Chithear liosta fada gu h-ìosal air an duilleag seo de sgeulachdan o phaipearan naidheachd a bhuineas de sgeulachd na Gaidheil is na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu eadar 1834 agus 1969. Is ann bhon Ghlasgow Herald a tha iad air fad. Chaidh na ìomhaighean a tha ceangailt ris an seo an glacadh o Google Newspapers. Thathar fada an comain an buidheann Herald & Times, a cheadaich dhuinn na dealbhan a chleachdadh bhon Ghlasgow Herald. www.heraldscotland.com
Is ann bhon Chaledonian Mercury (1834 & 1835) a tha a’ chiad dà sgeulachd a-mhàin agus a h-uile gin eile o Herald Ghlaschu.
————————————————————————————————————————————
1834, Lùnastal, 18mh. Marcas Dùghlais air aontachadh a bhith na cheann-suidhe Urramach air a’ Chomunn Oiseanach. Airson tàr-sgrìobhainn fhaicinn (o’n Chaledonian Mercury) briogaibh an seo: 1834_08_18_Marq Douglas (in Caledonian Mercury)
————————————————————————————————————————————
1835, Faoilleach, 31mh. (t.d. 3). Cunntas mu chuirm bhliadhnail a’ Chomunn Oiseanaich an Taigh-òsta Earraghaidheal. Airson tàr-sgrìobhainn fhaicinn (o’n Chaledonian Mercury) briogaibh an seo: 1835_01_31 (pg 3) Ossianic Soc dinner (Caledonian Mercury)
————————————————————————————————————————————
1847, Samhain, 5mh. (t.d. 1). | Prionnsabal MacFarlàin & a’ Bhìoball Gàidhlig | ![]() |
1849, Màrt, 26mh (t.d.4) | Dinneir Bhliadhnail a’ Chomuinn Oiseanach. An Urr. Tormod Macleoid sa chathair. | ![]() |
1852, Màrt, 29mh (t.d. 6). | Dinneir Bhliadhnail a’ Chomuinn Oiseanach | ![]() |
1856, Giblein, 14mh (t.d. 10). | Dinneir Bhliadhnail a’ Chomuinn Oiseanach | ![]() |
1857, Giblein, 01d (t.d. 5) | Dinneir Bhliadhnail a’ Chomuinn Oiseanach | ![]() |
1861, Giblein, 01d (t.d. 10), | Dinneir Bhliadhnail a’ Chomuinn Oiseanach | ![]() |
1865, Màrt, 25mh (t.d. 5). | Dinneir Bhliadhnail a’ Chomuinn Oiseanach | ![]() |
1867, Samhain, 05mh (t.d. 2). | Prionnsabal Barclay & duaisean Gàidhlig |
|
1870, Màrt, 26mh (t.d. 6). | Dinneir Bhliadhnail a’ Chomuinn Oiseanach | ![]() |
1886, Màrt, 29mh (t.d. 5). | Dinneir Bhliadhnail a’Chomuinn Oiseanach | ![]() |
1894, an t-Ogmhios, 19mh (t.d. 7). | Dìleab MhicChaluim & Cùirt an Oilthighe | ![]() |
1895, Faoilleach, 15mh (t.d. 7). | Leabharlann MhicChaluim & Cùirt an Oilthighe | ![]() |
1899, Dùbhlachd, 18mh (t.d. 6). | Athchuinge nan oileanaich chun Oilthigh – mu Ghàidhlig | ![]() |
1901, Faoilleach, 25mh (t.d. 4). | Aithisg air a’ chiad òraid (oifigeil) Cheiltis a-riamh air Oilthigh Ghlaschu ! Diardaoin 24mh dhan Fhaoilleach 1901 leis an t-Oll. Mànus MacGhill’Eain (dà dhealbh). | ![]() ![]() |
1901, Gearran, 08mh (t.d.13). | Chaidh an t-Oll. Mànus MacGhill’Eain fhastadh gus sia òraidean sa bhliadhna a libhrigeadh mu chùisean Cheilteach aig an Oilthigh rè trì bliadhna. B’e dìleab an t-Urr. Gilleasbuig K. MacCaluim a phàigh airson seo. Seo aithisg air aon de na h-òraidean eile le MacGhill’Eain bho Herald Ghlaschu. | ![]() |
