Chaochail an Àrd Oll. (Emeritus) Cathair (‘Cathal’) Ó Dochartaigh air a’ cheathramh latha deug dhan Ghearran 2015. Is e Àrd Oll. na Ceiltis a bh’ ann an seo ann an Glaschu eadar 1996 agus 2004. Bidh cuimhne mhath agus bhlàth aig mòran agaibh air: bha e na shàr-sgoileir ann an cànanachas na Gàidhlig, aig meadhan ghrunnan phròiseactan chudromach as leth na Gàidhlig agus na cheannard treun air Roinn na Ceiltis fhad ‘s a bha e ann an seo na Àrd Oll. Chithear luaidh air an Àrd Oll. Ó Dochartaigh le bhith a’ briogadh air a’ cheangal a leanas
Chithear luaidh air Cathal ma bhriogas sibh ann an seo.
An Àrd Oll. Cathair Ó Dochartaigh (1942-2015)