Sreath-dheilbh: ceumnachadh

Chithear dealbhan air an duilleag seo de bhuidhnean de dh’ oileanaich a bha a’ dèanamh Gàidhlig agus a bha a’ ceumnachadh thar nan linntean.  Saoil a bheil dealbh agaibh pèin do dh’ oileanach no de bhuidheann de dh’ oileanaich a cheumnaich on Oilthigh a bha a’ dèanamh Gàidhlig?   Ma tha, saoil am biodh sibh deònach leth-bhreac a thoirt dhuinn airson a chuir an ceann an fheadhainn a tha ri fhaighinn ann an seo ?  Ma tha dealbh agaibh a bhiodh sibh deònach a thabhainn, no ma tha molaidhean (no fiù gearainean) mu na tha sibh a’ faicinn – cuiribh fios thugainn (anns an inneal, gu h-ìosal, aig bonn na duilleig).

—o0o—

1908-1909.  Seo dealbh de chlas an t-Oll. Seòras Henderson.

038 Henderson & Oileanich 1909

(Dealbh air a chleachdadh le cead o Roinn na Ceiltis)

Tha an sgrìobhadh Beurla an seo a’ cuimseachadh air deit de 1907, ach chithear iomradh ann an clàraidhean an Oilthigh gur ann an 1908-1909 a thàinig Cairistìona Nic a’ Ghobhainn, à Ceòs  (màthair an Àrd Oll. Ruaraidh MhicThòmais), dhan Oilthigh airson a’ chiad trub.  Bha am piuthair aice, Malcolmina clàraichte airson cùrsa Ceiltis cuideachd.  UGC 202_2_1_4 Cairt ballrachd Oiseanach1925-26 (a)Bha Leòdhasach eile, te, ‘Annie Macleod’ (Nandag?) à Cola, clàraichte airson a’ bhliadhna seo cuideachd (GUAS, R9/1/15). Chithear an liosta seo aig an làrach a leanas bhon cheann ‘oileanaich 1906-07 gu 1913-14.’

–o0o–

Chithear cairt ballrachd, deas, dhan Chomann Oiseanach, 1925-26, a’ sealltainn Calum MacMhathain mar bhàrd. Seo air a chleachdadh le cead o thasg-lann Oilthigh Ghlaschu, (c) GUAS, UGC 202/2/1/4.

Calum MacMhathain 1922-23 dealbhThàinig Calum MacMhathain à Clibh, sgìre Uige (Calum a’ Bhèiceir), Eilean Leòdhais, dhan Oilthigh anns an Fhoghar, 1922. Ghabh Calum clasaichean Ceiltis, matamataig agus ‘Natural philosophy’ air a’ chiad bliadhna, 1922-23.  An ath bhliadhna a-rithist, 1923-24, ghabh e Ceiltis, matamataig agus ‘logic’. Chaidh ainmeachadh mar bàrd a’ Chomuinn air cairt ballrachd, 1925-26. Bha Calum cuideachd a’ sàs anns a’ Chomunn Oiseanach: oir ghabh e compairt ann an deasbad, 20 Samhain 1925: ‘Gaelic debate. Gu’m bu choir oil-thigh a thogail air Eilean I’.[1]  Chan eil e soilleir na shoirbhich le Calum na dheasbad ach chaidh leis gu math ann an obair nan oileanach agus cheumnaich e ann an 1926.  Fhuair e teisteanas bhon t-Oll. Urr. Deòrsa Calder, òraidiche na Ceiltis mar a leanas:

Calum MacMhathain - teisteanas 1926

(An dealbh seo de theisteanas Chaluim MhicMhathain air a chleachdadh le cead on Oll. Sheila Kidd, Roinn na Ceiltis)

Bha Calum MacMhathain na mhgr-sgoile an dèidh sin anns a’ Chananaich agus ann an sgoiltean an Siorrachd Pheairt. Tha ogha Chaluim, An Oll. Sheila Kidd, nise na h-òraidiche ann an Roinn na Ceiltis, Oilthigh Ghlaschu.  Chithear, gu h-ìosal, dealbh de Chlas Ceiltis, Oilthigh Ghlaschu a chaidh a thogail air taobh a-muigh Hillhead House, seisean 1922-1923. Is e Calum MacMhathain, air an robh iomradh gu h-àrd, a tha na shuidhe aig an fhìor chùl dhan dealbh air an làimh chlì.