1904, Gearran, 23mh (t.d. 10). | Lean an t-Oll. Kuno Meyer mar òraidiche MhicChaluim eadar 1903-06. Lean e air ag obair aig Oilthigh Liverpool ach bha e a’ tadhail air Glaschu gus sia òraidean a libhrigeadh gach bliadhna, rè trì bliadhna. Seo mar a chaidh aonan de nan òraidean aige aithris anns a’ phàipeir (2 x dealbhan) | ![]() |
1904, Mart, 12a (t.d. 12). | An t-Oll. Kuno Meyer: aithris air an òraid mu dheireadh aige ann an Glaschu, mu bhàrdachd Oisein mhic Fhinn. Airson liosta de dh’ òraidean eile Kuno Meyer ann an Glaschu, briogaibh air a’ cheangal seo: Meyer – lectures in Glasgow | ![]() |
1906, Giblein, 13mh (t.d. 9). | An t-Oll. Deòrsa Henderson – ciad òraidiche ga fhastadh làn ùine ann an Roinn ùr na Ceiltis – ciad chothrom do dh’ oileanaich air cùrsaichean-ceum Ceiltis a ghabhail. | ![]() |
1908, Faoilleach, 25mh (t.d. 8). | Comunn Gàidhlig Ghlaschu – Dinneir Bhliadhnail & Dòmhnall MacAlasdair, Prionnsabail an Oilthighe, le chuid bheachdan mu Ghàidhlig (2 x dealbhan). | ![]() ![]() |
1908, Iuchar, 06mh (t.d. 11). | Prionnsabail an Oilthighe, Dòmhnall MacAlasdair agus a chuid beachdan air fòghlam na Gàidhlig. | ![]() |
1909, Faoilleach, 15mh (t.d. 10). | Leabharlann an t-Oll. Alasdair MhicBheathain & Roinn na Ceiltis. | ![]() |
1910, Faoilleach, 14mh (t.d. 9). | Làmh sgrìobhainnean MhicLagain gam buileachadh air Oilthigh Ghlaschu (3x dealbhan) | ![]() |
1910, An t-Ogmhios, 08mh (t.d. 10). | Làmh-sgrìobhainnean Ghàidhlig an t.-Urr. Iain MacUalraig gam buileachadh air Oilthigh Ghlaschu. | ![]() |
1912, An t-Ogmhios, 29mh (t.d. 4). | Cuimhneachan air an t-Oll. Urr. Deòrsa MacEanruig, nach maireann, ciad òraidiche làn ùine na Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu le ‘K.M.’ (Kenneth Macleod?). | ![]() |
1912, Dàmhair, 04mh (t,d, 8). | An Oll. Urr. Deòrsa Calder ga fhastadh mar òraidiche Cheiltis Fleming-MacCaluim. | ![]() |
1926, Gearran, 01d (t.d. 7). | Seirbhis Gàidhlig ann an Talla Bhute. | ![]() |
1929, Sultain, 16mh (t.d. 25). | An Celtic Congress tighinn a Ghlaschu (x 2 dealbhan). | ![]() |
1929, Sultain, 27mh (t.d. 9). | An Celtic Congress ann an Glaschu – aithisg air a’ Cho-labhairt (x 4 dealbhan). | ![]() |
1930, Faoilleach, 25mh (t.d. 7). | An Comunn Oiseanach – Cuirm bhliadhnail. | ![]() |
1930, Gearran, 17mh (t.d. 13). | Seirbhis Gàidhlig ann an Talla Bhute. | ![]() |
1930, Dàmhair, 03-08mh.
|
Connspaid mun òraidiche Cheilteach aig Glaschu. Trì earrannan.1. Aithisg (3/10/1930, dg 6) air òraid a rinn Iain MacCormaig far an do rinn e gearain air cor na Gàidhlig agus nach robh cuid a’ dèanamh gu leòr gus piseach a thoirt air cùisean is e a’ toirt slaic air an ‘despised lectureship’ aig Oilthigh Ghlaschu.
— 2. Freagart, litir (7/10/1930, dg 9) bhon Oll. Urr. Deòrsa Calder ag radha gur e amaideas a bh’ aig MacCormaig agus nach robh Oilthigh no Roinn sam bith a’ dèanamh barrachd na bha esan as leth na Gàidhlig. — 3. Litir bho Iain MacCormaig (8/10/1930, dg 9) is e a’ toirt slaic eile air Calder, is e a’ gearain nach robh gu leòr ga dhèanamh as leth na Gàidhlig agus airson a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh.
