An t-Oll. Dòmhnall MacAmhlaigh

 

An t-Ollamh Dòmhnall MacAmhlaigh: Gàidheal, Bàrd agus Sgoilear

Dh’eug an t-Ollamh Dòmhnall MacAmhlaigh aig aois 86 bliadhna air an 28mh dhen Ghearran 2017. Rugadh e ann an 1930, agus chaidh àrach air eilean Bheàrnaraigh, far eilean Leòdhais. An dèidh a chuid foghlaim ann am Bun-sgoil Bheàrnaraigh, Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh agus Oilthigh Obar Dheathain, far an d’ fhuair e ceum urramach aig a’ chiad ìre ann an Ceiltis agus Beurla ann an 1953, sgrùd e Ceiltis, Seann Bheurla agus Seann Lochlannais aig Colaiste Emmanuel ann an Drochaid a’ Cham agus cheumnaich e ann an 1955. Rinn e a Sheirbheis Nàiseanta ann an roinn na Ruisis anns a’ Chabhlaich Rìoghail bho 1955-57. Bha e a’ teagasg Cànan na Beurla agus Cànanachas Coitcheann aig Oilthigh Dhùn Èideann (1958-60) mus do ghluais e gu Baile Àtha Cliath, far an robh e na òraidiche ann an Gàidhlig na h-Èireann ann an Colaiste na Trianaid, Baile Àtha Cliath (1960–63). Bho 1963 gu 1967 bha e na òraidiche ann an Cànanachas Gnìomhach aig Oilthigh Dhùn Èideann. Ann an 1967 chaidh e gu Oilthigh Obar Dheathain mar Cheannard Roinn na Ceiltis agus mar Àrd-Òraidiche (agus an uair sin na Leughadair) ann an Ceiltis, far an robh e airson 24 bliadhna.

(Dealbh den t-Oll. Dòmhnall MacAmhlaigh le Angela Catlin)

Ann an 1991 thàinig e a Ghlaschu gus Cathair na Ceiltis a ghabhail, mar a rinn Aonghas MacMhathain agus Ruairidh MacThòmais roimhe. Na ùine ghoirid anns an dreuchd, chuir e atharrachaidhean cudromach an sàs, leithid leasachadh nan cùrsaichean agus prògraman ann an Sìobhaltas nan Ceilteach, a bha e air a leasachadh cuideachd ann an Obar Dheathain. Bha na gluasadan ùr-nòsach sin nam bun-stèidh air atharrachadh agus soirbheas na roinne anns na bliadhnaichean an dèidh sin. Leig e dheth a dhreuchd ann an 1996.

Bha a’ bhàrdachd ùr-ghnàthach aige air a foillseachadh ann an Seóbhrach ás a’ Chlaich (1967) agus anns an leabhar chudromach Nua-Bhàrdachd Ghàidhlig: Modern Scottish Gaelic Poems (1976),  a dheasaich e fhèin. Bha an leabhar seo na leabhar deimhinnte fad ginealach air dè dìreach a bh’ ann an nua-bhàrdachd Ghàidhlig. Nochd an leabhar àlainn Deilbh is Faileasan ann an 2008, anns an robh cruinneachadh de chuid bàrdachd ùr agus bàrdachd nach deach fhoillseachadh, cuide ris a’ bhàrdachd a chaidh fhoillseachadh roimhe. Bha e na neach-deasachaidh air Scottish Gaelic Studies bho 1978 gu 1996, agus na neach-deasachaidh air an leabhar shoirbheachail, The Celtic Languages (CUP, 1992). Ged a b’ e duine air leth ionnsaichte a bh’ ann agus a bhiodh a’ foillseachadh air iomadh raon de litreachas na Gàidhlig, b’ e cànachas na Gàidhlig a phrìomh raon eòlais agus sgrìobh e air a’ chuspair seo le sàr shoilleireachd agus ghèiread. Dh’fhaodte an aon rud a ràdh mu chuid obrach cànanachais ’s a tha e fhèin ag ràdh anns an dàn A’ Cheiste mu a dhreuchd mar bhàrd:

Ghineadh dhomhsa faillean,
à spàrn dhiamhair;
dh’fhàs e tromham craobhach;
chuir mi romham gum fàsadh e dìreach.

B’ e duine treibhdhireach agus dealasach a bh’ ann agus sàr-Ghàidheal, bàrd agus ollamh air an robh sinn cho measail agus dhan tug sinn uile spèis. B’ e duine iriseal, umhail a bh’ ann agus tha sinn uile ag ionndrainn a chuid eirmseachd agus àbhachdais. Bha e fìor mhath air oileanaich, bàird agus luchd-sgrùdaidh na b’ òige a bhrosnachadh.

Tha banntrach Dhòmhnaill, Ella, a phòs e ann an 1957, an nighean aca, Cathlin, còignear oghaichean agus dithis iar-oghaichean, a’ caoidh Dhòmhnaill. Dh’eug am mac, Iain, anns a’ Ghiblean 2016. Tha barrachd fiosrachaidh mun Ollamh MacAmhlaigh agus a chuid bàrdachd, le earrannan bhidio dhen bhàrd fhèin, rim faighinn air Làrach nam Bàrd, aig a’ BhBC ann an seo.

Roibeard Ó Maolalaigh

Comments are closed.