Clas Cheiltis c 1920-23

B’ ann le Màiri C. NicCaluim (am meadhan na dealbh, gu h-àrd, le fiamh a’ ghàire) a bha an dealbh seo. Bha Màiri a’ frithealadh Oilthigh Ghlaschu agus a’ gabhail chlasaichean Gàidhlig eadar 1920 agus 1923. Mairi C NicCaluim MA Oilthigh Ghlaschu c1923Bha i na ball dhan Chomann Oiseanach agus bhiodh buill a’ Chomuinn a’ dèanamh òraidean mu dhiofar chuspairean agus a’ deasbad – am measg iomadh chleas eile.  Rinn Màiri òraid mun bhàrd Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir  dhan Chomunn.  Nuair a dh’ fhàg Màiri an Comunn bhuilich a’ Chomunn ballrachd urramach oirre is thug iad teisteanas bhrèagha dhith. Chithear dealbh dhan teisteanas sin air an duilleag mu eachdraidh a’ Chomuinn.

Dealbh ceumnachaidh Mhàiri NicCaluim, MA, Oilthigh Ghlaschu, 1923. 

Cheumnaich Màiri le MA à Glaschu uaireigin mun Chèitean 1923 agus rinn i teisteanas-teagaisg air Colaiste Cnoc Iordain.  Thathar fada an comain am Brigadier Iain MacFàrlain (Taigh an Uillt), a mac, airson am fiosrachadh agus leth-bhreacan dhe na dealbhan seo a thoirt dhuinn agus airson cead na dealbhan seo a chleachdadh.

—o0o—

1925.  Marion Frances (Minnie) NicAoidh. 

1925 UGC 202_3_14 Minnie Mackay Ceumnachadh GUAn dealbh seo air a chleachdadh le cead o thasg-lann Oilthigh Ghlaschu: University of Glasgow Archive Services, Papers of Marion Frances Mackay, GB0248, UGC 202/3/14

B’ ann a taobh sear Rois, taobh Alanais, a bha Minnie, sgìre far an robh Gàidhlig fhathast, is dòcha, ga cluinntinn mu chuairt oirre na h-òige gu ìre air choireigin.  Ghabh Minnie grunnan chuspairean fhads a bha i aig an Oilthigh, Gàidhlig nam measg. Bha i na ball dhan Chomann Oiseanach gach bliadhna a bha i a’ frithealadh an Oilthigh anns na 1920an. Chithear cuid de phàipearan a bhuilich Minnie air tasg-lann an Oilthigh ann an roinnean ‘Oiseanaich’ agus ‘Oileanaich & Ionnsachadh’ dhan an làrach-lìn seo.   Chithear an tuilleadh fiosrachaidh air Marion Frances “Minnie” Mackay (1904-2006) le beagan de eachdraidh a beatha air catalog tasg-lann an Oilthigh:

