring clans (Maitland Club, Edinburgh, 1842), 37. FES, iv, 22.

[ 3 ]  Paul Wood, ‘Campbell, Neil (1678–1761)’, Oxford Dictionary of National Biography, Oxford University Press, 2004; online edn, Oct 2006 [http://www.oxforddnb.com/view/article/65005, accessed 17 Oct 2013. Chithear cuideachd fiosrachadh mu Mhgr Caimbeul air làrach oifigeil an Oilthigh le bhith a’ briogadh an seo.

[ 4 ]  B’ e Gàidhlig a bhathar a’ bruidhinn o cheann gu ceann de Ghleann Àradh anns na 1790an. Fiù anns na 1890an bha Gàidhlig aig 80% de mhuinntir na sgìre sin. OSA, 1791-99, v, p. 303-304. K.C. Duwe, Gàidhlig (Scottish Gaelic) Local Studies (2nd edition, April 2012), 7.

[ 5]  Airson Niall Caimbeul aig an Oilthigh, seallaibh, MAUG, iii, 162.  Chithear iomadh eisimpleir dhan uallach a bha Seanadh Earraghaidheil a’ gabhail ann a bhith a’ feuchainn ri òigridh, chomasach diadhaigh a dheisealachadh chun na mhinisteirealachd rè na seachdamh is na h-ochdamh linn deug. D. C. Mactavish, ed., Minutes of the Synod of Argyll, 1639-1661 (Edinburgh, 1943-44), i, 117, 136-137, 159; ii, 86-7. NRS, CH1/2/24/1/1 No. 48.  NRS, E 424/8. NRS, CH2/557/14/185.

[ 6 ]  B’e Gàidhlig a bha ga bruidhinn bho cheann gu ceann de pharaiste Chille Mhàilidh anns an ochdamh linn deug. Fiù ann an 1881, bha 80% dhan t-sluaigh Gaidhealach.  Bhathar a’ dèanamh suirbhidhean ann an sgìrean mar Ros-neimhe a thaobh comasan cainnt. Bha uallach air an eaglais ministearan Gaidhealach a chumail ri coitheanalan far nach robh Beurla.  Bha 36 daoine aig nach robh Beurla idir ann an Ros-neimhe ann an 1657 rud a bh’ air tuiteam gu 26 ann an 1722. NRS, CH 1/2/46/262-3. Airson na coitheanalan sin seallaibh, FES, iii, 187, 363. FES, iv, 134. FES, vii, 396, 441. OSA, 1791-99, viii, 430. K.C. Duwe, Gàidhlig (Scottish Gaelic) Local Studies. Vol. 19, An Gearasdan & Loch Abar an Ear – Fort William & East Lochaber (2nd edition, 2006), 8, 22. J. Irving, The History of Dumbartonshire: civil, ecclesiastical and territorial, with genealogical notices of the principal families in the county (Dumbarton, 1860), 412.

[ 7 ]  Paul Wood, ‘Campbell, Neil (1678–1761)’, Oxford Dictionary of National Biography, Oxford University Press, 2004; online edn, Oct 2006 [http://www.oxforddnb.com/view/article/65005, accessed 6 July 2014]. GUL, MS Gen 1378/4-5.

[ 8 ] GUL, MS Gen 1378/4-5.  R. Emerson, Academic patronage in the Scottish englightenment. Glasgow, Edinburgh and St Andrews Universities (Edinburgh, 2014), 90-91, 99, 108-112, 117-228. 125. FES, iv, 31. Richard B. Sher, ‘MacLaurin, John (1693–1754)’, Oxford Dictionary of National Biography, Oxford University Press, 2004 [http://www.oxforddnb.com/view/article/17644, accessed 6 July 2014].  Erik Lars Sageng, ‘MacLaurin, Colin (1698–1746)’, Oxford Dictionary of National Biography, Oxford University Press, 2004; online edn, May 2006 [http://www.oxforddnb.com/view/article/17643, accessed 6 July 2014].       Chithear cuideachd tuilleadh fiosrachaidh mun teaghlach seo aig an làrach-lìn seo.

[ 9 ] Old Statistical Account, 1791-99, vol. viii, p. 549.

[ 10 ]  FES, iii, 339-340. M. Newton, Bho Chluaidh gu Calasraid (2010), xix, 56, 282.  A. Gunderloch, Làmh-sgrìobhainnean Gàidhlig Oilthigh Ghlaschu. A catalogue of the Gaelic Manuscripts of the University of Glasgow (Department of Celtic, University of Glasgow, 2007), 14-15. Chithear an catalog sin air-loidhne le bhith a’ briogadh ann an seo. http://www.gla.ac.uk/media/media_134039_en.pdf.

[ 11 ] FES, vii, 397. Lionel Alexander Ritchie, ‘Macfarlan, Duncan (1771–1857)’, Oxford Dictionary of National Biography, Oxford University Press, 2004; online edn, Oct 2009 [http://www.oxforddnb.com/view/article/17492, accessed 6 July 2014]. Chithear fiosrachadh cuideachd mu Mhgr MhicPhàrlain air làrach oifigeil an Oilthigh le bhith a’ briogadh an seo.

[12]  GUAS, DC 9/95-97.  GUL, MS Gen 1717/4/D/1.

[13] GUAS, DC 9/140.

[14]  FES, iv, 108, 115.

[15] Glasgow Herald, 5/11/1847, t.d. 1.

[16] Glasgow Highland Society, Rules and Regulations and list of members, 1727-1902 (James MacLehose & sons, Glasgow, 1902).

[17] GUAS, GUA 45. GUAS, GUA 115. GUAS, GUA 1609.

[18] GUL, MS Gen 1363/57-58.

[19]  FES, vii, 398-9. 210-216. [F. Story and H. C. H. Story], Memoir of Robert Herbert Story, D.D., LL.D., Principal and Vice-chancellor of the University of Glasgow, one of his Majesty’s Chaplains in Scotland by his daughters (Glasgow, 1909), 172-174, 210-216. T. W. Bayne, ‘Story, Robert Herbert (1835–1907)’, rev. A. T. B. McGowan, Oxford Dictionary of National Biography, Oxford University Press, 2004; online edn, May 2010 [http://www.oxforddnb.com/view/article/36327, accessed 6 July 2014]. Chithear iomradh ghoirid air a’ Phrionnsabal air làrach-lìn an Oilthigh le bhith a’ briogadh ann an seo.

[20] Glasgow Herald, 25/01/1901, t.d. 4.

[21] Litir, Prionnsabal Story gu Lady F. Balfour, 18mh dhan Ghearran 1904. Memoir of Robert Herbert Story, 359.

[ 22 ] GUAS, Sen 1/1/20/172-178, 219. GUAS, GUA 56441. GUAS, GUA 72530.  Glasgow Herald, 23/02/1904, t.d. 10. Chithear luaidh ghoirid mu Sir Dòmhnall air làrach an University of Glasgow Story le bhith a’ briogadh ann an seo.

Comments are closed.