|
![]() ![]() ![]()
|
1931, Dùbhlachd, 14mh (t.d. 10). | Cuirm mar chomharra air ceud bliadhna de Chomunn Oiseanach Oilthigh Ghlaschu. | ![]() |
1935, Dàmhair, 02mh (t.d. 15). | J. Carmichael Watson air fhastadh mar òraidiche ann an litreachas na Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu | ![]() |
1937, Gearran, 20mh (t.d. 9). | Airgead ga chruinneachadh leis a’ Chomunn Oiseanach gus Cathair Cheiltis a chuir air stèidh aig Oilthigh Ghlaschu. | ![]() |
1937, Sultain, 03mh (t.d. 13). | Cuimhneachan air an t-Oll. Mànus MacGhill’Eain, nach maireann (x3 dealbhan). | ![]() |
1938, Gearran, 12mh (t.d. 13). | Iomairt a’ Chomuinn Oiseanach: a’ chiad £900 aca air thogail airson Cathair na Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu. | ![]() |
1938, Gearran, 18mh (t.d. 12). | Cuirm Bhliadhnail a’ Chomuinn is iomairt na Cathrach. | ![]() |
1938, Sultain, 02a (t.d. 13). | Fo-sgrìobhaicheann do dh’iomairt a’ Chomuinn Oiseanaich gus Cathair na Ceiltis a stèidheachadh aig Oilthigh Ghlaschu. | ![]() |
1938, Sultain, 26mh (t.d. 9). | Litir, mu SGTS agus cathair Cheiltis do dh’ Oilthigh Ghlaschu bho Edward McCurdy (x2). | ![]() |
1938, Dùbhlachd, 09mh (t.d. 7). | Dà òraidiche a-nis ann an Roinn na Ceiltis: an Oll. Aonghas MacMhathainn agus Kenneth Jackson (x4 dealbhan). | ![]() |
1941, Giblein, 02a (t.d. 9). | Cuimhneachan air an t-Oll. Urr. Deòrsa Calder, nach maireann. | ![]() |
1946, Dàmhair, 14mh (t.d. 4). | Iomairt a’ Chomuinn Oiseanach airson Cathair Cheiltis @O Gh. | ![]() |
1947, Dùbhlachd, 6mh (t.d. 6). | Sgiathanaich Ghlaschu & duais Mhànais Mhic’Ill’Eain. | ![]() |
1953, Lùnastal, 12mh (t.d. 3). | Naidheachd. Celtic Congress tighinn gu Oilthigh Ghlaschu | ![]() |
1953, Lùnastal, 13mh (t.d. 4). | Aithris air na bha a’ dol aig Còmhdhail na Ceiltis (Celtic Congress). | ![]() |
1955, Dàmhair 11mh (t.d. 3). | Cùirt Oilthigh Ghlaschu a’ dol a chuir Cathair Cheiltis air stèidh. | ![]() |
1955, Samhain, 05mh (t.d. 6). | Mu dheireadh thall! Cathair Cheiltis air tighinn gu OGh. | ![]() |
1956, Samhain, 29 (t.d. 6). | An Oll. Aonghas MacMhathain air fhastadh an Cathair ùr na Ceiltis. | ![]() |
1963, Ceitean 09mh (t.d. 10) | Aithisg air dràma nan oileanach & buill a’ Chomuinn Oiseanach. | ![]() |
1963, Lùnastal, 05mh (t.d. 6). | An Oll. Ruairidh MacThòmais air fhastadh an Cathair na Ceiltis. | ![]() |
1966, Sultain, 29mh (t.d. 8). | Beachd a’ Herald air Faclair eachdraidheil na Gàidhlig. | ![]() |
1966, Sultain, 29mh (t.d. 15). | Naidheachd – faclair eachdraidheil na Gàidhlig a’ tighinn. | ![]() |
1969, Màrt 20mh (t.d. 30). | Pròiseact ùr gus stuthan-ionnsachaidh a chuir air bhog – ‘Sàth’. | ![]() |
1974, Dùbhlachd 3mh, (t.d. 7). | Oileanaich on Chomunn Oiseanach a’ togail fianais an aghaidh an seirbheis truagh a bha a’ Ghaidhealtachd a’ faighinn on a’ BhBC. | ![]() |
———————————————————————————————————————————-
———————————————————————————————————————————-
Is ann le cead Buidheann an Herald & an Times a chaidh a h-uile dealbh air an duilleag seo a chleachdadh (ach an dà phìos aig a’ mhullach a-mhàin). / (c) All the items on this page (save the two transcripts at the top) reproduced by kind permission of the Herald & Times Group. www.heraldscotland.com
———————————————————————————————————————————-