http://cheshire.cent.gla.ac.uk/ead/html/gb0248ugc202-p1.shtml#gb-0248-ugc-202

—o0o—

Eilidh Watt MA Glasgowc.1929 Eilidh NicAsgaill (Eilidh Watt mar ainm pòsda). Cheumnaich Eilidh NicAsgaill bho Oilthigh Ghlaschu mu 1929. B’ ann à Sgianadain, an t-Eilean Sgitheanach, a bha Eilidh. Cha do rinn Eilidh Gàidhlig aig an Oilthigh, cho fad’s a chithear o chlàraidhean na Ceilteas, ach rinn i litreachas na Beurla. Bha i a’ sàs anns a’ Chomunn Oiseanach, ge-tà, fhads a bha i aig an Oilthigh. An dèidh dhith a dreuchd mar thidsear a thoirt a-mach bha i ag obair a’ teagasg Laideann is Beurla anns an Tairbeirt agus am Portrigh gus an do phòs i ann an 1934. Thog i orra gu Fìobha far an robh i a’ fuireach agus ag obair an dèidh sin. Bha Eilidh na sàr sgrìobhadair de sgeulachdan goirid ann an Gàidhlig agus chaidh co dhiù trì chruinneachdaidhean leatha fhoillseachadh. Rinn i tòrr obair air sgrìobhadh airson rèidio cuideachd.[2]

Eilidh Watt, 1908-1996, air latha a ceumnachaidh bho Oilthigh Ghlaschu. Thathar fada an comain Joanna Paterson, ogha Eilidh, airson leth-bhreac dhan dealbh seo agus cead airson a chleachdadh.

—o0o—

1929-1930. Dealbh de chlas Ceilteach an Oll. Urr. Deòrsa Calder, Oilthigh Ghlaschu. B’ann le Ùisdean B. MacAsgaill (ri fhaicinn an seo anns a’ mheadhan) a bha an dealbh seo. Tha e air a chleachadh ann an seo le cead o Eilidh, nighean Ùisdein. Thathar fada an comain Mgr Cailean MacGhill’Eain, an t-Eilean Sgitheanach airson lorg fhaighinn air an dealbh seo agus airson leth-bhreac a thoirt dhuinn. Chaidh sloinnidhean nan oileanach a sgrìobhadh aig oir an dealbh. Tha beagan mì-chinnt mu chiad-ainmean cuid – oir tha ceathrar ann air an robh ‘Robertson’ (MacDhonnchaidh), triùir air an robh ‘Macdonald’, dà ‘Morrison’ is dà ‘Macleod’! Ach gabhaidh ainmean a cheangail ris a’ chuid as motha de na th’ anns an dealbh.

056b Clas Ceilteach aig OGh 1929-30

Aig a’ chùl (clì gu deas). Donnchadh M. Hunter, MacDhonnchaidh (Dòmhnall, Alasdair, Aonghas no Uilleam), Iain MacDhùghaill, J.C. Sprott, (Dòmhnall no Iain) MacAoidh, (Iain K., J.D. no D.W.) Dòmhnallach, Iain Aitken, MacDhonnchaidh (Dòmhnall, Aonghas, Alasdair no Uilleam),  Dòmhnall Budge, Murchadh (no Ulleam Iain) Macleòid, (Dòmhnall no Ruairidh) Moireasdan.

Meadhan: Dòmhnall no Ruairidh Moireasdan, Aonghas Grannd, (Dòmhnall no Iain) MacAoidh, (Aonghas, Dòmhnall, Alasdair no Uilleam) MacDhonnchaidh, (Raibeart no Coinneach) MacCoinnich, Ùisdean B. Macasgaill, (Aonghas, Dòmhnall, Alasdair no Uilleam) MacDhonnchaidh, Ruairidh Caimbeul, (Iain K., D.W . no J.D.) Dòmhnallach, Calum MacNèill.

Aig an toiseach: Dòmhnall MacGhill’Eain, Nora NicFhionghuin, Anna Nic a’ Phearsain, Màiri NicRath, An Oll. Urr. Deòrsa Calder, Catrìona NicLeòid, Sìne NicAoidh, Ciorstaidh NicAonghais, Uilleam Iain (no Murchadh) Macleòid, Dòmhnall Friseal.

—o0o—

1952. Seo dealbh de chlas Ceiltis a cheumnaich à Oilthigh Ghlaschu ann an 1952 fo stiùir an t-Oll. Aonghas MacMhathain. Is ann bho Thormod E. Dòmhnallach a thàinig an dealbh seo agus thathar fada na chomain airson seo a thoirt dhuinn. Chithear Tormod na shuidhe an teis mheadhan an deilbh.

Ceumnachadh - Clas 1952 T E Domhnallach

Cùlaibh an deilbh: chan eil ainmean nan oileanach seo soilleir. Tha Dòmhnall Iain MacLeòid (Uibhist a deas) agus Seumas Dòmhnallach (Èirisgidh) am measg an fheadhainn a tha a’ seasamh.

Toiseach, clì gu deas: C. MacCoinnich (na Hearadh), Iain D. Mac’Ill’innein (Geàrrloch), Tormod E. Dòmhnallach (Uibhist a Tuath), Ruairidh MacFhionghuin (na Hearadh) agus Aonghas Macìomhair (na Hearadh).

Chithear cunntas bho Thormoid E. Dòmhnallach mu àm mar oileanach aig Oilthigh Ghlaschu anns an leabhar aige, Eadar Clachan Shannda agus Tobar na Màthar (Acair, Steòrnabhagh, 2014), 102-112.

—o0o—

1999. Seo cuid den luchd obrach agus dhan na h-oileanaich a cheumnaich air a’ bhliadhna seo.

Ceumnachadh 1999 (le ainmean)

—o0o—

2008.  Seo cuid de na h-oileanaich a cheumnaich air a’ bhliadhna sin is a rinn M.A. le Urram ann an Gàidhlig (dealbhan, Roinn na Ceiltis).

Ceumnachadh 2008 le ainmean

—o0o—

2009. Seo cuid de na h-oileanaich a cheumnaich air a’ bhliadhna sin is a rinn M.A. le Urram ann an Gàidhlig (dealbhan o Roinn na Ceiltis).

Ceumnachadh 2009 le ainmean

—o0o—

2010. Seo cuid de na oileanaich a cheumnaich air a’ bhliadhna sin is a rinn M.A. le Urram ann an Gàidhlig (dealbh, Roinn na Ceiltis).

2010 coig oileanaich ceumnachadh

—o0o—

2013. Seo cuid de na luchd-obraich agus oileanaich bha an làthair, a cheumnaich air a’ bhliadhna sin is a rinn M.A. le Urram ann an Gàidhlig is Ceiltis am bliadhna seo agus cuideachd, a’ ceumnachadh le PhD., Dr Cassie Smith-Christmas (dealbh, Roinn na Ceiltis).

Ceumnachadh 2013 le ainmean

—o0o—

2014. Seo cuid de na luchd obrach agus na h-oileanaich (a bha an làthair air an latha) a cheumnaich an 2014, is a rinn M.A. le Urram ann an Gàidhlig is Ceiltis.  Chithear cuideachd dealbh de Mhgr Niall Bartlett, a cheumnaich le M. Litt., agus Catriona Gray a cheumnaich le PhD. (dealbh, Roinn na Ceiltis)

Ceumnachadh 2014 le ainmean

—————————————————————————————————–

NOTAICHEAN

—————————————————————————————————–

[1] Glasgow University Archive Services, R8/5/43/7. R8/5/44/7. UGC, 202/2/1/4. Le taing cuideachd dhan Oll. Sheila Kidd, Roinn na Ceiltis, Oilthigh Ghlaschu, ogha Chalum MhicMhathain, airson fiosrachaidh.

[2] Chithear tuilleadh fiosrachaidh mu Eilidh Watt (NicAsgaill mas do phòs i) ann  an N. MacDonald & C. Maclean, The Great Book of Skye. From the Island to the World. People and Place on a Scottish Island (Portree, 2014). Obituary, Glasgow Herald 29/08/1996, le M. MacPherson, ‘Helen (Eilidh) Macaskill Watt’.  Fiosrachadh bho Joanna Paterson, ogha Eilidh.

Comments are closed.